Na Spongan — frith-rathad an eachdraidh mean-fhàis
’Se th’ann an spongan ainmhidhean iomacheallach a thainig am bith o chionn còrr is 600 millean bliadhna. An seòrsa as sìmplidhe dhiubh, chan eil annta ach fàs-bheairtean falamh air chumadh vàsa, a tha ceangailte ri creagan no ri rudan eile air aigeal na mara (Dealbh 1). Tha grunn de sheòrsachan eadar-dhealaichte de chealla ’nam measg: bidh cuid dhiubh còmhnard mar thruinnsearan, air taobh a-muigh an spuing, agus tha cuid eile ag àrach ’nam broinn creatlach a tha air a dheanamh an dara cuid de shnàthadan cailceach no de stuth snàithleanach. ( ’Se an seòrsa mu dheireadh seo a bhios sinn a’ cleachdadh mar spongan ionnlaid). ’Se na ceallan as motha tha tarraing ar n-ùidh anns na spongan na ceallan flaigeallach a tha a’ lìnigeadh an tuill anns a’ mheadhon. ’Se an t-ainm a th’againn orra flaigeallaichean-coileir, agus tha iad coltach ris na flaigeallaichean-coileir aoncheallach, a tha beò leotha fhéin agus gan ceangal fhéin ri rudan fo’n a’ mhuir; faodaidh iad a bhi beò mar chealla air leth no ann am buidheann. Mar sin is dòcha gun do dh’fhàs na spongan bho fhlaigeallaichean-coileir a bha aon-cheallach agus a bha beò leotha fhéin. Gabh beachd air a’ chomas a tha aig spong a bhi air a thoirt ás a chéile, a’ deanamh ceallachan air leth dheth: gabhaidh seo a dhèanamh le bhi ga chur troimh chriathar. Chan fhuirich na ceallan air leth. Thig iad gu chéile le an saor thoil fhéin, agus nì iad spong slàn a rithist. Chan eil móran ainmhidhean ann as urrainn seo a dheanamh.
DEALBH 1. (a) Spong. (b) Flaigeallaiche-coileir bho’n do dh’fhàs spongan is dòcha.
title | Na Spongan |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 8. Mean-fhàs ainmhidhean |