[45]

TOISEACH AN EARRAICH

Aig beulaibh na stèids, na meadhan, bòrds shèithear.

BODACH anns an t-sèithear air an làimh dheis.

CAILLEACH anns an t-sèithear air an làimh chlì.

Shuas bhuapa, air taobh clì na stèids, bòrd eiles shèithear.

anns an t-sèithear air an làimh dheis.

FEAR anns an t-sèithear air an làimh chlì.

Aig toiseach an deilbh, tha solas air achiad bhòrd. Am bòrd eile ann an leth-sholas, no ann an dorchadas.

AM BODACHs ACHAILLEACH nan suidhe acoimhead a-mach dhan an èisteachd. Deich diogan. ACHAILLEACH an uair sin abruidhinn ...

ACHAILLEACH ... an ùine bho shuidh mi ann an seo a-nochd ... (acoimhead suas, is gu aon thaobh) ... ’n e sin uireas a tha e? (i dèanamh mèaran)

AM BODACHS nach gabh thu innt’, a-rèist, ’s chan e bhithg ochanaichs ag osnaich an sin.

ACHAILLEACH math? (mèaran eile) Ma thèid mi innte ro thràth, chan fhaigh mi norradh a-rithist tron oidhch’ ... (stad) Ach rud ga bheil mi mothachadh ... mar as seana tha mi fàs ... ged a dhfhairicheas mi oidhche fada ... no fhionnairidh ... than t-seachdain adol seachad ann am priobadh na sùla. Nach eil e neònach? A-màireach Disathairna-rithist. Cuin than duine atighinn? Saoilidh mi nach eil mionaid bho Dhisathairna-chaidh. Bha mi aig bhana aChoop. Bhan uisgann. Nach eil e neònach?

Stad.

S na bliadhnaichean adol seachad a cheart cho luath ... ’s fhada bho chaidh iad air achaoich orm. Aig fichead air an t-srian, aig deich air fhichead air an trotan, aig fhichead air achaoch. ’S a-nis, earrach eile romhainn. Seo sinn aig toiseach earrach eile ...



[46]

Stad.

Adùsgadh anns achàinealach. Ag èirigh aig guth an eòin.

Stad.

Tha sinn cho aost. Ciamar a dhfhàs sinn cho aost? ... Cuin a thuirt thu bhan duine sin atighinn?

AM BODACH Cha tuirt mi.

ACHAILLEACH Cuine, ma-thà?

AM BODACH Leth-uair an dèidh naoi.

ACHAILLEACH An dèan mi panaceics? ’N dùil, nan dèanainn panaceics, an itheadh e iad? (stad ghoirid) Seall eil càil ceart air an teilidh.

AM BODACH Tha thìdagad glainneachan fhaighinn ... (atogail aphàipeir bhon abhòrd, ga fhosgladh, alorg na duilleig le prògraman an teilidh ... )

Fiach mo thòin a thachais.

ACHAILLEACH No sgonaichean. Dhfhaodainn sgonaichean flùir a dhèanamh ... (stad) Nach eil Frost air a-nochd? Inspector Frost?

AM BODACH Chan eil. Ceala-deug a-nis bho nach robh Frost air. (stad ghoirid) MacNèill an t-ainm a thair an duine tha tighinn a-màireach, a thuirt e air achairt.

ACHAILLEACH Sloinneadh Barrach.

AM BODACH Càil ceàrr air na Barraich. Fìor Ghàidheil! Choinnich mi ri gu leòr dhiobh aig muir. Drungairean, ach dhiarradh tu? Pàpanaich, ach chan urrainn dhaibh sin a leasachadh. An car a bhanns an t-seana mhaide ...

ACHAILLEACH Tha feadhainn ann an Leòdhas cuideachd. Tha.

AM BODACH acoimhead rithe.

Choinnich mi ann an Glaschu. An turas a bha mi ann an Glaschu ... (acoimhead ris) ... a sealltainn air Mòr mo nighean. Bhon Taobh Siar.



[47]

AM BODACH Co air a tha thu mach a-nis?

ACHAILLEACH Bhon Taobh Siar. ’S ann. (stad ghoirid) Ach cha be MacNèill an sloinneadh a bhoirr’. Sloinneadh na bfhaide a bhoirr’.

AM BODACHS mait gu robh i pòstaig Barrach ... (ationndadh a chinn chun alàimh dheiss ag èigheachd) tha siud? thann? (ris ACHAILLICH) Duineigin aig an doras-a- muigh. (ationndadhs ag èigheachd) thann? il an ?

ACHAILLEACH Ist, amadain!

AM BODACH (àrd) il an ? Garry! (rithe) Èigh air achù!

ACHAILLEACH Ist! ... ’S tu air a dhol bhuaithe ...

AM BODACH Garry! (nas àirde) Garry Garry Garry! (car na cheann, feuchainn ri coimhead fon abhòrd) bheil thu, ’choin?

ACHAILLEACH acoimhead a-mach dhan an èisteachds acrathadh a cinn.

AM BODACH asuidhen-àirde. Acoimhead gu làimh dheis. Gu làimh chlì.

An dithis acoimhead a-mach dhan an èisteachd.

ACHAILLEACH Màireach a than duine tighinn. Mgr MacNèill. Chan ann a-nochd. Chan eil dùil againn ri duine a-nochd. Ach Dòmhnall Uilleam, aig an uair àbhaisteach. Oidhche Haoine, bidhn deoch air. Leth-uair an deidh naoi, madainn a-màireach, a than duine tighinn.

Stad.

Galbraith asloinneadh a bhoirr’.

AM BODACH Nic aBhreatannaich. (acoimhead rithe) air?

An solas adol sìos air achiad bhòrd. Atighinn suas air abhòrd eile.
is FEAR nan suidhe tarsainn bho chèile aig abhòrd. Ag òl teatha.

ISE Ach carson a dhfheumas tusa dhol a dhobair a-màireach? ’S gu leòr dhaoineile aca?

ESAN Gu meadhan latha. Dhiarr iad orm. Thuirt mi riutha gun deighinn a-steach.



[48]

ISE Thuirt thu riumsgun toireadh tu sìos am baile mi. Gun tigeadh tu còmhrium sìos am baile.

ESAN Bheir mi sìos thu feasgar.

ISE Agam ach càisair fhàgail anns a’ fridge .Son do phìos.

ESAN Càisglè mhath.

ISES chan eil aon shlaighse lof am broinn an taigh, an-dràsta chuimhnich mi. Cha dfhuair mi mach feasgar.

ESAN Bha thu coimheadMurder She Wrotea-rithist, nach robh? Innis an fhìrinn!

ISE Dhfhaodainn sgonaichean a dhèanamh. Ach chan eil flùr a-staigh a bharrachd ... (stad) Mo mhàthair a dhionnsaich dhomh sgonaichean a dhèanamh.

ACHAILLEACH, aig abhòrd eile, ationndadh a cinns ag èisteachd.

Spàin bheag de shòda an arain, bhiodh ig ràdh ...

ACHAILLEACH, gàire air a h-aodann, ag èisteachd rithe.

Craiteachan salainn. Meug. Ugh.

ESAN Thig dhachaigh còmhrium as t-samhradh.

ISE Uaireannan bhiodh sinn adèanamh feadhainn le currans. Bha iad cho math le silidh rubrab. Feadhainn bheaga chruinn le currans.

ESAN Chì thu do mhàthair. Bheir sinn a-null dha Na Hearadh i son latha. Thèid mi fhèin air a tòir. Leis achàr.

ISE (aleum gu casan) Bidhm Paki aig achòrnair fhathast fosgailt’! Gheibh mi lof aig aPhaki! –

ESAN Chan eil do chas adol a-mach à seo son oidhche! ’N ann às do chiall a tha thu, mun tìde-sa dhoidhch’, oidhche Haoine? An t-sràid làn ghràisg is dhrungairean!

ISE (asuidhe) Boireannach leisg a thunnams’, nach e? Boireannach gun fheum. Can rium e.

Solas adol sìos orra. Atighinn suas air achiad bhòrd.

AM BODACH Chleachd gu leòr dhaoine bhith tighinn an seo.



[49]

ACHAILLEACH Bha latha dha na sin ...

AM BODACH Sgoilearan! Mar an duine tha tighinn a-màireach ... Achs fhada bhon uair sin. Chan eil duine atighinn an-diugh.

ACHAILLEACH chiad ainm a thair an duine tha tighinn a-màireach?

AM BODACH (atogail na cairt) Chan eil eg ràdh.

ACHAILLEACH Duine mar sgoilear nam facal a bhios ann.

AM BODACH No Mr Henderson.

ACHAILLEACH No an sgoilear Èireannach.

AM BODACH Tòmas achiad ainm a bhair an Èireannach. Eil cuimhnagad? Ach cha bann mar sin a bha e ga ràdh. (stad ghoirid) Tomass! Siud mar a bha e ga ràdh.

ACHAILLEACH Sgoilear nam facal! Afeagal a chuir e orm! (làmhan gu broilleach) Madainn mhath, ’s mi meadhan nigheadaireachd. chuir aghaidh air uinneag asgularaidh ach duine le put mòr purpaidh air a mhaol!

AN DUINE anochdadh.

AM BODACH Bonaid chruinn air. Gun bil.

ACHAILLEACH Bhas speuclairean.

AM BODACHS còta oillsgin, mas fliuchadh an t-uisge.

ACHAILLEACHS bòtannan, son a bhith tighinn tro na leugan.

AM BODACH À Sgoil Eòlais na h-Alba a bha e.

ACHAILLEACH Mgr Mac an t-Sealgair.

AM BODACH An t-Ollamh Mac an t-Sealgair. Ollamh a bhann.

ACHAILLEACH Inneal aige, a bha togail a h-uile dùrd a bha sinn ag ràdh.

AM BODACH Bhruidhinn e rinn.

AN DUINE ... chionns nach eil mar gum biodh air an dàrna làimh dearbhadh againn gu bheil an aon charthannas aig an aon ìre mar gum biodh anns na coimhearsnachdan no eadhoin air an làimh eile na h-aon cho-fhaireachdainnean mar gum biodh ... ?



[50]

E afeitheamh ri freagairt.

An dithis acoimhead suas ris. Acoimhead ri chèile.

AM BODACHS e Gàidhlig a bhann?

ACHAILLEACH Cha be na Grèig.

AN DUINE afalbh.

S roimhe-san ... feasgar fliuch eile ... eil cuimhnagad? ...

AM BODACH An sgoilear Èireannach!

ACHAILLEACH Mi meadhan fuine ...

AM BODACH À Baile Atha Cliath.

ACHAILLEACH Bha mi dèanamh panaceics. Non e sgonaichean? Sùil dhan tug mi, tro uinneag achidsin, bha dèanamh air an taigh ach an duine sin ... Doctair OBruadair ...

AM BODACH Proifeasair OBruadair. Proifeasair a bhann.

AN DUINE anochdadh.

ACHAILLEACH Duine dèante.

AM BODACH Bonaid bileach air.

ACHAILLEACH Robh speuclairean?

AM BODACH Guirean mòr air cliathaich a shròin.

ACHAILLEACHS ad mholach uaine. Le it’.

AM BODACH Thug e dheth i, am broinn an taigh.

ACHAILLEACH Bhruidhinn e rinn.

AN DUINE Anis teachd an Earraich than dol go síneadh
Air Féill Bhríghde árdochaidh mi mo sheól ...

Iad acoimhead ris.

Trí lomartha an loinn
Trí sciuthanta an chlaibhream
Agus trí na riabhai.

Iad acoimhead ri chèile.



[51]

AM BODACH Gàidhlig a bhann?

AN DUINE Gaelige.

E afeitheamh.

AM BODACH Aw cliath. Siud mar a thubhairt e e. Bawl Aw cliath.

ACHAILLEACH Thog e ar dealbh. Anns an dealachadh. Chuir e air ad. Thug e oirnn an uair sin seasamh taobh ri taobh aig beulaibh an dorais mhòir

AM BODACH Anns an dile bhàtht’! –

ACHAILLEACH – ’s thog e ar dealbh. (stad ghoirid) Ach cha do chuir e riamh thugainn e.

AN DUINE atogail ad. Afalbh.

Gheall e. Ach cha do chuir e riamh thugainn e.

Stad.

AM BODACH Amhrain a bhiodh iad ag iarraidh oirnn. Na sgoilearan.

ACHAILLEACH Seanchasan èibhinn.

AM BODACH Stòraidhean mu shamhlaichean.

ACHAILLEACH Bàrdachd sgìreil.

AM BODACH Sean fhacail.

AN DUINE (tha e air tilleadh ... bonaid clò air a cheann) Tha min dòchas gu bheil tòrr agaibh dhomh a-nochd ... ?

ACHAILLEACH Mo chreach-s’ ! Mr Henderson!

AN DUINE Chan e ach strainnsear nan òrduighean ... (ris ABHODACH) ... , a Mhurchaidh? ...

An triùir agàireachdainn.

ACHAILLEACH Ist, a Shàtain! ...

AM BODACH (moiteil) ’S mi thug amhran na cuibhle-shnìomh dha! A rinn Bean DholIcAn Bhàin à Tàbost. Bha i snìomhs chaidh achuibhle troimh-a- chèile oirre.

ACHAILLEACH Siuthad can e.



[52]

AM BODACH (guth caiseach) Tha mi dèanamh sin! (ris AN DUINE) Deiseil?

Asuidhen-àirde; a dhà làmh air a ghlùinean.

O nach robh do mhaide-siubhail
Gun fàs anns aghiuthais
Do thrì chasan dubha
S iad gun bhioran a chur cruinn dhiobh.
Cha bu donn dige latha
Chuirear car à clòimh leat ...

ACHAILLEACH Nan robh do rèimh ...

AM BODACH Nan robh do rèimh, do thartanan ... (acoimhead rithe)

ACHAILLEACH Do mhaighdeanan ...

AM BODACH Do mhaighdeanan, do eachanan ... (acoimhead rithe)

ACHAILLEACH Dol a-mach Tràigh Tharabhaig ...

AM BODACH Dol a-mach Tràigh Tharabhaig
S astar aig aghaoith leat
Cha bu donn dige latha
Chuirear car à clòimh leat.

AN DUINE Tha seo math. (ris an èisteachd) Nach eil seo math?

E falbh.

AM BODACH Rinn i amhran dhaAn Seònaid.

ACHAILLEACH Siuthad can e.

An solas adol sìos orra. Atighinn suas air abhòrd eile.

ISE ... caora leatha a chaidh a bhàthadh an Tobhtaranna, feadan air mòinteach Dhail. Bhiodh mo mhàthair ga ghabhail leam ...

ACHAILLEACH, aig abhòrd eile, ationndadh rithe le gàire.

AM BODACH (às an dorch) Chan eil fhios aicair.

ISE Mo mhallachd-sair ...



[53]

AM BODACH (às an dorch) ’S i bhaig bonn achlas. Ann an Cros, ’s ann aLìonal. (amagadh) ’S i bhalast !

A CHAILLEACH Na big èisteachd ris. (gnogadh a cinn) Siuthad! ... Mo dhiombadh-sair ...

ISE Mo dhiombadh-sair Dòmhnall Anna
Dhfhalbh es leig e Tobhtaranna
Gus an deach mo chaora mholach
Air a ceann sìos ann ...

(còmhla ... ACHAILLEACH mar gu robh i ag altram pàist)

Bha thu latha, chaora mholach
Bha thu latha, chaora ...

AM BODACH (às an dorch) Cha be Bean DholIcAn Bhàin a rinn an amhran sin, ach Mòr aBhothain ...

ISE (luath, ris ACHAILLICH) ’S am fear eile bhiodh tu gabhail leam, a rinn i ...

AM BODACH (às an dorch) A piuthar! Peathraichean a bhunnta!

ISE Dol a-mach an clacharathad
Ged a bha i dùmhlaidh
Chunna mi dol seachad i
Le cabhaig, abhean-ghlùine
S thuirt mi ri mo bhanabaidh
Lùdag ri lùdag

(còmhla ... ACHAILLEACH mar gu robh i ag altram pàist)

An a gheibh an t-ùrstan
Bidhn geall aic’.

AM BODACH (solas atighinn suas air) Rinn i amhran dhaAn Seònaid. (ris AN aig abhòrd eile ... a ghàirdeanan a-mach) Trobhads suidh air mo ghlùin, ’s gun gabh mi leat e.

Stad.



[54]

ISE (ationndadh ris AN FHEAR ... guth luath) Eil thug iarraidh cupan teatha eile? ’N dèan mi cupan teatha eile dhut?

Solas adol sìos air an dàrna bòrd.

ACHAILLEACH (ationndadh ris ABHODACH) Rinn i amhran dha dròbhair a dhiùlt each a cheannachd bhuaipe ...

AM BODACH Cha be, ma-thà! Ach nach tabhaicheadh aphrìs cheart air!

ACHAILLEACHN e sin a bhann?

AM BODACHS e, sin a bhann!

ACHAILLEACH Tha mi ceàrr, a-rèist.

AM BODACH Tha, tha thu ceàrr!

ACHAILLEACH Siuthad gabh e.

AM BODACH Cha ghabh!

ACHAILLEACH Siuthad! Dròbhair achòta ghlais ...

E acoimhead a-mach dhan an èisteachd, le gàirdeanan paisgt’ ’s beul dùinte.

AM BODACH Dròbhair achòta ghlais ... (acoimhead rithe) ... siud mar a tha e tòiseachadh ... (acoimhead a-mach dhan an èisteachd)

Dròbhair achòta ghlais
Cha robh e pailt no fiallaidh
Cha tug e air mo Phadaidh-sa
Dàrna leths a bfhiach e.

Stad.

(coimhead rithe) Padaidh an t-ainm a bhair an each.

ACHAILLEACH an ath rann?

AM BODACH Siud e! Chan eil an còrr ann!

ACHAILLEACH Nach eil?

AM BODACH Chan eil an còrr ann, tha mig ràdh riut! Nuair a chualan dròbhair achiad rann, thug e dhi an airgead ceart air aspot!

ACHAILLEACH Bidh e aig Mr Henderson. Ma bhan còrr ann.



[55]

AM BODACH Cha robhn còrr ann, thuirt mi riut!

ACHAILLEACH Cha robh. Ach ma bha. (stad ghoirid) Siuthad, can amhranAn Seònaid.

AM BODACH Chan eil cuimhnagam air. Tha e air a dhol às mo chuimhne ...

Stad.

Bha uair a bha e agam air mo theanga ...

AN DUINE anochdadh. Bonaidcorduroyair a cheann. Teip reacordar le maicreafòn crochaite ris.

S mòr na chruinnich an duine sin anns an sgìre seo.

ACHAILLEACHS anns a h-uile sgìre eile ... ’N e Mr Henderson?

AM BODACHS air feadh nan Eileanan an Iar.

ACHAILLEACH Air sean daoine mar sinne a bhiodh e tadhal ...

AN DUINE (asgaoileadh a-mach a ghàirdeanan ... maicreafòn anns an dàrna làimh) Garn èisteachds gar cluinntinn ... seo mo nèamh-sair thalamh!

AM BODACH ... thuirt e ...

AN DUINE Feumaidh sibh a thighinn, na ur dithis, gu diathad dhan taigh againn ...

AM BODACH ... thuirt e ...

AN DUINE Tha seo dhòmhs’ ... (asgaoileadh a-mach a ghàirdeanan) ... mar seòmar uaine na ban-sìth’ ...

AM BODACH ... thuirt e ...

ACHAILLEACH nach dthubhairt e? (ris ABHODACH) Cha robh còir agad leabhraichean dathar a thoirt dha. Bha còir agad an cumail, ’s an toirt dha do nighinn. (stad ghoirid) Nach e thug achar asad!

An solas adol sìos orra. Atighinn suas air abhòrd eile.

ESAN Le Disathairnceithir uairean-a- thìde aigtime -and-a- halfaguss ma dhfhaodte gun iarr iad orm a thighinn a-steach Latha na Sàbaid cuideachd, aig tha fios ... bhiodh sean ceithir eiledouble time ... bha mig obair anmoch oidhche mar-thà an t-



[56]

seachdain-sa ... sean sia is sia dhà dheugs sia a-màireach ochd deugs Latha na Sàbaid aig tha fios ma dhiarras iad orm sean sia uairean deug thar fhichead! Airgead mòr!

AM BOIREANNACH atighinn a-steach.

AM BOIREANNACH Tha sibh ann an sin.

ESAN O, hallo, a Chriosann! Trobhad a-steach!

AM BOIREANNACH Cha deach thu steach dhan taigh-òsta-nochd, air do shlighe dhachaigh?

ESAN Uill ... cha deachaidh.

AM BOIREANNACH Cha robh an ceàrd aig a bheil mise pòsta-staigh ann, an robh?

ESAN Uill ... cha robh.

AM BOIREANNACH Than troc gun a thighinn dhachaigh fhathast.

ISE Chan eil e cho anmoch ri sin. (acoimhead suas is gu aon thaobh) Naoi uairean?

AM BOIREANNACH Co-dhiù ... eil sibh adol dhachaigh am bliadhna na ur dithis? Mu dheireadh thall? Mar a bha sibhg ràdh?

ISE acrathadh a cinn.

ESAN Tha i diùltadh am bliadhna a-rithist, a Chriosann.

ISE Fhads a tha mathair beò, cha tèid mise dhachaigh.

ESAN Cha leig thu leas a dhol faisg mìle air

ISE Ma phòsas tun duine sin, ars esan

AM BODACH (às an dorch) Hearach. Phòs i Hearach.

ESAN Cha robh mise math gu leòr dhan an nighinn aige

AM BODACH (às an dorch) Còmhradh mar còmhradh nan ceàrdan.

ISE Ma phòsas tun duine sin, ars esan ...

ESAN Mise

ISE ... cha thill do chas an taobh-s’ . (ationndadh chun abhùird eile) Sin a thuirt e rium. Agus sin an adhbhar nach tèid mise dhachaigh.



[57]

ACHAILLEACH (às an dorch) Ach chan e an aon adhbhar.

AM BOIREANNACH Bidh mi-fhìns tu fhèin, a-rèist, adol dhachaigh còmhla am bliadhna a-rithist?

ESAN H-uile coltas gum bi.

AM BOIREANNACH Eil feagal ort idir gun gabh mise brath air an duinagad ann am mòinteach Rainich?

Stad.

Cha tig an troc a thagamsa taobh còmhrium ... (stad) Slòpraich anns napubs .Sin far am bi an troc a thagamsa acur seachad na saor-làithean. (i seasamh) Cho math a dhol a-mach ga lorg. Gun fhios nach do thuit en àiteigins gun bhris e chas. Tha min dochas gun bhris, na mìle pìos. Amhaich na bfheàrr buileach.

I falbh.

ISE Bliadhnaichean a-nis bho nach fhaca mi i ...

ESAN ?

ISE Mo mhàthair.

An solas adol sìos orra. Atighinn suas air abhòrd eile.

ACHAILLEACH Bliadhnaichean a-nis bho nach fhaca sinn e.

AM BODACH ?

ACHAILLEACH Mr Henderson.

AM BODACH Tha sinn fhathast an seo ...

ACHAILLEACH Cha do rinn sinn càil air ...

AM BODACH Ma rinn, ?

ACHAILLEACH Cha be gun dhfhàs sinn sgìth dhe chuideachd ...

AM BODACH Bidh e fhathast atighinn dhan asgìre ...

ACHAILLEACH Ach tha bliadhnaichean bho nach fhaca sinn e ...

AN DUINEs AM BOIREANNACH anochdadh.

AM BODACH Nochd e le bhean uair. Eil cuimhnagad?

AN DUINE Mo bhean.



[58]

ACHAILLEACH Bhon Taobh Siar.

AM BOIREANNACH Tha mi toilichte, toilichte, ur coinneachadh (gàire) Dhinnis Donaidh dhomh uiread mu ur deidhinn!

Aig abhòrd eile ...

ISE Ach chì mi i. ’S chan fhada thuige.

ESAN ?

ISE Mo mhàthair.

ESAN (aseasamh) Bfheàrr dhòmhsa dhol às dèidh achreutair ud, cumail sùil oirr’. Dol a-mach oidhche Haoine na h-ònrachd, ’s an t-sràid làn ghràisg is dhrungairean ...

Aig achiad bhòrd ...

AM BODACH Sheinn i amhran dhuinn.

ACHAILLEACH Ochans a ghràidh!

AM BODACH Esan a dhiarr oirr’.

AM BOIREANNACH (àrd, aseinn tro sròin)

O, craobh nan ubhal
Craobh nan ubhal
Geug nan abhall ...

Iad acoimhead suas rithe.

AN DUINE (riutha) Nach eil i math? (ris an èisteachd) Nach eil seo math?

ACHAILLEACH Agus h-abair gun dèanadh i lachan!

AM BOIREANNACH alachanaich.

AM BODACH Garry adurghail fon abhòrd, ga freagairt.

Stad.

ACHAILLEACH MacNèill an sloinneadh a bhoirre.

AN DUINEs AM BOIREANNACH afalbh.

Cha robh e seo bhon uair sin.

AM BODACH Fhuair e leòr dhinn.



[59]

ACHAILLEACH Fòghnadh na dhfhòghnadh.

AM BODACH Cha robhn còrr againn dha.

ACHAILLEACH Nach eil sinn aige air teipichean, ma tha eg iarraidh ar cluinntinn?

AM BODACHS carson a bhiodh eg iarraidh ar faicinn?

ACHAILLEACH Daoine cho aosts cho grànda.

Stad.

AM BODACH Cha do dhìochuimhnich e sinn glan-bhuileach. (atogail na cairt air abhòrd) Chuir e cairt thugainn.

ACHAILLEACH À Canada. Dealbh mathain oirre.

AM BODACH Daoine aig an robh Gàidhlig an Canada. Bha e thall ann atadhal orr’.

ACHAILLEACH Mathan dubh. Agus sgrìobhadh Gàidhlig air an taobh eile, na làimh-sgrìobhaidh fhéin.

Stad.

Achearrag a thaige.

Aig abhòrd eile ...

ESAN (na sheasamh) Chì thu do mhàthairs chan fhada thuige? (asuidhe) fios a thagad air a sean? Carson a bhios tug ràdh rudan mar sean? Rudan gun chiall? (stad) Bfheàrr dhut sgur a chantainn rudan mar sean. Am fianais dhaoine. Mas tòisich daoine agabhail allaidh riuts acur umhail ort. (aseasamh)

Aah ... obair a-màireach ann no às. Tha mi dol sìos an rathad son pinnt ...

ISE Faigh lof air do shlighe air ais. Bidhm Paki fhathast fosgailt’.

ESAN Ma chuimhnicheas mi ... (aig an doras) ... Cumaidh mi sùil a-mach airson an òinsich creutair ud. Còir aice bhith muigh na h-ònrachd air oidhche Haoine anns abhaile seo ... (anns an dol-a- mach) Cuir air an doras às mo dhèidh. Agus glas an teilidh.

E falbh.



[60]

Solas air gach bòrd. ISE, a taobh ris an luchd-èisteachd, ag òl cupan teatha. AM BODACHs ACHAILLEACH mar a bha iad.

Sàmhchantas, 10 diogan.

ACHAILLEACH Chunnaic mi Mr Henderson, chan eil cho fada ri sin bhuaithe. Bha e air an rathad mhòr. Ann an càr.

AM BODACHN e càr dubh a bhann?

ACHAILLEACH Càr glas.

AM BODACH Càr gorm a bhaige, an truib mu dheireadh a bha e an seo.

ACHAILLEACH Cha be ach càr dearg. Chac faoileag air.

AM BODACH Bha duine còmhris. n duine bha còmhris?

ACHAILLEACH Bho Sgoil Eòlais na h-Alba.

AM BODACH Le speucalairean.

ACHAILLEACH Mgr Mac an t-Sealgair.

AM BODACH An t-Ollamh Mac an t-Sealgair! (stad) Thàinig iad às achàr aig ceann na sràid. Chunna mi iad an uair sin, bho uinneag a’ skylight ,tron aphrospaig, adèanamh dìreach oirnn, Mr Henderson air an toiseach, le inneal crochaite ris, an t-Èireannach le camara mu amhaich, na thobha, na shàil ...

ACHAILLEACH A-mach à càr mòr, dubh.

AM BODACH Chuala mi clab agheat’ ...

ACHAILLEACH Ruith mi gu doras achidsin ...

AM BODACH Dhèigh mi air achù. Garry Garry Garry! dhèigh mi.

ACHAILLEACH Bha mi dèanamh panaceics ... non e sgonaichean flùir? ...

AM BODACH Slawn leibh, thuirt an duine bha còmhris anns an dealachadh. ’S thog e ad.

ACHAILLEACH Thog e ar dealbh. (stad ghoirid) Ach cha do chuir e riamh thugainn e.

AM BODACH Proifeasair OBruadair ... (suidhen-àirde) Latha mòr romham-sa-màireach. Greann coin air madainn Earraich. Cho luaths a gheibh mi an duine-sa-mach às an rathad.



[61]

ACHAILLEACH Na làithean afàs fada ...

AM BODACH Cha tig fuachd gun tig Earrach,
Le gaoith a tuaths le fuachd ghaillin.

ACHAILLEACH Sneachda na Càisg, cha deach e riamh seachad, ged a be aon fhras e.

AM BODACH Earrach fada ron aChàisg,
Fàisgidh e na sùilean.

ACHAILLEACH Mar chaol atighinn gu doras,
Sìneadh anns an fheasgar Earraich.

Iad acoimhead a chèile.

AM BODACH Thèid cathanaich na maidne Earraich
Gu mìn fuar tro bhòrd an daraich.

ACHAILLEACH Sin a thuirt mi ri Mr Henderson. Bha mi air an rathad mhòr. Atilleadh bhon doctair. Cha bann ach atilleadh à Glaschu, bho bhith coimhead air Mòr mo nighean. Ruith an duinaice leis abhoireannach an ath-dhoras. bhon Taobh Siar. Sloinneadh Barrach. Mi dìreach air cromadh bho bhus na stiomair ... carson nach do choinnich thusa mi ann an Steòrnabhagh? ... siud bìb bìb aig conacaig càir air mo chùlaibh! (làmhan air a broilleach) Afeagal a chuir e orm! Nuair a dhfhosgail mi doras achidsin, bha sin ach Mr Henderson! A Shàtain! thuirt mi ris. A Shàtain tha thu ann! Leig e sìos uinneag achàir, ’s thuirt mi ris ... mo làmhan geal le flùr ...

ISE Sòda-arain ...

ACHAILLEACH Craiteachan salainn ...

ISE Meug ...

ACHAILLEACH ... thuirt mi ris:
Nuair a thig Latha Fèill Bhrìghde
Bidh Nighean Ìomhair anns an toll
Cha bhi misri Nighean Ìomhair
S cha bhi Nighean Ìomhair rium.



[62]

Stad.

Thug e leabhar beag a-mach às a phòcaid, ’s sgrìobh e an rud a thubhairt mi sìos ann. Na faiceadh tu cho luaths a bha làmh ... achearrag a thaige ... ga sgrìobhadh! Na shuidhe aig bòrd achidsin; cha tigeadh e na bfhaide suas. Thug thu dha leabhraichean dathar. Thuirt a bhean gu feumadh sinn a thighinn gu diathad mhòr dhan taigh aca. Bha ghrian adol fodha, aghealach ag èirigh. Thuirt e gu robh amhionaid seo dhàsan mar ... mar ... facal fada Beurla. Nach do thuig mi. Leig e bìb bìb eile air achonacaig. ’S dhfhalbh e.

ISE Dhfhalbh e mach oidhch’ ... ’n ann air tòir lof? ’S cha do thill e.

(adèanamh lachan mar a rinn AM BOIREANNACH) ’S mi fhuair an fhois. (stad ghoirid) Litir an dèidh grunnan làithean às aChaisteal Nuadh ag ràdh gu robh e fhèins Chriosann adèanamh beatha ùr dhaibfhèin shìos an sin. Faigheadh ileòr dheth ... (stad) Thìdaig duineigin pronnadh a thoirt dha Simon Cowell.

Stad.

S mi fhuair an fhois.

AM BODACH (acoimhead mun cuairt ... an uair sin, asanais) Na dhfhalbh na daoine ud?

ACHAILLEACH Dhfhalbh. Le na beannachdan. (acoimhead ris) Cuir air an teilidh.

AM BODACH Chan eil iad ag èisteachd air cùl an dorais? (afeuchainn ri èigheachd) Cha bhiodh iad ann fada. Nam biodh Garry againne beò.

ACHAILLEACH Garry bochd! Mharbh anRoyal Maile.

AM BODACH Agus math an airidh! Cha robh e sgur a ruith nan càraichean.

ACHAILLEACH Cuir air an teilidh, thuirt mi riut. (e feuchainn ri seasamh)

AM BODACH Chan urrainn dhomh. Chan eil lùths na mo chasan.

(a cheann air ais ... a shùilean dùint’) Cuin a dhfhalbh an lùths às mo chasan?



[63]

ACHAILLEACH Ha! ’S fhada bhon uair sin. (stad) Ma chuireas mi do bhotal teth suas an-dràst ... (acoimhead suas, is gu aon thaobh) ... ’n e sin uireas a tha e? Cuin a tha Dòmhnall Uilleam atighinn dha do thogail innt’?

AM BODACH Chan eil gu ... às dèidh Frost.

ACHAILLEACH Oidhche Haoine, tha min dòchas nach bi cus deoch air ... nach tuit e leat air an staidhre a-rithist ... (mèaran) ... Obh, obh, mo chnàmhan! An ùine bho shuidh mi ann an seo a-nochd! ...

AM BODACHS nach gluais thu thu fhèin! ’S an cothrom fhathast agad!

ACHAILLEACH math? (mèaran) Eil fhios co mheud trod a gheibh Frost beag bho Inspectoir Mullet a-nochd? (stad)

Ach rud ga bheil mi mothachadh ... ged a dhfhairicheas mi oidhche fada ... no fhionnairidh ... than t-seachdain adol seachad ann am priobadh na sùla. Nach eil sin neònach?

AM BODACH (afeuchainn ri dhèanamh fhèin dìreach anns an t-sèithear ... guth crochanach, fann)
N uair a thig thu dhàiteach
a-mach as t-earrach
chì thu na gàdaran
atreabhadh feannag
s ann a bhiosAn Seònaid
a-staigh gu fada
s fhaisg tha e dha Rònaigh
na dhan abhaile ...

(ris AN ) Anns an t-sean tiomnadh. Rìgh Daibhidh, na shean aois. Clann-nighean Lot ... Mise dathair. Trobhads suidh air mo ghlùin, ’s thoir dhomh ... Cuir do ghàirdeanan mu mamhaich, ’s thoir dhomh ... (a cheann adol sìos air a bhroilleach)

Aig an dàrna bòrd, tha ISE aseasamh, ’s adol a-mach.



[64]

ACHAILLEACHS na bliadhnaichean adol às an t-sealladh a cheart cho luath. Mar sgeul a dhinnseadh neach. Ar faileasan afàs fada. Dreach na h-anmoch atighinn oirnn. Dhfhàs sinn cho aosts cho grànda ...

Tha ISE atilleadh a-steach. Aodach dubh oirre, còtas ad. Ceas na làimh.

Seo sinn aig toiseach earrach eile ...

Acoimhead ris ABHODACH. Acoimhead ris AN . Acoimhead a-mach dhan èisteachd. Gàire tighinn air a h-aghaidh.

Tha Mòr mo nighean atighinn dhachaigh.

titleToiseach an Earraich
internal date2011.0
display date2011
publication date2011
level
reference template

Caimbeul Sia Dealbhan-Cluiche %p

parent text Sia dealbhan-cluiche
<< please select a word
<< please select a page