[65]

An riaghailt Rheasach

Anns achumantas, tha daoine air an comharrachadh mar neo-rheasach airneo ro-rheasach, ged a tha iomadh aileal eadar-dhealaichte aig lócus nan gine rheasach. Tha an aileal R0 ann, agus r, s mar sin air adhart. Tha R0 ri lorg mar as trice ann an Afracanaich, agus glé ainneamh ann an sluaghan eile. Ma nithear sgrùdadh air na ceithir ailealan rheasach R0, , agus r, chithear gu bheil aghine R0 ri lorg gu tric an luchrubain Afraca, ach chan eil sgeul oirre anns amhór-chuid de luchrubain Mórchuanach. Anns an dòigh cheudna, tha an aileal

Seòrsa Rhesus

An sluagh air Aireamh (tricead nan gine)

na rinneadh sgrùdadh an t-sàmpaill R0 r

Luchrubain Phapua 139 0.03 0.85 0.119 0

Negritoes Eilean Adaman

(luchrubain Mórchuanach) 52 0 0.92 0 0

Luchrubain Afracanach 2,557 0.63 0.074 0.194 0.101

neo-rheasach r a dhìth air sluaghan nan luchruban Mórchuanach, ach tha e anns na luchrubain Afracanach. Chithear cuideachd gu bheil an bhuidheann eadar-dhealaichte ann an tricead an aileil . Tha an rannsachadh sin atogail abheachd gun do dhéirich na luchrubain Afracanach agus an fheadhainn Mhórchuanach air leth.

Tha an aileal neo-rheasach r a dhìth air na sluaghan Mongolach, na h-Innseanaich Ameireaganach agus sluaghan aMhuir-Shèimh, agus lorgar e gu math cunbhalach ann an sluaghan na Roinn-Eòrpa. Is dòcha gur h-ann aig na Bascaich a tha an tricead as àirde de dhaoine


[66]

neo-rheasach anns an t-saoghal air fad. Lorgadh tricead àrd de dhaoine neo-rheasach ann an Eirinn cuideachd: a tha acur nar smuain gun do shìolaich na h-Eireannaich agus na Bascaich, co-dhiù ann an tomhas, bho na h-aon daoine, no gu robh déiligeadh aca ris an iarmad seo den t-seann sluagh. Tha e cinnteach co-dhiù gu robh gluasadan dhaoine ann eadar an Aoidh Iberianach agus Eirinn.

titleAn Riaghailt Rheasach
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text5. Gintinneachd – Treubhan Chlann-daoine agus Bun an t-Sluaigh Albannaich
<< please select a word
<< please select a page