Dealaichidhean eile eadar threubhan
Chaidh móran sgrùdaidh a dheanamh air dealaichidhean eile eadar shluaghan a’ chinne-daonna. Faodar seòrsa de chuimse a dheanamh air cruth a’ chlaiginn, mar eisimpleir, le leud a’ chinn a phàirteachadh le a fhad, agus ciadad a dheanamh dheth. Theirear ris a seo an index ceaphalach (no ceannach). Their sinn gu bheil daoine le index nas lugha na 75 fad-cheannach, daoine le index eadar 75 agus 80 eadar-dhà-
An sluagh air na Aireamh an Index ceaphalach (meadh-
rinneadh sgrùdadh t-sàmpaill onail) nam fireannach
Albannaich (bho’n Ear-
thuath) 320 78.1
Niorbhaidhich (á Hedmark) 988 77.7
Niorbhaidhich (á Troms) 548 81.0
Gearmailtich 925 82.5
sheòrsa, agus daoine le index os cionn 80 cruinn-cheannach. An diugh tha a’ mhór-chuid de Afracanaich fad-cheannach, a’ mhór-chuid de Bhreatannaich agus de Lochlannaich, agus pàirt de na Sluaghan Muir-meadhon-thìreach eadar-dhà-sheòrsa, agus tha sluaghan bho mheadhon na h-Eòrpa agus an iar air a’ mheadhon, mar as trice cruinn-cheannach. Tha an tomhas seo fada ro gharbh gu dealachadh soilleir a dheanamh eadar shluaghan, ach faodar feum a dheanamh dheth an co-bhoinn ri comharraidhean eile.
Rinneadh tomhas cuideachd air àirde agus air cudthrom ann an iomadh buidheann eadar-dhealaichte de dhaoine, ach, a-mach air na luchrubain fhéin, chan eil eadar-sgaradh soilleir ri lorg a-measg threubhan a’ chinne-daonna. Tha cudthrom agus àirde dhaoine an crochadh gu mór ri dé seòrsa coimhearsnachd anns a bheil iad. Faodar
An sluagh air na
rinneadh sgrùdadh Airde (cm) Cudthrom (kg) Réisio
Berberich (Ceann-a- tuath Afraca) 169.8 59.5 2.85
Alba 170.4 61.8 2.76
Sasainn 166.3 64.5 2.58
Innis Tile 173.6 68.1 2.55
Eskimo 161.2 62.9 2.56
Sìnich (Hong Kong) 166.2 52.2 3.18
feum a dheanamh de na tomhaisean sin, coltach ris an index cheaphalach, ann an co-bhoinn ri fiosrachadh de sheòrsa eile.
Tha cuid de na h-eadar-dhealaichidhean eadar threubhan dhaoine a tha, a rèir coltais, ag éirigh bho shìobhaltachd. Tha tricead na dath-dhoille ann an treubhan eugsamhla an crochadh, saoilidh sinn, ris an dòigh-beatha a th’aca. Sluaghan bhios a’ sealg ach am faigh iad biadh, tha dath-dhoille nas ainneimhe ’na measg, agus tha i gu math nas trice ri lorg an sluaghan a tha nas suidhichte ’nan caitheamh-beatha.
An sluagh air na Aireamh an Ciadad nam fireannach
rinneadh sgrùdadh t-sàmpaill sa bheil dath-dhoille
Niorbhaidhich 9,049 8.0
Albannaich 464 7.8
Innseanaich Ameireagaidh 392 2.0
Congolaich 929 1.7
Theagamh gu bheil feum aig an t-sealgair air dath-fhradharc, ach chan eil e gu móran diofair do’n tuathanach no do’n obraiche ann an tionnsgain. Chan eil cus feum ann an dath shùilean ’s an dath fuilt gu eadar-sgaradh a dheanamh air sluaghan taobh a-muigh na h-Eòrpa, oir tha a’ mhór-chuid de dhaoine dorch anns na sùilean agus anns an fhalt. Faodaidh sinn toirt an aire gu bheil craiceann an ìre mhath bàn aig cuid de na treubhan Berbereach ás na beanntan Atlas an Afraca-mu-thuath, agus gu bheil a cheart uiread de dhaoine ’nam measg aig a bheil falt ruadh ’s a tha a-measg nan Albannach. Eadar seo agus an t-samhlaidheachd a thaobh seòrsachan fala, eadar a’ mhór-chuid de na Ceiltich ’s na Berberich (O àrd; B agus neo-rheasach an ìre mhath àrd), saoilidh sinn gu bheil ceangal eadar am Muir-meadhon-thìreach, Eirinn agus Albainn, agus tha fianuis air a seo aig na h-àrsairean cuideachd.
title | Dealaichidhean eile eadar Threubhan |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 5. Gintinneachd – Treubhan Chlann-daoine agus Bun an t-Sluaigh Albannaich |