Na h-Algae eile agus na Fungi
Dh’fhàs Algae iomacheallach os cionn 600 millean bliadhna air ais, agus bhiodh e coltach gun tainig co-dhiù pàirt de na seòrsachan Algae am bith gun a bhith an eiseamail a chéile. (Gabhaidh Algae roinn ann an grunn chòmhlanan a réir dé seòrsa clorofail a th’annta, na seòrsachan bidhe tha iad a’ caomhnadh 7c.) Bha e comasach do Algae aig a robh móran cheallan ionadan-fuirich ùra àiteachadh, far nach robh e comasach ach gann do chruthan aonacheallach àiteachadh. Mar eisimpleir, le speisealachadh cheallan àraidh gu greim-làidir a dhèanamh, a leigeadh le Algae iomacheallach greimeachadh ri creagan anns an tràigh, bha e comasach do na h-Algae sin a bhith ag àiteachadh anns an t-sàl ao-domhainn faisg air tìr. Luibh sam bith nach robh ceangailte ris a’ ghrunnd anns a’ phàirt seo de’n mhuir, bhiodh i air a tilgeil air a’ chladach, le sluaisreadh nan tonn, agus bhàsaicheadh i le tiormachd.
Ma sgrùdas sinn aig muir-tràigh am pìos sin de chladach creagach a tha eadar muir-tràigh agus muir-làn, tha e soilleir gu bheil diofar sheòrsachan Algae a’ fàs ann an ionadan fa-leth a’ chladaich sin. Gheibh sinn Algae ghorma leithid na glasaig agus lianach (Enteromorpha), feamainn coltach ri feur, air àrd na tragha, agus Algae dhonna nas fhaide shìos, agus Algae dhearga faisg air bun na tràghad (Dealbh 2).
Tha sgeul againn air mu 1,500 de sheòrsachan eadar-dhealaichte de Algae dhonna, agus ’s iad sin mór-chuid na feamad a tha ri lorg air na cladaichean againn. Tha seòrsachan ann a tha glé mhór; fàsaidh Macrocystis, mar eisimpleir, cho fada ri 175–200 meatair (chan eil e seo a’ fàs ann am muir na h-Albann). A-measg nan Algae donna cumanta a tha a’ fàs timcheall air còrsa na h-Albann tha feamainn-bhalgainn, le balgan air an thallus aice gu a cumail dìreach anns a’ mhuir nuair a tha muir-làn ann; feamainn-dubh; feamainn bhuilgeanach, le builgeanan làn aer; agus na ceilpichean móra. Tha iad sin uile air an cur gu feum gus an talamh a mhathachadh air còrsachan a sear ’s a siar na h-Albann. Tha seòrsa eile de Alga donn, an Sargassum, glé aithnichte do’n mharaiche. Tha an fheamainn dhonn seo a’ deanamh an àirde a’ mhór chuid de’n chnap luibhean a tha a’ còmhdach nam
DEALBH 2. Dà Alga dhonn a chithear gu bitheanta air a’ chladach nuair tha ’n tràghadh ann. (a) Fucus; (b) Laminaria.
mìltean de chilemeatair-ceàrnach ann am Muir Sargasso, agus faodaidh seo a bhith cho dùmhail ann an àiteachan ’s gu robh i a’ bacadh nan soithichean-seòlaidh. Thathas de’n bheachd gun tainig na h-Algae dhonna am bith bho na h-aon cheallan flaigeallach fìor-chnòthach bho’n tainig na fungi agus móran de na h-Algae a tha mar phytoplancton (no luibhean-luaisgein) anns a’ chuan faisg air an uachdar (Pyrrophyta agus Chrysophyta). ’Sann bho chuid de’n Phyrrophyta a tha an soillseadh sin anns a’ mhuir a’ tighinn a chithear air an oidhche nuair a tha long a’ dol seachad orra. Anns na Chrysophyta tha dà-dhaduman agus silica ann am ballachan nan ceallan aca. Tha na fàs-bheairtean sin a’ sìoladh gu aigeal na mara nuair a bhàsaicheas iad, agus troimh na milleanan bliadhna tha ùir dà-dhadumach a’ cruinneachadh: stuth a tha air a chleachdadh an diugh mar sgrìobach bog ann an lìomh agus ann an uachdar-fhiaclan.
Tha aon bhuidheann Algach eile, na h-Euglenophyta, a dh’éirich, a réir coltais, bho’n aon seòrsa de chealla shingilte, ghorm, fhìor-chnòthach bho’n tainig na h-Algae ghorma air an dara làimh, agus na h-Algae dhonna, Chrysophyta agus Pyrrophyta, air an làimh eile. Tha na h-Euglenophyta mar as trice ann am fìor-uisge agus tha iad, ach glé bheag dhiubh, aonacheallach. ’Se fàs-bheairtean air leth clis-ghnìomhach a th’annta, agus ma chailleas iad an clorofail, gheibh iad biadh le bhi ga shùghadh a-steach bho rud sam bith a tha mun cuairt orra.
’Se a’ bhuidheann mu dheireadh de na h-Algae na h-Algae dhearga.
Tha eòlas againn air mu 3,500 seòrsa dhiubh, agus a’ mhór-mhór-chuid dhiubh beò ann an sàl. Tha saoghal glé eadar-fhillte aig na h-Algae seo, agus tha iad diofaraichte bho Algae eile ann an grunn dhòighean: ’nam measg sin bheir sinn an aire nach eil ceallan flaigeallach aca aig ìre sam bith de am beatha. Tha na h-Algae sin, agus cairgein agus slabhcean (Porphyra) ’nam measg, coltach ’nan dèanamh bith-chemiceach ris na h-Algae ghorm-uaine roimh-chnòthach, agus thathas de’n bheachd gun tainig na h-Algae dhearga am bith gun bhi an eiseamail nan Algae eile (Dealbh 3.)
Thathas de’n bheachd gun tainig na Fungi o na h-Algae, ged nach eil
DEALBH 3. Mean-fhàs nan seòrsachan Algae, eugsamhail bho (a) flaigeallaiche roimh-chnòthach; agus (b) flaigeallaiche fhìor-chnòthach; (c) cairgein, Alga dhearg; (d) Euglena, flaigealaiche nuadh; (e) dino-flaigeallaiche; (f) Alga ghorm (Chlamydomonas); (g) na còinnich agus na seòrsachan mar lus-an-àirneig (dealbh de seo); (h) dà-dhadum.
móran còrdaidh a thaobh dé an còmhlan Algae ás an tainig gach còmhlan Fungi fa-leth. Bhathas uair de’n bheachd gun tainig na fungi Phycomycetae (leithid nan cloimhean-liath a gheibhear air aran 7c) bho na h-Algae ghorma fhileamaideach, agus gun tainig na fungi phocach (Ascomycetae) bho na h-Algae dhearga. Thathas an dùil gun tainig na Basidiomycetae (leithid balgan-buachair agus caochag) bho na fungi phocach. Ach tha fianuis ann a thog ceann o chionn ghoirid, a bheireadh oirnn smaoineachadh gun tainig na fungi bho na Pyrrophyta agus na h-Euglenophyta, no eadhon na Chrysophyta. Chan urra dhuinn dad a ràdh le cinnt mu’n chùis ach gun tainig na fungi bho na h-Algae — ’s gun fhios againn fhathast có an comhlan Algae o’n shìolaich còmhlan àraidh de fungi.
Tha na fungi anabarrach cudthromach a thaobh gnothaichean eaconomaic. Tha pàirt dhiubh tha deanamh call air bàrr, mar a tha Phytophthora infestans, am fungus a tha a’ toirt gaiseadh anns a’ bhuntàta. B’e an galar seo a thug a’ ghort air Eirinn ’s air Gaidhealtachd na h-Alba anns an naoidheamh linn deug. A-measg ghalairean fungach eile a tha a’ tighinn air luibhean tha meirg air bàrr a’ ghràin agus galar an leamhain Dhùidsich. Tha fungi ann a tha togail galair ann an daoine, mar an fheadhainn bho bheil bualagan-timcheall, craos-ghalar agus galairean sgamhain eile a’ tighinn. Ach tha móran fungi ann a tha feumail dhuinn; bidh sinn a’ cleachdadh fungi gu aran agus leann a dheanamh (beirm); gu càiseachan àraidh abachadh; gu drugaichean leithid penisilion a dheanamh; agus bidh sinn cuideachd ag ithe fungi, leithid seòrsachan de bhalgan-buachair.
title | Na h-Algae agus na Fungi |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 7. Mean-fhàs Luibhean |