Comharraidhean a tha fo smachd iomadh gine
Thug sinn an aire mar thà gu bheil comharraidhean ann, leithid àirde agus geurchuis ann am mac-an-duine, a tha fo smachd grunn de ghineachan, agus ’se seo as adhbhar gu bheil a leithid a dhiofar eadar daoine anns na seaghan seo. Tha iomadach comharradh a tha gu feum a thaobh marsantachd, mar eisimpleir ann an crodh, fo smachd grunn ghineachan, mar a tha tomhas an uachdair ann am bainne. Chan eil e cho furasda crodh a bhrideadh aig am bi tomhas mhór de dh’uachdar ’nam bainne, ’s a tha e crodh maol a bhrideadh.
Ach gabhaidh tomhas an uachdair àrdachadh le bhi a’ crosadh chruidh aig a bheil bainne de’n t-seòrsa seo ri chéile. An déidh grunn ghinealaichean thig àrdachadh mean air mhean air tomhas an uachdair. Tha bainne nas mèithe aig cuid de bhrideachan chruidh na tha aig feadhainn eile. Tha an crodh Jersey, Ayrshire agus Friesian iom-raiteach mar chrodh-bainne. Nan robh e dhìth air duine tomhas an uachdair àrdachadh ann am brid eile, dh’fhaoidte an crosadh ri crodh Jersey, mar eisimpleir. Chithear seo bho’n chros a leanas, far a bheil e dhìth oirnn tomhas an uachdair àrdachadh ann am bainne crodh Red Dane (tha na figearan a’ ciallachadh ciadad an uachdair, agus tha iad a’ gabhail a-steach àireamh mhór chruidh):
Ma chrosar a nis a’ bhó F1 seo ri tarbh Red Dane no ri tarbh Jersey ’se seo a gheibh sinn :
Thig leasachadh de’n t-seòrsa seo, a thaobh nan comharraidhean a tha fo smachd grunn de ghineachan, le bhi taghadh a’ bhrididh.
Tha sinn a-nis air déiligeadh ri cuid de phrìomh bhunaitean na gintinneachd, agus chì sinn anns an ath chaibidil mar a tha na bunaitean sin agus feadhainn eile a’ buntainn ri mac-an-duine.
title | Comharraidhean a tha fo smachd iomadh gine |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 3. Gintinneachd – Lusan is Ainmhidhean |