[53]

7

DiciadainIseabail

Bha sgàthan an lobaidh ag innse dhomh gu robh am broth fada na bfheàrr. Sin fhads nach cuirinn air an solas. Ach bha echa robh echa robh e buileachO, feum a bhith coimhead san sgàthan a h-uile leth-uair, ’s ann bu chòir dhomh coimhead air aphìos eadar-theangachaidh a bhaig Catrìona ri chrìochnachadh. Leabhar chloinne bige, thuirt i, cha bhiodh maill anncha bhitheadh, nam biodh sgeul agamsa, no aig faclair Gàidhlig sam bith a nochd riamh ann an clò, Ghàidhlig a bhair ‘woolly mammoth’ .

Ciamar a chumainn maire air woolly mammoth is mi dèanamh dealbh dhìse acoinneachadh Evander MacCrimmon nam àite-sa. Acur eòlas air. Mise bha dol a thachairt air an toiseach, ’s chanadh e nach robh eson dèiligeadh le duine sam bith eile, gum mise an aon duine a thuigeadh dha-rìribh a bhriathran, an aon dualchas, na h-aon fhreumhaichean ...


[54]

Càr! Landrover aig Guano, dòchas nach eil e tighinn an seochan eil, shiud e sìos, agusFlorabel? Bha min dùil gu robh siud seachadnis ma thionndaidheas e sìos rathad amhachairedais air, il Catrìona cumail aphrosbaig. .. O, càr eile, ’s fheàrr dhòmhsa cumail air ais bhon uinneig ... Tracy le bhan na leabharlainn, dòchas nach stad i, O, seo Gòrdan atilleadh, cha leig i oirre geil i ga fhaicinn, bha tàirneanaich is dealanaich ann nuair a dhealaich iad siud. Feumaidh gun do leig e às an tèile aig an taigh-òsta. Ach ciamar acha chuireadh tu corrag air. Fiùs san sgoil nuair a fhuair e cead dràibhidhs chuireadh e dhàite sam bith sinn leis an t-seann bhan, ’s e chuireadhdhan chùl, nam faigheadh e an teansa, bha seòrsa de love-nest aigann an sin le beagan chuiseanan is seann phlaide tartain (sin a chaidh innse dhomh). Ciamar a tha Catrìona beò an seo: ma tha fear sa choimhearsnachd air an cuireadh tu corrag, tha e ga chumail fhèin gu math falaichtecàr eile. Chan eil mi ga aithneachadh idirgu math ùrtha e stad. Chan eil fhios am idir ...

bheil thu, Chait? ’Eil thu sin? Cha robh dùil agad riumsan-diugh!”

Uill, cha robh, air bith thu – ’s fheàrr dhomh dhol sìos.

Puss, puss! BHEIL thu?”

Puss, puss? ...

Cha robh mi fiùs air doras achidsin a ruigheachd nuair a bha seòrsa de ghailleann ann an geansaidh clòimhe air mo mhuin. Timcheall orm, co-dhiù. Dhia, cia mheud gàirdean a bhaige, chan eil rian nach ann mar seo a tha trosg afaireachdainn anns an lìon.

Mmphmn! aùisd! rrrrrrrrrnnnnleig às mi!” An ann acunntais mfhiaclan a bha e feuch an robh an t-each fallain, no


[55]

atomhais doimhneachd an t-slugain. ’S dòchgun e dotair ENT a bhann, afaighinn tlachd mhòr à obair. Bha e gun bontainn dha na cluasan fhathast. Shuath mi caol mo dhùirn ri mo bheul, is dhfheuch mi ri ceum air ais a ghabhail, mach à ribe nan gàirdeanan orang-utan.

Chan e ... ”

O. Cha robh math dhomh innse. Murt. Feumaidh gu bheil Catrìona gu math eòlach air. Puss, puss! Gu MATH eòlach. Cur barrachd air corrag air an fhear sa. ’S cha do dhinns i AON FHACAL dhomh mu dheidhinn, an tràill, am ... Agus bha e air a bhith ag ithe liocras, ’s es lughorm. Bha na gàirdeanan aslacadh. Chaidh agam air òirleach no dhà de shaorsa fhaighinn. Manail a tharraing.

Bha min dùil gun tu bhiodh toilichte mfhaicinn! Trì seachdainean tràthreubaltaich san Delta, sheòl an t-soitheach gu Accra, chuir iad sinne dhachaigh is chaidh criutha eile a-mach. Bha min dùil gum biodh tu air do dhòigh ... ”

O, am balach beag bochd. Bheil am bilìosal air chrith, chan fhaic mi ann an dorchadas an lobaidh.

Tha mi duilich ... tha ... ceann goirt, ro fhadaig an sgrìon, dìreachbha mi, uh, bha mi shuas na mo shìneadh.”

Mearachd mhòr a bha siud. Bha am facalsìneadhna sholas uaine dhan orang-utan,leum e thugam a-rithist mar gum bann air meas blasta a shàsaicheadh acras ann an coille Bhorneo. Ach bha mi deis air a shon, thionndaidh mi mo cheann chun an taobh mus fhaigheadh e eòlas na bu chàirdeile air mo sgòrnan. Mearachd eile. Cha robh dad aige an aghaidh chluasan. ’S ann a bha meas mòr aigorra.

N dòchas nach eil cèir innte.


[56]

Shìorraidh, bha sinn air ais aig bonn na staidhre.

Fuir-ich ... ”

Seadh, a luaidhbheil do cheann goirt fhathast? Thugainn, togaidh mi fhèin suas thu, cha bhi sinn fada ga chur am feabhas.”

Fan, stad, feumaidh mi aspirin no rudeigin, bha mi dìreach adol a dhiarraidh deoch, gabh air do shocair ... ”

Dhfheuch mi ceum taobh achidsin. Bha seo coltach ris an t-seòrsa trom-laighe sam bi do chasan adiùltadh gluasad, do cheann ag ràdh riutRuithagus iadsan mar gum biodh ann an sùil-chruthaich.

Cha robh e carachadh.

Thugainn, cuiridh min coirair.”

Sin thu, cha bhi e fada tighinn chun aghoil, ha-ha!”

An ainm sealbh. Ciamar a gheibh mi às a seo. Nam faigheamaid gu solas geal achidsin is gum faigheadh e sealladh ceart dhe mo chuid phlugan cha bhiodh guth air deiseil agus deònach.

“ !! *! thachair dhut?”

smaoinich gum bithinn taingeil do chungaidhean na h-òinsich a bha agabhailcomhairliche bòidhcheidoirre fhèin. Dhinns mi an sgeul. Acur na coire gu làidir airIseabail’, carson nach cuireadh?

Meudail bhochd! Trobhad an seo!”

Ooops. Pas-de-bas timcheall bòrd achidsin.

Tha etha, chan fhuiling mi dad a’, mm, asuathadh ann, tha –” beagan de Schottische seachad air an stòbh – “ ... fhios agad, tha e rudeigin goirt, an rud as lugha, bfheudar dhomh cadal air uachdar na leapa ... ”


[57]

Bhiodh Pavlov moiteil às an duine seo, bha faclan leithidleabaidhag obair dìreach mar gum bruthadh tu putan. Doras afrids fhosgladh mu choinneamh agus sìnteag no dhà a dhionnsaich mi sa Highland Fling a ghabhail gu chùlaibh, fhads a bha mi togail a-mach botal bainne. Saoil nan toirinn a-mach bogsa na deighe, an robh dòigh air fhuarachadh?

mi cofaidh dhuinn.”

An turas sa, esan a ghabh ceum air ais. Taobh an dorais-cùil. Rudeigin na shùilean, eadar duilich agus feargach. “Tha fhios agad nach toigh leamsa cofaidh. No bha.”

Otha mi duilichfuirich, tha an seo. . .”

e, a Chatrìona?”

?”

Còig seachdaineancha robh thu fadag atharrachadh! Còig seachdainean gam mhealladh air aphost-dealain aguss e seo an fhàilte a tha romham!”

Dhfheumainn innse.

Achchan e ... ”

Cha leig thu leas tòiseachadh! Tha mi ga thuigsinn glan!”

Thionndaidh e cheart cho luaths a thàinig e staigh agus a-mach leis brag! aig an doras-cùil, brag eile aig agheata agus dranndan fiadhaich aig achàr is e tionndadh, fo shròin Landrover Ghòrdainbha mi fàs eòlach air ràn nam brèicichean aigeGordan a choimhead a-nall, a chunnaic maodann aig an uinneig, agus a rinn, gu nimheil, soidhne a bha uaireigin abuntainn ri Churchill, mus do lean e an carbad eile sìos am bruthach.

Ach e? ’S e bha aithghearr dheth fhèin, ach ma bha e seachdainean aig muir, an truaghan ... ach nach bi an donas i


[58]

nach tuirt aon fhacal mu dheidhinn! Cha robh ach leum suas an staidhre chun afòn-làimhe, dhfheumadh i acheist seo a fhreagairt sa mhionaid uarach ged a bhiodh i an teis-meadhan Evander MacCrimmon a threòrachadh tarsainn rathad Euston agus sia sreathan chàraichean gu bhith air am muin.

Oho, naidheachd!

Bho catmob: Bill Smith à Bearsden!! !! !! !! ! !!

? Chan e. Air bith bhann, chan e Bill Smith à Bearsden. Sa chiad àite, chan i an aon sròn a bhannachuimhne thagamsa air Bill Smith, is chan eil cus, i fhèin a beòlaiche air, bha sròn air a sgoltadh sgadan. Chan e sin an seòrsa sròin a bhair mo shrainnsear idir, agus bha mi air a bhith faisg gu leòr oirre airson sin a ràdh le cinnt.

Ach chan ann afreagairt mo cheist-sa a bha i, cha robh mi air acheist a chur oirre fhathast, ’s ann a bha rudeigin aice ri innse ... feuchamaid, tha na stabaichean beaga acoimhead fallain. “You are through to Catherine MacRae’s voicemail ...” Gonadh air.

Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Smaoinich! Bruidheann air foilleil ... chreideadh e ... fhuair thum brath agam, nach dfhuair? Ach SMAOINICHis chan eil càil a dhfhios aige gun do dhaithnich mise. Ciamar a dhaithnicheadh, cha mhi thann, thusa thann, is chan fhacthusa mòran riamh dheth.

Dhfhalbh e fhèins Jeremy a-mach gu sushi bartha mise


[59]

beò air aghaoith, feumaidh, cha dfhuair mi fiathachadh co-dhiù, chan e gun toirinn taing dhaibh airson criomagan de dhiasg amh. Bha an sgalag math gu leòr airson a dhol chun an stèisein achs dòchgum biodh leth-òirleach de dhadag air a sgeadachadh le sliasaid srùbain fada ro leòmach dhòmhsa. Tha e ciallachadh gu bheil ùine gu leòr agam a h-uile càil innse dhut: ’s fhada mus till iad. Thuirt Richard nach biodh cabhag sam bith air Jeremys e lìonadh a bhrùs asgoladh amhaich air cosgaisean na companaidh. Ciamar a tha thu beò ag obair dhan amhasg. ..

Ach fàg sin an dara taobhfuirich, cha chreid thu, ’s gann gu robh mi fhèin ga chreidsinns mi ga fhaicinn le mo dhà shùil ...

Bha mi tràth aig an stèisean ach am bithinn ann an deagh àm, agus sheas mi pìos air ais bhon gheata, mus tòisicheadh na daoine air sruthadh a-mach bhon trèan, ach am biodh deagh chothrom agam dùghdar Fìor Cheilteach aithneachadh; mise an dùil gum biodh an creutair is e air aineol aig an deireadh, ach cha robh dad dheth, ’s ann a bha mo liagh air thoiseach le ceum cabhagach. ’S math gun do sheas mise pìos air ais. Agus chan eil fhios am fhathast thug orm na seann speuclairean-grèine a bha an tòin mo bhaga a chur orm.

Co-dhiù, sheas e tiotanbha dùil aige ri cuideiginagus thàinig gath grèine tro mhullach an stèisein a laigh dìreach air a shròin, is bha e agam anns amhionaid. Latha ann am Moral Phil, is an òraid cho tioram is gu robh am beagan nach robh nan cadal afaicinn mioràids de dhuisgeachan is de dheochannan is mhothaich mi dhan fhear a bha seo, na shuidhe shuas ri taobh na h-uinneige, agus aghrian a-staigh air na lòsain dhustach adèanamh lann claidheimh dhe shròin. Aguss i bhann, an


[60]

dearbh shròn, Bill Smith à Bearsden! Seo Evander a chaidh a thogail ann an dachaigh uaigneach gun fuaim ach na stuaghan asluaisreadh gaineamh na tràghd, mo chas! Oideachadh anns an t-seann dualchas, gun spot truaillidh bho ghnàthasan-foghlaim an an-diugh! Fear a fhuair a thogail trì troighean bho sgiamh brèicichean busaichean Ghlaschu agus a bha gu tachdadh le fearas-mhòr chionns gun deach esan gu Allan Glens!

Cha do leig mi orm dad. Chanainn gun do rinn e seòrsa de chlisgeadh nuair a chunnaic e mi, ach chùm mi romham mar nach biodh ann ach an srainnsearan srainnsear a bha an eachdraidh-beatha adealbhachadh. “Isobel MacRae,” arsa mi fhèin gu milis, agus mhionnaichinn gun tug e faochadh dhaIsobela chluinntinn, “from Greylag Books. Tha Gàidhlig agaibh, tha mi tuigsinn?”

Cha do chòrd sin ris idir, idir. Bha Evander againne gu bhith uabhasach fhèin Gàidhealach a-bhos am measg nan Gall, achs e ceist eile a bhann Gàidhlig a bhruidheann ri a bhuineadh dha na h-Eileanan. “Tha,” ars Evander, “ach ... ” agus mhìnich e dhomhsa Bheurlamar a bha cainnt ar sinnsrean dhàsan cho prìseil, agus cho airidh air a cumail gun truailleadh, fìor, glan, mur gum biodh i sruthadh à fuaran far am biodh Oisean fhèin asàsachadh a phathaidhtha min dòchas gu bheil thu dèanamh dealbh dhìomsa ag èisteachd gu foighidneach ris a seo an cùl tagsaidh, gun dad a choltas air maodann gu robh mi gu bhith gòmadaich aig an tramasgalach dhfheumainn aideachadh gu robh e geur na inntinn, am balach, cho luaths a thàinig an leisgeul thuigeco-dhiù, cha bhiodh esan, thuirt e, abruidheann na Gàidhlig ann an suidheachaidhean làitheilmar, bha agam ri thuigsinn ged nach robh de dhaghaidh


[61]

aige a chanadh e, an cùl tagsaidh robach dhubh Lunnainn le mo leithid-sa, ach agleidheadh nam faclan dlùth dha chridhe gus nach cailleadh iad am brìgh ... Cuiridh mi geall nach eil barrachd aige naThaisChan eilisSlàinte Mhòr’.

Cha robh fiùs pilichean tinneas-mara agam.

Cuiridh mi geall gun do chuir EvanderBillleth-uair seachad le Bun-chùrsa Gàidhlig, latha air choreigin nach robh an còrr aige ri dhèanamh, uair an uaireadair le eachdraidh Mhic aPhearsain, feasgar le Publisher’s Weekly agus am Financial Times,mus do bhuail e staigh air gu robh a fhreumhaichean cho Ceilteach. An damh.

Bheil fhios agad bhaige na phòcaid? Bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin. Cuideachadh mòr dha air an trèan, thuirt e, ga chall fhèin am measg nam monaidheans nam beann, ga neartachadh, mus tigeadh e measg gleadhraich abhaile, le sàmhchair nam mullach agus langanaich nam fiadhis mise afaicinn, a dhaindeoin speuclairean dubha, oisean dhen Ghuardian apriobadh a-mach on bhaga aige!

Tha na sùilean aige glè bhrèagha, call a thann gu bheil am bidean nam beann tha siud eatarra, agus gu bheil an claigeann a thair an cùlaibh làn leithid de dhamaideas. Ach smaoinich cho dàna!

C.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Carson nach do dhinns thu dhomh gu robh thu falbh le cuideigin? Cha leigeadh tu leas a bhith ga chleith bhuamsa, dhfhaodadh tu bhith air rudeigin a ràdh.


[62]

Bho: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Gu: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

dh’inns dhut? Rona, cuiridh mi geall. Tha e aig muircha bhi e staighson trì no ceithir a sheachdaineancha robh mi dol a ràdh guth gus am faicinn ciamar a bhiodh cùisean nuair a thilleadh e.

Bho: Iseabail NicRath<macrabel@westnet.com

Gu: Catrìona NicRath<catmacra@yahu.islenet

Chan eil na aig muir. Staigh an doras gun ghnogadh no eile madainn an- agus theab e mo sguabadh suas an staidhre fo achlais mus dfhuair mi facal a-mach. Chanainn nach eil cùisean air fuarachadh idir, mas e sin an t-eagal a bhort.

Hallo?”

Tha Niall air ais? Cuin a thill e? Carson? Nach neònach nach do dhfhòn e thugam ... ”

Carson a dhfhònadh e thugads tu an seo?”

!! ?? Bheil thu ag ràdh rium nach do dhinns thu dha?”

Mmcha dfhuair mi an cothrom ... ”

Iseabail. Chan eil mi ag iarraidh fealla-dhà idir. Carson nach do dhinns thu dha gun tu bhann?”

Carson nach do dhinns esan dhòmhsa co bhann! Tha mi dìreach ag innse dhut, cha dfhuair mi an cothrom, bhuail siud a-staigh dhan taigh mar chnap gaoithe, leum e orm mar madadh-allaidh, agus chionns nach dfhuair e na pògan is barrachd a bha e sùileachadh, mach leis le stuirc mus dfhuair mi mo bheul fhosgladhuill, mus dfhuair mi facal ciallach a ràdh. e co-dhiù?”


[63]

tha thu minigeadh, ena bi leigeil ort nach do dhaithnich thu e.”

Cha do dhaithnich ach chunna mi feadhainn dhe chàirdean ann am prògraman David Attenborough!”

Niall MacArtair.”

Sheadh?”

Iseabail! Bràthair an Teadaidh.”

Bràthair an Teadaidh? An e Niall ainm bràthair an Teadaidh? Bheil thu ciallachadh bràthair an Teadaidh, a bha bliadhnair thoiseach oirnne san sgoil?”

An sguireadh tu a ràdhbràthair an Teadaidh’! Niall an t-ainm a thairtha e fada nas laghaiche nam burraidh eilecuimhnagad idir, dhfhalbh e dhan cholaiste-mara ann an Sasainn, tha mi cinnteach nach fhacthusa mòran dheth tuilleadh, cha bhiodh na h-aon saor-làithean agaibh.”

Acha Chatrìona, tha mi duilich, bha rùid sgriosail air afalbh às a seo – ’s fheàrr dhut grèim fhaighinn air ... ”

Mm, fònaidh mi sa mhionaidach smaoinich Bill Smith, an ceigean cealgach, chreideadh. . .”

Sùilean brèagha, ge-, thuirt thu?”

Fhalbh ’s ... !”

title7. Diciadain – Iseabail
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page