Co-cheangal
Tha gineachan air an giùlan air cromosoman, agus ’se an t-ionad a th’aig gine air a’ chromosom, lócus na gine sin. Tha cromosoman a’ dealachadh bho chéile air thuaiream aig àm meiósis, agus mar sin tha dà ghine air an aon chromosom buailteach air dealachadh còmhla, a chionns gu bheil iad an co-cheangal air a’ chromosom sin. Bidh co-cheangal anns an dualchas a tha gineachan de’n t-seòrsa sin a’ giùlan, agus cha bhi iad a’ dealachadh ’s a’ tighinn gu chéile air thuaiream mar a bhios gineachan a tha gan giùlan air cromosoman eadar-dhealaichte, mar a tha buidhe agus cruinn ann am peasairean.
Aig àm prophase anns an roinn lùghdachaidh de mheiósis, tha cromosoman co-ghnétheach a’ dol ’nan càraidean. Anns gach càraid chromosoman, tha ceithir cromataidean, dhà do gach cromosom, agus, ged nach eil cinnt againn fhathast carson, bidh na cromataidean a’ briseadh nuair a tha na cromosoman a’ dol ’nan càraidean. Faodaidh na pìosan briste tighinn gu chéile gus an cromataid a bh’ann bho thùs
ath-chruthachadh, airneo faodaidh pìosan briste de dhà chromataid eadar-dhealaichte tighinn gu chéile, mar a tha air a shealltainn anns an dealbh. Tha mar sin iomlaid ga dheanamh air stuth chromosoman anns a’ chiad phrophase de mheiósis, agus air sgàth gineachan a bhi ’nan laighe air na cromosoman, tha seo a’ ciallachadh gum bi measgachadh ás ùr de ghineachan ann aig an àm seo (faic an dealbh), agus gun tig ás a seo co-cheanglaichean ùra de ghineachan. Tha àireamh nam buidheannan co-cheangailte seo de ghineachan, ann am fàs-bheairt sam bith, co-ionnan ri àireamh nan seòrsachan cromosoman air-leth a tha anns an fhàs-bheairt. Tha 46 de chromosoman aig mac-an-duine, ’se sin 23 seòrsachan air-leth, agus tha mar sin 23 de bhuidheannan co-cheangailte aige. Ann an cainnt eile, tha àireamh nam buidheann sin co-ionnan ris an àireamh haploid de chromosoman ann am fàs-bheairt sam bith.
Tha dlùthachd a’ cho-cheangail eadar dà ghine air cromosom an urra
DEALBH 1. Cromosoman co-ghnètheach a’ dealachadh aig anaphase an roinn lùghdachaidh ann am meiósis: (a) Chan eil iomlaid ann de stuth chromosoman, ’se sin ri ràdh, chan eil na gineachan air ath-thighinn gu chéile, agus mar sin cha do rinneadh fhathast buidheannan ùra co-cheangailte. (b) tha iomlaid air a bhi ann de stuth chromosoman, agus tha dà chromataid ùr air tighinn am bith, ’se sin ri ràdh, tha na gineachan air tighinn gu chéile agus tha dà bhuidheann ùr co-cheangailte againn a nis.
ri mar a tha iad a’ laighe a rèir a chéile air a’ chromosom sin. Tha an co-cheangal eadar dà ghine ’nan laighe aig dà cheann de chromosom nas lugha na’n co-cheangal eadar dà ghine a tha laighe dlùth ri chéile. Tha seo a chionn gu bheil cromataid nas dualtaiche briseadh eadar dà ghine tha pìos bho chéile; mar as fhaide bho chéile tha dà ghine air a’ chromosom, ’sann as trice a thig gineachan eadar-dhealaichte gu chéile an déidh briseadh nan cromataid. Faodaidh sinn tricead na tighinn-gu-chéile seo (eadar gineachan co-cheangailte) a ghabhail mar fhianuis air ionad nan gineachan sin a rèir a chéile air na cromosoman.
title | Co-cheangal |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 3. Gintinneachd – Lusan is Ainmhidhean |