An Riaghailt ABO
Chaidh na bun-chomharraidhean aig an riaghailt sin de sheòrsachan
fala ris an can sinn ABO a mhìneachadh anns a’ chaibideal mu dheireadh, agus chunnaic sinn gu bheil an riaghailt fo smachd nan trì ailealan IA, IB agus “i”. Chan eil an riaghailt buileach cho sìmplidh ri seo, agus is iongantach mura lorgar camaidhean eile mar a thig ailealan ùra am follais aig an lócus ghineachan seo. Mar eisimpleir, tha dà sheòrsa eadar-dhealaichte ann de fhuil A: ’se sin A1 agus A2 is iad fo smachd dà aileal eadar-dhealaichte. Tha fios againn cuideachd gu faod na gineachan ABO a bhi air an atharrachadh le gineachan eile. Ach air sgàth sìmplidheachd, fàgaidh sinn a thaobh a’ mhór-chuid de na camaidhean anns an riaghailt seo.
Chaidh rannsachadh a dheanamh air roinn nan seòrsachan fala ABO air feadh na mór-chuid de’n t-saoghal. Lorgadh, mar a shaoileadh duine, gu robh tricead nan seòrsachan fala sin eadar-dhealaichte anns na treubhan fa-leth. Tha seo mar mheadhon prìseil air lorg a-mach a’ chàirdeis a tha aig cuid de shluaghan ri chéile. Bha na Gypsidhean, mar eisimpleir, ag agairt a riamh gur h-ann ás na h-Innseachan a thainig iad, ach glé thric tha na daoine sin a’ coimhead gu math coltach ri sluagh eile na dùthcha anns a bheil iad a’ tuineachadh. Co-dhiù, ma rannsaichear seòrsachan fala ABO nan Innseanach, nan Hungarianach agus na Gypsidhean Hungarianach, tha e soilleir gu bheil na Gypsidhean glé eadar-dhealaichte bho na Hungarianaich agus glé choltach ris na h-Innseanaich.
An sluagh air Aireamh Ciadad nan seòrsa
na rinneadh sgrùdadh an t-sàmpaill O A B AB
Gypsidhean Hungarianach 385 34.3 21.0 39.0 5.7
Innseanaich 1,000 31.3 19.0 41.2 8.5
Hungarianaich 5,000 31.3 38.0 18.7 12.2
Tha seo, a thuilleadh air gu bheil cànan nan Gypsidh a’ tighinn (le iomadh atharrachadh) bho’n t-seann chànain Innseanach ris an can sinn Sanskrit, a’ dearbhadh gur h-ann ás na h-Innsean a thainig sluagh nan Gypsidh.
Tha dà shluagh eile anns an Eòrpa an Iar nach eil cinnt aig daoine co ás a thàinig iad. Is iad sin na Lappaich, á roinn a tuath mór-roinn Lochlainn, agus na Bascaich a tha a’ tuineachadh air a’ chrìch eadar an Fhraing ’s an Spàinn, dlùth do Bhàgh Biscay. Cha bhuin cànanan an dà shluaigh seo do’n teaghlach-chànanan Eòrp-Innseanach. Thathas de’n bheachd gur h-e th’anns na Bascaich iarmad de’n t-sluagh a bha anns an Roinn Eòrpa roimh linntean na h-eachdraidh, agus gu robh iad uair gu math nas sgapte na tha iad an diugh. ’Sann aca tha an tricead as lugha anns an Roinn Eòrpa de sheòrsa fala B (2.71% aig Bascaich na Frainge), agus tha dealaichidhean eile, a thaobh riaghailtean nan seòrsachan fala, eadar iad agus an nàbaidhean, mar a chì sinn. B’àbhaist do dhaoine saoilsinn gu robh na Lappaich càirdeach do na Mongolaich.
Ach ma choimeasar na seòrsachan fala ABO a tha acasan ris na seòrsachan a tha aig an nàbaidhean, agus aig na h-Eskimos agus na Sìnich, tha e soilleir gu bheil na Lappaich eadar-dhealaichte bho’n triùir eile. Tha an gine son seòrsa fala A2 ri fhaotainn mar as trice anns
An sluagh air Aireamh Ciadad nan seòrsa
na rinneadh sgrùdadh an t-sàmpaill O A B AB
Lappaich 404 28.96 62.62 4.46 3.96
Suainich 12,094 38.23 47.36 9.82 4.59
Eskimos (Gruinland) 569 23.90 56.24 11.25 8.61
Sìnich (Peking) 1,000 30.70 25.10 34.20 10.00
an Roinn-Eòrpa a-mhàin, agus chan eil i aig an t-sluagh Mhongolach. Gheibhear i, leis an tricead as motha a th’aice air an talamh, a-measg nan Lappach. Cha bhuin na Lappaich, ma tha, do na Mongolaich, ach tha iad ’nan Eòrpaich a tha air fàs gu mór dhaibh fhéin ann an ceann-a- tuath Lochlainn. Tha a bhi cruth-rannsachadh nan Lappach an coimeas ris na Mongolaich a’ cur taice ris a’ cho-dhùnadh seo.
Tha rannsachadh nan tricead ABO, a’ cur taice cuideachd ris a’ bheachd gu bheil an t-Innseanach Ameireaganach dealaichte ’na threubh bho Mhongolaich na h-Asia an Ear.
Tha ciadad àrd de na Sìnich aig a bheil an seòrsa fala B, seòrsa nach fhaighear a-measg nan Innseanach an Ceann-a- tuath ’s an Ceann-a- deas Ameireagaidh. Mar sin, ged a dh’fhaodas suathalas a bhi aig na h-
An sluagh air Aireamh Ciadad nan seòrsa
na rinneadh sgrùdadh an t-sàmpaill O A B AB
Innseanaich Ch. -a-deas
Ameireagaidh (Brasil) 587 100.00 — — —
Innseanaich Ch. -a-tuath
Ameireagaidh (Chippewa) 161 87.58 12.42 — —
Sìnich (Peking) 1.000 30.70 25.10 34.20 10.00
Innseanaich Ameireaganach ris na Mongolaich anns an Asia an Ear, ann an dòighean àraidh, leithid cruth nan sùilean, no dath fuilt is dath shùilean, feumaidh gun do dh’fhàg iad an Asia, ’s gun deach iad a-null a dh’ Ameireagaidh mus do theann na Mongolaich ri sgaoileadh.
Tha roinn nan seòrsachan fala ABO anns an Eòrpa an Iar glé ùidheachail a thaobh nan Ceilteach. Coltach ri sluagh Innis Tile, agus sluaghan eile air crìochan na Roinn-Eòrpa, leithid nam Berberich an Ceann-a- tuath Afraca, agus nam Bascach, tha tricead glé àrd a-measg nan Ceilteach aig a’ ghine tha co-cheangailte ri seòrsa fala O, agus tricead ìosal aig a’ ghine airson seòrsa fala A. Chithear seo gu soilleir bho na mapaichean.
Feumaidh sinn toirt an aire an seo nach ionnan an dà rud seo: (1)
Sgaoileadh na gine fala O anns an Roinn Eòrpa
(Air ath-tharraing bho Mourant (1954) ).
Sgaoileadh na gine fala A anns an Roinn Eòrpa
(Air ath-tharraing bho Mourant (1954) ).
tricead na gine aig a bheil smachd air seòrsa fala àraidh, agus (2) tricead an t-seòrsa fala sin ann an sluagh. Gheibh sinn a’ ghine airson seòrsa fala O (i) chan ann a-mhàin ann an daoine aig a bheil seòrsa fala O (agus tha gineteip “ii” acasan) ach cuideachd ann an daoine aig a bheil am phenoteip A no B, ach an gineteip IAi no IBi a’ co-fhreagairt riutha sin.
Chì sinn anns an dà chlàr seo shìos tricead nan seòrsachan fala ABO anns na sluaghan Ceilteach agus ann an cuid de na nàbaidhean aca.
1. ALBA
An sluagh air Aireamh Ciadad nan seòrsa
na rinneadh sgrùdadh an t-sàmpaill O A B AB
Albannach-Steòrnabhagh 200 50.00 32.00 14.50 3.50
Albannach — Cataibh is
Gallaibh 153 50.98 32.03 13.73 3.27
Albannach — Siorrachd
Rois an Ear 645 58.76 28.06 10.70 2.48
Albannach — Inbhirnis
an Iar 440 59.32 30.68 7.95 2.05
Albannach — Inbhirnis an
Ear 2,610 51.23 34.25 11.84 2.68
Albannach — Dun-dèagh 225 43.55 33.78 16.89 5.78
Albannach — Glaschu 6,011 50.96 35.18 10.88 2.98
2. AN CORR DE BHREATAINN, NIORBHAIDH AGUS INNIS TILE
An sluagh air Aireamh Ciadad nan seòrsa
na rinneadh sgrùdadh an t-sàmpaill O A B AB
A’ Chuimrigh — Tuath 2,550 48.00 39.57 9.18 3.25
A’ Chuimrigh — Mon-
mouth an Ear 517 46.42 41.59 9.67 2.32
Sasainn — Deas 106,477 45.20 43.20 8.50 3.10
Ulaidh 10,784 52.04 34.70 10.35 2.91
Eire 18,105 53.78 32.79 10.49 2.93
Niorbhaidh 10,000 39.22 48.71 8.55 3.52
Innis Tile 800 55.62 32.12 9.62 2.62
Tha e soilleir gu bheill barrachd dhaoine ann an Albainn, gan gabhail thar a chéile, aig a bheil an seòrsa fala O, agus nas lugha aig a bheil A, na ann an Ceann-a- deas Shasainn. Tha seo fìor cuideachd a thaobh nan Eireannach agus sluagh Innis Tile, agus a thaobh Ceann-a- tuath na Cuimrigh, ach chan eil e fìor a thaobh roinn an Earra-dheas de’n Chuimrigh, far na bhrùchd móran de Shasannaich a-steach. Tha e neònach gu bheil sluagh Innis Tile coltach ris na h-Albannaich agus ris
na h-Eireannaich a thaobh tricead sheòrsa fala ach gu math eadar-dhealaichte bho shluagh na Niorbhaidh. Bha Innis Tile air àiteachadh le na Víkingar a thainig air tùs á Niorbhaidh. Tha seo a’ ciallachadh an dara cuid gu bheil sluagh na Niorbhaidh eadar-dhealaichte an diugh bho àm na Víkingar, air neo gun deach Innis Tile àiteachadh, airson na mór-chuid, á Albainn agus á Eirinn.
Tha fios againn gun deach móran de Cheiltich a dh’Innis Tile mar shearbhantan do na Víkingar, agus gu robh gu leòr de dh’fhalbh ’s de thighinn eadar Innis Tile agus Innse Gall, Eirinn agus Eilean Mhanainn mìle bliadhna air ais. Mar sin is dòcha gu bheil Innis Tilich an là an diugh de stoc Cheilteach, ged nach e cànan Ceilteach a th’aca. Tha na h-uiread de dh’fhianuis againn cuideachd gu robh luchd-àiteachaidh na Niorbhaidh an àm nam Víkingar dealaichte bho Lochlannaich an là-an-diugh. Tha fios againn gun do dh’àitich na Víkingar Normandy anns an Fhraing. Ma sheallar ri tricead nan gineachan airson A, B agus O anns a’ cheàrn seo (Contentin), tha e soilleir gu bheil iad dealaichte bho Niorbhaidh an là-an-diugh, agus gu bheil iad nas fhaisge air gineachan Albainn agus Eirinn na air gineachan a’ chòrr de’n Fhraing. Gheibh sinn anns an roinn seo de’n Fhraing tricead àrd aig a’ ghine airson seòrsa fala O (69%), agus bheireadh seo oirnn smaoineachadh gu robh barrachd de’n t-seòrsa fala seo aig na Víkingar na tha aig sluagh na Niorbhaidh an diugh. Tha móran de na Lochlannaich an diugh gorm-shuileach agus bàn anns an fhalt, agus is beag an t-iongnadh gur h-e na Fionnghoill a bh’air Víkingar na Niorbhaidh. Ach carson a thugadh na Dubh-ghoill air Víkingar na Danmhairc? Tha fianais againn, bho na sàgaichean agus bho uaighean nam Víkingar, nach robh sluagh na Niorbhaidh aig an àm sin gu léir de’n aon ghnè.
Bha cuid àrd agus bàn, ach bha feadhainn eile na bu lugha agus na bu duirche. Dh’fhaodadh gu robh an fheadhainn sin de’n aon stoc ris na daoine a bha ag àiteachadh Albainn agus Eirinn roimh linntean na h-eachdraidh le falt dorch, meadhonach beag ’nam bodhaig, agus le seòrsa fala O — agus gur h-iad sin bu mhotha bha sàs ann an àiteachadh Innis Tile. Is iongantach gu bheil tricead àrd na gine fala O ann an Albainn a’ tighinn bho na Víkingar. Nan robh shùilicheadh sinn an tricead a b’àirde ann an Innse Gall far an do dh’àitich na Lochlannaich gu pailt. Ach gheibhear an tricead as àirde ann an Albainn de’n ghine fala O ann am meadhon na Gaidhealtachd: mar eisimpleir anns a’ Ghleann Mhór, far nach do rinn na Víkingar a bheag de thuineachadh.
Dh’fhaodadh, mar sin, gu robh prìomh luchd-àiteachaidh Albainn agus Niorbhaidh de sheòrsa fala O. Is dòcha gu robh na daoine sin an sàs ann an tuineachadh Innis Tile. Dh’éireadh bho’n a sin (1) tricead àrd na gine fala O ann an Innis Tile; (2) beul-aithris nan sàga gun dainig luchd-àiteachaidh Innis Tile ás an Niorbhaidh; (3) na sgeulachdan bho eachdraidh agus bho na sàgaichean gu robh na Ceiltich cuideachd an sàs ann an tuineachadh Innis Tile. Anns a’ mhìle bliadhna is còrr
bho àm àiteachadh Innis Tile, tha atharrachadh air tighinn air sluagh na Niorbhaidh, agus tha tricead na gine O air dol an ìslead. Ach tha Albainn agus Eirinn air an àiteachadh fhathast, an ìre mhóir, leis an t-seann luchd-àiteachaidh, agus mar sin tha mu’n aon thricead aig a’ ghine fala O ann an Albainn, an Eirinn ’s an Innis Tile.
Tha an riaghailt ABO de na seòrsachan fala feumail gu bhi ag innse dhuinn mu’n bhun a bh’aig cuid de threubhan ach chan urrainn i dad innse dhuinn mu chuid eile. Cha ghabh feum a dheanamh de thricead nan gine ABO ann a bhi ag eadar-dhealachadh luchrubain na Congo ann an Afraca bho na luchrubain Mórchuanach a tha a’ tuineachadh ann an àiteachan iomallach an Asia an Ear-dheas agus anns na h-eileanan sa’ cheàrnaidh sin. An e iarmadan de’n aon shluagh a th’annta sin le chéile, no a bheil iad a’ tighinn bho atharrachadh stoc? Fhuaireadh freagairt do’n cheist seo le bhi sgrùdadh tricead nan aileal eadar-dhealaichte ann an riaghailt nan seòrsachan fala ris an can sinn Rhesus, anns an dà bhuidhinn sin de na luchrubain.
title | An Riaghailt ABO |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 5. Gintinneachd – Treubhan Chlann-daoine agus Bun an t-Sluaigh Albannaich |