Buaidh Meiósis
Chunnaic sinn gu bheil meiósis a’ toirt gu bith ceallan-sìl, no poilean ann an lusan, agus ugh-ceallan. Tha sgaradh nan cromosom aig anaphase a’ mheiósis, agus sgaradh nan cromataid càirdeach ann am miotósis, a’ tachairt air thuaiream, agus mar sin cha bhiodh dùil gum biodh dà chealla-sìl no dà ugh-chealla co-ionnan. Ma tha àireamh dhùbailte de 14, no seachd càraidean chromosoman, aig an fhàs-bheairt (mar a tha peasair gàrraidh), tha 128 dòigh ann air co-cheangal a dhèanamh, agus mar sin faodar 128 seòrsa sìl agus uighe fhaighinn. Mar a tha an àireamh-dhùbailte a’ fàs nas motha, tha na seòrsachan co-cheangail a’ fàs gu mór mór. Faodaidh mac-an-duine, le 46 cromosom, no trì càraidean air fhichead, 8,388,608 (2²³) seòrsa sìl agus uighe a’ dhèanamh. Bhon is ann air thuaiream a tha uighean gan deanamh torrach, anns a’ mhór-chuid de fhàs-bheairtean, ’sann fìor ainneamh a thachras cealla-sìl air ugh-chealla de’n aon seòrsa.
Tha na figearan seo shuas air stéidh gu bheil an dà chromataid chàirdeach de chromosom àraidh co-ionnan an déidh dhaibh dol troimh’n phrophase anns an roinn lùghdachaidh. Tha iad co-ionnan roimhn a seo, ach anns a phrophase tha iad a’ briseadh, agus gu tric tha an ceann briste de aon chromataid air a thàthadh ri ceann cromataid bho’n chromosom eile anns a’ chàraid. Chan ann aig an aon àite a tha cromataid a’ briseadh anns gach cealla. Chì sinn mar sin gu bheil malairt ga dhèanamh de phìosan cromataid, aig àm a’ phrophase, agus meudaichidh seo gu mór àireamh nan seòrsachan sìl agus uighean a nithear. Gu dearbh, tha uiread sheòrsachan ri ’m faotainn ’s gum faod sinn bhith cinnteach, anns a’ mhór-chuid de fhàs-bheairtean, nach bi dà shìol no dà ugh co-ionnan.
title | Buaidh Meiósis |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 2. Cealla-Roinn |