2 CEALLA-ROINN
Tha billeanan de cheallan nar bodhaigean, ’s gach aon dhiubh a’ toirt a bhith á aon ugh-chealla air a dheanamh torrach. Ged a tha na ceallan sin eadardhealaichte bho’n taobh muigh, a thaobh meudachd is cumadh, tha iad co-ionnan anns an dòigh seo: thà, air neo bhà, niùclas aca uile, agus anns a’ chumantas tha an aon àireamh dhùbailte de chromosoman aca. Tha an niùclas air a roinn air a leithid do dhòigh is gu bheil an aon àireamh dhùbailte de chromosoman anns an niùclas ùr (am mac-niùclas) ’s a bha anns an tùs-niùclas: ’se miotósis a th’againn air an roinn seo. Mar as trice, nuair a tha miotósis ann, tha roinn ga deanamh air a’ chòrr de’n chealla, air dhòigh ’s gu bheil dà mhac-chealla a tha an ìre mhath co-ionnan, a’ tighinn am bith. Fhuaireadh lorg air dé tha tachairt ann am miotósis, mu’n bhliadhna 1880, ri linn rannsachadh iomadach duine, gu h-àraidh E. G. Balbiani (1825–1899), E. Strasburger (1844–1912) agus W. Fleming (1843–1915).
Miotósis
Aig toiseach miotósis tha na cromosoman fada caola gan toinneamh ’s gan cùbadh gus a bheil iad ’nan slatan tiugha goirid. Aig an ìre seo ’se prophase a chanas sinn ris, agus mar a tha seo a’ dol air adhart tha na cromosoman a’ teannachadh, agus mu dheireadh chì shin gu bheil gach cromosom air a roinn air fhad ’na dhà phìos de’n aon mheudachd. Canaidh sinn cromataid ris gach pìos, agus tha gach cromosom a nis ’na dhà chromataid chàirdeach. Mar a tha prophase a’ dol air adhart anns an niùclas, tha structair air chumadh fearsaid ga dheilbh, air a dheanamh de fhreumhagan beaga air taobh muigh meamran an niùclais. Their sinn an fhearsaid ris an structair seo, agus their sinn pòla ris gach ceann dhi. Faisg air deireadh a’ phrophase tha an niùclasag, a lìon beag is beag, a’ briseadh sìos, agus mu dheireadh tha meamran an niùclais a’ falbh ás a chéile, agus a’ fàgail nan cromosoman air an fhearsaid.
’Se seo a nis toiseach metaphase, an dàrna pàirt de mhiotósis. Tha prìomh theannachadh aig gach cromataid, agus tha iad sin a’ greimeachadh air freumhagan na fearsaid air dhòigh ’s gum bi aon chromataid ás gach càraid air a cheangal ri freumhaig bho aon phòla, agus a chromataid chàirdeach air a cheangal ri freumhaig bho’n phòla eile. Tha na cromosoman gluasad greiseag air an fhearsaid, agus mu dheireadh tha iad a’ laighe air dhòigh ’s gu bheil gach prìomh theannachadh mu letheach slighe eadar an dà phòla de’n fhearsaid.
Aon uair ’s gun tachair seo, tha anaphase a’ tòiseachadh, agus gach cromataid a’ gluasad chun a’ phòla ris a bheil e air a cheangal le freumhaig. Mar sin, tha na cromataidean càirdeach a’ dealachadh, agus a’ deanamh dà bhuidheann de chromosoman, aon aig gach pòla. Tha
Miotósis
DEALBH 1. Na ceithir ìreachan ann a miotósis — (a) prophase; (b) metaphase; (c) anaphase; (d) telophase. Tha niùclas eadar-ìreach ri fhaicinn gu h-ìosal air làimh chlì (a). Far a faicear pìosan soilleir anns an niùclas seo, ’s iad sin na niùclasagan.
gach cromosom a nis ’na structair air leth agus co-ionnan ri aon chromataid. Tha a nis an earrainn mu dheireadh de mhiotósis, ’se sin telophase, a’ tòiseachadh. Tha na cromosoman a tighinn ás an toinneamh agus tha iad a’ fàs fada, gus mu dheireadh an teid iad ás an
Miotósis
DEALBH 2. Sealladh diagramach air mar a tha a’ tachairt air feadh miotósis. Tha (a), (i) agus (j) ’nan niùclasan eadar-ìreach; (b) — prophase (tràth); (c) prophase (anmoch); (d) agus (e) — metaphase; (f) anaphase (tràth); (g) anaphase (anmoch); (h) deireadh telophase. An structair freumhagach a chithear bho (b) gu (g), ’se sin an fhearsaid. Chithear anns na dealbhan gu léir na meadhonagan, aig pòlaichean na fearsaid. (An dealbhachadh le taing do Mhgr. T. Spagnolia, Roinn a’ Bhith-eòlais, Oilthigh Missouri, St. Louis, U.S. A.)
t-sealladh. Tha meamran niùclasach ga dheanamh timcheall air gach buidheann, tha niùclasagan a’ tighinn gu chéile, agus tha a’ phrìomh chealla a nis air a roinn gu snasail ’na dà leth, agus meamran cealla a-null troimh meadhon.
Tha a’ chealla a nis air tighinn troimh mhiotósis, agus tha i ’na tàmh,
ann an interphase, a rithist. Aig an ìre seo, tha na cromosoman a’ dol ’nan structairean dùbailte a rithist, agus tha gach mac-chealla a’ fàs gus a ruig e an aon mheudachd ris a’ phrìomh chealla. Tha cuid de cheallan, ceallan bacteria mar eisimpleir, a tha gan roinn ann an dòigh eile, ach tha e a’ tighinn chun an aon rud: tha dà chealla ás ùr gan dèanamh a tha co-ionnan cha mhór anns gach dòigh ach a thaobh meudachd, ris a’ mhàthair-chealla.
title | Miotósis |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 2. Cealla-Roinn |