[20]

Cloroplastaichean

Sann ann an ceallan lusan a-mhàin a gheibh sinn na cloroplastaichean, ach tha corra lus, leithid balgan-buachair, ás an aonais. Tha dath uaine air lusan a chionns gu bheil an stuth-dhath clorofail annta, agus is e an stuth-dhath seo a tha toirt an dath uaine air na lusan. Tha stuth-dhathan eile ann an lusan cuideachd, mar a chì sinn as t-fhoghar, nuair a tha an clorofail anns na duilleagan air a bhriseadh sìos. Thig dathan an fhoghair an uair sin air na duilleagan. Coltach ris na miotocondria tha beagan SDN anns na cloroplastaichean, agus tha iad mar sin agiùlain fiosrachadh ginteil.

Nuair a loisgear siùcar, ann an teine, no air a shocair anns na ceallan


[21]

againn fhìn, tha lùths ga leigeil ma sgaoil agus tha uisge agus carbon -ocsaid air an dèanamh. Ma tha lùths a dhìth oirnn, thig an t-acras oirnn agus ithidh sinn biadh, agus sinn siùcar á pàirt den bhiadh sin ach a faigh sinn lùths. Chan urrainn do lusan biadh ithe no a thoirt a-steach anns an dòigh sin, agus thig orra siùcar agus stuthan eile a dhèanamh dhaibh fhéin. Tha iad ga dhèanamh le uisge agus carbon -ocsaid, agus tha lùths atighinn thuca bhon ghréin. Tha lùths-soillse na gréine air a bheò-ghlacadh leis achlorofail anns na cloroplastaichean, agus tha e adèanamh seòrsa eile de lùths dheth le bhith ga bheò-ghlacadh ann an siùcar de chaochladh sheòrsaichean. Tha e furasda a chreidsinn, do dhuine a dhfhuiling losgadh-na-gréine, gu bheil lùths ann an solus na gréine. Tha e air leth feumail gu bheil lusan adèanamh co-thàthaidhean a tha làn de lùths, oir tha na h-ainmhidhean atighinn beò air lusan, le bhith gan ithe, mar a tha an crodhs na caoraich, no le bhith ag ithe feòil nam beathaichean a tha tighinn beò air lusan (mar a cait is coin). Tha so fìor eadhon a thaobh iasg na fairge, oir tha iad aig acheann mu dheireadh an urra ris na meanbh lusan a tha aseòladh faisg air uachdar na mara.

titleCloroplastaichean
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page