[172]

19

Aig Deireadh an Latha

Bho: Niall MacArtair<artneil@yahu .islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com

Tha mi cinnteach gun cualthu gu bheil Rona air gluasad a-staigh còmhri DJ againne, agus tha mise ag innse dhut, tha briodal is crònan nan calman cha mhòr gam chur às mo rian. Gun ghuth airuill, tha fhios agad fhèin nach eil san taigh sa achV -lining.Tha mi fàs seachd seann searbh dheth, sìos is suas à Lunnainn a h-uile h-uair a thig mi dhachaigh no a bhios mi falbh chun abhàta, agus nuair a thig mi dhachaigh chan eil facal ciallach ri chluinntinn am broinn an taighe seo achA ghaoils a luaidh is sùgh mo chridhe’, is gu dearbh chan eil duine gan cantail riumsa! Tha rùm falamh an-dràsta sa flat aig Calum is Tony ann an Ealing, ’s chan eil fhios am nach gabh mi emura cualthu fhèin guth, bheil àitsam bith eile adol? Bhiodh e


[173]

math tachairt an ath thuras a bhios mi shìos is do naidheachd fhaighinn!

Dùrachdan, Niall


Bho: Evander MacCrimmon<evander@tirnanog .celtweb
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet

Hallo, a Chatrìona, taing airson do fhreagairt. Tha thu cho cearts a ghabhaschan urrainn do dhuine a chuid obrach a stèidheachadh air cultar nan eilean is e fuireach sa bhaile mhòr. Amaideas, suidhe ann an aon rùm ann am Partaig ag èisteachd dìosgail nam busaichean is afeuchainn ri thoirt a chreidsinn orm fhìn gun e thann ach ràn faoileig atighinn thugam thar na maramar sin, a Chatrìona, mas aithne dhusa àite beag sam bith a tha ri fhaotainn air màl shuas an sineach, feuch an cuir thu brath thugam. Tha mi cinnteach gum bfheàirrde mo sgrìobhadh e, fois is farsaingeachd nàdair. Bhiodh e uabhasach math dfhaicinn: cha bhithinn afaireachdainn buileach air maineol nam biodh aon charaid agam air an eilean! Na bi fada gun fios a chur thugam.

Dùrachdan, BILL


Bho: mmacphail. arnacleit@celtlink .net
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com
cc: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet

Hi , Girls! Sure was grand to see your Mom and Dad last weekthough Im surprised they dare leave the island, knowing what you two might get up to! Sweet of them to come see Doug and


[174]

me tie the knot, old crocks that we are. CatrionaI am thinking of letting the house, for this year at least, if you or your parents know of anyone suitable. Theyll give you all the news.

Your loving aunt,

Marion MacPhail Campbell


Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com

Mar as àbhaist, chan eil càil adol an seochan fhaic mi duine beò agluasad agus mhionnaichinn gu bheil uair an uaireadair on a chaidh càr seachad. An aon rud a thachair an t-seachdain sa, ’s e gun do rug dhe na cearcan mu dheireadh thall. Chan eil naidheachd a chòrr agam dhut … ’s fheàrr dhomh na h-aodaichean a chur a-mach. Sin naidheachd dhut: tha turadh ann!

Cxxxxxx


Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu .islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet .com

tha thu aciallachadh, nach eil mise ag innse dad dhut? Cha robh cuimhnagam riamh airach tha e cho fìors a ghabhas: tha Cathy air teiche le fear làraidh an èisg à Santander. Nach eil an fheannag dhubh ud, Norah NicA., ga chur mun cuairt gur mise as coireach a chionns gun do dhionnsaich mi an cànan dhi! dhinns dhut co-dhiù? bheil thu faighinn nan naidheachdan?

title19. ... Aig Deireadh an Latha
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page