13
Feasgar Disathairne – Iseabail
Bruidheann air cabhag dhachaigh gus am faighinn brath a chur gu Catrìona. Bha mi dìreach nam bhoil ’son an sgeulachd innse do chuideigin; theab mi ’n càr a stad air a’ mhòintich airson an naidheachd èigheach ri dà chaora air an robh coltas nach do thachair rud tlachdmhor sam bith riamh nam beatha, ach bha mi air mionnachadh nach cluinneadh creutair e ach mo phiuthar. Ged a dh’aithnicheadh Niall orm gu robh rudeigin sònraichte ga chleith, cha robh agam ach ‘ròlaist’ air choreigin a dhèanamh dha – “Is cinnteach gu bheil fhios agad aig d’ aois cho furasta ’s a tha fireannaich an cur dheth!” ’S mise an tè a bha feumach air cupa tì le dà spàin siùcair – an tè aig an robh na deich Àithntean air am fuaigheal gu grinn air pìos anairt, obair a dà làimh fhèin aig sia bliadhn’ deug, crochte air a’ bhalla, a’ moladh dhòmhsa mar a b’ fheàrr a dhèanainn na breugan: “Nis, ma dh’fhaighnicheas duine an ath sheachdain, canaidh tu gu bheil mi shìos aig deas a’
faicinn dotair, agus ma bhios modh idir aca cha mheantraig iad an còrr fhaighneachd.” Agus nuair a thug mi sùil sgaiteach oirre, thuirt i mas fhìor cho neochiontach, “Tha Carolina gu math fada deas, agus tha ’n gille aig Dùghall na dhotair … ”
Bha càr Nèill air falbh – ’s math sin. Leum mi air a’ choimpiutair le spionnadh nach tig ort ach nuair a tha criomag bhlasta agad ri innse, is nach fhairich thu uair sam bith nuair a tha làr a’ chidsin feumach air a sgùradh.
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Fuirich gus an inns mi dhut! Cha chreid thu seo gu sìorraidh – THA BRÀMAIR AICE! Fear à Loch an Inbhir – thug e na Stàitean air o chionn trì fichead bliadhna. Bha i falbh leis aig àm a’ Chogaidh. Cha deigheadh i null còmh’ ris air rud sam bith, ’g ràdh nach b’ urrainn dhi na seann daoine fhàgail. Ghabh esan an caoch is thug e a chasan leis, is ghabh ise Eàirdsidh. ’S beag an t-iongnadh ged a bhiodh i riamh cho searbh. Tha e cho math gu bheil Eàirdsidh ann am Flaitheanas – no am badeigin – trang a’ preasainteadh dha na h-ainglean, is nach bi ùine aige coimhead a-nuas is mothachadh gu bheil a bhanntrach a’ greasad thar chuain chun an t-seann leannain. Smaoinich! Bel xxx
PS Broth fada nas fheàrr, saoil am feuch sinn air iomlaid meadhan na seachdain? Fòn ach an dèan sinn plàna – tha tuilleadh agam ri innse dhut.
Bhrùth mi am putan ‘falbh’ agus – O, math fhèin, ceithir a’ tighinn a-staigh. Dè bha seo: Catrìona, Rona – fanadh ise
an-dràsta. ‘Cuir d’ ainm ri athchuinge airson cuilean ròin a shàbhaladh.’ Dearbh cha chuir, agus an tè mu dheireadh: “Suirghe? Feumach air spàirn is spionnadh? Sàsaich na … ” Mach leatha. Feumaidh mi aideachadh gun do dh’fhàs mo bhusan caran teth a’ dèanamh dealbh de dh’Auntie Marion a’ faighinn spam le brath dhe leithid, on a chaidh i a shnàmh ann an saoghal an eadar-lìn. Co-dhiù, dè bh’ aig Catrìona: barrachd comhairle dhomh airson a’ chlas-oidhche, bha mi ’n dòchas.
Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
Chan eil fhios a’m dè chanas mi riut. Dh’inns Niall dhomh – esan a’ smaoineachadh gu bheil e cianail èibhinn, tha mi cinnteach gu bheil is thusa. Dh’fhaodadh tu bhith air rudeigin a ràdh nuair a bha sinn a’ bruidheann air a’ fòn. Carson a bha thu cleith rud a dh’fheumadh tu innse aig a’ cheann thall co-dhiù? Carson nach tàinig thu mach leis gu h-onarach? Tha mi cinnteach gu robh an dithis agaibh a’ gàireachdraich còmhla, ho-ho-ho, dè shaoileas Catrìona nuair a chluinneas i seo! Cha bhi fhios aice dè chanas i!
[Dè nis a bha ceàrr? Agus dè idir a thuirt Niall rithe? ]
Innsidh mise dhut dè shaoileas Catrìona! Tha làn-fhios aice dè chanas i, agus seo dhut e: THA AN CAOCH DEARG OIRRE! Chan eil mi ag iarraidh falt goirid, tha mi gu math riaraichte lem fhalt mar a tha e, agus chan eil ann ach amaideas gun tug beagan bhoinnean peant ort a ghearradh.
[Gonadh air, chaidh e glan às mo cheann leis cho troimh-a- chèile ’s a dh’fhàg e mi a’ faicinn na h-antaidh a’ bruisigeadh ’s
a’ poilisigeadh na hormòns airson cuairt thall thairis às dèidh fear. ]
’S cinnteach gum b’ urrainn dhut a bhith air a ghlanadh dheth le turps no rudeigin, tha fhios a’m gu bheil e staigh, feumaidh nach do rinn thu oidhirp sam bith, sin a th’ ann, cha robh a dhìth ort ach leisgeul airson a ghearradh, deagh chuimhn’ agam gun tuirt thu roimhe gum b’ fheàrr leat gun e na 60s a bh’ ann is gum faigheadh tu air a ghearradh e cleas Twiggy, uill, innsidh mise seo dhut, ged a lomadh tu gu craiceann do chlaiginn e cha bhi thu coimhead coltach rithe, no mise cuideachd, chan e gu robh mise riamh a’ miannachadh dreach cnàmhartlaich dhen t-seòrsa. An do SMAOINICH thu airson aon tiotan, Iseabail, gum feum mise m’ fhalt a ghearradh cuideachd? Mus till mi dhachaigh? Chan eil thu ’n dùil, tha mi ’n dòchas, fuireach aig an taigh gus am fàs e sìos gud ghualainn a-rithist? ?? No an robh thu toirt a chreidsinn ort fhèin gun gabhadh muinntir a’ bhaile ris mar mhìorbhail an là an-diugh, falt goirid Diluain a’ fàs sia òirlich ro Dhiciadain. Agus rud eile dheth, cuin a THA mi faighinn dhachaigh, chan eil mi cluinntinn aon fhacal mu staid do bhroth, ach tha mi ’n dòchas gu bheil e gu math nas fheàrr na staid d’ eanchainn: dè ach dìth na cèille a bheireadh ort, chan e mhàin a dhèanamh goirid, ach toirt air Niall a bhearradh. Cha smaoinicheadh athair fhèin air leigeil leis caora a rùsgadh! Tha mi cinnteach gu bheil e coltach ri dosan bò Ghàidhealaich ann an gèile. Agus smaoinich air a seo, Iseabail: chan e mhàin gu feum mise m’ fhalt a dhèanamh goirid – ach feumaidh e bhith air a ghearradh air an dearbh chumadh rid fhalt-sa, cho mionaideach ’s a ghabhas. CEUD MÌLE TAING! Agus ciamar a tha sinn dol a dhèanamh seo? Cuin? Càite?
Tha mi falbh a-mach a chreachadh bogsa-fòn no dhà ach an toir e faochadh dhomh.
C.
O-o.
Saoil dè bh’ aig Rona ri ràdh?
Bho: Rona Carmichael<ronagubrath@yahu .hebnet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
Hi – tha mi fhèin ’s DJ an dùil a dhol a-mach gu biadh a-nochd airson mo cheann-bliadhna – t-àit’ ùr tha sid sa ghleann, colach gu bheilcurrysgoinneil aca – nach tig thu fhèin is N còmh’ rinn? Chuala mi gun deach do lomadh, ceud cabhag orm gus am faic mi ancrewcut !R.
‘ronagubrath’, bheil i glic? Ceart, bha i uabhasach cuideachail mu na cèiceannan, ach ‘sid’ – nach eil i a’ teagasg? ‘colach’ cuideachd. Mo thruaighe na h-iseanan a tha ag ionnsachadh litreachaidh aice. Nach e an ceann-bliadhna tha maireachdainn. Ronagubrath. ’S dòch’ gun e an Teadaidh a smaoinich air. Nach iad a tha mòr aig a chèile; feumaidh gu bheil na casan gaoisideach ruadha nas tarraingiche na bha iad ceithir bliadhn’ deug air ais. An tè nach cuireadh corrag air … feumaidh mi faighneachd do Chatrìona an e Esàu no Iàcob a tha ann an Niall – latha brèagha air choreigin ann an deich bliadhna no mar sin, nuair a bhios i air fuarachadh agus a falt sìos gu a glùinean. Feumaidh mi grèim fhaighinn oirre, ’s i bha fiadhaich …
“Tha mi duilich, chan urrainn dhomh tighinn chun a’ fòn an-dràsta.”
Bha i muigh dha-rìribh.
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Cha robh roghainn agam! Tha mi duilich nach tuirt mi guth sa mhadainn, ’s ann air Auntie M a bha m’ aire, agus on uair sin, uill, fhuair thu am brath mu dheireadh agam, ’s cinnteach. Ach siud an fhìrinn – cha ROBH roghainn agam. Agus na tòisich air cur às do chorp mu dheidhinn turps is eile – chan e peant balla a bh’ ann, ach High Gloss geal cruaidh: ‘aona chòta’ air a’ chrogan, agus ‘peant cho buan ’s a gheibhear’ agus ’s e an fhìrinn a th’ aca. Agus agamsa. Bha mi leth-uair fon uisge le làn botail siampù, is cha charaicheadh e. Na biodh uallach ort gu feum thusa thu fhèin cur suas leis a’ chliop cham stiallach aig N. Nan cluinneadh tu na bh’ aig a’ chaillich ri ràdh mu dheidhinn, ach tha ise a-nis air a sgioblachadh. Tha mi duilich gu feum thu d’ fhalt a ghearradh, ach chan eil e coimhead dona idir. Cha bhi e fada a’ fàs.
Dhìochuimhnich mi innse dhut gun do dh’aithnich i mi ach chan eil e gu diofar, cha chan i guth – cha chreideadh tu mar a tha i air atharrachadh. Theab mise a dhol ann an laigse leis an deagh nàdar aice – ’s beag an t-iongnadh ged a bhiodh na feannagan dubha a bhios a’ piocadh an smodail cuide ri bean Iòsaiph a’ smaoineachadh gu robh rudeigin ceàrr oirre. Siud far am bi an gràcail nuair a chluinneas iad dè tha fa-near dhi.
Fòn! Tha mi duilich, OK? B xxx
PS Rona ag iarraidh orm a dhol a-mach gu biadh còmhla rithe fhéin agus ‘DJ’, mathan a’ ghlinne seo.
Sending 1 of 1
Receiving 1 of 1
Cò nis?
Bho: mmacphail. arnacleit@celtlink .net
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
My dear niece
Since we spoke this morning I believe I may have found a solution to the problem of your sister Catherine’s hair, which must naturally be rendered identical to your own before she returns home, if your deception is not to be discovered. It is possible that I will be flying out to the United States on an earlier date than planned, and my answer to your dilemma depends on when you find yourself able to return to London. Telephone me as soon as possible.
Your affectionate aunt,
Marion MacPhail
Chruthaidheachdan nan gràs, cuin a dh’ionnsaich i litir a sgrìobhadh, ’s cinnteach gu robh a’ Bhanrigh Bhictòria bliadhnaichean mòra san t-sìorraidheachd mus deach Auntie Marion dhan sgoil. Post-dealain ann no às, feumar cumail ri na riaghailtean – feumaidh nach eil a’ Ghàidhlig foirmeil gu leòr leatha. ’S ann a rinn mi cha mhòr toileachas gu robh criomag
dhen t-seann Auntie Marion beò fhathast: ‘Telephone me’ – a’ toirt seachad nan òrdan. Ach carson nach do dh’fhòn i fhèin, mura b’ ann ’son dearbhadh dhòmhsa cho comasach ’s a bha i leis an teicneòlas ùr. Tha mi ’n dòchas gu bheil na litrichean a tha falbh gu laoch Loch an Inbhir nas blàithe …
* * * * *
“Hallo?”
“Mise th’ ann.”
“O – bheil thu fhathast fiadhaich?”
“Chan eil – uill, tha, chan eil nòisean sam bith agam de dh’fhalt goirid, ach chan eil an còrr air a shon – mura fanadh tu am broinn an taighe is sgarf mud cheann?”
“Nach eil mi dol a-mach gum dhìnnear còmh’ ri Rona is Winnie the Pooh – dè tha thu fhèin a’ dèanamh a-nochd?”
“Tha mi cinnteach gu fòn mi gu Niall.”
“Ah. Tha esan a’ tighinn a-mach cuideachd. Ach am faic daoine sinn. Bhiodh e neònach mura biodh tu fhèin ’s e fhèin … ”
“O. Bhitheadh … ceart.”
Cha robh i idir, idir air a dòigh. Dè b’ urrainn dhomh ràdh.
“Fuirich gus an inns mi dhut mun phlàna a th’ aig Auntie Marion! Cha robh dùil aice falbh gu seachdain on diugh ach tha teansa aice sin atharrachadh gu oidhche Chiadain, ach bho Heathrow – nis, nam b’ urrainn dhuinne iomlaid a dhèanamh an latha sin… ”
“Ach am broth?”
“Fada fichead nas fheàrr.”
“Agus am falt?”
“Sin dìreach e – thèid sinne sìos Dimàirt, fanaidh i sa flat an oidhche sin, gearraidh i d’ fhalt, thèid mise a dh’obair Diciadain, leis an fhalt ghoirid cho annasach cha smaoinich iad air a’ chòrr, cha mhothaich iad gu bràth nach i an aon bhoireannach ’s a bh’ ann Dimàirt a th’ aca … ”
“Annasach?”
“Tha mi ciallachadh gum bi e annasach dhaibhsan, anns an oifis, gun cuir iad uimhreachd air, chan e gu bheil dad neònach mu dheidhinn.”
“Mm.”
Cha robh i buileach ga mo chreidsinn, ach dè b’ urrainn dhomh a dhèanamh? Gu h-àraid is cabhag orm: thuirt Niall gun tadhladh e aig a seachd.
* * * * *
“Iseabail, a m’eudail! Nach bu tu an sàtan!” An Teadaidh a’ dèanamh orm le gàirdeanan sgapte, cha robh dad riamh cho coltach rigrizzlymòr ann an Alaska a’ cur aghaidh air beathach bochd air choreigin a bha gu bhith aige gu dhìnnear. Spòg throm air mo ghualainn agus pòg mhòr fhliuch a bheireadh ort faighneachd dhut fhèin carson idir a bha daoine ag ithe eisirean. Cha mhòr nach robh mi cluinntinn guth ìseal Dhaibhidh Attenborough: “Agus thug e grèim aiste – cha tug, ’s e bh’ ann ach seòrsa de ghnàths-coinneachaidh a th’ aig an treubh iomallach seo – nis, a bheil i dol a shuathadh caol a dùirn ri a beul – chan eil, ’s ann a tha … ” ’S ann a tha i ag ràdh rithe fhèin gu feumadh i rudeigin a bha tiugh le creamh ithe, no bhiodh
tèile dhiubh siud air a’ mhenu aig deireadh na h-oidhche. Dè idir a bha Rona a’ faicinn ann?
An diofar eadar e fhèin is Niall. Dh’fhaodadh tu bhith cinnteach nach smaoinicheadh am mathan air a bheul a dhùnadh nuair a bha e a’ cagnadh a bhìdh, agus seo an tè nach eil deònach an sealladh fhaicinn tuilleadh, na cnapan corma agus aran nàn gan sluaisreadh ann an cuairt-shruth làgair timcheall nan cùlagan a bha nochdadh mar chorra sgeir bhiorach air an robh na stuaghan a’ bristeadh … mhionnaichinn nach e idir deud homo sapiens a th’ aige. Rona ga choimhead le sùilean gaolach, mar mhàthair a’ coimhead leanabh tapaidh a bha math air a bhiadh.
Agus ’s e sin a bh’ ann, leanabh. An diofar eadar e fhèin is Niall. Nach robh dèanamh taisbeanadh follaiseach dhe dhòigh-cagnaidh no dhe aineolas, cleas a’ bhuamastair eile. Dè IDIR a tha Rona a’ faicinn ann? Aon fhacal faoin falamh eile mu ‘obair bhoireannach’ agus tachdaidh mi leis an tubhailte e, Rona ann no às. Ach socair ort, trì latha eile agus bidh thu mach às a seo, cha laigh do shùil air sine-slugain an Teadaidh gu bràth tuilleadh agus cha bhi thu cur gheall air cia mheud uair a thèid na cnapan feòla timcheall Coire Bhreacain a chraois mus ruig iad an ceann-uidhe …
An diofar eadar e fhèin is Niall.
Bidh mi duilich mura faic mi Niall tuilleadh.
title | 13. Feasgar Disathairne – Iseabail |
internal date | 2008.0 |
display date | 2008 |
publication date | 2008 |
level | |
reference template | NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p |
parent text | Cleas Sgàthain |