[32]

Meiósis

Tha meiósis agabhail a-steach roinn lùghdachaidh air a leantainn le roinn a dhfhaodas sinn a ràdh a tha miotósach. Tha an roinn lùghdachaidh, coltach ri miotósis, air a cur ann an ceithir earrainnean (gus dealbh a dheanamh dhith): prophase, metaphase, anaphase agus telophase. Ach tha prophase aice a tha nas fhaide, agus a tha móran nas mionaidiche. Anns aphrophase tha gach aon de na cromosoman adeanamh càraid le a leth-aon. Ma chuimhnichear gu bheil dhà de gach cromosom ann an cealla dhùbailte, tha seo aciallachadh, mar eisimpleir, gum bi deich càraidean fichead do chromosoman ann an gobhar, oirse an àireamh dhùbailte aigesan 60. Chionns gu bheil chromataid anns gach cromosom, bithidh ceithir anns gach càraid.

Tha an roinn lùghdachaidh a nis car coltach ri miotósis gus a ruig na cromosoman an t-anaphase. Tha gach cromosom a nis asgaradh ri a leth-aon, taca ri anaphase amhiotósis, far as e na cromataidean a tha asgaradh. Mar seo tha chealla gan dèanamhs gun anns gach dhiubh ach leth àireamh nan cromosom a tha ann an ceallan dùbailte. Their sinn gu bheil àireamh haploid (shingilte) de chromosoman aca, agus cuimhnichear gu bheil aig an ìre seo chromataid aig gach cromosom.

Tha roinn mhiotósach ga dèanamh a nis air gach niùclas is na cromataidean càirdeach asgaradh bho chéile aig an anaphase, agus mu dheireadh tha againn niùclas, gach aon leis an àireamh haploid de chromosoman, agus gun ach aon chromataid a nis aig gach cromosom. A chionns gu robh chealla againn an deidh don roinn lùghdachaidh tachairt an toiseach, tha e soilleir gu bheil againn a nis ceithir ceallan singilte an déidh don roinn mhiotósach tachairt: thàinig seo uile ás aphrìomh chealla dhùbailte. Tha gach aon de na ceithir ceallan sin a nis afàs gus am bi ina cealla-sìl air a neona h-ugh-chealla. Nuair a theid


[33]

Meiósis

DEALBH 4. Sealladh diagramach air meiósis. (a), (g) agus (k) = eadar-ìre; (b) agus (c) = ìreachan anns achiad prophase; (d) = achiad metaphase; (e) = achiad anaphase; (f) = achiad telophase; (h) = an dàrna prophase; (i) = an dàrna metaphase; (j) = an dàrna anaphase. Thoir an aire gu faigh sinn ceithir ceallan haploid (k) bhon chealla dhùbailte e bhann air tùs (a). (Le taing do Mhgr. T. Spagnolia).


[34]

cealla-sìl haploid agus ugh-chealla haploidna chéile, bithidh an àireamh dhùbailte againn de chromosoman a rithist.

Tha aon atharrachadh ann dam bu chòir dhuinn aire a thoirt, ann am meiósis, nuair a tha ugh-cheallan gan dèanamh, ann am móran ainmhidhean, is mac-an-duinenam measg. Tha trì ás na ceithir ugh-ceallan air an tug sinn iomradh, gann de phrotoplasma. Tha seo a chionns gu bheil am biadh, ach beag, ann an aon de na h-uighean, agus tha dòchas mairsinn fada nas motha aig an ugh sin aon uairs gum fàs e torrach. Is dòcha gu bheil sin cho math, do mhac-an-duine co-dhiù, oir bhiodh e eagalach trom air boireannach ceathrar chloinne a bhith aice còmhla. Nuair a tha ceathrar chloinne co-ionnan aig mac-an-duine, tha iad atighinn ás an aon ugh thorrach, agus na ceithir mac-cheallan a thig bhuaithe afàs air leth. Ceathrar nach eil co-ionnan, tha iad atighinn á uighean eadar-dhealaichte. Cha tig iad uair sam bith bho cheithir uighean a thig bho meiósis (ann am mac-an-duine).

titleMeiósis
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text2. Cealla-Roinn
<< please select a word
<< please select a page