[125]

Na Mamailean

Bha na mamailean air tùs mun aon mheudachd ri radan, agus bhiodh iad ag ithe rudan mar mheanbh-fhrìdean agus uighean. ’Sann bho fhrith-sheòrsa tràth den mhór-bhuidheann mamaileach a thàinig na


[126]

mamailean sin a tha abreith uighean fhathast: chan eil ann ach sheòrsa dhiubham platypus gob-tunnaige agus an seangan-itheadair druimneachagus chan fhaighear ach an Astràilia iad. Ach dhatharraich amhór-chuid de mhamailean bho bhi abreith uighean gu bhi abreith àl.

Gabhaidh na mamailean tha beò aig an -an-diugh an roinn an bhuidhinn, agus tha an fheadhainn as neo-adhartaiche abreith àl a tha glé bheag agus a tha an-abaich. Anns abhuidhinn seo tha an cangaru, an opossum agus am mathan koala. Tha an t-àl òg an-abaich adol a-steach do phoca air brù am màthar, far a bheil iad gam biathadh le bainne gus a fàs iad nas motha. Cha chùm mamailean den t-seòrsa seo ceann amhaide ri mamailean nas adhartaiche, agus chan eil iad beò ach an àiteachan a bha no a tha air an dìon leis amhuir bhon chòrr den t-saoghal.

Tha an dara buidheann de mhamailean an -an-diugh abreith àl a tha coimhlionta. ’Se an fheadhainn as fhaisge air aphrìomh sheòrsa na creutairean beaga a bhios ag ithe mheanbh-fhrìdean: dallag an fhraoich, achràineag agus an fhamh. Gabhaidh amhór-chuid de na mamailean eile an roinn ann an bhuidhinn mhóiran fheadhainn a bhios ag ithe feòla agus na creutairean ladharach a bhios ag ithe luibhean. Faodaidh sinn an a ghabhail mar aon sheòrsa de na mamailean tha ag ithe feòla, agus an cat mar sheòrsa eile. Ann am buidheann nan cat tha seòrsachan neo-adhartach leithid am mongus agus an hièana, agus seòrsachan adhartach mar a tha an leómhann, an tìgear, an liopard, agus an cat-fiadhaich. ’Se na seòrsachan as sìmplidhe ann am buidheann nan con creutairean mar an neas, an neas-bheag, an dóbhran (no abhiast-dhubh) agus am broc, agusse na seòrsachan as adhartaiche am madadh-allaidh, an sionnach agus an . Tha na mathain mar fhrith-sheòrsa de bhuidheann nan con, agus tha sin fìor cuideachd a thaobh nan ròn is nan each-mara.

Tha e mar àbhaist aig mamailean ladhrach a bhi aruith air barran nan òrdagan ladhrach aca. Tha mu 70 millean bliadhna bho dhéirich iad an toiseach, agus le mean-fhàs tha na h-òrdagan air fàs nas lugha ann an àireamh, gus nach eil aig each an diugh ach an aon òrdag air gach cois. Tha àireamh chòrr de dhòrdagan aig mamailean ladhrach mar tha an t-eachs an asal, agus àireamh chothrom aig, mar eisimpleir, amhuc, an sioraf, am fiadh, abhó, achaora, an gobhar agus an càmhal. Tha grunn bhuidheannan eile de mhamailean ann, agus pàirt dhiubh an ìre mhath beag a thaobh àireamh sheòrsachan, mar abhuidheann sin anns a bheil an geàrr agus an coinean, no buidheann nam muca-mara agus nam péileag, agus tha buidheannan eile ann a tha air a bhi glé bhuadhach, leithid buidheann nan creimeach, mar a tha an fheòrag, an luch agus an radan.

titleNa Mamailean
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent textNa h-Echinodairmean agus na Còrdaichtean
<< please select a word
<< please select a page