[39]

Gintinneachd Mhendel

Se am manach, J. Gregor Mendel (18221884), a fhuair lorg air fìor dòigh-oibreachaidh an dualchais. Bha seo anns abhliadhna 1866, ann am Brunn, anns an dùthaich ris an can sinn Teaco-Slovakia an diugh. ’Sann air peasair aghàrraidh a rinn Mendel an rannsachadh aige. Anns aphlanndrais seo gheibh sinn flùraichean bho bheil an chuid poilean agus uighean atighinn, agus mar as trice tha gach flùr ga phoileanachadh fhéin. Chan eil e duilich ball aphoilean (an stamain) a thoirt ás an fhlùr pheasair, agus na flùraichean sin a phoileanachadh leis an làimh, acleachdadh poilean bho phlanndrais eile. Bha seo aciallachadh gum burrainn do Mhendel smachd a chumail air pàrantachd nan lusan a bha atighinn gu bith air sàilleabh achrosaidh a bha e adèanamh: baithne dha co ás a thàinig na gamaitean (poilean agus uighean) a bha e acleachdadh.

Rinn Mendel rannsachadh air mar a bha dualchas abuntainn ri grunnan beag de chomharraidhean dealachaidh. A thaobh pheasairean, mar eisimpleir, faodaidh iad a bhi àrd (mu dhà mheatair) no beag (mu 30 ciadameatair), ’s chan eil seòrsa eile dhiubh ach sin. Ach tha


[40]

comharraidhean dealachaidh ann am mac an duine, leithid àirde, cuideam, no geurchuis, a tha de dhiomadach seòrsa. Chan e dìreach daoine móras daoine beaga a thann ach iomadh seòrsa eadar a bhi beags a bhi mór. Tha iomadh seòrsa smachd air na comharraidhean sin, mar a chì sinn.

Mun do thòisich Mendel air na peasairean a chrosadh, bha fios is cinnt aige gu robh e acleachdadh lusan a bha saor o mheasgadh. Nuair a chros e peasairean àrda ri peasairean àrda, cha dfhuair e ach peasairean àrda, agus mar an ceudna leis na peasairean beaga.

Mar sin, mus do thòisich Mendel idir air na probhaidhean aige, bha e cinnteach ás na leanas:

(1) gu robh na h-àil pheasairean aige saor o mheasgadh;

(2) gu robh smachd aige air na pàrantan a bha e deanamh feum dhiubh anns na crosaidhean aige, ’se sin, baithne dha co ás a thainig na gamaitean;

(3) cha robh e adeanamh feum ach de ghrunnan beag de chomharraidhean dealachaidh.

Leis aghliocas, cuideachd, cha do lean e dualchas barrachd air aon chomharradh dealachaidh, anns achiad dol-a- mach. Bha luchd-rannsachaidh roimhe seo air feuchainn ri dualchas na fàs-bheairt gu h-iomlan a leantainn còmhladh, agus bu bheag an t-ioghnadh nach deacha leotha.

Rinn Mendel crosadh air lusan àrda agus lusan beaga is cha dfhuair e ach lusan àrda anns achiad ghinealach (F1), agus be seo a thachair ge be air bith fear de na lusan a bhana phàrant (P) fireann no boireann. Chros e a-nis na lusan àrda sin (F1) ’nam measg fhéin, agus fhuair e an chuid lusan àrda is lusan beaga anns an dàrna ginealach (F2), .i.

Ma chrosas tu na lusan beaga anns an dàrna ginealachnam measg fhéin, chan fhaigh thu ach lusan beaga. Tha seo fìor cuideachd a thaobh cuid de na lusan àrda anns aghinealach seo, ged nach eil e fìor umpa uile. Tha cuid de na lusan àrda seo bho bheil an chuid lusan àrda is lusan beaga atighinn.

Thuig Mendel nach robh na comharraidhean sin, àirde agus bige, anns na gamaitean, ach gu robh factaran ann aig a robh smachd air na comharraidhean sin. Dhfheumadh e bhi nach robh ann an gamait ach


[41]

aon fhactar, agus a dhà anns an ugh a bha air a thorrachadh. Thug Mendel an aire cuideachd nach robh e gu diofar aca dhe na lusan a bha àrd no beag: gur h-e an aon bhuil a bhiodh air co-dhiù. Bha seo aciallachadh gu robh sheòrsa ugh ann, agus sheòrsa poilean. Ann an cainnt eile, bha na factaran aig Mendel asgaradh bho chéile nuair a bha na gamaitean gan deanamh.

Cha be mhàin gun tug Mendel an aire seòrsa dreach a bhair sliochd nan crosaidhean aige, ach chùnnt e cuideachd an àireamh de gach seòrsa a fhuair e anns an dàrna ginealach (F2). A-mach á 1,064 lus ann an F2, bha 787 dhiubh àrd agus 277 beag. Tha seo glé fhaisg air réisio 3:1 de dhàrd ri beag, agus tha e atighinn a réir sgaradh fhactaran aig àm deanamh nan gamait, mar a chì sinn fhathast.

Sann air an stéidh seo, obair Mhendel, a dhfhàs aghintinneachd Mhendeleach. ’Se an t-ainm a thagainn an diugh air factaran Mhendel: gineachan. Is urrainn do ghine a tha dol a thoirt comharradh àraidh gu bith a bhi beò ann an caochladh staidean. Their sinn riutha sin ailealomorfan, no dìreach ailealan. Ann an gamait gheibh sinn anns achumantas aon aileal de gach gine, ach tha dhà dhiubh ann an ugh air a thorrachadh, no ann an cealla dhùbailte. Mar eisimpleir, mas e A an aileal air son àirde agus a air son bige, gheibh sinn an uairsin ann an lusan bhon tig sliochd àrd gun mheasgachadh, an deanamh gineach, no an gineteip, AA, agusse aa a bhios aig lusan beaga. Bheir lusan àrda den t-seòrsa seo am bith gamaitean anns nach eil ach aon A, agus cha tig bho na lusan beaga ach gamaitean le aon a. Faodaidh sinn mar sin an crosadh aig Mendel a shamhlachadh a rèir deanamh gineach nan lusans nan gamait

Tha e nise soilleir gu faod sheòrsa gineteip a bhi aig lus àrd: AA no Aa. Ma tha aileal co-ionnan (AA) de ghine sam bith ann an lus, their sinn gu bheil an lus sin ionnan-chuingeach (homozygous) a thaobh na gine sin. Agus air an làimh eile, ma tha aileal eadar-dhealaichte den ghine ann (Aa), tha an lus eadar-chuingeach (heterozygous) a thaobh na gine sin. Their sinn mun aileal a tha deanamh feum nuair a tha e ann an staid eadar-chuingeach gu bheil e smachdail, agus ris an aileal nach eil adeanamh feum ach ann an staid ionnan-chuingeach gu bheil e teicheach.


[42]

Tha e soilleir gu bheil A smachdail a thaobh a, oir tha lusan AA agus Aa an chuid àrd; chan eil aig lusan beaga ach an gineteip aacha bhi Aa aca uair sam bith.

Faodaidh sinn a nis crìoch a chur air crosadh Mhendel le F1 a chrosadh, le F1 fhéineadh mar a theirear:

Chì sinn mar a tha an réisio 3:1 de lusan àrda ri lusan beaga atighinn gu bith aig ire F2. Tha e soilleir cuideachd ciamar a tha cuid de na lusan àrda (AA) aig ìre F2 afìor-bhrideadh, ’s nach tig bhuapa ach sliochd àrd nuair theid am féineadh, agus nach eil cuid eile de na lusan àrda (Aa) aig ìre F2 afìor-bhrideadh, ’se sin ri ràdh, thig sliochd àrd agus sliochd beag bhuapa nuair a theid am féineadh.

Chan e mhàin gu bheil e inntinneach a bhi beachdachadh air a leithid seo de chrosadh, ach tha e acunntadh anns amhargaid cuideachd. Tha na h-adhaircean air nan comharradh dealachaidh a tha atighinn bhon dualchas dìreach mar a tha àirde agus bige ann am peasairean. Cha bhi adhaircean ann ach an uair a tha an fhàs-bheairt ionnan-chuingeach a thaobh an aileal shònraichte tha fo ar n-aire (aa, can, air son adhaircean). Nuair nach bi adhaircean air achrodh, tha iad fo bhuaidh staid smachdail (AA no Aa).

Thainig an crodh Aberdeen-Angus, ann an tomhas mhór, bhon chrodh bheag dhorch a bha an Albainn, mar a tha fianuis againn, eadhon anns abhliadhna 300 R.C. Bha cuid den chrodh sin air a robh adhaircean is cuid air nach robh. Ma cheannaichear tarbh maol a chum treud de chrodh maol Aberdeen-Angus a leasachadh, tha e cheart cho dòcha gun aithnichear air a shloinneadh a bheil e ionnan-chuingeach no eadar-chuingeach a thaobh maoile. Ma bha athraichean an tairbh air fad maol, faodaidh dùil a bhi againn gu bheil e fhéin ionnan-chuingeach (AA) a thaobh an aileal shònraichte seo. Mura bheil fios againn air sloinneadh an tairbh, gabhaidh e lorg a bheil e eadar-chuingeach (Aa)


[43]

no nach eil, le bhi ga chrosadh ri air a bheil adhaircean (aa), mar seo

Ma tha adhaircean air an t-sliochd tha an tarbh den ghnè Aa. Ma tha na laoigh gu léir maol, feumaidh gu bheil an tarbh AA. Ma chrosar tarbh maol eadar-chuingeach (Aa) ri ionnan-chuingeach air a bheil adhaircean (aa), bidh adhaircean air 50% de na laoigh, agus mar sin cha bhi e duilich gineteip an tairbh a lorg anns a leithid seo de shuidheachadh.

Chan eil an còmhnaidh làn smachd aig an dàrna aileal air an fhear eile, mar a tha tachairt a thaobh nam peasairean àrdas beaga, agus nan crosaidhean de chrodh maol is crodh adhairceach. Uaireannan chan eil smachd ann idir. Anns an lus sròn-an-laoigh tha na flùraichean gealas dearga fo smachd aileal eadar-dhealaichte den aon ghine:

Ach chì sinn gu bheil an eadar-chuing anns an F1 pinc. Ma chrosar an lus ri lus eile aig a bheil flùraichean pinc (Dd), mar so:

chì sinn gu bheil an réisio 3:1 a lorg Mendel, a nis, le dìth smachd, air a dhol gu 1:2: 1. Gheibh sinn dualchas den t-seòrsa seo ann an crodh Shorthorn cuideachd. Ma chrosar tarbh ruadh ri ruadh, bidh an


[44]

sliochd dearg, ruadh no geal, anns an réisio (nam biodh gu leòr anns abhuidhinn) 1:2: 1, mar seo:

Cha be a-mhàin gun do rannsaich Mendel dualchas chomharraidhean air leth, ach rannsaich e cuideachd an dualchas aig chomharradh eadar-dhealaichte aig an aon àm. Mar eisimpleir, rinn e crosadh air peasairean a bha afìor-bhrideadh a thaobh sìol a bha cruinn agus buidhe, ri peasairean a bha afìor-bhrideadh a thaobh sìol a bha crìon agus uaine. Cho-dhùin e gu bheil factaran adealachadh agus atighinn gu chéile air thuaiream.

Bu chòir dhuinn cuimhneachadh, ged a tha gineachan leithid buidhe agus cruinn ann am peasairean atighinn air leth bhon dualchas, nach eil na gineachan gu léir atighinn air slighe air leth. Tha buaidh aig grunn de ghineachan eadar-dhealaichte air cumadh achìrein ann an cearcan, agus tha na gineachan sin aco-oibreachadh gu cumaidhean cìrein a dheanamh nach deanadh gin dhiubh leatha fhéin.

titleGintinneachd Mhendel
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text3. Gintinneachd – Lusan is Ainmhidhean
<< please select a word
<< please select a page