5 GINTINNEACHD — TREUBHAN CHLANN-DAOINE AGUS BUN AN T-SLUAIGH ALBANNAICH
Facal mu Threubhan
Tha mac-an-duine ag àiteachadh iomadach seòrsa àite, agus tha na h-àiteachan sin eadar-dhealaichte a thaobh coimhearsnachd. Tha an Arctic, mar eisimpleir, fuar agus tioram agus na tropics teth agus fliuch. Tha buaidh aig a’ choimhearsnachd air na sluaghan fa-leth de gach seòrsa air dhòigh ’s gu bheil gach sluagh a’ tighinn cho mór ’s as urrainn dha ris a’ choimhearsnachd anns a bheil e. ’Se an dòigh anns a bheil an t-atharrachadh seo a’ tighinn gu bheil barrachd sliochd ga fhàgail leis an fheadhainn sin a tha comasach air iad fhéin a dheanamh suas ris a’ choimhearsnachd, agus nas lugha sliochd aig càch. Anns an dòigh seo, mar a tha na mìltean bliadhnachan a’ ruith, tha an sluagh ga dheanamh fhéin suas nas motha ’s nas motha ri a choimhearsnachd fhéin. Tha mac-an-duine, coltach ri fàs-bheairtean eile, air tighinn fo bhuaidh taghaidh leis na coimhearsnachdan fa-leth anns a bheil e beò, agus mar thoradh air a seo thainig grunn de threubhan daonna eadar-dhealaichte am bith le mean-fhàs.
Chan eil ann an treubhan, a rèir ’s mar a tha sinn a’ cleachdadh an fhacail an seo, ach sluaghan a tha eadar-dhealaichte bho chéile a thaobh àireamh ghineachan. Tha sluaghan mhic-an-duine a’ dol ’na chéile ann a leithid de dhòigh ’s gu bheil e gu tric duilich dhuinn innse có an treubh do’m buin duine àraidh. Mar eisimpleir, bhiodh e duilich Arabach le craiceann dorch, a mhuinntir Cheann-a- tuath Afraca, a dhealachadh bho dhuine-dubh Afracanach aig a robh craiceann rudeigin soilleir, ach buinidh an dàrna duine a thaobh teoiric, do’n treubh Muir-meadhon-thìreach agus an duine eile do’n treubh Afracanach. Ach gabhaidh na sluaghan a bhuineas do’n dà threubh sin dealachadh a thaobh tricead iomadh gine anns an dà shluagh.
Gabhaidh ceallan dearg-fhuileach mhic-an-duine an dealachadh bho chéile a rèir nàdur nan stuthan a tha iad a’ giùlain air an uachdair, agus a chionns gu bheil e meadhonach furasda sàmpall a ghabhail de fhuil mhóran dhaoine ann an sluaghan fa-leth, chaidh móran de rannsachadh a dheanamh air tricead gineachan nan seòrsachan fala a tha aig mac-an-duine.
title | Facal mu Threubhan |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 5. Gintinneachd – Treubhan Chlann-daoine agus Bun an t-Sluaigh Albannaich |