6
Dimàirt – Catrìona
“Be-e-el!Bel, a m’ eudail — leugh thu ’n geàrr-chunntas air Evander MacCrimmon, nach do leugh? Tha a h-uile càil agad air do chuimhne — air do theangaidh, nach eil, a shiùcair? Hm?”
Cha robh sgeul air Jeremy an là an-dè: Siuthad, leugh seo, ùine gu leòr agad, faodaidh tu gabhail air do shocair — ’s e bha seo ach creutair eile, Am Boss, agus ’s e ‘Tha’ am freagairt ris an robh dùil aige. Agus ’s e sin am freagairt a fhuair e, ach le beagan de cheist ann, mar gum bitheadh, Dè do chabhag? Bha Iseabail air innse dhomh nach robh an t-ùghdar ùr a bha ise gu bhith a’ cìobaireachd a’ cur roimhe a chuid spiorad fìor Cheilteach a thruailleadh le cuairt gu baile mòr Gallta Lunnainn airson mìos eile. Gus am biodh e air òl nas doimhne à fuaran an earraich Ghàidhealaich, no faoineas air choreigin dhen t-seòrsa.
Bha mi air eachdraidh-beatha na grèine ùire seo a leughadh ceart gu leòr, ged nach canainn gu robh i agam air mo theang-
aidh. “Air a bhreith air eilean mara [càit eil’ am biodh eilean?] is air a thogail an dachaigh iomallach, fad’ o thaighean eile – gun fuaim a’ bualadh air a chlaisneachd mhaoth ach na seann òrain Ghàidhlig aig a mhàthair, athair a’ seinn air a’ phìob, na tuinn a’ bualadh air a’ chladach agus caoineadh uaignidh nan ròn air na sgeirean ... ” Bha ’n eachdraidh-beatha cuideachd ag innse dhomh nach robh Evander MacCrimmon ach bliadhna na bu shine na bha mi fhèin, agus dh’fheumainn a ràdh gun cuireadh e iongnadh mòr ormsa mura d’ fhuair a chlaisneachd mhaoth a h-oideachadh aig Radio 1 coltach ri daoin’ eile.
A rèir na bha sgrìobhte an seo, “Cha deach Evander a chur gu sgoil am measg gràisg de dh’iseanan mì-mhodhail a dh’fhaodadh a bhith air flùr na bàrdachd a bhrùthadh is e dìreach a’ teannadh ri fosgladh na chridhe.” Cò sgrìobh seo? Bha mi faireachdainn mu thràth gum biodh barrachd air flùr na bàrdachd air brùthadh math, agus breabadh cuideachd, fhaotainn nam biodh an creutair air a bhith san sgoil còmh’ riumsa. Bhithinn fhèin is Iseabail air ithe beò. Bha mi dèanamh dealbh dheth mu thràth. Bhiodh Richard na Schwarzenegger ri thaobh. Meaban beag bàn, chuirinn geall, sùilean uisgealach lag liath agus fèileadh a sheanar a’ crathadh mu na casan caola, air èiginn a’ falach nam failmean beaga cnapach a bha gnogadh ri chèile.
“Thug mi dhut an dealbh, nach tug?” Jeremy. “Cha tug – bheil tè ann?” Bha, bha dealbh aige na làimh. “Bhon taobh, gu mì-fhortanach, ach soilleir gu leòr, saoilidh mi – math gu leòr is gum faithnich thu aig Euston e.”
Dè bha siud?
Bha, gu robh Evander MacCrimmon, glòir do ainm, air an neart
fhaotainn am badeigin gus aghaidh a chur air a’ bhaile mhòr an t-seachdain seo fhèin, gum biodh e againn a-màireach, gum feumadh cuideigin a choinneachadh gus a threòrachadh tro ghleadhraich nan sràidean (a’ chlaisneachd mhaoth ... ) agus ged a bha Jeremy a’ tuigsinn glè mhath gu robh beàrn anns a’ mhargaid airson rud sam bith ris an gabhadh an t-ainm ‘Ceilteach’ a cheangal, cha robh sin a’ ciallachadh gu robh Ceannard na Roinne, Duine Trang agus mòran mu choinneamh, a’ dol ga ìsleachadh fhèin a’ fàgail na h-oifis – dè nach fhaodadh a dhol ceàrr às aonais – airson coinneachadh ri sgròblaiche fhacal a bu chòir a bhith ga chunntais fhèin air leth sealbhach gu robh Jeremy a’ dol a dhèanamh ainm is fhortan dha. Jeremy, agus chan e na faclan a bha dòrtadh far – far gob na h-ite, is cinnteach: cha bhiodh Evander MacCrimmon a’ cleachdadh càil cho cruaidh teicnigeach ri coimpiutair, am bitheadh? ’S ann air cuideigin dhen t-sluagh ìseal air am biodh caran beaga, leithid coinneachadh dhaoine aig an stèisean, a’ tuiteam.
Bha rudeigin de ‘Ged a fhuair thu àrdachadh dreuchd, cuimhnich gu bheil smachd agamsa ort’ an seo. Thòisich mi air beagan de ghràin a ghabhail air Jeremy, agus air faighneachd dhomh fhèin dè fon ghrèin a bha fàgail Iseabail cho dèidheil air an obair, nuair a dh’fheumadh i cur suas leis a leithid.
“Bel?” Rud beag tioram, mì-fhoighidneach, an guth? ’S fheàrr dhòmhsa coimhead èasgaidh.
“Bidh sin glan fhèin! ’S mi tha coimhead air adhart ris! Cuin tha ’n trèana?”
Tha e brùideil doirbh blìon mòr toilichte fiaclach a dhèanamh ri duine, is tu feuchainn ris an taobh far am b’ fheudar a’ chùlag a lìonadh, às dèidh dhut a bhith beagan ro dhàna le pacaid
chnòthan oidhche mu choinneamh an telebhisean, a chumail leth-dhùinte, agus aig a’ cheart àm toirt air na sùilean deàrrsadh le toileachas gun tug e dhut gnìomh cho cudromach ri thoirt gu buil dha. Faileas à Camhanaich nan Gàidheal a choinneachadh aig an stèisean – sgoinneil.
A-màireach, cha robh e tighinn gu màireach. Ùine gu leòr crìoch a chur air an leabhar – am measgachadh àbhaisteach de bheul-aithris, sìthichean mòra ladarna, glaistigean beaga ciallach, ròin is òr is ceò na mònadh, chòrd e rium glè mhath ach bha mi air co-dhiù sia dhe leithid a leughadh mu thràth, mar bu trice air an sgrìobhadh aig Ameireaganaich – agus sùil dhùrachdach a thoirt air an dealbh. Shìn Jeremy dhomh i.
“Bidh i gu math tarraingeach air a’ chòmhdach-cùil, hm? Byronic ... ” Thug e crathadh dha logaidh fhèin, mar fhear a chanadh nach leigeadh tu leas coimhead na b’ fhaide airson oighre Byron – agus fhad ’s a bha esan a’ tuiteam beagan nas truime ann an gaol leis fhèin, fhuair mise sealladh ceart dhen dealbh mu dheireadh thall.
Càit an robh an caoiltear beag truagh le sùilean a’ choineanaich ghealtaich a bha mise a’ dealbhachadh? Cha do thog an camara ach ceann is gualainn, an duine coimhead a-mach thar a’ chuain, falt tiugh dorcha ga chrathadh aig a’ ghaoith an dòigh ’s nach fhaiceadh tu mòran dhe aodann, ach dè ’n diofar, bha rudeigin mun t-seasamh dìreach, mun aodann an aghaidh na gaoithe, mar gum biodh e na sheasamh aig toiseach luing Lochlannaich is i sgoltadh nan tonn – bha rudeigin mu a shròin.
Rudeigin – cha robh mi a’ greimeachadh air – rudeigin, rudeigin a’ dùsgadh ann an doimhneachd mo chuimhne. Cumadh na sròine – nis thuirt tè Ghallta shìos an rathad rium,
chan e aon turas ach gu math tric, “O, sibhse, eileanaich, bha sibh cho dèidheil air a bhith a’ pòsadh ur càirdean is gu bheil an aon sròn air a h-uile duine san sgìre!” Lathaichean a bhiodh i ann an droch thriom agus a’ gearain mun droch shìde, chanadh i gu robh an aon laigse-eanchainn air a h-uile duine sa choimhearsnachd cuideachd. Ach bha an t-sròn – rudeigin mun dòigh san robh an solas a’ laighe oirre, ga dèanamh cho geur ri lann sgeine a’ coimhead, ’s an dà shùil falaichte san dubhar ...
Bha sròn Evander MacCrimmon a’ dèanamh dragh mòr dhomh.
* * * * *
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Tha fhios a’m nach eil thu ach a’ suidhe air do thòin a’ dalladh air cofaidh is briosgaidean, mar sin faodaidh tu smuain no dhà a chosg air do phiuthar bhochd, nach eil a’ dèanamh bun no bàrr dhe na litrichean dìomhair air mìosachan a’ chidsin. Dè a tha ‘**2c son FS, bix?’ a’ ciallachadh? Agus tha rionnag eile air Diardaoin, tè nas motha – bheil rud sam bith dol a thighinn ormsa gun fhiosta?
Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com.com
Dà chèic airson fèill-reic na sgoile Dihaoine, agus briosgaidean nam biodh ùine agam. Rona Diardaoin. Chan urrainn dhomh
sgrìobhadh an-dràsta, droch shùil aig J. orm, tha agam ris a h-uile criomag mu EM a ghabhail a-staigh.
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Cà bheil iad? Chaidh mi air feadh nam bogsaichean is nan tionagan. Falamh air fad ach dà phìos coirce le barrachd feusaig orra na bh’ air mo shinn-seanair.
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Cha do rinn thu riamh iad, an d’ rinn? Sin as coireach nach eil thu freagairt, chan e gu bheil duine cumail sùil ort. Cha do rinn thu iad is cha tuirt thu guth rium mun deidhinn. Càit às a bheil mise dol a dh’fhaighinn dà chèic? Ro Dhihaoine? Mise a theab an Lèabag fhuadach a-mach à Home Ec.is i sgiamhail gu robh linn nan ìobairtean loisgte seachad. Chan fhaca mi duine riamh a’ dèanamh leithid de dh’ùpraid mu dheidhinn sgonaichean. Ag èigheach gun do theab mi an sgoil a chur na teine. I fhèin nach do mhìnich riamh dhomh an diofar eadar Fahrenheit is Celsius bu choireach gu robh an àmhainn ro theth. Tha làn-fhios agad nach deach mise faisg air pacaid flùir bhon uair sin, agus cha tèid.
Tha mi smaoineachadh gu bheil an streas tha seo dona dha mo chraiceann, saoilidh mi gu bheil am broth nas miosa. Dè idir a bha thu minigeadh leis, ga mo chur ann an suidheachadh far a bheil fuine air fàire.
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Cuiridh mi geall gu bheil thu air am PC a chur dheth, is gu bheil do cheann crom os cionn an deasga a’ coimhead dìcheallach. Agus na dèan an leisgeul gu bheil thu a’ cur gleans air m’ ìomhaigh-sa!
DÈ NÌ MI MU NA CÈICEANNAN? FÒN THUGAM!
Bho: Catmob
Fònaidh mi nochd.
* * * * *
“Innsidh mise dhut dè nì thu: nì thu gingerbread. ”
“Innsidh mise dhutsa dè nì mi, ceannaichidh mi dà chèic agus spìonaidh mi dhiubh am pàipear.”
“Ist. Sguir dheth, tha gingerbread cho furasta, innsidh mise dhut. . .”
“Stad! Innsidh mise dhutsa, ’s ann a tha e furasta buileach cèic a cheannach sa bhùth!”
“Chan eil math dhut! Bidh daoine amharasach – tha fhios aca gum bi mise a’ bèicearachd an-còmhnaidh. Chan eil math dhut an croft cred agam a mhilleadh!”
“Chan eil math ... croft cred,bheil thu glic... ciamar a leig mi leat mo chur ann an leithid de shuidheachadh?”
“Dà mhionaid, Iseabail: CÒ dìreach a tha ann an suidheachadh doirbh an seo? CÒ mhiannaich agus a roghnaich agus a chùm oirre gus an tuirt mi gun tiginn ann? CÒ a dh’fheumas a
dhol a-mach gu oifis am measg choigreach agus a thoirt a chreidsinn orra gun e tèile th’ innte? Fhad ’s a tha thusa suidhe am broinn an taighe gu comhartail gun uallach sam bith ort, laighe san leabaidh gu meadhan-latha ma thogras tu, ’g ithe ’s ag òl ’s a’ coimhead an TV ... ”
“Meadhan-latha! ’S cearcan ann! Gun uallach! Cearcan is cèiceannan is bean Iòsaiph a’ toirt dhomh a’ third degree chionn ’s gun do cheannaich mi leth-phunnd hama!”
“Ma tha thusa smaoineachadh gu bheil e nas duilghe ceithir chearcan agus bean Iòsaiph a mhealladh na an seat a tha san oifis, tha barrachd ceàrr ort na beagan ghuireanan!”
“Trì cearcan.”
“Ceithir.”
“Chan eil iad a’ breith.”
“Dè tha thu ag ràdh rium?”
“On a sguir thu dh’ithe feòil. .. cha b’ urrainn dhomh feòil a cheannach sa bhùth mus biodh daoine amharasach ... ”
“Iseabail!”
“Cha robh cus feòla idir oirre ach rinn i brot a bha sgoinneil”
“ !? ? ** !”
“Rinn mi risotto le feòil na sliasaid.”
“Ma tha thu smaoineachadh gu fan mise an seo is tusa a’ MURT ... a chanabail a tha thu ann!” —ùùùùùùùùùùùù
* * * * *
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Cu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Cha robh mi ach a’ feuchainn ri do chur thuige air sàillibh nan cèiceannan. Cha robh ann ach fealla-dhà. Cha b’ urrainn
dhòmhsa cearc a mharbhadh. Tha fhios agad nach b’ urrainn. Mura bithinn nam èiginn co-dhiù. Agus ’s e sitheann a chuirinn ann an risotto, ’s e as fheàrr leam.
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Cha leig thu leas a bhith cho crosta mu dheidhinn. Tha fhios agad nach robh mi ach a’ tarraing asad. Tha mi duilich, OK? Cha bhoin duine dha na cearcan agad ged nach beireadh iad ugh gu sìorraidh.
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Gabh air do shocair, a Chatrìona, cuimhnich cho cudromach ’s a tha seo dhòmhsa: chan urrainn dhomh tilleadh gus am bi am broth air falbh! Tha fhios agad nach b’ urrainn dhomh dhol dhan oifis agus m’ aodann ’s mo dhà làimh cho dearg is cho corrach ri dealbh de Mhars – cò smaoinicheadh gun tachradh a leithid do thè a thogadh am measg chaorach. Cha bhi ann ach cola-deug aig a’ char as fhaide – sin a thuirt an dotair, agus tè an t-salon, ged nach eil earbs’ agam inntese tuilleadh. Cola-deug, a Chatrìona, no deich latha, agus a h-uile càil a’ dol cho math dhut anns an oifis, an obair cho furasta dhut! Chan eil fhios nach fhalbh e ro dheireadh na seachdain! Cuimhnich gu FEUM mise – thusa – a bhith ann gus an cuir Evander MacCrimmon ainm ris a’ chùmhnant, no bidh mis’ air an t-sitig ma theicheas e gu Collins no Canongate.
Glanaidh mi an taigh air fad. Agus peantaidh mi na h-uinneagan. An taobh a-muigh cuideachd. AGUS thèid mi choimhead air Auntie Marion, is saoilidh i gun tu tha laghach, agus suidhidh mi còmh’ rithe fad an fheasgair ga h-èisteachd ga mo chàineadh-sa.
Sguir a bhruidheann air tilleadh. THA SEO CUDROMACH, a Chatrìona!
Inns dhomh ciamar a nì mi an gingerbread,siuthad.
le gaol
B. xxxxxx
Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Peantaidh mi an skirting.
B. xxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxxx
Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet
Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com
OK. Seo mar a nì thu a’ chèic – tha e ceangailte, dinnsear.doc- rinn mi e cho sìmplidh ’s a b’ urrainn dhomh, chan eil rian gun tèid e nad aghaidh, dhèanadh leanabh e. C.
PS. Tha Evander MacCrimmon a’ tighinn a-nuas a-màireach. Tha agamsa ri choinneachadh aig Euston, mus tèid e air chall sa bhaile-mhòr, an creutair. Dol far-loidhne a-nis. Oidhche mhath.
Dè?
title | 6. Dimàirt – Catrìona |
internal date | 2008.0 |
display date | 2008 |
publication date | 2008 |
level | |
reference template | NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p |
parent text | Cleas Sgàthain |