Gintinn
Chunnaic sinn gu bheil aig a’ mhór-chuid de na ceallan nar bodhaig an àireamh dhùbailte de chromosoman, ’se sin 46 ann am bodhaig mhic-an-duine, le dhà dhe gach seòrsa cromosom. ’Sann bho aon ugh-chealla thorrach a tha sinn a’ fàs, agus thainig an t-ugh sin gu bhith torrach nuair a thàinig a’ chealla-sìl, bho’n athair, agus an ugh-chealla,
DEALBH 3. Na cromosoman dùbailte mar gheibhear iad gu gnàthach ann am fireannach. Tha 46 cromosoman an so.
bho’n mhàthair, gu chéile. Nam b’ann dùbailte (a thaobh chromosoman) a bha an sìol agus na h-ugh-cheallan, tha e soilleir gum biodh na cromosoman ann an ceallan mhic-an-duine a’ dùblachadh anns gach linn. Bhiodh ceallan aig na pàrantan anns a robh 46 cromosom, ach 92 aig a’ chloinn, 184 aig na h-oghaichean ’s mar sin air adhart. Chan eil seo a’ tachairt, agus mar as trice tha 46 cromosom againn anns a’ mhór-chuid de cheallan ar bodhaig. Tha e soilleir gu bheil roinn niùclasach eile ann a tha a’ lùghdachadh àireamh nan cromosom gu leth na bha ann an ceallan na bodhaig nuair a dh’fhàs an sìol agus na h-uighean gu inbhe. Tha seo a’ ciallachadh gum biodh sìol agus uighean aig mac-an-duine anns a robh 23 cromosom, ’s gun ach aon ann de gach seòrsa. ’Se meiósis a their sinn ris an roinn seo, agus tha i ri faotainn air feadh saoghal nan lusan ’s nan ainmhidh, ged nach eil i ann am bacteria no ann am beagan fhàs-bheairtean eile.
title | Gintinn |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 2. Cealla-Roinn |