[149]

16

Feasgar DiluainIseabail

Agus an uair sin?”

Thàinig Miriam a-staigh leis achofaidh. ‘Hi, Bill,’ ars ise, ‘chuir thusthu fhèin do chùl ri teagaisg?”

O, math fhèincuiridh mi geall gun e bha busach.”

Cha robh na dad dheth, ’s ann a bha e moiteil an deagh chuimhne bhaig na boireannaich air!”

Ach nis?”

Cha chan esan guth, cha chan sinne guththa dobair sàbhailte gu leòr, agus thèid eachdraidh-beatha air cùl a leabhair-san stèidhichte air samhradh no dhà a chuir e seachad air saor-làithean còmhri sheanair. O, smaoinich mi air fìor dheagh chòmhdach-cùil dha!”

Mm?”

Cuimhnagad nuair a thog mi do dhealbh air an tràigh shrùban, cha baithne dhomh an camara obrachadh ceart, agus


[150]

tha thu cho fadair falbhs nach aithnich duine an e nighean no gille thann, farsaingeachd na tràghad agus tu coimhead cho beag is cho aonranachbidh e sgoinneil.”

Thusa ag iarraidh ormsa dhol an riochd Evander MacCrimmon –”

Bill.”

“– às dèidh na bhagad ri ràdh mu cho foilleil, meallta … !”

Ach, chan eil e cho dona sin.”

ChatRÌONA?”

Co-dhiù, mu dheidhinn a-nochd?”

Chatrìona!”

Fhuair thu an stuth anns aphreasa, nach dfhuairchan eil agad ach beagan a ràdh riutha mun chultar is buail air dhe na bhidiothanagus thoir leat CD no dhà, cumaidh sin sàmhach iad, agus fuirich thusort, fhios agad na leabhraichean còcaireachd?”

Uh-uh, tha iad agam sa chàr.”

Uill, fhalbh is thoir ÀS achàr iad, mu dheidhinn rudeigin a dhèanamh a bheireadh tu leat, tapas bheag air choreigin … ”

Chan e tapas bheag ach tapag mhòr a bha i dol a chluinntinnuair sam bith.

“ … tha rudan uabhasach furasta san leabhar sin, cuiridh mi geall gun dèanadh tusiad cho math ri duine eile … ”

O, taing.

Ciamar a tha an tràigh? Tha rud laghach no dhà ann le feusgain.”

CHATRÌONA!” bhair tighinn oirre? “Bheil thu às do rian? Tha e dona gu leòr gun do dhaontaich mi dhol nad àite a-nochd, agus bu mhi an òinseach nach do chuir brath a ràdh gu robh mi meadhanach.”


[151]

Cha burrainn dhut a bhith meadhanach is tu dol air aphlèan sa mhadainntrobhad ort, bidh Auntie Marion còmhriut, is siosar na sporan, nach bi?”

Creid gum bi i ann. Tha i air fònadh fichead uair a ghearain nach leig Imogen leatha na sgiortaichean clò a phacaigeadh. Tha mi ga togail aig a h-ochd.”

Seall sin, a h-uile càil air a chur air dòigh agus ùine gu lèor agad deasachadh airson a-nochd. Nis, airson nam feusgan, chan eil a dhìth orra ach beagan fìon geal is ola is creamh: cha do dhfheuch thu dad riamh cho math.”

S dòcha ma bhruidhneas mi rithe ann an guth stòlda socair gun till a ciall thuice.

Chatrìona. Tha e cairteal às dèidh a còig. Ann an uair an uaireadair tha mise adol a thoirt seachad clas ann an cànan nach aithne dhomh, mu choinneamh dhaoine nach aithne dhomh, aleigeil orm gun tusa thannam. Chan eil mi dol a chur seachad an uair an uaireadair thuige sin asporghail mun chladach alorg fheusgan. Agus ma tha botal fìon geal am broinn an taighe agad, ’s ann a tha mi dol ga dhòrtadh sìos mamhaich feuch an toir e misneachd dhomh.”

Chan eil math dhuts tu dràibheadh.”

Cha bhi mi dràibheadh, tha Niall ag ràdh gun cuir e sìos mi.

Cha chuala mi guth aigair –”

Na tòisich. ’S cinnteach nach fheum e aithisg a dhèanamh air a h-uile ceum a tha e agabhail?

* * * * *


[152]

Cha tig duine. Cha tig duine. Cha tig duine. Rud a chanas mi trì tursan, bidh e fìor. Cha bhi aona chàr aig geata na sgoile. Fanaidh sinn cairteal na h-uarach, cha tig duine, agus faodaidh mi tilleadh dhachaigh. Carson a bhios luchd na Beurla abruidheann air dealan- nan stamag? Dealan-! Ailbhean, chan e ach fichead dhiubh, afeuchainn air Gille Caluim agus aig a h-uile sìnteag dhe na casan mòra, mo mhionach, mo ghrùthan is màirnean gam breabadhs gam prannadh. Bfheàrr leam gu robh mi air rudeigin ithe. Ubcha bfheàrr. Bfheàrr leam nach deach mi faisg air aghlainne fìon. Agus carson, feum a bhagam air, cha bhi duinann. Uabhasach duilich, a Chatrìona, nach do nochd duine gu do chlas-oidhche, aguss mise an a bhiodh taingeilseo sinn.

Bhan na leabharlainn? Feumaidh gum bi i ga fàgail ann an seo air an oidhche. Aona chàrseall sin. Cha ghabh clas a chumail airson aon duine. Taingealachd is gàirdeachas, is chan iarr mi fàbhar air mo phiuthar gu sìorraidh tuilleadh.


Canaidh feadhainn nach eil fuaim cho tarraingeach air an t-saoghal ri gàireachdraich aighearach. Cha chualiad riamh Tracy, Florabel is Salome Sheòrais air cùl doras leth-dhùinte, na sgalan bragail magail abualadh nam ballaichean. Stad mi. Bhuail Niall annam om chùlaibh leis abhogsa leabhraichean is eile is theab mi facal a ràdh a bhiodh na oideachadh dhaibh uile. ’S e bhiodh math tionndadh is dèanamh àsbha na h-ailbheanan fhèin ateiche: turtraich fadàs, seinn thiamhaidh trombaid, siud iad fada thall air fàire nan deann-ruith dhachaigh chun an t-savannah.

Cùm ort,” arsa Niall, gu -fhoighidneach, “tha cuideam


[153]

sgràthail sna leabhraichean agad.” Cha robh an còrr air a shon, ach an triùir a bha siudghabhadh gach dhiubh dèiligeadh leatha na h-ònar, ach còmhla, treud mhadaidhean-allaidh timcheall air cnap feòla. Phut mi romham an doras.

S ann a bha iad air leth càirdeil. “Hallo!” “HallO! Math fhaicinn!” agusHallo smaoinich gum biodh tusa an seo!”

Nach robh mainmainm Catrìonaair a h-uile bileag sanais a chaidh a sgaoileadh air feadh na coimhearsnachd? Ach cha robh na sùilean fiùs gam fhaicinn. Bha na gathan miannach adol seachad orm mar nach bithinn ann, agus alaighe air Niall. Ìobairt a rèir an càil. Chruinnich iad mun cuairt air, faclan beaga boga molaidh asileadh bhuapa mar bhoinnean milis: nach e bha làidir, agiùlain bogsa cho trom (agus nam biodh iad air a bhith an làthair nuair a bha mise ga shlaodadh a-mach às aphreasa fon staidhre, am biodh iad air guth a ràdh? Mo chas); nach e rinn math tighinn, fireannaich eile cho leisg, gun dad fa-near dhaibh ach ball-coise air an teilidh. Robh e riamh san Spàinn? Bha dùil acasan a dhol ann as t-samhradh.

Bha rudeigin ag innse dhomh nach ann air mìorbhail leithid lùchairt an Alhambra no taigh-tasgaidh aPhrado a bhiodh an triùir seo acur an aghaidh.

Dhfhosgail an doras air mo chùlaibh. Na can gu bheil an còrr atighinn. Ach bha, seo Cathy aPhost Oifis agus cuide rithe nach fhaca mi riamh, ach a h-uile coltas oirre gum buineadh i dhan aon treubh ri Hester, co-dhiù a rèir àireamh nan smiogaidean agus an coltas cinnteach-aiste-fhèin a bha ga còmhdach, bho àirde bhragail sròn bheag an uircein gu brag nan sàilean àrda air an làr: “Sin thu, Chatrìona, meudail,” aig


[154]

Cathy, agus ris achoigreach, “Tha Catrìona sgriosail math air cànanan.” (Tha sin cho fìors a ghabhas, ach gu -fhortanach tha i cuideachd sia ceud mìle air falbh.)

Chatrìona, cha chreid mi gun aithne dhut Ciorstaidh Magaidh Alasdair, bha i an Glaschus tusa afàs suas … ”

Christina,” arsa clòn Hester, le droch shùil air Cathy bhochd, “Christina MacSherry,” acur a-mach làmh bhog reamhar gheal. Cuimhneachadh dhomh cho bog taiss a bha an taois an aon turas riamh a dhfheuch mi ri sgonaichean a dhèanamh, ’s a chaidh iad nam aghaidh. Bfheàirrde spòganChristinaiad fhèin cairteal na h-uarach san àmhainn.

Cha robh càil a dhùil agam ribhse, Chathy!”

Nam biodh fhios aice cho toilichtes a bha mi ga faicinn, seach a bhith leam fhèin còmhris an triùir eilebha iadsan mun cuairt air Niall, gachuideachadhafalamhachadh nam bogsaichean, le suathaidhean beagason a bhlàthachadh agus fosgladh phutan no dhà a bharrachd gus iad fhèin fhuarachadh

Nach tuirt mi riut gu robh mi ag aontachadh leat, feumaidh duine bhith ag ionnsachadhcuiridh e seachad an tìde dhomh nuair a bhios E Fhèin sa Chuan a Tuathagus bidh Ciorstaidh Magaidh na cuideachadh mòr. Fuirich gus an cluinn thu: tha i air a bhith thall san Spàinn fichead uair!”

Cha robh an còrr a dhìth. Cuideigin fileanta. Thòisich mi airAchs e tha seo ach cùrsa tòiseachaidh … ” ach bha i trang aceartachadh Chathy.

Ficheads a trì.” Agus riumsa: “Mi fhèin agus am Fear a Dhfhalbh. A h-uile bliadhna.” Am fear a dhfhalbh? An do theich e oirre le dannsair dorcha le fuil bhras theth Andalucia na cuislean, no an e seo dòigh-bruidhneadh às an tuig mi gu bheil


[155]

eshuasagearain air preasainteadh Eàirdsidh? Saoilidh mi gun e siud ebha litrichean mòra na guth, a bha comharrachadh nach robh tiogaid falbh-is-tilleadh aig an Fhear a Dhfhalbh idir. Carson nach toir iad an ainmean fhèin

Seo sinn! A h-uile càil deiseil.”

Bha Niall air na h-uidheaman a chur air dòigh. Nis, cha robh agamsa ach facal no dhà a ràdh mu dheidhinn cultar na dùthcha: seo agaibh blasad dheth, bithibh uile sàmhach agus mairidh e leth-uair aig achar as giorratha min dòchas. Shuidh iad uilena trì aighean cho faisgs a ghabhadh iad air an alpha-fireann, gun buileach sreap na uchd, agus Cathys a caraid air an cùlaibh. Greis o nach deach aBhean-uasal MacSherry fhàsgadh air cùl deasg sgoile. Seo sinnlùchairtean grinn, caistealan àrda os cionn bhailtean beaga, togalaichean rìoghail, Granada, Seville( “Am bi thu fhèin adèanamh marmalaid, a Chathy?” ann an sanais a chluinneadh iad a-muigh air achnoc. Chrath an tèile a ceann). Barcelona agus clachaireachd annasach na h-àrd-eaglaise( “Cuimhnagad mar a bha Raghnall againne gu plastaisìn! Dhèanadh e rud sam bith leis! Is tha e math air a làmhan fhathast.” Thug seòrsa de chrathadh is de shitrich thachdte san t-sreath-toisich orm smaoineachadh gu robh iadsan eòlach air crògan sgileil Raghnaill cuideachd).

Nam faighinn coimhead air an uair gun fhiosta dhaibhcha robh e ach leth-uair an dèidh seachd. bha sinn adol a dhèanamh eadar seo is naoi uairean? Agus bha abhidio atighinn gu crìch. Dhfheumainn beagan bruidhneadh air choreigin a dhèanamh mus tabhainninn dhaibh.

Nise, tha an Spàinntis uabhasach feumaille còrr math is trì cheud millean neach ga bruidheannis mar sins e deagh cho-dhùnadh a rinn sibh tòiseachadh oirre … ”


[156]

Ach bha na h-aighean afàs an-fhoiseil, cinn gan crathadh agus ladhrain asuathadh an làir.

Chunnaic sinn sealladh beag an siud de bhòidhchead na dùthcharud a tharraingeadh duine sam bith gu eòlas nas fheàrr fhaighinn oirreagus chan eil dòigh nas fheàrr air faighinn nas fhaisge air sluagh na rìoghachd na tro an cànan fhèin.”

Tuilleadh sitrich.

O, chan eil fhios am, a Chatrìona – ’s iomadh fear air an dfhuair mi fhèin gu math faisg gun cus còmhraidh!” Florabel.

! ! !” An dithis eile. Nach eil seo sgoinneil. Seòrsa de shreathart bho Chathy a thug air an sgona eile droch shùil a thoirt oirre. Sruth aithghearr de dhèadhar a-mach air cuinnleanan na mnà MacSherry agusCha robh Am Fear a Dhfhalbh deònach gum bitheamaid ameasgachadh leis a h-uile seòrsidir.” Uill, ’s e gheibheadh am bristeadh-dùil far a bheil e an-diugh, ma-. Ach idir a tha ga fàgail-se an seo?

Cearttha mi smaoineachadh gum bu chòir dhuinn beagan ùine a chur seachad dìreach abruidheann air tha h-uile duine asùileachadh bhon chlasdhfhaodamaid cupa a ghabhail: Nèill, nan cuireadh tusair an coire?” ( “An dèan thun gnothaich leat fhèin?” aig Tracy, adol na leth-sheasamh às an t-sèithear. Feumaidh nach fhaci cho cumhangs a tha an cidsin beag an seo. Ist, òinsich, a bhios abruidheann air dèanamh iòga ann a bhan nan leabhraichean air latha slac … )

Chathy? tha fa-near dhut fhèin chòrdadh e riut a dhèanamh?”

Shìorraidh, nach i thair acur mun cuairt le ceist cho sìmplidh, ’s ann a mhionnaichinn gu bheil coltas ciontach oirreach mus deach aice air guth fhaighinn a-mach, dhòirt na faclan


[157]

às an triùir eile (theab mi an triùir mhaighdeanan a ràdh, achs fhada bhon latha sin):

Tha sinne dol gu Ibiza!”

San Iuchar! Thaapartmentagainn! Faisg air an tràigh is, uh, a h-uile càil!”

Tha i aciallachadh,” arsa Salome gu cuideachail, “faisg air na fir!”

! ! !”

Nach mise an a tha fortanach adèanamh às gu Lunnainn shocair shàmhach anns amhadainn, agus afàgail an dròbh bhiastail seo aig Catrìona. Achs e faighinn tron fheasgar seo an toiseach.

Ceart, bidh sibh deònach ionnsachadh ciamar a chanas sibh co às a tha sibh, is faighneachd iadsan, n t-ainm a thorra … ”

Ach, airson ainm” – seo Florabel – “ ’s dòchnach dèan feadhainn ach oidhche!”

Robh iad ag òl mus tàinig iad an seo? Thàinig Niall a-staigh leis an . Laigh sia sùilean air tiotan, mar boillsgeadh grad à taigh-solais.

Feadhainn,” arsa Tracy ri Florabel, “dhèanadh feadhainn barrachd.. .”

Ciamar a chumainn rian orra?

Anns achiad àite,” bha mi cluinntinn mo ghuth afàs àrd, teann, is mamhaich an cunnart dùnadh, “tapadh leat, a Nèill, airson na – muchas gracias,sin tapadh leat: muchas gracias.”

Gu mìorbhaileach, lean a h-uile duine mi, na creutairean, gun fhios aca gum be siud a dhà dhen dusan facal a bhagam air an cosg. Deich air fhàgailson ar cumail adol gu naoi uaireanis


[158]

bha e . . . cha robh ach cairteal gu h-ochd. ‘Muchas graciasaca ri Niallach a-mhàin Ciorstaidh Magaidh. Bha a beul-se dùinte cho teann ri slige srùbain. Ro fhurasta dhi, tha mi cinnteach.

De nada! ”arsa Niall. Acur lasair ri na h-igheanan. Bha an cànan aigesan! Mu thràth! Cuin? Ciamar? Can siud a-rithist! Càite an do dh'ionnsaich . . . thall thairis? Carson nach robh e fhèin acumail clasbha iad cinnteach gum biodh e CHO MATH air teagasg . . . O, can rudeigin eile, a Nèill, ciamar a tha thu ga ràdh, fuirich ach am faic mi ciamar a tha thu ag obrachadh do bheul? Cha mhòr nach robh mi dol a choimhead an robh cuinneag anns achidsin bheag ach an tilginn sgoladh math uisge fuar orra.

Mar a bha mi ag ràdh –” ma thèid mo ghuth nas àirde bidh mi sgàineadh nan uinneag “– bhiodh e math cluinntinn tha daoine deònach ionnsachadhcha leig sinn a leas bruidheann air àitiarraidh ann an taigh-òsta, mar eisimpleir, is flat agaibh … ” (agus tha e cheart cho math, ’s gun dad a dhfhios am ciamar a dhèanainn e) “ … bhiodh feumail?”

Choimhead iad air a chèile. Annasach nach tàinig e riamh a-staigh orm thuige seo gu robh na bana-bhuidsichean aig Macbeth iad fhèin òg uaireigin. Muigh aig clasaichean-oidhcheair amhonadh

Tracy an -labhairt:

Dfhuair thu raoir e!”

N ann afaighneachd a bha i?

Àidh! Ciamar a chanas sinn sin riutha?”

Seo staing. Chan eil càil a dhfhios am, feumaidh mi

Uill! Cha chuala mi a leithid riamh! Chan ann ris a seo a bha dùil agamsa, a Chathy, nuair a dhfhòn thu! Dealbhan de sheann togalaichean feumach air an càradh agus tòrr droch cainnt!”


[159]

Bha an sgona air at mar gum biodh fada cus sòda-arain innte, air bruthadh a-mach bho chùl an deasg, agus acoimhead mun cuairt oirre le aghaidh a dhfhàgadh am bainne goirt is e fhathast am broinn na . (Bha am Fear a Dhfhalbh na shuidhe air sgòth, clàrsach fo achlais agus e afeadaireachdBean an Droch Nàdair’ .)

Aon fhacal cha chuala mi mu dheidhinn còcaireachd, agus gu dearbh chan eil dad a choltas air an iorsg tha seo gun aithne dhaibh dad mu dheidhinn.”

Còcaireachd?” arsa Cathy, agusCòcaireachd?” arsa mi fhèin.

Gogaireachd,” arsa Tracy, agus chan ann ann an guth-shàmh.

Tharraing an tèile a h-anail airson freagairt a shèideadh creutair cho dìomhain a-mach às a sealladh, achCòmhradh,” arsa Cathy, “còmhradh ann an Spàinntis, sin a thuirt mi riut, agus thuirt mi cuideachd riut gu robh mi mothachdainn nach robh do chlaisneachd cho maths a bàbhaist, ach cha ghabhadh tu ris, agus sin a thagad air a shon. Leigeil ort gu robh thu cluinntinn a h-uile facal, agus cha robh. Bha thu riamh air an aon dòigh, a Chiorstaidh Magaidh, fada nad bharail fhèin. Dhfheumadh tusa bhith ceart, aguss beag an t-iongnadh … ” Ach le bragadaich na bu choltaiche ri losgadh peileir na ri buille shàilean àrda bha i mach an doras.

Chaidh Cathy na tosd. Thug sinn uileag sùil oirre. “An creutair,” ars ise, “chan eil i cho dona, ach THA i fàs bodhar, ’s chan aidich i e … ’s fheàrr dhomh falbh.”

Ist, cha leig thu leas,” a h-uile duine abruidheann còmhla, “fan, fàg i, carson a dhfhalbhadh tusa?”


[160]

Chionns,” arsa Cathy, acladhach ann am pòcaid achòta, “gu bheil iuchraichean achàir agamsa!” Is rinn i às. Bha an clas asìor sheacadh.


Fhios agaibh,” arsa Florabel, “ bu chòir dhuinn a dhèanamh?”

“ ?” (Tòiseachadh air ionnsachadh?)

Fhios agaibh gu bheil mi ag obair aig MacCools oidhche san t-seachdain.”

“ ?”

Fhuair iad dusan botal sangría an latha roimhe … ”


Cha robh fhios am riamh gu robh i cho glic.

title16. Feasgar Diluain – Iseabail
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page