[113]

Daolagan, na h-Arthropodan agus Maorach

Se na daolagan/baoiteagan an fheadhainn as neo-adhartaiche den bhuidhinn seo, agussann bhuapasan a dhfhàs, mean air mhean, na h-Arthropodan (na meanbh-fhrìdean agus na creutairean tha càirdeach dhaibh) agus am Maorach (eadar maorach cladaich is creutairean a tha càirdeach dhaibh). Tha grunn sheòrsachan dhaolag ann, agusse an daolag rèidh an seòrsa as sìmplidhe. Anns abhuidhinn seo cuideachd tha na planaraich saor-bhitheach: fàs-bheairtean beaga dubha a chithear air duilleagan luibhean tha fàs ann an lòin, agus mar an ceudna na cnuimhean dìosganach, leithid pluc ann an caoraich, agus achnuimh-ribeineach. Tha na seòrsachan dìosganach gu tric glé thruaillte:


[114]

chan eil rian-cnàmhaidh fhéin aig na cnuimhean-ribeineach, agus bidh iad atoirt am beathachadh dìreach bho chaolan an ainmhidh air a bheil iad atighinn beò.

Tha aig na planaraich rud ris am faod sinn ceann a ràdh, aig an dara ceann dem bodhaig chòmhnard, agus, ao-coltach ris na Coelenteratan, tha trì fillidhean de cheallan annta: eactodairm air an taobh a-muigh, eandodairm air an taobh a-stigh, agus eatorra sin measodairm nach eil ro dhùmhail. Tha na trì fillidhean sin anns na h-ainmhidhean adhartach gu léir, agus gach filleadh dhiubh sin atoirt am bith buill-bodhaig eadar-dhealaichte anns abhodhaig. ’Se riantan neo-adhartach a thaig na daolagan rèidhe a thaobh nearbhaichean agus a thaobh cac, agus chan eil rian cuairteachaidh aca idir. Coltach ris na Coelenteratan, chan eil annta ach an aon dorus a-steach don rian-cnàmhaidh.

Tha gu leòr fosailean ann, den mhór-chuid de sheòrsachan ainmhidh, anns na creagan tha suas ri 600 millean bliadhna a dhaois. As bith an t-aobhar, chan eil ach glé bheag anns na creagan a tha nas sine na sin. Bha seòrsachan neo-adhartach ann den mhór-chuid de dhainmhidhean 600 millean bliadhna air ais, ach chan eil lorg againn na seòrsachan a bha atighinn eadar buidheann nan Coelenterat agus buidheann nan daolagan rèidhe. Co-dhiù, a-measg ainmhidhean nas adhartaiche a tha fhathast beò, ’se na daolagan rèidhe saor-bhitheach as fhaisge, a thaobh deilbh bodhaig, air na Coelenteratan.

Se buidheann eile de na daolagan an fheadhainn aig a bheil bodhaig chruinn. Tha iad seo nas adhartaiche na na daolagan rèidhe a thaobh fhosgladh a bhi aig an rian-cnàmhaidh acabeul agus toll-tòineach ann am móran dhòighean eile tha iad nas neo-adhartaiche. Bhiodh e coltach gun tainig na daolagan cruinne seo tràth bhon mheanglan mean-fhàis sin bho na dhfhàs na daolagan sgarte, agus an déidh sin na h-Arthropodan agus am Maorach. A-measg nan daolagan cruinne tha an eelworm a bhios adol an sàs ann am freumhaichean iomadh seòrsa bàrr is glasraich, agus cuideachd iomadach dìosganach a tha atighinn beò air daoines air ainmhidhean.

Tha na daolagan sgarte (Annelidean) air an fheadhainn as adhartaiche a thann, agus tha sinn glé eòlach orra, eadar an daolag chumanta an sumaire, agus abhaoiteag (Nereis). Lorgar baoiteagan air na cladaichean, agus tha feadhainn dhiubh suas ri 30 ciadameatair am fad. Thathas adeanamh feum dhiubh mar mhaghar. Tha aig na fàs-bheairtean sin cha mhór gach seòrsa ball-bodhaig a gheibh sinn anns na h-ainmhidhean nas adhartaiche, eadhon gu ruig seòrsa de dheanchainn. Achse an rud as motha tha tarraing ar n-aire gu bheil na bodhaigean aca sgarte no roinnte, agus taobh a-muigh roinn achinn cha mhór nach eil gach roinn co-ionnan, a-muigh agus a-stigh.

Chan eil na daolagan sin coltach ri Arthropodan, agus bhiodh e duilich dearbhadh gu bheil an bhuidhinn an càirdeas mura be gu bheil seòrsa ann a tha atighinn anns amheadhon. Tha an ceangal air a


[115]

dheanamh soilleir eadar an Arthropod agus an Annelid le creutair beag coltach ri cruimh-chàil, air a bheil Peripatus; bidh e tighinn beò fo chabair fiodha ann an roinnean taise sna tropaicean. Tha e roinnte mar dhaolaig, agus ged nach eil aige na casan uilte no cnàmharlach nan Arthropodan air uachdar, tha an taobh a-stigh coltach ris an bhuidhinn. Thathas an dùil gun tainig na h-Arthropodan bho dhaolagan fairge, agus gu robh creutairean coltach ris aPheripatus eatorra (Dealbh 4). Bha agus tha na h-Arthropodannan ainmhidhean anabarrach buadhach. Tha barrachd ann de na meanbh-fhrìdean na thann de na h-ainmhidhean eile air fad, agus tha barrachd sheòrsachan ann. (Faodaidh gu bheil suas ri mhillean seòrsa eadar-dhealaichte de mheanbh-fhrìde beò an diugh). Tha na h-Arthropodannam buidheann glé dhiofaraichte, agus tha fàs-bheairtean leithid aghiomaich, acharrain, an damhain-allaidh, agus fiollan-nan-ceud-cas rin àireamh còmhla riutha, a thuilleadh air na meanbh-fhrìdean.

Se na comharraidhean as faicsinnich a thaig abhuidhinn seo cnàmharlach cruaidh air an taobh a-muigh, roinneadh air abhodhaig, móran de chasan agus de rudan mar sin an ceangal riutha, agus ceann a tha adhartach. Ann an iomadach seòrsa, tha abhodhaig agabhail a-steach ceann, cliabh, agus balg, ged nach ann mar sin buileach a tha cùisean an còmhnaidh: mar eisimpleir, tha an ceanns an cliabhnan aon structair anns aghiomach. Saoilidh duine an toiseach gu bheil balg fada aghiomaich a dhìth air achrùbaig, achsann a tha e am falach fon bhodhaig. Buinidh an cathan don aon roinn de na h-Arthropodan ris na crùbagan agus na giomaich, ach tha iad afuireach ceangailte ris achreig eadhon nuair tha iadnan inbhich. Nuair a tha an cathan maoth tha e asnàmh gu saor, ach an ceann ùine tha e ga cheangal fhéin, leis acheann, ris achreig, agus adeanamh lannan cruaidhe geala timcheall air fhéin.

Bidh crùbagan agus na creutairean tha càirdeach dhaibh agabhail tàmh ann an uisge, ach tha amhór-chuid eile de na h-Arthropodan beò air talamh-tioram; ’se na h-ainmhidhean as sine tha beò air talamh-tioram na sgairpean. Bha duilgheadasan ann do na h-ainmhidhean, mar a bhann do na lusan, nuair a rinn iad imrich bhon uisge gu ruig talamh-tioram. Bha aig na ciad ainmhidhean air tìr ri deanamh cinnteach nach dèabhadh iad; béiginn dhaibh rian a lorg air an àile a shùghadh a-steach, agus dhfheumadh iad dòighean gluasaid fhoghlum. Ach bha na sgairpean an déidh amhór-chuid de na duilgheadasan sin a réiteachadh: chùm na cnàmharlaich chruaidhe am bodhaigean bho sheacadh, agus bha casan aca gu coiseachd air aigeal na mara. Tha móran de Arthropodan anns amhuir, càirdeach ris na sgairpean, atarraing anail tre ghéillean. Nuair a thainig na creutairean sin air tìr bha na géillean aca air an dìon a cheana le bhi air taobh a-stigh nan roinnean toisich anns abhodhaig. Tha iad air an cumail tais mar seo, agus aleigeil leis an ainmhidh ocsaidean a tharraing bhon àile. Anns an aon


[116]

DEALBH 4. Diagram asealltainn achàirdeis (a thaobh mean-fhàs) eadar cuid de ainmhidhean. (a) Flaigeallaiche; (b) Spong; (c) daolag-rèidh (Planaria); (d) daolag-chruinn; e. daolag sgarte; f. Peripatus, a tha mar cheangal eadar na h-Arthropodan agus na daolagan sgarte; (g) prìomh-sheòrsa meanbh-fhrìde; (h) giomach (tha g agus hnan eisimpleirean de Arthropodan); (i) Neopilina, ceangal eadar am maorach agus na daolagan sgarte; (j) seilcheag; (k) octopus (tha j agus knam maorach). Tha na saighdean asealltainn an taobh a tha mean-fhàs adol.


[117]

bhuidhinn de Arthropodan ris na sgairpean, tha an damhan-allaidh, an fhìneag, an cartan agus am breabadair. Tha ceithir paidhrichean chas aca sin uile, gu coiseachd, taca ris na meanbh-fhrìdean aig a bheil trì paidhrichean.

Be an dara buidheann de Arthropodan a dhàitich an tìr na fiolanan ceudchasach a bha ag ithe feòla, agus na fiolanan mìle-chasach a bha càirdeach dhaibh ach a bha beò air lusan. Tha na creutairean sin neo-adhartachnan cruth ged a tha iad air an atharrachadh gus tighinn beò air talamh-tioram. Chan eil géillean no sgamhanan aca, ach coltach ris na meanbh-fhrìdean tha iad atarraing an anail troimh phìobagan air a bheil an t-ainm trachea( .i. sgonnan). Tha na pìobagan no na sgonnain sin aruighinn cha mhór gach ceallanan corp, agus tha iad fosgailte ris an àile aig iomadh àite air feadh am bodhaigean. Bhiodh e coltach gun do dhfhàs na meanbh-fhrìdean a-mach á cruthan ceud-chasach a bhann rompa.

Tha e mar chomharradh air amheanbh-fhrìde gu bheil trì paidhrichean chas aice gu coiseachd agus phaidhir sgiath, ged a dhfhaodas na sgiathan a bhi seacte no a dhìth buileach. Tha aig na meanbh-fhrìdean as neo-adhartaiche, leithid an tairbh-nathraich, sgiathan a tha afuireach sgaoilte nuair nach eil iad gan cur am feum. Tha na meanbh-fhrìdean sin abreith nan uighean ann an uisge, agussann an uisge tha an larbha atighinn beò, ’s mar sin tha iad ann an tomhas an eisimeil uisge. Anns na meanbh-fhrìdean as adhartaiche tha am paidhir toisich de na sgiathan air an atharrachadh gu cruth leatharach gus dìon a chumail air na sgiathan deiridh. Tha iad abreith nan uighean air tìr, agus tha an sìol coltach ris an inbheach ach gu bheil e nas lugha agus gu bheil sgiathan a dhìth air. Mar sin chan eil na seòrsachan sin, agus am fionnan-feòir agus am fiolan-donnnam measg, an eisimeil uisge.

Air àireamh nam meanbh-fhrìdean as adhartaiche tha an dealan-, an leòmann, an deargad, an còrr-mhial agus am fairche. Chan eil na meanbh-fhridean gam breith ás an ugh ann an coltas inbheach bheaga, ach tha iad adol troimh ìreachan larbhach, mar a tha achruimh-chàil mus teid ina dealan- agus achruimh-chuileag mus teid ina cuileig. Tha eadhon feadhainn den bhuidhinn seo a tha agabhail cùram den àl òg aca, mar a tha móran de na seilleanans na speachan, agus na seanganan gu léir. Tha seòrsa eile de mheanbh-fhrìdean a tha asùghadhs abìdeadh, leithid nan cuileagan-glasas nam mial, agus tha iad sinnam plàighean do luibhean agus do dhainmhidhean.

Chan e a-mhàin na h-Arthropodan a thainig bho na daolagan sgarte, ach am maorach cuideachd. Tha na daolagan Annelid roinnte no sgarte, mar nach eil am maorach. Ach fhuaireadh lorg air maorach a tha agabhail tàmh ann an uisge domhainn a-mach bho oirthir a siar Ameireaga-a- deas. ’Se as ainm dha Neopilina, agus tha e sgarte gu ìre. Tha an fhàs-bheairt seo coltach ri bàirneach, oir tha slige oirre coltach an cruth ri cón, achna broinn tha i roinnte mar a tha na daolagan


[118]

Annelid. Agus chan e seo an aon cheangal eadar na daolagan sin agus am maorach, oir tha iad cha mhór co-ionnan aig ìre an larbha chilichte.

Tha am maorachnam buidhinn eadar-mheasgte de ainmhidhean, agus chan eil iad glé bhuadhach. ’Se an comharradh as faicsinniche a thorra gu bheil slige aca. Faodaidh seo a bhina aon structair, mar ann a seilcheagan, agus ann a faochagan, nonan càraid shligean mar ann a feusganan, an slige-chreachainneans an clabachan-dubha. Tha cuid de mhaorach a tha air call an slige, mar a tha lugas aghàrraidh, lugas na mara a gheibhear air cladaichean creagach, agus an t-octopus. Tha na sguidean eadar-dha-lionn anns an dòigh seo, oir tha bloigh slige acasan, am falach.

titleDaolagan, na h-Arthropodan agus Maorach
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text8. Mean-fhàs ainmhidhean
<< please select a word
<< please select a page