3 GINTINNEACHD — LUSAN IS AINMHIDHEAN
Eachdraidh
Ma sheallas sinn gu cùramach air sliochd seòrsa sam bith, chì sinn ás a’ bhad chan e a-mhàin gum buin e do’n aon seòrsa ri na pàrantan, ach gu bheil e coltach riutha. A thuilleadh air a sin, tha na pàrantan a’ cur ris an t-sliochd leth-ma-leth. ’Se am feallsanach ainmeil Sasunnach, William Bateson (1861–1921), a thug genetics mar ainm Beurla air rannsachadh dualchais.
Chuireadh grunn bheachdan air adhart gus mìneachadh a dheanamh air dualchas. Bha cuid de’n bheachd gu robh anns an ugh, mus deach a thorrachadh, creutair bìodach a dh’fhàsadh gu inbheachd nam biodh a’ choimhearsnachd freagarrach. Bha feadhainn eile a’ cumail a-mach gu robh an creutair bìodach seo anns a’ chealla-sìl. Chuireadh am beachd seo gu cùl na còmhla ann an 1828, oir bha ann a nis glainneachan a bha làidir gu leòr gus sealltainn do dhaoine nach robh creutairean bìodach is cruth orra an dara cuid anns an ugh no anns a’ chealla-sìl.
A rèir beachd eile a bh’aig móran dhaoine — beachd air an tugadh an t-ainm pangenesis — bha gràineagan beaga a’ fàs ann an àiteachan air leth air feadh na bodhaig, is iad a’ riochdachadh nam ball ás an tàinig iad. Bha na gràineagan sin a’ tighinn gu chéile anns na buill gintinn nuair a thigeadh an duine gu ìre a thaobh sex, agus bha iad a’ giùlain fiosrachadh an dualchais. Ann an cainnt eile, bha an fhàs-bheairt gu léir a’ com-pàirteachadh ann an gnìomh a’ ghintinn. Bha eadhon Charles Darwin (1809–1882) — am fear a chuir air adhart na beachdan ùra air mean-fhàs, e fhéin is Alfred R. Wallace (1823–1913) — a’ creidsinn anns a’ bheachd seo, pangenesis, agus a’ cur ris a’ bheachd. Nan robh am beachd seo fìor, dh’fhàgadh duine a bha ás aonais ball sam bith de a chorp an dìth sin air a shliochd. Ach chan ann mar sin a tha.
’Se Jean Baptiste Lamarck (1744–1829), Frangach, a chuir air adhart am beachd gu bheil dòighean agus comharraidhean a tha a’ fàs ruinn a’ ruighinn ar sliochd tre’n dualchas. Bha esan a’ creidsinn gu bheil rùintean an ainmhidh a rèir fheuman, agus gur h-iad na rùintean sin a tha a’ riaghladh an fheum airneo an neo-fheum a bha e a’ deanamh dhe na buill. Ri tìde, bha e ’n dùil gu robh a’ bhodhaig ag atharrachadh ri linn seo, agus bha an t-atharrachadh seo a’ dol do’n dualchas. Fhuair na losgainn, a rèir a’ bheachd seo, spóg-shnàmha le bhith a’ righeadh
nan òrdagan nuair a bhiodh iad a’ snàmh! Bhathas a’ creidsinn anns a’ bheachd seo anns an USSR gus na chaill Khrushchev àite an sin. B’e ’n duine bu mhotha bha gabhail ris a’ bheachd sin Trofim D. Lysenko. ’Se dh’fhàg uiread de bhuaidh aig beachdan Lysenko air gintinneachd san USSR, gu robh gintinneachd na h-Eòrpa air a cur gu mì-fheum le daoine mar Adolf Hitler, gus am beachdan fhéin mu chinnidhean dhaoine a chur an ìre. Cha b’urrainn do chinnidheachd mar sin agus do fhìor cho-mhaoineas tighinn a rèir a chéile, agus mar sin chuireadh cùl, anns an USSR, ri gintinneachd an t-saoghail an Iar. Fhuair Lysenko cumhachd ri linn J. Stalin, agus b’e Lysenko bu choireach gun deach cur ás do mhóran sgoilearan gintinneachd anns an USSR, leithid N. I. Vavilov (1887–1943), a bhàsaich anns a’ phrìosan — ma b’fhìor ’na fhear-brathaidh do na Breatannaich, ach leis an fhìrinn innse ’sann a chionns gun do chuir e an aghaidh beachdan Lysenko. Gu fortanach, tha Lysenko fhéin air tuiteam ás an inbhe a bh’aige, agus chan eil móran anns an USSR a’ dol leis na beachdan a bh’aige. Sheall Lysenko, ma b’fhìor, gun gabhadh cruithneachd tionndadh gu cornflowers agus giuthas gu giuthas-Lochlannach, ach tha dearbhadh againn a nis nach eil seo fìor idir. Nan robh na beachdan aig Lamarck air a bhi ceart b’fheudar gun rachadh milleadh, a bha air a dheanamh air ginealach an deidh ginealaich, dha’n dualchas. Chuir am feallsanach Gearmailteach August Weismann (1834–1914) an aghaidh beachd Lamarck. Gheàrr e na h-earbaill bharr luchainn dà ghinealach air fhichead an deidh a chéile, agus lorg e, aig ceann na h-aimsir sin, nach robh earbaill na luchainn dad na bu ghiorra.
title | Eachdraidh |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 3. Gintinneachd – Lusan is Ainmhidhean |