[121]

Na h-Iasgan

Thàinig achiad iasg le giallam placodairm (iasg le craiceann lannach) — am bith mu 400 millean bliadhna air ais. Bha iad còmhdaichte le lannan cnàmhach gu dìon a chumail orra, agus bha sgòdanan an ceangal riutha am paidhrichean. Bhiodh e coltach gun do dhéirich na sgòdanan sin bho fhillidhean craicinn a bha air an cur am feum an toiseach gus an t-iasg a stiùireadh ann an uisge. Dhfhàs cuid de na sgòdanan sin ann an cruth itean éisg, agussann bho t-seòrsa seo de phlacodairm a dhéirich an t-iasg air a bheil sinn eòlach; aig feadhainn


[122]

eile bha sgòdanan fada feòlach a ghabhadh gluasad far a robh am ball an ceangal ris abhòdhaig, agussann bho sheòrsachan mar sin a dhéirich na Còrdaichtean tìre.

Tha paidhrichean itean aig amhór-chuid de iasgan, gach aon diubh air an cumail an àirde le gathan adharcach. Gabhaidh bhuidhinn a dhèanamh air iasg den t-seòrsa seo: an t-iasg brisgeanach agus an t-iasg cnàmhach. Tha achiad sheòrsa air tuiteam bhuaithe mar gum beadh an taca ris an dara seòrsa. Ann an creatlach an éisg bhrisgeanaich, a tha agabhail a-steach na cearbain, na sgaitean agus na rocan, chan eil cnàmh idir, dad ach brisgean. Tha na fosailean atoirt fianuis gu bheil an cnàmh adol ás uidh air n-uidh mean-fhàs nan cruthan sin. Thàinig iasg coltach ri cearbain am bith mu 350 millean bliadhna air ais, agus thàinig bhuapasan chan e mhàin cearbain an latha an diugh ach cuideachd na rocan leacach. Bidh sgait agus rocan ag ithe maorach, crùbagans a leithid sin, agus tha e air a ràdh gun ith na cearbain( ’s tha abhiorach den aon seòrsa) ainmhidhean eile agus daoinenam measg. Tha cuid de chearbain a bhios ag ithe iasg mar àbhaist, ach tha feadhainn eile leithid achearbain mhóir agus achearbain bhig (Cetorhinus maximus) nach ith dad ach plancton. ’Se aon de na comharraidhean as faicsinnich air na cearbain a bhios ri ithe an éisg gu bheil sreathan fhiaclan biorach aca. Tha lannan coltach ri fiaclan air am bodhaigean cuideachd, agussann bho lannan den t-seòrsa seo, air iomallan nan seann ghiallan, a thàinig fiaclan bho thùs. Tha na fiaclan sin air fàsnan lannan leacach anns na rocan, agus tha iad air an cur gu feum gus maorach a phronnadh.

Sann cnàmhach, gath-iteach a tha amhór-chuid de na h-iasgan air a bheil daoine eòlachan sgadan, am bradan, an easgann, an leóbag, an trosgs mar sin air adhart. Tha mu 30,000 seòrsa eadar-dhealaichte ann de iasg a tha cnàmhach gath-iteach beò an diugh, agus coltach ris na cearbains an leithid bhiodh e coltach gun tàinig iad bho phlacodairmean neo-adhartach a bha beò ann am fìor-uisge.

Sann bho na placodairmean aig a robh paidhrichean de sgòdanan feòlach a dhfhàs an t-iasg feòil-iteach, agus aig acheann thall mac-an-duine e fhéin. Chan eil ach corra fhear maireann an diugh den t-seòrsa éisg seo: na h-iasgan-sgamhain tha beò anns na tropaicean agus an t-iasg Latimeria (seòrsa de Choelacanth) tha beo, ach glé thearc, anns aMhuir Innseanaich. Tha an t-iasg-sgamhain atighinn beò ann am fìor-uisg a tha buailteach tiormachadh no dolna mharbh-uisg, agus a chionns gun urrainn dhaibh anail a tharraing troimh sgamhan, faodaidh iad a bhi beò far am bàsaicheadh iasg gun sgamhan. Tha creatlach cnàmhach anns na buill aig aChoelacanth a tha coltach a thaobh pàtarain ris na buill againne. Faodaidh sinn smaoineachadh air iasg den t-seòrsa sin a’ “coiseachdgu slaodach bho lòn gu lòn, nuair a bha droch thuradh ann, atarraing àile troimh an sgamhanan mar a bha iad agluasad. Thatar an dùil gu robh amannan turaidh cumanta air an talamh o chionn 350 no


[123]

400 millean bliadhna, agus bann aig an àm sin a dhfhàs na muir-thìrich.

titleNa h-Iasgan
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent textNa h-Echinodairmean agus na Còrdaichtean
<< please select a word
<< please select a page