Bun is Freumh Sluagh na h-Albann
Bha pàirt de Bhreatainn air àiteachadh le buidhnean beaga de shealgairean agus de luchd-cruinneachaidh bìdh troimh Sheann Linn na Cloiche (600,000–10,000 R.C. ). Aig an àm seo, bha Breatainn fhathast ceangailte ris an Roinn Eòrpa agus bha móran de’n tìr fo dheigh. ’Se aimsir chruaidh a bh’ann, agus feumaidh gu robh coltas na tìre car mar a tha oirthir Gruinland an diugh. Leis a sin, ’se àireamh glé bheag de shluagh a bha ag àiteachadh Bhreatainn. Is dòcha gun do thadhail sealgairean agus iasgairean ann an Albainn, aig an àm seo, ach bha a’ mhór-chuid de luchd-àiteachaidh Bhreatainn ann an Seann Linn na Cloiche a’ fuireach mu dheas.
Mar a theich an deigh á Breatainn airson na ceathramh uair agus an uair mu dheireadh, dh’éirich am muir agus chuir e fodha a’ chuid sin de’n Roinn-Eòrpa a tha a nis fo’n Mhuir-a- Tuath. Thainig anns an
dòigh seo Caolas na Frainge am bith timcheall air 6,000 R.C. Nise, mus do ghearradh Breatainn air falbh bho’n Roinn-Eòrpa, thugadh ionnsaigh oirre le sluagh na Nuadh Linn Cloiche a bha air imrich a dheanamh bho’n Ear-Mheadhon. Bha na daoine sin anns a’ chumantas àrd, le casan is gàirdeanan fada, agus seang ’nam bodhaig. Lean iad an deigh gu tuath mar a bha i a’ leaghadh. Thainig luchd-imrich eile a Bhreatainn anns an aimsir seo (10,000–2, 300 R.C. ) agus bhiodh e coltach gun do ràinig pàirt dhiubh còrsa an ear na h-Albann bho Lochlainn. A’ chiad sluagh a thuinich an Albainn, ràinig iad mu’n bhliadhna 3,000 R.C. agus ghabh iad tàmh ’nam buidheannan faisg air an Oban, ann an Colbhasaigh agus ann an Orasaigh (an cultur Obanach). Aig an àm seo, bha a’ choille a’ sgaoileadh tarsainn air Breatainn, agus bha a’ mhór-chuid de na bailtean tuineachaidh ri oir na mara neo gu h-ìosal ann an gleanntan nan aibhnichean.
Tha tomhasan a rinneadh air cnàmhan, a-measg cuid de shluaghan iomallach anns a’ Chuimrigh, an Eirinn, agus an dùthaich nam Bascach, a’ sealltainn gu bheil daoine fhathast beò aig a bheil suathalas ris an duine bha beò anns a’ chuid mu dheireadh de Sheann Linn na Cloiche (an duine air a bheil an t-ainm Cro-Magnon). ’Sann anns na ceàrnaidhean sin a gheibh sinn an tricead as àirde de dhaoine neo-rheasach, agus bheireadh seo a chreidsinn oirnn gu robh co-dhiù pàirt de’n t-sluagh aig àm Seann Linn na Cloiche neo-rheasach.
Cha robh àireamh an t-sluaigh am Breatainn fhathast ach glé bheag agus bha na h-imrichean eile ri thighinn: ann an Nuadh Linn na Cloiche. ’Sann ás a’ cheann-a- deas de Ruisia no ás an Ear-Mheadhon a thainig na daoine sin. Ràinig aon bhuidheann diubh Breatainn á Lochlainn, agus thàinig buidheann eile a-null mu’n Mhuir-Mheadhon-thìreach, agus ràinig iad Breatainn an deidh siubhal troimh’n Aoidh Iberianach agus troimh’n Fhraing. Bha a’ mhór-chuid dhiubh beag agus làidir, le cinn fhada orra. Dh’àitich iad ionadan mar Innse Gall, an t-Eilean Sgitheanach, Sealtainn, Arcaibh, agus móran de cheann-a- tuath na h-Albann. Bhiodh e coltach gun tàinig iad air tìr am Breatainn mu’n àm 2,500–2, 000 R.C. , agus tha iomadh fianuis orra fhathast a’ seasamh an diugh: mar eisimpleir, na càirn agus na cearcaill de thursachan aig Clabhalag faisg air Cuil-lodair; na tha air fhàgail de’n bhaile aig Skara Brae air tìr-mòr Arcaibh; agus móran de na tursachan a tha a’ seasamh ’nan aonar ann am buailtean air feadh na Gaidhealtachd (ged tha pàirt dhiubh sin cho anmoch ri Linn an Iaruinn no eadhon an deidh sin). Is dòcha gu robh tricead àrd de’n ghine fala B aig an t-sluagh sin a Nuadh Linn na Cloiche. Tha a’ ghine seo ri lorg nas trice anns na dùthchannan Ceilteach na ann an Sasainn no san Fhraing. Tha i gu math cumanta ann an ceàrnan dhe’n Chuimrigh, mar eisimpleir am Mynydd Hiraethog (13.81%) agus aig Black Mountain an Carmarthen (24.22%): ’se sin ri ràdh, ann an ceàrnan far an gabhadh sluagh na Nuadh Linn Cloiche fasgadh nuair a thainig luchd-imrich Linn an
Umha is Linn an Iaruinn. Bhiodh e coltach gu robh co-mheasgadh eadar sluagh na Nuadh Linn Cloiche agus na bha air fhàgail de shluagh na Seann Linn Cloiche. (Am meadhon ’s an taobh an ear na h-Eòrpa tha daoine an dùil gun tugadh a’ ghine fala B a-steach le na h-armailtean Mongolach bho’n 5mh–15 mh linn A.D. ).
Bhrùchd tuilleadh sluaigh a-steach a Bhreatainn ann an Linn an Umha. Thainig a’ chiad luchd-àiteachaidh a Shasainn ás an Olaind agus á tìr na Rhine, ged is ann bho cheann-an-ear na Muir-meadhon-thìrich a thainig iad air tùs, a rèir coltais. Ràinig iad Sasainn mu 1900–1800 R.C. , agus Albainn mu 1700 R.C. Bha na daoine sin àrd cruinn-cheannach, agus troma-chnàmhach, agus their sinn Luchd nam Bìocar riutha air sgàth nam bìocairean crèadha a dh’fhàg iad ’nan uaighean. Thog iadsan cuideachd cearcaill de thursachan. Thainig cuideachd sgaothan de luchd-imrich anmoch ann an Linn an Umha (1000–750 R.C. ), mar eisimpleir sluagh nan Raon Chrogan. B’ann ri tuathanachas a bha iad seo, agus is dòcha gur h-e cainnt Cheilteach a bh’aca.
Cho fad ’s as aithine dhuinn, thàinig ciad luchd-imrich Linn an Iaruinn a Bhreatainn mu’n bhliadhna 500 R.C. Tha dùil gur h-e Ceiltich a bh’annta, agus thàinig iad á àiteachan mar cheann an iar-dheas na Gearmailt agus ás an Olaind, ged a thàinig iad bho thùs á àiteachan na b’iomallaiche, mar cheann a deas Ruisia. Thàinig tuilleadh de luchd-imrich Ceilteach an Linn an Iaruinn a cheann a deas Shasainn mu’n bhliadhna 250 R.C. , agus a rithist eadar 75 agus 50 R.C. Ràinig na sluaghan Ceilteach sin Gaidhealtachd na h-Albann agus thog iad dùin air na cnuic, mar a tha Dùn Riachaidh air Mòinteach Druim Athaisidh.
Aig aon àm sgaoil na Ceiltich fad is farsaing air feadh na Roinn-Eòrpa. Anns an t-siathamh linn R.C. , mar eisimpleir, bha iad a’ tuineachadh ann an iomadh àite am meadhon ’s an taobh an iar na h-Eòrpa, agus bhrùchd iad a-steach dha’n Eadailt agus do na Bàlcain anns an treas ’s anns a’ cheathramh linn R.C. Bha na ceatharnaich Cheilteach àrd, fèitheach agus bàn, ged a bha caochladh sheòrsachan ’nam measg. Is iongantach mura robh na Ceiltich sin greis gun a dhol domhainn ann an Albainn, ged a dh’fhaodadh e bhith gu robh na Cruithnich (air a bheil iomradh againn an toiseach ann an 297 A.D. ) de stoc Cheilteach ann an tomhas. Tha daoine de’n bharail gu robh a’ chuid mhór de dh’Albainn tuath air Abhainn Foirthe, air àiteachadh le dà sheòrsa sluaigh a chaidh uidh air n-uidh ’nan aon mar Chruithnich na h-eachdraidh:
(1) Sluagh neo-Cheilteach, a’ bruidhinn cànain nach buineadh do’n teaghlach Eòrp-Innseanach, agus a thàinig is dòcha bho na daoine beaga Iberianach a thàinig a-steach ann an Nuadh Linn na Cloiche, agus
(2) Sluagh Ceilteach a’ bruidhinn cànain Brythonic (no fìor-sheann-Chruimreach) a thàinig, is dòcha, bho’n luchd-imrich a thàinig ann an Linn an Umha no ann an Linn an Iaruinn.
Is dòcha nach robh an t-sìth air a cumail ro mhath fhads a bha na sluaghan seo bho Nuadh Linn na Cloiche agus bho Linn an Umha no Linn an Iaruinn a’ dol an ceann a chéile. Co-dhiù, chaidh móran de dhùin (de’n t-seòrsa ris an canar broch) a thogail eadar 100 R.C. agus 400 A.D. Tha eòlas air còrr is 500 broch ann an Albainn. ’Se am fear as coimhlionta tha air sgeul, broch Eilean Mhousa an Sealtainn, agus tha deagh eisimpleir cuideachd an Càrlabhagh an Leódhas. ’Sann gu dìon a lorg a chaidh na dùin seo a thogail agus chan e naidheachd na sìthe a tha air innse dhuinn a bharrachd leis na tighean-fo-thalamh agus na tighean air an togail air eileanan air an ùr-dheanamh (na crannagan), a bha air an togail anns an aon aimsir.
Is dòcha gur h-e teachd nan laoch móra bàna a-measg nan Cruithneach beaga dorcha a dhùisg na sgeulachdan mu laoich-fhamhairean, laoich na Féinne. Bha iomradh air na laoich sin ann an Eirinn ’s ann an Albainn. Dh’fhàg iad fhéin agus an rìgh aca, Fionn Mac Cumhaill, làrach air inntinnean an t-sluaigh ann an Albainn, as bith dé na fìor euchdan a rinn iad. B’e Oisean, am bàrd, mac Fhinn. Anns an sgeulachd mhóir Eireannaich Táin Bó Cúailnge ’se Cù Chulainn an laoch mór ’s chan e Fionn, agus buinidh an sgeulachd seo do Linn an Iaruinn ann an Eirinn (mu’n àm san do rugadh Crìosd). Ach cha do sgrìobhadh na sgeulachdan seo gu faisg air 700 A.D. Coltach ri laoich na Féinne, dh’fhàg Cù Chulainn a sheula air Eirinn roimh linntean na h-eachdraidh.
Is dòcha gu robh na Ceiltich, anmoch ann an Linn an Iaruinn, a’ toirt buaidh air na Cruithnich a bh’ann rompa an Eirinn agus an Albainn aig an àm seo — ged nach do chuireadh ás do na Cruithnich mar luchd-riaghlaidh gu meadhon na naodhamh linn A.D. , nuair a phòs Coinneach MacAlpainn ban-oighre a’ chrùin Chruithnich, ag aonachadh rìoghachdan nan Gaidheal ’s nan Cruithneach an Albainn. Cha bu chòir dhuinn a bhi cur an neo-shuim a’ bhuaidh a bhiodh aig còmhlan de laoich mhóra bhàna air sluagh a bha beag agus dorcha. Tha e fhathast rathail mas e duine dorcha a thadhlas an toiseach na Bliadhn’ Uire, agus is dòcha gu bheil seo mar chuimhneachan air an àm nuair a b’e na Lochlannaich a bha ’nan strainnsearan bàna, ’s gun rath no furan ’nan cois. Mas e seo a th’ann, tha an saobh-chràbhadh air leantainn còrr is mìle bliadhna a nis.
Sgaoil Ceiltich Linn an Iaruinn air feadh Shasainn is Eirinn, agus thug iad ionnsaigh air Albainn roimh’n bhliadhna 500 A.D. , nuair a chuir iad Earra-Ghaidheal fo chìs, ’s a stéidhich iad rìoghachd Dhail-riada, le a ceanna-bhaile aig Dun-ad. B’e Gàidhlig an cànan a bh’aca, agus anns na ceithir cheud bliadhna an deidh sin, sgaoil a’ Ghàidhlig air feadh mór-chuid Albainn, a’ cur ás do’n chainnt Chruithnich, Pictish, a bhuineadh ann an tomhas co-dhiù do roinn Cuimreach nan Ceilteach Ach ged a shluig na Ceiltich Ghaidhealach (no Goidelic) na Cruithnich a thaobh cànain, tha an “seòrsa” Cruithneach fhathast air sgeul air feadh Albainn — tha sluagh na Gaidhealtachd agus nan Eileanan an
diugh beag agus dorch anns a’ chumantas, ged a tha feadhainn ann a tha àrd, bàn no ruadh. Tha sgaoileadh na gine airson falt ruadh ann am Breatainn coltach ri sgaoileadh na gine fala O (i), agus is dòcha gum b’e an seòrsa fala O bu mhotha bha aig na Ceiltich agus aig sluagh Linn an Umha a bha ann am Breatainn mus tàinig na Ceiltich.
Thainig sluagh le seòrsa fala A a-steach do’n Roinn-Eòrpa ás an Asia goirid roimh thoiseach linntean na h-eachdraidh. Is dòcha gu robh na h-Anglo-Saxaich agus an cuideachd de’n t-sluagh sin. Bhrùchd na h-Anglaich a-steach a dh’Albainn anns an 6mh linn A.D. , agus dh’àitich iad pàirt de Mhachair Loudain. Tha barrachd de’n t-seòrsa fala A anns a’ cheàrn seo na tha anns a’ mhór-chuid de cheàrnan eile, far nach do thuinich na h-Anglaich.
Bho’n uair sin, thàinig na Niorbhaidhich a dh’Albainn, an toiseach mar luchd-àiteachaidh sìtheil agus an deidh sin mar Víkingar. Bha na h-Eileanan Albannach, a’ toirt a-steach mar an ceudna Sealtainn is Arcaibh, agus Eilean Mhanainn, fo an smachd, agus ’s iad a bha a’ riaghladh ceann-a- tuath na h-Albainn gu crìoch na 12mh linn. Dh’fhan an cànan — Norn — beò ann an Sealtainn chun na 19mh linn, agus tha buaidh an cainnt fhathast ri faicinn air iomadh facal ann an Albais, gu h-àraidh ann an Sealtainn, an Arcaibh agus air còrsa an ear na h-Albainn, gun luaidh a dheanamh air ainmean-àiteachan. Na Normanaich a thàinig a dh’Albainn a rithist, bha iad de’n aon fhreumh ris na Víkingar, ach bha iad air measgachadh le muinntir Bhreatainn na Frainge, agus leis na Frangaich. Nas fhaisge air an là againn fhìn, thàinig Flemingich ás a’ Bheilg, mar bhreabadairean ’s mar cheannaichean, gu cuid de bhailtean Albainn. Agus bhrùchd sluagh mór a-steach á Eirinn, anns a’ cheud bliadhna a chaidh seachad, ged a tha iad sin anns a’ chumantas de’n aon stoc ri Gaidheil Albainn iad fhéin. Cha robh an imrich á Sasainn glé throm gu ruige seo, ach fàsaidh i nas truime mar a theid sluagh Shasainn a bhruthadh nas motha ’s nas motha, le dìth rùm.
title | Bun is Freumh Sluagh na h-Albann |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 5. Gintinneachd – Treubhan Chlann-daoine agus Bun an t-Sluaigh Albannaich |