[167]

18

DiciadainCatrìona

Aon rud cinnteach: às dèidh an lomaidh, cha mhothaicheadh duine san oifis nach i an aon Bel, darlinga bhaca an-diugh. Thuirt i gu robh eannasach’, an diofar eadar a bhith coimhead dfhuilt ghoirid ann an sgàthan, agus ga fhaicinn air ceann eile. Cha robh a roghainn facail atoirt an t-uabhas misneachd dhomh, a dhaindeoin Niall a ràdh gu robh e acòrdadh ris-san. Annasach dhòmhsa, fàs cleachdte ris an Auntie Marion ùr, a dhaindeoins na dhinns Iseabail dhomh, ach acur cùl rithe ann an ùine cho goirid. Cha robh agam a-nis ach ise a threòrachadh chun an àite cheart airson plèan Washington: sin an gnìomh mu dheireadh a bha duine ag iarraidh orm. Soraidh leat, Auntie Mòr, mach à seo leat, seo mise air an t-slighe dhachaigh gu mo bheatha fhèin, mo thaigh fhèin, fois is sàmhchair, is cùl ri gleadhraich, gun fuaim ri chluinntinn ach gràcail nan cearc agus corra sgiamh air oidhche chiùin acomharrachadh gu robh


[168]

Salome Sheòrais air cùl achnuic le cuideigin. “Where to now, myte? ” bha e minigeadh, chan eil mo ghruag cho goirid sin. “Terminal 3. ”Cha robh mi smaoineachadh gun toirinn oirre gu bràth aideachadh gum biodh i na bfheàrr ann an cathair-chuibhleach, is na trannsaichean cho fada is cho làn dhaoine, ach gu fortanach theab e a cur ann an laigse nuair a chuali prìs an tagsaidh is chaidh agam air an sèithear a sguabadh foidhpe, a baga a chur na h-uchd, is bha i na prìosanach agam.

Nis, a Chatrìona, nach tuirt mi riut, chan eil a dhfheum agam air an t-sèithear seo, ’s an làr fhèin agluasad, seall thusa cho goireasach: cha bhiodh agam ri ceum a choiseachd.”

Ach bha i na bfhasa dhòmhsa far an robh i.

Seall, tha daoineile gan cleachdadhshuas an siud, seall, fear atighinn nar coinneamh.”

Tha,” ars Auntie Marion, “achs e tha sin ach leth-chiallach bochd air choreigin. Coimhead fhèin, am boireannach anns an t-sèithear, mar a tha i ag obrachadh a gàirdeanan. An truaghan, cha robh còir agam siud a ràdh, ’s dòchnach aithne dhi fiùs i … ”

Cha ghabhadh e bhith. Ach bha mo fhradharc riamh na bfheàrr airson rudan fada bhuam, fradharc mo mhàtharagus bha, bha rudeigin mu smèideadh abhoireannaich anns achathair-chuibhleach a bha dèanamh oirnn

Duilich, Auntie Marion, ach tha mo dhileag gus mfhàgailfeumaidh mi faighinn dhan taigh-bheag mus tèid sinn nas fhaide,” agus siud soidhne os cionn dorais, nach robh ach troighean bhuainn: cha robh ach faighinn a-staigh ann cho luaths a ghabhadh. Ach bha sèithrichean-cuibhleach Heathrow air an togail airson sàbhailteachd, agus cha bann airson luaths.


[169]

Agus airson meudachd an luchd-siubhail, a tha, a rèir coltais, asìor fhàs nas leatha. Bhitheamaid air steigeadh anns an doras co-dhiù, saoilidh mi, ged nach biodh Auntie Marion air gabhail na ceann nach robh mòran aicidir mu dheidhinnwheelies ,air feuchainn ri èirigh na seasamh, air am baga a leigeil às, air facal beag (gu math ao-coltach ri Faclan Beaga an fhir eile) a leigeil a-mach mus do thuit i air ais na suidhe, agus dìreach nuair a bha i tarraing a h-anail airson tòiseachadh air mo chàineadhchuala sinn na h-èigheannan

Iseabail! Stad! Fuirich mionaid! ISEABAIL!”

ann an guthan a dhaithnichinn na bfheàrr na gin eile. Cha robh dad air a shon ach bacadh a-mach dhan trannsa a-rithist.

Iseabail! idir a tha thu dèanamh an seo … ?” Mathairs mo mhàthair, acoimhead paidhir nach robh dùil sam bith aca fhaicinn an seo, no gu h-àraid còmhla – “ … agus Marion tha tachairt? il sibh adol? Bheil dad ceàrr?” Agus mo mhàthair: “ idir a thug ort dfhalt a ghearradh?”

Tha mise,” arsa Auntie Marion, “air mo shlighe a-null thairis a choimhead seann charaid.” Agus dhùin a beul, mar thè a chanadh, ‘Agus chan fhaigh sibh an còrr bhuamsa.’

Ceart.” Cha robh mathair fhèin dàna gu leòr airson ceasnachadh a bharrachd, agus acoimhead ormsa: “Agus, , an do ghabh thusa latha far dobair airson Auntie Marion a chuideachadh?”

Cha leigeadh e leas leigeil fhaicinn na ghuth gu robh seo cho doirbh a chreidsinns ged a bhithinn amionnachadh dha gu robh an saoghal cho còmhnard ri truinnsear. Ach nach e am falt goirid a bha dèanamh an diofair, nach do dhaithnich iad fhathast mi! cho fad’ ’s a mhaireas e


[170]

Uhach thachair dhuibfhèin? Carson … ?”

Às dèidh dìreadh gu mullach Mount Etna agus tighinn às, thuit do mhàthair far steapaichean na plèan a-muigh ud is chuir i car na h-adhbrann.”

Chan eil sìon annach fuirich, Iseabail, bheil an latha air fad agad dheth? Chan eil sinne adol dhachaigh gu màireach, bha dùil againn fuireach agad a-nochdnis, cuiridh sinn Marion gu a plèan fhèin is thèid sinn uileag a-mach gu biadh.”

O, tha cuimhnagaibh gu bheil mi an seo,” bhon chathair eile, “agus gu bheil a thìdagam cabhag a dhèanamh, gun a bhith godail an seo fad an latha.” Beagan searbhaig am measg na mìlseachd ùir fhathast. Ach rinn i a dìcheall: “Bha Ca-, bha cabhag air Iseabail, dìreach adol gam chur chun agheata cheartplèan Washington.”

Washington!” arsa na pàrantan còmhla, agus

Chatrìona!” thàinig an èigh bho cheann shìos an trannsa.

Casan fada aruith, logaidh air chrith, agus an t-sròn ud asgoltadh tron luchd-siubhail. Nuas thugainn. Anail na uchd. “Chatrìona! Thuirt thu gum biodh tu fàgail slàn aig dantaidh,” choimhead e sìos: “Feumaidh gur sibhse Mrs MacPhail? Toilichte tachairt ribh. Tha mise adol dhachaigh an-diugh cuideachd, plèan Ghlaschu aig a dhàthusa cuideachd? – ach smaoinich mi cuairt a ghabhail an taobh sa … ”

Bha na pàrantan acoimhead bho dhuine gu duine.

O,” arsa mise, “seo, uh, ùghdar a tha a’, atoirt a-mach leabhar a dhaithghearr, seo mathairs mo mhàthair, Evander MacCrimmon.”

Bill Smith,” ars esan. “Fhios agad, a Chatrìona, cha robh riamh ann an Evander ach alias.”


[171]

Nom de plume,” ars Auntie Marion ris, “nach e tha thu ciallachadh?”

Choimhead na pàrantan air a chèile.

“ ’S e,” thuirt e, “uh, ’s e, Bill Smith, sin agaibh e.”

Choimhead na pàrantan, an dithis aca, gu dùrachdach, ormsa. Fada bhuam, bliadhnaichean mòra air falbh, bha Catrìona eile, acromadh a cinn ro na dearbh shùilean ceasnachail agus mu dheireadh thall ag aideachadh gun ise a chunnaic iad afeuchainn ri snàmh ionnsachadh dhan chat, agus nach i Iseabail. Dhfhairich mi mi fhèin afàs a cheart cho dearg is cho ciontach.

Mise a thann dha-rìribh. Catrìona.”

S i,” aig Bill Smith. Ciamar a ghabhadh iad fhacal-san: cha robh diog o bha ainm eile air fhèin.

S i,” ars Auntie Marion, “ach chan eil ùinagamsa an sgeul innse dhuibh. Lean ort, a Chatrìona, meudail –” agus fhuair mi teiche, achailleach asmèideadh gu rìoghail dha na càirdean a bha i afàgail às a dèidh, is mo bhusan-sa afaighinn cothrom fuarachadh.


Bha fhios am gum biodh an triùir far an do dhfhàg mi iad nuair a thillinn.

Afeitheamh freagairt nan ceist.

Agus bha.

title18. Diciadain – Catrìona
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page