Balla na Cealla agus Craiceann na Cealla
Tha cruthan sònraichte air ceallan mar as trice, agus chan eil na tha ’nam broinn gun sgur a’ dòrtadh asda; cha mhotha tha an lionn a tha
mun cuairt orra, agus anns a bheil a’ mhór-chuid dhiubh beò, measgaichte leis a’ phrotoplasma. Tha e soilleir, ma tha, gu bheil na ceallan air an cuairteachadh le rud a tha gleidheil a’ phrotoplasma a-stigh, agus air leth bho’n lionn a tha air an taobh a-muigh. ’Se craiceann na cealla a tha a’ deanamh seo. Leigidh e na h-uiread troimhe; leigidh e an dara rud a-steach do’n chealla agus cumaidh e rud eile a-mach, agus air a’ cheart dhòigh leigidh e cuid de cho-thàthaidhean a-mach agus cumaidh e feadhainn eile a-stigh. Anns an dòigh seo, faodaidh a’ chealla stuthan àraidh a chumail an taobh a-stigh dhe’n chraiceann gus am bi iad nas pailte an sin na tha iad air an taobh a-muigh. Mar eisimpleir, faodaidh sinn beachdachadh air na stamhan móra a tha a’ fàs faisg air a’ chladach. Tha iad seo a’ cruinneachadh aidhiodain agus stuthan eile ’nan ceallan, gan toirt ás an t-sàl, agus gabhaidh an aidhiodain seo a thoirt asda, mar a bhathas a’ deanamh uaireigin an Innse Gall. Is dòcha gun tòisich an obair seo ás ùr, aon uair ’s gun teirig na tha de dh’aidhiodain ann an Chile ’s an àiteachan eile.
A thuilleadh air craiceann, tha balla aig cuid de na ceallan. Tha seo fìor a thaobh lusan agus bacteria; ach chan eil mu cheallan nan ainmhidhean ach an craiceann. Ann an lusan tha ballachan nan ceall cruaidh agus uaireannan an ìre mhath tiugh. Tha seo a’ leigeil leis an lus seasamh, ’s gun chnàmhan aige. Tha luach airgid anns na ballachan seo, oir ’sann dhe seo a tha fiodh air a dhèanamh, agus stuthan eile cuideachd a tha a’ tighinn bho lusan, leithid cotan agus àrc/corcais. Tha ceall-bhallachan nam bacteria eadar-dhealaichte, a thaobh ceimic agus a thaobh structair, bho cheall-bhallachan nan lusan. ’Se an dòigh anns a bheil penisilion ag obair (an antibiotaic a th’againn gu cogadh an aghaidh tinneas bacteridheach) gu bheil e a’ briseadh sìos co-chur nan ceall-bhallachan anns a’ bhacterium, agus tha na ceallan mar sin a’ sgur a dh’fhàs, agus faodaidh iad sgaoileadh ás a chéile agus a dhol bàs.
Tha móran sheòrsachan bhacteria a tha a’ gleidheil stuth air taobh muigh nan ceall-bhallachan: tha an stuth seo gan dùnadh mar gum b’ann am broinn capsal silidh. ’Sann an uair a tha iad ann an capsal de’n t-seòrsa seo a tha na bacteria galar-dhùsgach. ’Se am bacterium Pneumococcus a tha mar as trice ag aobharachadh Pneumonia: tha treubhan de’n bhacterium seo gun chapsal umpa agus chan eil cron annta.
Tha iomadh rud anns a’ chealla a thuilleadh air an niùclas. ’Se an obair a th’ aca lùths a thoirt do’n chealla, ach an dèan i a h-obair fhéin gach là. Agus tha pàirt dhiubh an sàs ann an co-chur nan co-thàthaidhean sin a tha a’ giùlain lùths, leithid siùcar, no ann a bhith a’ dèanamh phrótainean: tha comas togail agus comas saoraidh aig na prótainean mar as trice. Tha cuid eile dhiubh an sàs nuair a tha na ceallan gan roinn, a’ stòradh stuthan agus a’ gluasad cuid de na ceallan.
title | Balla na Cealla agus Craiceann na Cealla |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha |