[36]

Vìorasan

Tha còmhlan fhàs-bheairtean ann a tha letheach-slighe eadar saoghal nan nithean beòtha agus saoghal nan nithean marbha. Is iad sin na vìorasan. Chan eil anns amhór-chuid dhiubh ach meadhon de shearbhaig niùclasaich agus còta de phrótain timcheall air. Tha iad anabarrach beag, eadar 0.000017 mìlemeatair (0.0000007 òirleach) an leud anns an fheadhainn as lugha agus 0.00035 mìlemeatair (0.000014 òirleach) anns an fheadhainn as motha. Tha na fàs-bheairtean sin cho beags gu feumte 2,500 vìoras polio mus ruigeadh sinn an leud a tha ann an rinn prìne.

Ach tha buaidh glé làidir aig na vìorasan, a thaobh eaconomaidh, a chionns gu bheil galairean ainmhidhean agus lusan atighinn bhuapa. Ann am mac-an-duine, ’s iad tha ag aobharachadh galairean mar a tha abhreac, amheanbhchogach, aghriùrach, an cnatan-mór, an cnatan cumanta, an tinneas-plocach, aghriùrach Ghearmailteach agus polio. Ann an ainmhidhean tha iad ag aobharachadh rabies, galair chas-is-bheul an crodh, an caoraich, am mucan is an goibhre, agus galar chat is chon. Ann an lusans iad as coireach airson filleadh nan duilleagan anns abhuntàta (leaf roll), wheat mosaic agus sugar beet yellows.

Tha teagamh aig daoine a nis gu bheil buaidh aca air cuid de dhaillseachan anns an duine, ged a bha cinnt aig daoine bho thoiseach na linne seo gu robh buaidh aca air cinneasan aillseach ann an ainmhidhean, leithid leukaemia (aillse fala) ann an luchainn, an rodain agus an cearcan. Tha foinneachan atighinn bho vìorasan, agus chuireadh vìorasan air leth ann a bhith arannsachadh cuid de fhluthan ann am


[37]

mac-an-duine. Co-dhiù, chan ionnan iad vìoras a chur air leth á fluth agus dearbhadh gur h-e am vìoras a baobhar don fhluth, ged a tha e acoimhead coltach ris gu lorgar seo a thaobh sheòrsachan àraidh den aillse, leukaemia gu h-àraidh.

Rinneadh fìor adhartas anns abhliadhna 1967 nuair a rinneadh airson achiad uair bloigheagan vìorais galaireach. Bha iomradh fad is farsaing anns na pàipearan-naidheachd gun deach beatha a chruthachadh mu dheireadh le mac-an-duine. Ach chan ionnan bloigheag vìorais agus eadhon achealla as sìmplidh, a thaobh mionaideachd, agus is dòcha gum biodh e cho math a bhith asmaoineachadh air vìorasan mar bhloigheagan gun bheatha, air a bheil cuid de chomharraidhean na beatha aon uairs gum bi iad am broinn cheallan beòtha. Air taobh muigh na cealla, chan eil dad a bharrachd beatha aca na tha aig gràinean gainmhich, ged a tha iad air an cur ri chéile ann an dòigh a tha fada nas mionaidiche. Bidh e greis fhathast ma faod luchd-ealain a ràdh gu bheil mac-an-duine comasach air eadhon am bacterium as sìmplidhe a chruthachadh; ach gun teagamh, tachraidh seo ri tìde.

titleVìorasan
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text2. Cealla-Roinn
<< please select a word
<< please select a page