[73]

Co-chur Ceimiceach na BeathaMar a tha Meallan Moileciuileach aFàs

Thatar an dùil gun tainig an talamh, agus na planaidean a tha càirdeach dhi, am bith o neul de dhusds de ghas a cho-dhlùthaich mu 4,600 millean bliadhna air ais. ’Se am fosail as sine air a bheil eòlas againn


[74]

fosail de bhacterium, Eobacterium isolatum, bho sheòrsa creige (Fig Tree Chert) a gheibhear an Afraca-a- Deas. Tha na fosailean sin de bhacteria mu 3,100 millean bliadhna de dhaois. Feumaidh, matà, gun do dhéirich beatha eadar 4,600 agus 3,100 millean bliadhna air ais.

Si achiad cheist a dhfheumas sinn a fhreagairt: an seòrsa Talaimh a bhann an uair a nochd seòrsachan beatha an toiseach? Cha robh ocsaidean ann an àile na Talmhainn air tùs mar a tha an diugh, agus bhiodh e coltach gur h-e bhann methane, ammonia, suilfid haidrodean, deathach agus haidrodean. Tha beagan fianuis againn nach robh móran sam bith de mhethane no de ammonia ann an àile na fior-sheann Talmhainn, ach bha na gasaichean sin a-measg nan gasaichean a bha air a spùtadh a-mach leis na bolcànaichean, agus mar sin bha tomhas mhath dhiubh ann, co-dhiù an àiteachan. Bha an Talamh teth an toiseach, agus deathach sam bith a bha aco-dhluthachadh gu frasan uisge a dheanamh, bha e anns amhionaid adolna dheathach a rithist. Bha uachdar na Talmhainn, matà, teth agus bolcànach agus cha robh muir ann. A chionn nach robh ocsaidean (O2) anns an àile, cha robh filleadh de ozone (O3) afàs gu h-àrd anns an àile os cionn na Talmhainn, a dhìonadh an Talamh bho ghathan làidir, marbhteach ultra-violait na gréine.

Feumaidh sinn a nis ceistean eile a chur tha tachairt nuair a tha measgachadh de ammonia (NH3), methane (CH4), deathach (H2O) agus is dòcha haidrodean saor (H2) air an tre-réididheachadh le solus ultra-violait, mar a thachair gun teagamh ann an àile na sean Talmhainn? tha tachairt ma tha an dearbh mheasgachadh sin de ghasaichean atighinn fo bhuaidh teas ro-làidir mar a thachras nuair a tha na gasaichean sin air a spùtadh á bolcàno (1000° C no nas àirde)? An tachradh dad nan rachadh sradag dealain troimh mheasgachadh ghasaichean den t-seòrsa seo, rud a bha dualtach tachairt nuair a bhiodh stoirm ann le dealanaich? ’Se ceistean cudthromach tha sin, agus tha iad gu léir furasda an cur gu deuchainn ann an obair-lann ealdhain. Bu chòir a thoirt fa-near gu bheil na h-eileamaidean ann am measgachadh ghasaichean den t-seòrsa singualan, naitrodean, ocsaidean agus haidrodeanadeanamh suas 99% de bheò-stuth, agussann bho na dhà mu dheireadh a tha uisge air a dheanamh. Mar eisimpleir, tha mac-an-duine air a dhèanamh de mu 65% ocsaidean, 18% gualan, 10% haidrodean, 3% naitrodean, agus 4% de eileamaidean eile. Mar sin, ma tha beatha adol a dhéirigh, feumaidh i tighinn bho mheasgachadh den t-seòrsa sin, ’se sin ma tha i stéidhichte air gualan mar a tha gach beatha air an Talamh.

Rinn H. Urey agus S. L. Miller grunn de dheuchainnean, acur sradag dealain gun stad troimh mheasgachadh de mhethane, ammonia, haidrodean agus deathach, fad tomhas de làithean. Aig ceann na h-ùine seo rinn iad mion-sgrùdadh air na stuthan a chaidh a dheanamh mar thoradh air na deuchainnean aca. Lorg iad searbhagan amino, bho a


[75]

bheil prótainean air an dèanamh. Aig uairean eile le bhi acleachdadh tomhasan eile de ghasaichean, rinneadh searbhagan fàs-bheairteach de chaochladh seòrsa, agus na stuthan air a bheil na searbhagan niùclasach air an dèanamh. Rinneadh deuchainnean eile acleachdadh teas gu searbhagan amino a dhèanamh bho mheasgachadh ghasaichean den t-seòrsa sin shuas. Lorgadh gu bheil silica, stuth cumanta ann an creagan, ag obair mar chomas-saoraidh ann an iom-oibreachadh den t-seòrsa seo, agus atoirt dhuinn móran a bharrachd de stuth. Tha toradh pàirt de na deuchainnean sin air an cur sìos anns achlàr:

Co-chur cuid de Shearbhagan Amino mar thoradh air

(1) Co-chur le teas (2) Co-chur tre

aig 950° C, le leigeil-ma-sgaoil

gainneamh eiteig dealain (sradag)

(silica) a làthair

% Glycine 60.3 50.8

% Alanine 18.0 27.4

% Leucine 2.4

% Searbhag ghlutamach 4.8 0.5

(Chan eil an sin ach taghadh de na searbhagan aminorinneadh móran eile mar thoradh air an sheòrsa co-chur).

Bu chòir dhuinn toirt an aire gur h-e an shearbhaig amino as sìmplidheglycine agus alanineas fhasa an co-chur. ’Se sin cuideachd na dhà as cumanta ann am prótainean nam fàs-bheairt. Tha searbhagan amino air an dèanamh cuideachd nuair a tha measgachadh ghasaichean den t-seòrsa bhagainn air an tre-réididheachadh le solus ultra-violait. Mar sin tha e air a dhearbhadh gu faodadh moileciuilean fàs-bheairteach a bhi air an dèanamh gu saor-thoileach bho stuth neo-fhàs-bheairteach ann an àile na Talmhainn anns an fhìor-sheann aimsir.

Ach tha stuthan beò air an dèanamh de iomadach moileciuil mór, iomadh-fhillte, fàs-bheairteach, mar a tha prótainean agus searbhagan niùclasach. Be an ath cheum ann an co-chur ceimiceach na beatha, moileciuilean na bu mhotha a dhèanamh bhon fheadhainn sin a rinneadh mar thoradh air dealanaich, teas, no solus ultra-violait anns an àile. Mus tachradh seo, dhfheumadh lòintean uisge cruinneachadh air uachdar na Talmhainn, a thòisich atachairt aon uairs gu robh an t-uachdar meadh-bhlàth gu leòr gu leigeil le uisge cruinneachadh gun dolna dheathach. Leagh na searbhagan amino, agus na co-phàirtich eile a chaidh an dèanamh anns an àile, anns na lòintean uisge sin. Chaidh stuthan eile, leithid phosphor agus pronnasdan, a leaghadh ann an uisge, agus chaidh an giùlan do na prìomh mhuirean. Anns an dòigh


[76]

seo, mhilleanan bliadhna, bha salainnean agus co-phàirtich fhàs-bheairteach adolnam brot blàth leaghte air feadh nam maranna. Bha na moileciuilean anns amhuir a nis ag eadar-oibreachadh le chéile gus stuthan nas mothas nas iomadh-fhillte a dhèanamh. Ma theasaichear measgachadh de shearbhagan amino ann an obair-lann ealdhain, nithear slabhraidhean fada de shearbhagan amino, rudan ris an can sinn peptidean. Tha prótainean air an dèanamh de aon, no barrachd air aon, shlabhraidh glé fhada pheptideach, agus canaidh sinn poilipheptid ris gach aon dhiubh sin. Anns an aon dóigh, ma theasaichear measgachadh de sheòrsachan siùcair, gheibh sinn slabhraidhean shiùcair, mar na gualuisgean mhóra, leithid stuthaigeadh. Mar sin, dhfhaodadh gur h-ann bho chumhachd teas a dhéirich na prìomh mhoileciuilean móra (macro-mhoileciuilean). Mar a bha an t-uisge adolna dheathach ás na lòintean ri oir an làin, gheibhte lòintean uisge anns a robh móran de mhoileciuilean beaga agus móra, agus is dòcha gur h-ann an lòintean den t-seòrsa sin a chaidh moileciuilean iomadh-fhillte a dhèanamh.

Ged a dhfhaodar poilipheptidean a dhèanamh le bhi ateasachadh leaghadh de shearbhagan amino anns an obair-lann, feumar teas nas àirde na teas uisge goileach (100° C) a chleachdadh. Oir nuair a tha bann peptideach air a dhèanamh, tha an t-uisge ga thoirt air falbh bhon mhoileciuil a thann, ’se sin ri ràdh, tha co-chur sgreubhaidh atachairt. Feumar an t-uisge seo a thoirt air falbh, agus tha e dol air falbhna dheathach mar a tha e tighinn am follais, ma tha an teas os cionn 100° C. Nise, cha robh am muir anns an t-sean aimsir aig teas den t-seòrsa sin. Nam bitheadh, bha an t-uisge gu léir air falbhna dheathach, agus cha bhiodh uisge-ruith idir air uachdar na Talmhainn. Ciamar, a réisd, a bha na poilipheptidean gan dèanamh? Dhfhaodadh gun do thachair seo ann an dhòigh eadar-dhealaichte. An toiseach, dhfhaodadh na searbhagan amino a bha air tighinn bho na gasaichean a bha na bolcànaichean aspùtadh a-mach, tighinn gu chéile agus poilipheptidean a dhèanamh air làbha a bha afuarachadh, aig teas 150° C. Leaghadh na poilipheptidean sin a rithist ann an uisge nam fras, agus bhiodh iad air an giùlain chun na mara. A rithist, dhfhaodadh poilipheptidean a bhi air an dèanamh anns amhuir, aig teas na bu lugha na 100° C, ma bha, mar eisimpleir, haidrodean cyanide (HCN) an làthair, agus be seo stuth eile a bha dualtach a thighinn am bith bho ghasaichean an àile anns an t-sean aimsir.

Tha gach iom-oibreachadh ceimiceach a tha atachairt nar ceallan air a chatailiseadh le beirmeirean. Tha beirmeirean ag obair le bhi ag atharrachadh an astair aig a bheil iom-oibreachadh adol. Chan eil comas aig beirmeir toirt air sam bith tachairt nach robh air tachairt air a shocair ás aonais; is e sin ri ràdh, gach co-phàirteach a tha ann am fàs-bheairt bheò, faodaidh e thighinn am bith gu saor-thoileach ma tha tìde gu leòr ann. Ged a bha moileciuilean fàs-bheairteach leithid na slabhraidhean poilipheptideach, gualuisgean agus geirean air an


[77]

dèanamh air an fhior-sheann Talaimh, agus iad an uair sin adolnam brot, — na ciad mharannanbha na moileciuilean ceudna sin abriseadh sìos gu saor-thoileach. Mus tig tòrr de cho-phàirtichean fàs-bheairteach gu chéile, feumaidh na cumhachdan a tha ag iarraidh gu co-chur a bhi nas motha nan fheadhainn a tha ag iarraidh gu briseadh sìos. Ach bha cumhachd gu leòr ann aig an àm sin, eadar teas, sgaoileadh dealain, agus réididheachadh de chaochladh sheòrsachan, gus co-chur a dhèanamh gun sgur de stuthan beaga fàs-bheairteach. Aon uairs gu robh moileciuilean móra air an dèanamh, bha iad gu math na bu dorra an cur ás a chéile na moileciuilean na bu lugha. Thainig na moileciuilean móra sin, leithid na slabhraidhean poilipheptideach, gu chéile mar mheallan de chaochladh seòrsa, mar a tha prótainean, agus bha iad sin na bu dorra buileach am briseadh sìos. Dhfhàs na meallan moileciuileach sin lìonmhor ann am prìomh mharannan na Talmhainn.

Ann an 1938, chuir A.I. Oparin air adhart an teoiric aige mu cho-thiùrradh, anns a bheil e ag ràdh gun tainig stuthan de ghnè nam prótainean gu chéile anns amhuir, a dheanamh mheallan. Tha co-thiùrradh aciallachadh gu bheil lionn leaghte adol bho chéile gu saor-thoileach, ann an earrainn; anns achiad earrainn tha boinneagan miocroscopach afàs anns a bheil móran de mhacro-mhoileciuilean mar a tha prótainean; anns an dara earrainn tha lionn ann, gun móran de mhoileciuilean móra ann. Tha lionn leaghte anns a bheil barrachd air aon seòrsa macro-mhoileciuil adeanamh bhoinneagan (co-thiùrran) a tha fada fada nas iomadh-fhillte. Gabhaidh bloigheagan den t-seòrsa seo an dèanamh le deuchainn-ealdhain ann an obair-lann, agussann a-mhàin ann am boinneagan mar seo a tha iom-oibreachadh ceimiceach atachairt; mar eisimpleir, dhfhaodadh gur h-e thann am prótainean co-chur o shearbhagan amino, adeanamh feum den chumhachd a leigeadh ma sgaoil le briseadh sìos nan gualuisgean.

Cha bhi geirean aleaghadh ann an uisge, ach aseòladh air uachdar. Mar sin, faodaidh gun do chruinnich fillidhean singilte de shearbhagan geireach air fillidhean uachdrach na mara. Cha bhitheadh e ro dhuilich do dhfhilleadh de shearbhaig gheirich meamran a dhèanamh timcheall air cruinne prótain, anns an uisge, mar thoradh air gluasad nan tonn (faic an Dealbh 2). Dhéireadh ás a seo meallan de mhoileciuilean móra a bha gan dìon, ’s gan cumail còmhla, air taobh-a- stigh seann mheamran. Bithidh cruinne den t-seòrsa seo abòcadh ann an lionn leaghte tana, mar a tha uisge adol air fheadh, agus aseacadh ann a lionn leaghte nas tighe, mar a tha uisge asìoladh air falbh bhuaithe, dìreach mar a tha atachairt ann an ceallan nam fàs-bheairt an diugh fhéin. Mar sin, ghabhadh e bhith gun deigheadh moileciuilean móranam meallan, le cumadh àraidh orra, le pàirt de ghnè ceallan an an diugh aca, fo na cùmhnantan a bha ariaghladh ann am muirean na seann Talmhainn. Dhfhaodadh cruinnean mar sin a bhi air moileciuilean na bu lugha


[78]

DEALBH 2. (a) Dealbh air achruth anns an teid meallan de phrótain a tha cuairtichte le meamran, nuair a bhuaileas tonn air creig. Tha am meamran air a dhèanamh de stuth geireach. (b) Diagram den chruth a bhios air meallan de phrótain cuairtichte le meamran, a-muigh anns an fhairge.

Spotan dubha anns an uisge = meallan prótain

Srianag bhriste = film uachdrach de stuth geireach.

fhaighinn airson co-chur, no gus cumhachd fhaotainn bhuapa, ás na muirean anns a robh iad aseòladh.

Ach cha bhiodh e ceart dhuinn a ràdh gu bheil na cruinnean sin beò, oir chan eil smachd aca air na h-iom-oibrichidhean ceimiceach a tha atachairtnam broinn, agus chan eil iad ariaghladh comharraidhean nammac-cruinnea tha atighinn am bith bho bhi gan sgoltadh ann an phàirt no barrachd. Mus burrainn do mheall seo a dhèanamh, dhfheumadh moileciuil a bhi ann, le fiosrachadhna structair moileciuileach a leigeadh leis chan e mhàin òrdugh a thoirt seachad gu meall den cheart ghnè ris fhéin a dhèanamh, ach cuideachd smachd a chumail air gach iom-oibreachadh ceimiceach a bha atachairt anns amheall. Tha an obair seo ga dèanamh le na searbhagan niùclasach ann an ceallan an an diugh. Mar sin, dhfheumadh na meallan sin searbhag niùclasach a bhi aca mun tugamaid idir idir an t-ainm dhaibh a bhi beò.

titleCo-chur ceimiceach na Beatha
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text6. Mean-fhàs: Bun-stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page