Na h-Eòin
Thàinig eòin am bith bho phéisdean beaga neo-adhartach a bha beò ann an craobhan, creutairean de’n t-seòrsa bho’n tàinig na dìneosoran agus na crogaill cuideachd, agus is dòcha gun do thòisich sgiathalaich air los nan creutairean sin a bhi a’ siubhal bho chraoibh gu craoibh. Tha e coltach gur h-ann bho lannan nam péisd a thàinig itean. ’Sann ainneamh a lorgar fosailean eun, oir tha an cnàmhan tana agus tha iad caoch — ’s tha an dìth cudthrom seo feumach dhaibh air an iteig. Mar sin chan eil móran fiosrachaidh againn mu phrìomh eachdraidh nan eun. Ach tha fios againn gu robh fiaclan aig eòin bho thùs, ged nach eil a nis, agus gu robh òrdagan spuireach air an sgiathan (e.g. Archaeopteryx). Bha agus tha eòin ’nam buidhinn glé bhuadhach de na h-ainmhidhean. Tha an t-adhar fo an smachd, far nach do rinn na mamailean sgiathach (ialtagan) am biadh dheth ach ma-làimh, agus far nach deachaidh idir le na péisdean sgiathach (na Pterosoran) — rud a tha soilleir a chionn ’s nach eil iad sin am bith idir. Tha e ’na sheòrsa bacaidh orra gum bi iad a’ breith uighean, ged a tha e ’nam fàbhar gu bheil iad a’ gabhail cùram air an àl.
Ma tha smachd aig an h-eòin air an adhar ’sann aig na mamailean a tha smachd a nis air talamh-tioram. ’Sann bho phéisdean neo-adhartach a bhiodh ag ithe feòla a dh’éirich na mamailean, agus thatar am beachd gum biodh iad a’ breith uighean air tùs. Tha falt no fionnadh aig na mamailean, agus is dòcha gun dh’fhàs seo gus smachd a chumail air teas na bodhaige (mar a thachair le itean nan eun). Fhuair iad a’ bhuaidh air na péisdean air talamh-tioram, is bha aobhar no dhà air a sin: (1) tha fuil bhlàth annta agus tha sin gam fàgail èasgaidh an còmhnaidh. Cha teid aig na péisdean agus na Còrdaichtean ìochdrach air rian a chumail air teas am bodhaigean, agus tha iad mar sin slaodach, neo eadhon neo-ghluasadach, an aimsir fhuair. (Tha eòin blàth-fhuileach coltach ri mamailean). (2) Tha mamailean a’ gabhail cùram de’n àl. (3) Tha mamailean geurchuiseach. Tha eanchainnean math annta agus tha iad ag ionnsachadh bho’n fhiosrachadh aca fhéin.
title | Na h-Eòin |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | Na h-Echinodairmean agus na Còrdaichtean |