[109]

8 MEAN-FHAS AINMHIDHEAN

Ainmhidhean Aoncheallach

Dhfhàs ainmhidhean mean air mhean, mar a dhfhàs luibhean, bho sheann fhàs-bheairtean flaigeallach, aoncheallach, a bha beò anns achuan os cionn 1,000 millean bliadhna air ais. Chan eil móran teagaimh ann nach tainig luibhean am bith mus tainig ainmhidhean. Tha luibhean comasach air am biadh gu léir a cho-chur le bhi deanamh feum de neart na gréine, agus chan eil e ann an comas ainmhidhean seo a dhèanamh. Tha mar sin na h-ainmhidhean an urra ri luibhean airson bìdh, agus nan robh cealla ainmhidh air tighinn gu ìre mus tainig luibhean am bith, bha i air bàsachadh leis aghoirt.

Tha gu leòr de ainmhidhean aoncheallach air an t-saoghal an diugh, agus faodar an roinn ann an ceithir buidheannan eadar-dhealaichte: flaigeallaichean an -an-diugh, na Sarcodina, na Sporoso-aich agus na cilichean. A thaobh mean-fhàs, chan eil na Sporoso-aich gu móran ùidh dhuinn, oir bhiodh e coltach nach eil annta ach seòrsachan -dhùthchasach de na flaigeallaichean agus de na Sarcodina. ’Se an rud as motha tha gan toirt gu ar n-aire gum buin na fàs-bheairtean bho bheil fiabhras-malaria atighinn (Plasmodium) don bhuidhinn seo. Bhiodh e coltach gun tainig na cilichean am bith gun a bhi an eisimeil nan seann fhlaigeallaichean, agus coltach ris na h-Algae dhearga tha iad adeanamh buidheann mean-fhàsach air leth bho chàch. Buinidh Paramecium don bhuidhinn seo. Tha a chorp rudeigin coltach ri sliopair, agus tha e air a chòmhdach le os cionn 2,000 cile bhìodach, ’s iad gu léir acrathadh còmhla, agus anns an dòigh seo agluasad na fàs-bheairt seo, a tha aoncheallach ach aig an aon àm iomadh-fhillte a thaobh structair, troimhn uisge. Tha na Sarcodina — ’se Amoeba an aon dhiubh seo air an eòlaiche sinnglé shìmplidh a thaobh structair, is iad coltachnan cruth ri ceallan-fala geala. Chan eil flaigeallan no cilean aca, agusse an dòigh gluasaid a thaca protoplasma an corp a shìneadh rompa agussruthadhinnte mar gum beadh. Tha cuid de na fàs-bheairtean sin a tha adeanamh sligean dhaibh fhéin a tha glé àluinn agus anabarrach meanbh. Tha na sligean sin atuiteam gu aigeal na mara nuair a bhàsaicheas an fhàs-bheairt, agus ás a seo thainig an t-uabhas de làthach, de sheòrsachan eadar-dhealaichte, air aigeal na mara. Tha na seòrsachan làthaich sin air an dinneadh ri chéile, ri tìde, agus le atharraichean ann an rùsg na talmhainn, tha cuid dhiubh a nis


[110]

nan talamh-tioram. Tha creagan geala Dover air an dèanamh bho shligean cailceach a bhuineadh do fhàs-bheairtean den t-seòrsa sin.

Se na flaigeallaichean as motha tha tarraing ar n-ùidhe de na h-ainmhidhean aoncheallach, a chionns gur h-ann bho bhuill den bhuidhinn seo (buill a chaidh á bith bho chionn fhada) a dhfhàs ainmhidhean iomacheallach. Tha cuid de na flaigeallaichean gorm agus coltach ri luibhean, agus tha feadhainn eile ann a tha aglamadh bhloigheagan bìdh anns an dòigh a tha àbhaisteach do cheallan ainmhidheach. Gu dearbha, tha iomadh dòigh aig buill na buidhinn seo air biadh a ghabhailtha cuid ann a tha afaighinn am bìdh araon troimh foto-cho-chur agus troimh cheallan eile ithe; faodaidh cuid dhiubh na stuthan-datha foto-cho-churte aca a chall agus a bhi beò an uair sin mar cheallan ainmhidheach; agus tha feadhainn eile dhiubh a thanam faoighichean, agus mar eisimpleir air an t-seòrsa sin tha Trypanosomas, an fhàs-bheairt a tha ag aobharachadh tinneas-cadalach den t-seòrsa Afracanach. Thatar den bheachd gur h-ann bho na flaigeallaichean a thainig na Sarcodina, oir tha seòrsachan flaigeallaiche ann a tha acall am flaigeall aig àm àraidh de am beatha, agus tha iad an uair sin acoimhead, agus agluasad, coltach ri ceallan amoebeach.

titleAinmhidhean aoncheallach
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text8. Mean-fhàs ainmhidhean
<< please select a word
<< please select a page