6 MEAN-FHAS: BUN-STEIDH NA BEATHA
Seann Bheachdan
Dé am bun-stéidh a tha aig beatha air an talamh? — tha sin air aon de na ceistean as cudthromaiche, do nach d’fhuaras freagairt fhathast, ann am bith-eòlas. ’Se ceist a th’innte a tha air a bhi tarraing ùidh dhaoine fad mhìltean bliadhna, agus is beag an t-iongnadh ged a bhiodh móran de chreideamhan air a stéidheachadh, gu ìre co-dhiù, air a’ chreideamh gun deach beatha a chruthachadh le aon dia no grunn de dhiathan. ’Se rud gu math cumanta th’ann, a-measg dhaoine, bithean os-nàdurrach a chruthachadh gu mìneachadh a thoirt air rudan nàdurrach nach robh daoine a’ tuigsinn aig an àm: bha tàirneanaich is dealanaich, sgàilean air a’ ghréin, droch fhoghairean, ’s mar sin air adhart, air an cur ás leth nan diathan anns na làithean a dh’aom. Cha ghabh e dearbhadh no àicheadh le deuchainn-ealdhain gun deach beatha a chruthachadh air talamh le dia, agus tha am beachd-smuain seo a’ laighe taobh-muigh crìochan na h-ealdhain.
Chuireadh air adhart mìnichidhean eile air bun-stéidh na beatha, bho àm gu àm, a ghabhas an cur gu deuchainn. B’e aon diubh sin gum beothaich beatha gu saor-thoileach bho stuth gun bheatha. Bha am beachd seo air a bhonntachadh air rudan cumanta so-fhaicsinneach, leithid nan cnuimhean a bha ga nochdadh fhéin ann am feòil a chaidh fhàgail ris fad grunn lathaichean. B’i a’ cheist a bha ag iarraidh freagairt seo: Am bi na cnuimhean a’ tighinn beò gu saor-thoileach anns an fheòil, no a bheil gnothaich aig nì bho’n taobh-a- muigh riutha? Chuireadh a’ cheist seo gu deuchainn le F. Redi (1626–1697). Chuir esan feòil ann an dà chrogan mór, an dara fear dhiubh còmhdaichte agus am fear eile fosgailte. Cha do nochd cnuimhean ach anns an fheòil a bha anns a’ chrogan fhosgailte. Tha e mar sin ceàrr a bhi a’ smaoineachadh gu robh cnuimhean a’ tighinn beò gu saor-thoileach ann am feòil. Chan eil ann an cnuimh ach làrbha cuileig, agus cha tig i beò á feòil mura breith cuileag uighean anns an fheòil. Bha e comasach do na cuileagan seo a dhèanamh anns a’ chrogan fhosgailte, ach cha ruigeadh iad air an fheòil anns a’ chrogan dhùinte.
Bha e duilich fhathast do dhaoine a chreidsinn gun éireadh micro-fhas-bheairtean air dòigh eile ach le gintinn saor-thoileach. Cha do chuireadh smachd air luchd a’ ghintinn shaor-thoileach gus an do dhearbh Louis Pasteur (1822–1895) nach lobhadh brot air a bhruich
ma bha e ann am flasg dùinte, no ann am flasg air a robh pìob le cumadh S air. Cha robh rian nach lobhadh brot a bha air a bhruich agus a dh’fhàgadh fosgailte ris an aer, oir tha e ’na mheadhon air leth math airson fàs iomadach seòrsa micro-fhàs-bheairt. Tha fàs-bheairtean a tha ag aobharachadh lobhaidh air an giùlan ann an dusd, agus ged a gheibheadh aer gun dusd ann gu brot no stuth bruich de sheòrsa eile, cha lobh e. Chaidh seo a dhearbhadh le John Tyndall (1820–1893). Tha e dearbhte nach eil beatha ag éirigh gu saor-thoileach air an talamh mar a tha e an diugh. Cha duirt sin nach do dh’éirich e anns an dòigh seo a riamh, mar a chì sinn a rithist.
DEALBH 1. Trì flasgaichean anns a bheil brot, a chaidh a bhruich gus a dhèanamh aimrid. Tha aig flasg A ceangal ris an taobh-a- muigh tre amhaich fhada lùbte; chan eil am brot anns an fhlasg seo air a ghànrachadh le micro-fhàs-bheairtean. Tha ceann ann am flasg B agus tha e fuireach aimrid. Tha flasg C fosgailte ris an aer agus theid am brot a ghànrachadh le bacteria.
Bha an cuspair seo, bun-stéidh na beatha air an talamh, air a sheachnadh leis a’ mhór-chuid de luchd-ealain, aon uair ’s gun do dh’àicheidheadh gintinn saor-thoileach, gus an tàinig an linn seo fhéin. Ach an 1936 chuir am bith-cheimicear Ruiseanach, A. I. Oparin, air adhart a bheachd gun do dh’éirich beatha o eadar-oibre chumhachdan ceimiceach agus fisiceach rè milleanan bhliadhnachan, tràth ann an eachdraidh na talmhainn .i. gun tàinig beatha am bith gu saor-thoileach le co-chur ceimiceach.
title | Seann Bheachdan |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 6. Mean-fhàs: Bun-stéidh na Beatha |