[65]

AN SGRÌOBHAICHE

Studaidh, shuas staidhre. Deasg le leabhraichean, lampa, fòn aig aon cheann dhith, agus pàipearan air am feadh.

AN SGRÌOBHAICHE na shuidhe aig an deasg, asgrìobhadh le peann. Glainneachan air. Sgeilpichean làn leabhraichean air a chùlaibh. Dealbh ioma-dhathach ann am frèam trom. Uinneag; craobh na duilleach air a taobh-muigh. Doras air an làimh chlì. Feasgar samhraidh a thann.

Tha AN SGRÌOBHAICHE acur sìos a phinn, atoirt dheth nan glainneachan, asuathadh a shùilean. Asuidhe air ais anns an t-sèithears acoimhead ri mullach an taighe. Acur nan glainneachan air ais air, togail na duilleig air an robh e asgrìobhadh, ga leughadh. Gàire beag atighinn air aghaidh.

Acur na duilleig air ais air an deasgs atoirt dheth nan glainneachan. Afeitheamh. Gàire beag air aghaidh. Aseasamhs acoimhead a-mach air an uinneig. Adol chun an deilbh. Acoimhead ris an dealbh.

Atilleadh chun na deasg. Asuidhes acur air nan glainneachan. Atogail na duilleig air an robh e asgrìobhadh, ga leughadh. Gàire beag atighinn air aghaidh. Acur na duilleig air ais air an deasg.

Gnogadh aig an doras

AN SGRÌOBHAICHE le car na cheann, a chluais ri claisneachd. Gàire mòr atighinn air aghaidh. E togail aphinn.

AN SGRÌOBHAICHE Mas e mo bhean bheag chrost-sa tha siud, air taobh-muigh an dorais, chan fhaod i thighinn a-steach! Tha mise trang!

Gnogadh eile.

An àite bhith shìos an staidhre aglanadh an taighe! Man bean eile! (stad ghoirid) Eil i ag èisteachd? Tha mise trang asgrìobhadh!

Làmh an dorais a gluasad. E toirt dheth nan glainneachan.

Bheir misoirr’! Ma ghabhas i oirrnochdadh! Feumaidh mi – (an doras afosgladh) – O!



[66]

AILEAN (anns an doras) Maighstir MacLeòid?

AN SGRÌOBHAICHES e. (an dèidh stad ghoirid) –?

AILEAN Tormod Iain MacLeòid, an sgrìobhaiche?

AN SGRÌOBHAICHE (stùirc atighinn air aghaidh) thusa?

AILEAN Faod mi thighinn a-steach? (adùnadh an dorais ... ationndadh) Sgrìobh mi litir thugaibh.

AN SGRÌOBHAICHE Litir?

AILEAN agnogadh a chinn.

AN SGRÌOBHAICHE Mise faighinn uiread de litrichean ... ’N e mo bhean a leig a-steach thu? Cha chuala min doras-a- muigh ... ( ’g èigheachd ris an doras) Mo bhean bheag chrost! Fios aice gur ann as na madainnean, sna madainnean a-mhàin, a bhios misafaicinn dhaoine. Ma rinn iadappointmentro-làimh. Suidheachadh. (ri AILEAN) Sgrìobh thu thugam, thuirt thu?

AILEAN Sgrìobh. (stad ghoirid)

AN SGRÌOBHAICHE Ah! (asuidhe air ais na shèithear) ’N tusa am balach-sgoile a bha losgadh gunna-gaoithanns an nàbachd seo an t-seachdain a-chaidh? Dihaoine a-chaidh? Sgàin thu uinneag-chùil na garaids againn. Cat Miss Gilchrist an-ath-dhoras

AILEAN Gunna-gaoithe?

AN SGRÌOBHAICHEAir rifle.Feuchainn ri daoine a chur à cochall an cridhe. Sgrìobh thu litir thugam, ’s tu gun sgrìobh. Ag ràdh cho duilichs a bha thu. Ag iarraidh maitheanas. Chequebho dathair na broinn, a phàigheadh son na h-uinneig. (AILEAN afeuchainn ri bruidhinn. AN SGRÌOBHAICHE acur stad air) Carson a chuir mi fios ort? ’N e sin a bha thu dol a dhfhoighneachd? (AILEAN afeuchainn ri bruidhinn. AN SGRÌOBHAICHE acur stad air) Dùil agad gum biodh e seachad le sin fhèin? Le litir ischeque ?Uill, a bhalaich, chan eil, ’s fhada bhuaithe. (stad ghoirid) Chan eil daodach-sgoile ort a-nochd, tha mi mothachadh? Am blèisears an taidh? An stoc shrianach?

AILEAN Chan eil. (stad ghoirid) Cha mhi am balach-sgoile leis aghunna-gaoithe.



[67]

Stad.

Chan eil gunna-gaoithe agam. Tha gunna ceart agam.

AN SGRÌOBHAICHE O. (stad) Con nach dthubhairt thu sin? An àite leigeil dhomh ... Man ur e am balach-sgoile a thannad, thu?

AILEAN Ailean Guinne. (làmh a-mach) Ciamar a tha sibh?

AN SGRÌOBHAICHE Guinne? ... (chan eil e agabhail a làimh)

AILEAN atoirt a làimh air ais.

Còir agad a bhith air rudeigin a dhràdh. Innse thu. (ag èigheachd ris an doras) Leigeil daoine gun suidheachadh ro-làimh a-steach mun tìde-sa dhoidhch’, a chur dragh ormsa! (ri AILEAN) Thuirt thu ... thuirt thu? ...

AILEAN Sgrìobh mi litir thugaibh.

AN SGRÌOBHAICHE agnogadh a chinn.

bhliadhna bhuaithe. Mun leabhar bàrdachd agaibh. Frith-ròidean na Cuimhne.

AN SGRÌOBHAICHE agnogadh a chinn.

Litir ghoirid, cha robh duilleag a dhfhaid innte. Ach thug mi ùine ga sgrìobhadh. Bha mi gu math -chinnteach, agabhail orm sgrìobhadh gu duine cho ainmeil! Sgrìobhaiche cho ainmeil! ... ’N uair sin, às dèidh dhomh a sgrìobhadh, na seachdaineans na mìosan afeitheamh ri freagairt. Gu leòr acantainn rium gum bu dhìomhain sin dhomh. Nach freagradh sibh i co-dhiù. Agus bha iad ceart. Cha do fhreagair.

AN SGRÌOBHAICHE Mar a thuirt mi riut

AILEAN Bha sibh trang le rudan eile. Sin a thuirt mi rium fhìn. Le leabhar eile. Leabhraichean eile. bhliadhna bhuaithe.

AN SGRÌOBHAICHE Mar a thuirt mi riut ... Tha uiread de dhaoine asgrìobhadh thugams’ ... (atogail ultach litrichean bhon deasg, gan tilgeadh sìos, aon as dèidh aoin) ... Foillsearan. Proifeasairs. Oileanaich, mar thu fhèin ... ’n e oileanach a thannad? ... (stad. Acoimhead ri AILEAN) Nam feuchainn-srin dàrna leth a fhreagairt ... (stad. Acumail air ... ) Daoine tha ruith fèiseans co-labhairtean.



[68]

Riochdairean rèidio is telebhisein. (apraglaich am measg nam pàipearan air an deasg) Litir an seo an-diugh fhèin bho RèidioThree ...

AILEAN Chunnami thu air an telebhisean.

AN SGRÌOBHAICHE Tha mi creidsgu fac’. Cha bann aon uair.

AILEAN Chuala mi thu air an rèidio.

AN SGRÌOBHAICHE Tha mi cinnteach gun cuala. Air iomadach prògram.

AILEANS cha bhi thu freagairt gin dhiobh?

AN SGRÌOBHAICHE Na litrichean? Cha bhi. Mur eil iad atabhachd coimisean. Le tuarastal. Rud eile tha sin.

AILEAN Ach litrichean mar a chuir mise thugad ... chan eil thu gam freagairt idir?

AN SGRÌOBHAICHE Chan e thagam ri dhèanamh.

AILEAN Ach ma tha cèis le seòladh is stamp am broinn na litreach? Son freagairt. tha tachairt dhan a chèis leis an t-seòladhs anstamp ? (stad) thachair dha mo chèis leis an t-seòladhs anstamp ?

AN SGRÌOBHAICHE Mar a thuirt mi riut – (astad, ’s adol air a chasan) acheasnachadh a thort? thu, co-dhiù, ’s leig a-steach thu? Thuirt mi ri mo mhnaoi nach robh mi airson duine fhaicinn a-nochd. An grioban-sgoile leis aghunna-gaoithe, thuirt mi rithe, ach sin e! (ri AILEAN) ’N e mo bhean a leig a-steach thu? ... cha chuala min doras-a- muigh ...

AILEAN Bha an leabhar bàrdachd agad ... Frith-ròidean na Cuimhne ... (AN SGRÌOBHAICHE asuidhes agnogadh a chinn) ... againn aig Gàidhlig. Anns an Àrd-sgoil. Nua-bhàrdachd. Cha robh duine air achlas ga thuigs’. Fiùs an tidsear. Bha i toirt a chreidsgu robh. Ach cha robh. ’S ann às dèidh dhuinn do chluinntinn fhèin air an rèidio, acur an cèill dìomhaireachd is doimhneachd na bàrdachd ... na samhlaidhean, am meadarachd ... na h-ìomhaighean inntinneach, na ruitheaman ... na diofar dhòighean air an robh abhàrdachd, mar gum biodh, snaidhte, agus, gu ìre,



[69]

fillte, ri bàrdachd san t-seann nòs ... ’s ann an uair sin ... uill ... (AN SGRÌOBHAICHE agnogadh a chinn) Cha do leig duine a-steach mi.

AN SGRÌOBHAICHE thuirt thu?

AILEAN Leig mi mi-fhìn a-steach. (AN SGRÌOBHAICHE acoimhead suas ris) Tro uinneag abhathroom. Bha i dùinte. (aseasamh, ’s acoimhead taobh na h-uinneig) ’N e craobh-dharaich a tha sin? ’S mait gur e seileach. NoSwedish hornbeam.An sgìre às a bheil mise, chan eil craobh ri fhaicinn. Lòin is boglaich. Na can rium gur eDanish poplar?

AN SGRÌOBHAICHE (aseasamh) Gabh a-mach à seo.

AILEAN Carson a thàinig mi steach air uinneag abhathroom? (stad ghoirid) Ghàidhlig thairbathroom ? (acumail air) Con nach do chleachd min doras, man duineile? (acur a làimh air broilleach AN SGRÌOBHAICHE, ga shàthadh air ais dhan t-sèithear) Suidh, gus an inns mi dhut. (AN SGRÌOBHAICHE na shuidhe) Uill, anns achiad àite, aig tha fios. Anns an dàrna àite, bhuail e thugam gu làidir air leac an dorais, mo sgealbag air aphutan, gun cuireadh ding-a- ling na glaig dragh ort, ’s tu, ma dhfhaodte, aig toiseach bàrdachd, am meadhan sgeulachd, acrìochnachadh dealbh-chluich, chuimhnich mi air Coleridge, tha thu a cheart cho math ris, bha e airopium ,rud nach eil thusa, ’s tha Gàidhlig agad, rud nach robh aigesan, chunnaic miwater -rone,chaidh mi suas, thàinig mi gu uinneig, chaidh mi steach. (gàire) Tha mi garbh toilichte do choinneachadh, mu dheireadh thall. Do bhean cuideachd.

AN SGRÌOBHAICHE Chan eil mo bhean a-staigh. (atogail afòn, abragail air na putanan. Ag èisteachd) Hello?

AILEAN Càil tha ceàrr?

AN SGRÌOBHAICHEPolice ? Hello?

AILEAN Tha rudeigin ceàrr. Tha mig aithneachadh ort.

Aseasamhs adol a-null a thoirt sùil air aphioctor air abhalla.

AN SGRÌOBHAICHE (afeuchainn ri ghuth a chumail nàdarrach) Tha gadaichna mo thaigh. (dhan afòn) Hello?



[70]

AILEAN (acoimhead ris aphioctor) Gadaich’?

AN SGRÌOBHAICHE Mèirleach, a-rèist. Hello?

AILEAN Mèirlich.

AN SGRÌOBHAICHE thuirt thu?

AILEAN (fhathast acoimhead ris aphioctor) Tha fear eile shìos an staidhre.

AN SGRÌOBHAICHEHello ! Police! Police! Hello!

AILEAN Chan eil iad ann uair sam bith nuair a tha thu gan iarraidh.

AN SGRÌOBHAICHE Hello! (acur sìos afòn. Go togail. Asàthadh nam putanan)

AILEAN Na mhothaich thu? (atilleadh gu beulaibh na deasg) Fàg do chàr air loidhne bhuidhe, mùin ann an doras Woolies ... tha iad ort man na radain, tha iad atighinn bho na ceithir ceàrnaidhean. bheil iad nuair a tha duine cur feum orr’?

AN SGRÌOBHAICHE acur sìos afòn. Asuidhe le dhà làimh air an deasg, acoimhead ri làmhan. Atogail a chinn ...

AN SGRÌOBHAICHE thu?

AILEAN Con a thuirt thu nach robh do bhean a-staigh? Thig spotag dhubh air do theanga. (stad) Mura h-eil do bhean a-staigh, ris a bha thug èigheachd tron doras? (stad) Mura h-eil do bhean a-staigh, an a bha romham anns abhathroom? Suas gu h-amhaich ann an Radox? bhàn. Bàn is pinc. (agluasad a làmhan)

AN SGRÌOBHAICHE (acròchail) ... ? Ciamar ... ?

AILEAN Dhiarr i orm a druim a nighe. Far nach ruigeadh anloofah . (acrathadh a chinn ris AN SGRÌOBHAICHE) Man ar e do bhean a thinnt’, i? Anau pair ... ?

AN SGRÌOBHAICHE (anail na uchd) Mo bhean a bha sin! (aseasamh) bha thu –?

AILEAN Bean eile bha còmhriut anns aGhaseat, nuair a fhuair thu an MBE. chaol, le ad ... (a làmh air broilleach AN SGRÌOBHAICHE,



[71]

ga shàthadh air ais dhan t-sèithear) Co mheud bean a thair a bhith agad, co-dhiù?

AN SGRÌOBHAICHE (atarraings asèideadh a-mach anail) tha thug iarraidh?

AILEAN Ag iarraidh? Tha mi creids’, gun cus smaoineachaidh air ... (stad) Nach tu chuir acheist orm! ...

AN SGRÌOBHAICHE (aleum gu chasan) Tha fear eile ann! bheil e?

AILEAN Aig bonn na staidhre. (atogail a chorraig) Cha chuirinn dragh air!

AN SGRÌOBHAICHE atighinn le rus timcheall na deasg, ’s afosgladh an dorais. Astadaon làmh air làimh an dorais, ’s an tèile le grèim air an ursainn. Adùnadh an dorais. Ationndadh, ’s le ceumannan mall, atilleadh chun an deasg. Asuidhe.

AILEAN (asuidhe cuideachd) Eil thu OK? Tha daghaidh air a dhol geal.

AN SGRÌOBHAICHE, a bheul fosgailt’, acoimhead ris an doras. AILEAN ationndadh a chinns acoimhead ris an doras. Ationndadh ris AN SGRÌOBHAICHE

Cha tig e suas mura can mi ris.

AN SGRÌOBHAICHE (guth fann) e?

AILEAN Donnchadh an t-ainm a thair.

AN SGRÌOBHAICHE (guth fann) tha e ... ?

AILEAN ... ris? (asuidhe air ais na shèithear) Uill, an-dràsta, cha mhòr sin, chan eil fiach adol anns an eilean. Duine thug a-mach cheàrd, a dhionnsaichorigamianns an sgoil-oidhche, ’s chan fhaigh e t-seoba thall no bhos. (asuidhe air adhart) Tha fios am nach robh e air achnoc air an robh iad aroinn a-mach an t-eireachdais. Ach am faca tu na gualainnean aige? An druim! Donnchadh an t-ainm a thair.

AN SGRÌOBHAICHE (guth fann) ... ?

AILEAN Hm?

AN SGRÌOBHAICHE (anail mhòr) ... tha e dèanamh ... ?

AILEAN Na do thaigh? (guth àrd, dòigheil) Nach eil e còmhrium fhìn!



[72]

AN SGRÌOBHAICHES tha thusa ... ?

AILEAN Na do thaigh? Fàth mo thurais? (guth àrd, dòigheil) Nach tàinig mi choimhead ort fhèin! Sgrìobhaiche cho ainmeils a thagainn ann an saoghal nan Gàidheal, agus sònraichte am measg sgrìobhaichean Beurla cuideachd. (AN SGRÌOBHAICHE acrathadh a chinns acoimhead ris an doras) Donnchadh? tha Donnchadh adèanamh an seo? ... Uill, mur eil misair mo mhealladh, tha en-dràst arumastaireachd tro pris achidsin agad, alorg rudeigin a dhitheas e. Mus tòisich e dol tron taighs afalbh le rudan ... mèirleach a thann ... feumaidh e bhroinn a lìonadh. (stad ghoirid) Faca tu an chròig a thair?

AN SGRÌOBHAICHE tha ... ? (stad. Guth ìosal) ... tha sibhg iarraidh?

Stad.

AILEAN Donnchadh. Às dèidh Donnchadh bràthair a sheanar, athair athar, ach ... agus còrdaidh seo riut, mar sgrìobhaiche ... bha Donnchadh eile ann ... bràthair athar a sheanar ... taobh a mhàthar! Nis, tha bhalach anns an teaghlach. Aguss e Donnchadh a thair an dithis ... Donnchadh Mòr, a mharbh abhò ... agus Donnchadh Beag, no Am Bìdean, a tha shìos an staidhre anns achidsin agad an-dràst, ag ith canastair tuna, cuiridh mi geall, ma fhuair e lorg air fear, lemayonnaisena mheasg, is crabhag lofa phan, gun ìm. Godzilla a thaig feadhainn air.

AN SGRÌOBHAICHE (acur a làimh air afòn. Ga toirt air falbh) Cha do fhreagair iad. Nuair a dhfhònaig mi. Carson nach do fhreagair iad?

AILEAN Feadhainn eile nach eil ann nuair a tha thu gan iarraidh.

AN SGRÌOBHAICHE (guth àrd) Tha thu seo ... na mo thaigh ... thàinig thu seo ... goirilea eile shìos an staidhre ...

AILEAN Godzilla.

AN SGRÌOBHAICHE Goirilea! Chuala tu mi!

AILEAN Chuala. ’S math nach cualesan! (stad) An duine chuir an gangar Èireannachflatfuar aig an obair-latha le aon bhuille! An



[73]

duine bhuannaich an dòrnag aigCattle ShowChàrlabhaigh! Cha tigeadh tu beò às a làmhan! (aseasamh) Mura be glè bheag dhomh, dhinnsinn dha an rud a dhèigh thu air ... (adol chun an dorais, ga fhosgladh) Haoi! tha fhathast gad fhàgail aig bonn na staidhre? ... il habsac an Airm a thug mi dhut? ... Theirig tro na rumannan gu lèir, ’s na dìochuimhnich sgeilp àrd an sgularaidh broinn nam poitean priostail ... Agus haoi! Gnothaichean bhoireannach. nach eil thu dol a dhèanamh? (ag èisteachds agnogadh a chinn. Adùnadh an dorais) Dhfhaodadh tu stad a chur air. Mar an duine-ud anns an dàrna nobhail agad, n t-ainm a bhair? Uilleam MacOdrum. ’S e. Cha bann na shuidhe le crith na thòin a bhiodh Uilleam MacOdrum, aleigeil dha mèirleach a dhol tron taigh aige ... ? Bhiodh Uilleam MacOdrum shìos an staidhre man shot! Anns an dàrna nobhail agad.

AN SGRÌOBHAICHE tha thug iarraidh? Airgead?

AILEAN Freumh gach uilc. (stad ghoirid) Chan eil thu son èisteachd rium, tha mig aithneachadh. Chan eil thug iarraidh cluinntinn stòraidh nan Donnchaidhean. (làmh gu cùl a chluais) Tha e shuas aig an teine. Cha tug siud fada. (ationndadh chun AN SGRÌOBHAICHE) Na Donnchaidhean. (osann bheag) Bha achiad Dhonnchadh ... chan e Donnchadh Mòr, a mharbh abhò ... no an goirilea, man a thagad air, shìos an staidhre ... ach Donnchadh bràthair a sheanar, taobh Nèill an athair ... na dhuine dùr, greannach, -ùidheil, math air clachaireachd, cha sheasadh prais mhaorach pluc ris. Bha an Donnchadh eilebràthair-athar a sheanar, taobh am màtharainmeil son a bhith cluich triumb, ag òl a lèines aruith bhoireannach, thill e à Ameireagaidh gun sgillinn ruadh na phòcaid. (ag atharrais). ris a chaidh sinn? DonnchadhNumber1 no DonnchadhNumber2? Ma tha mise air mainmeachadh air DonnchadhNumber1, carson a tha mi cho èibhinn, aotrom nam dhòigh, ’s a tha h-uile balla a thogas mi cho cam? Ma tha thusa air dainmeachadh air DonnchadhNumber2, carson a tha thu cho mosach, nach glèidh thu fonn nad cheann, ’s nach do chuir thu riamh dragh air


[74]

boireannach, ach falbh le corra dhrathars bho ròp-aodaich? Sin na ceistean a bhios acur an Dhonnchadh òg an amhaichean a chèile, air na h-oidhcheannan fada geamhraidh. Guthan adol àrd, dùirn adol troplasterboard ,uinneagan atighinn a-mach! An cùm mi orm?

AN SGRÌOBHAICHE Cha chùm.

AILEAN Riabhach! (stad ghoirid) Ach do bheachd, mar sgrìobhaiche? Air an stòraidh, gu ruigeadh seo? An dèanadh i sgeulachd ghoirid mhath?

AN SGRÌOBHAICHE tha thu dèanamh na mo thaigh? Gabh a-mach às mo thaigh.

AILEAN H-abair aoigheachd! ’S nuair a nochd mi, dhearbh thu air mo bhus gur e duineigin eile a bhannam. Balach-sgoile. ’S thuirt thu nach robh do bhean a-staigh. ’S cha do dhèist thu ri mo stòraidh. Cha do leig thu dhomh a crìochnachadh. ’S dhèigh thu mèirleach orm. ’S dhèigh thu goirilea air Donnchadh. (ag èisteachd) Tha e anns an rùm shuas. (air ais) Tha thu nis gam òrdachadh a-mach às do thaigh. ‘Fancho mòrs a thagad. A thàinig às na h-eileananbhana, bus buidhe, bus gorm, bàta, bus gorm eile, làraidh le digear air a cùl, trèanas bhana gheala chèilidh ort.

AN SGRÌOBHAICHE Carson?

AILEAN Carson? (stad ghoirid) Barabara, thuirt an anns abhath, an t-ainm a thoirr’. Chan e bean-taighe a thinnt’, sin aon fìor. (asealltainn a bhois dhan SGRÌOBHAICHE) Cuin a chaidh dustair air rèile na staidhre? (stad ghoirid) Con nach eil thu faighinn searbhant cheart, ’s na thagad de dhairgead? ... a bhruisaigeadh do bhrògan dhuts a ghlanadh mullach achucair? ... (asuidhen-àirde) Tha agam dhut! Aodann man gealach abachaidh an eòrna, bodhaig manSumo wrestler,calpannan man an t-ochdamh Rìgh Eanraig! Ach obraiche! Murdag an t-ainm a thoirre, uaireannan Murdinag. I fhèins Donnchadh anns na dubh oghaichean, taobh Bheàrnaraigh, ’s than ceann aica bharrachd air. (asìneadh a làimh chun afòn) Am fònaig mi i?



[75]

AN SGRÌOBHAICHE (làmh a-mach) Chan eil ... (aslugadhs acrathadh a chinn) ... afòn ...

AILEAN (atoirt a làimh bhon afòn) Còcaire a sgùras làr! Maighdeann-taighe a dhobraicheasstrimmer !Làn a broinn de bhuntàta, glainne no dhà de bhranndaidh cruaidh na Spàinne, aig tha fios eile a dhèanadh i dhut?

AN SGRÌOBHAICHE (aslugadh) Na leigeadh tu dhomh bruidhinn ...

AILEAN (asuidhe air aiss apasgadh a ghàirdeanan) An Cruithfhear a chuir a-steach ni.

AN SGRÌOBHAICHE (aslugadh) Chan eil fhios am thu ...

AILEAN Ailean Guinne.

AN SGRÌOBHAICHE ... no às a thàinig thu ... (acumail air ... crith bheag atighinn na ghuth) ... Agus chan eil mig iarraidh faighinn a-mach. (a ghuth afàs nas làidire) Nise, na gabh seo anns an dòigh cheàrr. (stad, ’s aslugadh) Ach na falbhadh tu? ’S do charaid a thoirt leat. Donnchadh, nach e an t-ainm a thair? ’S e rud ... chan eil an oidhche nochd ... freagarrach. Oidhche sam bith eile, bhiodh tu -beatht’. Ach a-nochd ... (làmh a-mach os cionn an deasg) ... tha tòrr agam ri dhèanamh. Aiste Ghàidhlig air bàrdachd na h-ochdamh linn deug. Teilefis na h-Èireann. RèidioThree .Le sin ... chan urrainn dhomh an ùine thoirt dhut a mhiannaichinn. ’S air a bheil thu airidh, tha mi cinnteach. ’N e sgrìobhaiche a thannad? Air ùr-thòiseachadh? Chan eil e farast aig toiseach tòiseachaidh. Faca mi càil a sgrìobh thu? Dhfhaodadh sinn coinneachadh uaireigin eile, an dithis againn, ’s bruidhinn mu dheidhinn. Leig fios thugam ro-làimh. Ann an taigh-òst’, ’s mait, an còrdadh sin riut? Bidh tug òl, nach bi? Leòdhasach, tha fios gum bi. an Leòdhasach nach big òl? Tuilleadhs achòrr aig amannan. ’S ma tha thu sireadh beachd air do sgrìobhadh ... no comhairle muagents ... no ... bho sgrìobhaiche nas sine ... uair sam bith, à seo a-mach ... chan eil agad ach afòn a thogail. No sgrìobhadh thugam. Cèis le seòladh isstampairson freagairt am broinn na litreach. Ach an-dràst ... na falbhadh tu? Nam biodh tu cho math. ’S do charaid a thoirt



[76]

leat. Nach e tha sàmhach? ’S ma thug e rudan leis, n diofair? Coma leam. Ciamar a chuir Shakespeare e? Who steals my purse steals trash. ’S abruidhinn air airgead ... feumaidh sibh ur faraidhean air ais a Leòdhas, thu fhèins ... uill, tha mi deònach sin a thoirt dhuibh, na gabh ort diùltadh, sgrìobhaiche òg, tha fios nach eil mòran agad, cha bhi mi cumail mòran airgid am broinn an taighen dèanadh fichead notachùis, deich-ar-fhichead, no an sgrìobh micheque ? (coimhead ris an doras) tha e dèanamh a-nis?

AILEAN (aseasamhs adol chun an dorais, ga fhosgladh, ag èigheachd) tha thu dèanamh a-nis? ... duine shuas an seo afaighneachd. (stad) Tha e fon staidhre. (ag èigheachd) Fàg nasandshoessin, chan fhutaig iad thu! (ris AN SGRÌOBHAICHE) Alìonadhbin linerdubh. Trobhad ach am faic thu e.

AN SGRÌOBHAICHE (afosgladh drathair anns an deasg) Tha trì fichead not’ ... trì ficheads a deich ... agam an seo. Thoir leat iad. Chan eil an còrr agam. (gan cur a-null air an deasg)

Stad. AILEAN, air an doras a dhùnadh, na sheasamh le dhruim ris AN SGRÌOBHAICHE, acoimhead ris an dealbh air abhalla.

Mur eil gu leòr ann ... Ma tha thug iarraidh an tuilleadh ... thachequebookagam ... (ga thoirt às an drathairs ga chumail suas) Ma dhinnseas tu dhomh dainm ... (afosgladh anchequebook ,acur air nan glainneachan, atogail peann)

AILEAN (ationndadh) Dhinns mi dhut mainm. (acoiseachd air ais gu shèithear. Astad, ’s atoirt sùil eile air an dealbh. Acrathadh a chinn) seòrsa dealbh tha sin? ’S e fear le aghaidh dùintann am feusag, a chaidh dhanArt School,a rinn an dealbh sin. (asuidhe) n t-ainm a thorm, ma tha?

AN SGRÌOBHAICHE (acur sìos aphinn) Gunn, nach e? ... Guinne? ...

AILEAN, gàire beag air aghaidh, agnogadh a chinn.
(atoirt dheth nan glainneachan) Iain ... ? Chan e ...
AILEAN, gàire beag air aghaidh, acrathadh a chinn.

Donnchadh a thair do charaid. Sloinneadh Lochlannach a thann an Gunn. Aonghas ... ? Tha e tòiseachadh le A, nach eil ... ?



[77]

AILEAN A bhalgaire! Dùil agam gur ann atoirt a chreidsa bha thu.

AN SGRÌOBHAICHE ... ?

AILEAN Toirt a chreidsnach robh fios agad. Ach dhìochuimhnich thu e, a mhastaig! (aseasamh) Bheir mi aon theans eile dhut. Aon, cuimhnich! ... Uill? n t-ainm a thorm?

AN SGRÌOBHAICHE (aslugadh) Ah ...

AILEAN (ag atharrais) Ah!

AN SGRÌOBHAICHE Aah ...

AILEAN (os a chionn) Aah! Aah! (dòrn ri bhus) An diabhal ort, can e!

AN SGRÌOBHAICHE Aaaah ... Alasdair?

AILEAN atilgeadh a ghàirdeanan dhan adhar, adol a-null chun an deilbh, acoimhead ris. Ationndadh.

AILEAN A mhic na bids’! A mhic mhòr an diabhail! (atilleadh chun an deasg, acumail a dha dhòrn suas) Eil thu gan iarraidh? A bheil? AN SGRÌOBHAICHE acrùbadh na shèithear, a ghlùinean air an tarraing suas, ’s afalachd a chinn na ghàirdeanan. Gnogadh aig an doras. AILEAN ga dhèanamh fhèin dìreach, acur a làmhan sìos. Toirt ceum air ais bhon deasg. Ationndadh chun an dorais.

BARBARA (acur a cinn a-steach) Hi! Faod Barbara a thighinn a-steach? ... Chan eil mi cur dragh oirbh? (atighinn a-steachs adùnadh an dorais) Bath mun tìde-sa dhoidhch’, càil as fheàrr leam! (ris AN SGRÌOBHAICHE) Con a tha thu na do shuidhe mar sin, cho neònach? (ri AILEAN) ’N eyogaa tha e dèanamh?

AILEAN Tha e meòrachadh.

BARBARA Ist, a bhreugadair! Tha e cluich falach-fead. (aputadh AN SGRÌOBHAICHE) Yoo hoo! Tha Barbara gad fhaicinn!

AN SGRÌOBHAICHE Bibby ...

BARBARA Hallo!

AN SGRÌOBHAICHE (atogail a chinn) Bibby!

BARBARA Cho geals than aghaidh aige! ’N e do stamag a thann a-rithist? (ri AILEAN) Robh thusa cur feagal air? (asuidhe suas air an deasg, acur a gàirdean mu amhaich AN SGRÌOBHAICHE. Apògadh a phluic) Seo a-nis.



[78]

AN SGRÌOBHAICHE Bibby! Tha fear eile ann!

BARBARA Faca tu e? Man tarbh! ’S cho grànda!

AN SGRÌOBHAICHE Falbh le ... tha e ...

BARBARA Tha fios am. Haversack ’s trì pocannan dubh plastaig mar-thà anns an lobaidh, acur a-mach air am bus. (ri AILEAN)

Eil thusa duilich gun chuir thu feagal air abhodach agam? (AILEAN agnogadh a chinn) Can e, ma-thà.

AILEAN Tha mi duilich.

BARBARA Sgrìobhaiche a thann. (stad ghoirid) Theab thu chur à cochall a chridhe. ’S an t-seachdain a-chaidh, theab balach-sgoile leair gunan aon rud a dhèanamh air. Gunna-gaoithe. Smaoinich air a chall dha litreachas na Gàidhlig.

AILEAN Agus dha litreachas na Beurla.

BARBARA Agus dhan t-sluagh gun àireamh ann an lapan a tha dèidheil air an sgrìobhadh aige.

AILEAN Bha e thall ann, nach robh? Chuala mi e fhèin ga innsair an rèidio.

BARBARA Bha. Thug a sgrìobhadh a lapan e.

AILEAN Dha na h-Innseachan cuideachd.

BARBARA Agus dhan aGhearmailt.

AILEAN Air feadh an t-saoghail, dhfhaodadh tu ràdh.

BARBARA AchOuter Mongolia.

AILEAN Cha robh e fhathast anOuter Mongolia?

BARBARA Ach bithidh. Tha e mòr aig na Mongolians. Thathas abruidhinn air shìos am baile an Ulan Bator. Anns nacafes . (asuidhe air oir na deasg) Faodaidh tu cùl mo làimh a phògadh. (AILEAN aseasamh, apògadh a làimh, suas a gàirdean, a gualainnean) Sin gu leòr ... Sguir, thuirt mi!

AN SGRÌOBHAICHE Ach ... ach ...

AILEAN Tha e bruidhinn.



[79]

BARBARA Cho geals a than aghaidh aige fhathast!

I leum sìos bhon deasg. AILEAN atighinn gu cùlaibh, ’s acur a ghàirdeanan timcheall oirre. Asanais na cluais.

AN SGRÌOBHAICHE Bibby! tha e dèanamh?

BARBARA (agluasad a cuirp) Mmm ...

AN SGRÌOBHAICHE Ach ... chan fhaod e, Bibby!

AILEAN thubhairt?

BARBARA (a sùilean dùinte) Faodaidh.

AILEAN tha dol a chur stad orm? Uilleam MacOdrum?

AN SGRÌOBHAICHE Ach ... tha thu leigeil dha, Bibby.

AILEAN Suidh air do thòin.

BARBARA Mus tig luairean ort.

AILEAN Sguir a choimhead rinne.

BARBARA Na leig ort geil sinn ann.

AILEAN Cùm ort le do sgrìobhadh.

AN SGRÌOBHAICHE asuidhe.

AILEAN (ri BARBARA) fàileadh tha sin?

BARBARA Càite?

AILEAN Cùl do chluais.

BARBARAObsession !E fhèin a cheannaich e dhomh. Airson na Nollaig.

AILEAN Robh e daor?

BARBARA Mo phreusant Nollaige? Nach eil fhios agad gu robh! ... ’S airson na Càisg, thug e mi a Pharis. ’S airson mo cho-latha-breith, dha na Seychelles.

AILEAN Chan eil e sgrìobhadh. Carson nach eil e sgrìobhadh?

BARBARA Am faighnich mi dha?

AILEAN Cha do sgrìobh e facal bho nochd mi. Cha do chuir e peann ri pàipear.



[80]

BARBARA Tha e air a dhol sàmhach a-rithist.

AILEAN Tha e feitheamh gu faic e thachras.

BARBARA tha sinn adol a dhèanamh.

AILEAN ManA Question of Sport. ”

BARBARAWhat happened next. ”

AILEAN An seall sinn dha?

BARBARA Carson nach seall?

AILEAN thig a-mach.

BARBARA thèid a-steach.

AILEAN Cuiridh e dhan ath leabhar e.

Còmhla, tha iad asguabadh nam pàipearan, an airgid, na litrichean etc bhon an deasg. BARBARA alaighe air a druim oirre.

BARBARA (ris AN SGRÌOBHAICHE) Seo nas fheàrr na naSwedishbhideos agad. .. Na magasans shalach a bhios tu faighinn tron aphost. (ri AILEAN) Thoir thusa do sheacaid dhìot.

AILEAN (atoirt dheth a sheacaid) Fosglaidh seo a shuilean ...

BARBARAS a bheul. .. (ri AILEAN) Chan eil thu fàgail do bhriogais ort?

AILEAN (atoirt dheth a bhriogais) Cuiridh seo spionnadh às ùr ann. ..

BARBARA Crith an cùl a chinn. .. (ri AILEAN) Bidh crith atighinn a chùl a chinn. Acoimhead nam bhideos.

AILEANS na dhà shlinnean, cuiridh mi geall.

AN SGRÌOBHAICHE aseasamh ... a bheul afosgladhs adùnadh.

BARBARA (atarraing AILEAN sìos air a muin)

AN SGRÌOBHAICHE adèanamh fuaim na amhaich.
bha siud?

AILEAN Cha do rinn mi mach.

BARBARA Tha còmhradh gu leòr aige. Nuair a thogras e.

AILEANN e thug an t-sèine dhut?



[81]

BARBARA eile?

AILEAN Òr, mura h-eil mi air mo mhealladh.

BARBARA Bhiodh e bruidhinn riums’. Uair dha robh e. Cha robh chab adùnadh.

AILEAN Con a sguir e?

BARBARAS fheàrr leis a bhith bruidhinn ri daoine mar e fhèin.

AILEAN iadsan?

BARBARA O ... sgrìobhaichean eile. Mar e fhèin. (stad ghoirid) Daoine tha am fianais an t-sluaigh. A sheasas air àrd-ùrlar. A bhios air an teilidh. (stad ghoirid) Bidh iad asuidhe còmhris shìos an staidhre, anns an studaidh mhòr, ’s abruidhinns agàireachdainn. Chan fhaod mise dhol a-steach. (AILEAN ga pògadh)

AN SGRÌOBHAICHE Tha mi ... Mr Gunn? ... a-riamh ...

AILEAN Tha e bruidhinn rium.

BARBARA Dhèigh e Mr Gunn ort.

Iad acoimhead ris, afeitheamh ris an tuilleadh.

AN SGRÌOBHAICHE. .. gillean às na h-eileanan ... (astad)

BARBARA Bhiodh e bruidhinn riums’. Uair dha robh sinn. Thug e char asam, le theanga mhìn, mheallta.

AILEAN (aslìobadh a cois) Fhuair e suas do mhuinichill.

BARBARA Àitichean eile cuideachd.

AILEAN (aslìobadh a cois) Fhuair e na bha eg iarraidh?

BARBARA Tha gràdh agam ort, thuirt e.

AILEAN Robh guth air a mhnaoi, fhads a bha seo adol air adhart? An tritheamh bean?

BARBARA Fàgaidh mi i, thuirt e.

AILEAN Dùil agam gur e ise a dhfhàg esan. Gun ruith i air le Ìleach.

BARBARA Thusa tha mig iarraidh, ars esan. Acur a ghàirdean timcheall orm.



[82]

AILEAN n tug e thu? (acoimhead ris AN SGRÌOBHAICHE) Cùl aghàrraidh? Ceann na cruaich?

BARBARA Càr. Seata thoisich a bha dol air ais.

AILEAN Na chùm e bhriogais air?

BARBARA Cha do sguir e chòmhradh.

AILEAN Fhads a bha sibh ... ?

BARBARA Cha do dhùin a bheul.

AILEAN Tha e dùinta-nis.

BARBARA Chan eil diorra mhiog aige. (iad apògadh) Ach tha e fialaidh. (togail a gàirdean) Seall!

AILEANS e cheannaich sin dhut?

BARBARA Agus aodach sa stoidhl’.

AILEAN (acoimhead ris abhràiste air caol adùirn) Airgead, mura h-eil mi air mo mhealladh.

BARBARA Bhiodh eg innse rudan dhomh. Ga mo chumail ceart. am fìon le m biadh.

AILEAN spàins n fhorc.

BARBARA Gun a bhith dol a-mach gun drathars orm. Gun a bhith falbh air mo chasan luirmeach air feadh an taighes ag èisteachd ri RèidioOne .

AILEAN Càil an còrr?

BARBARA Leabhraichean! Agus dhfheumainn a leughadh. Bhiodh e ga mo cheasnachadh mun deidhinn, agus atrod nan toirinn am freagairt ceàrr.

AILEAN Na leabhraichean aige fhèin?

BARBARA Anns an chànan. Nobhails is bàrdachd. (stad ghoirid) Agus dealbhan cluich.

AILEAN Robh dhealbh fhèin air ciofar-cùil nan leabhraichean? Le lèine fhosgailtes bonaid Duitseach air?

BARBARA Thuirt e gu robh gaol achridhe aige orm ... (AILEAN atoirt



[83]

pòg dhi) ’S thuirt e gum biodh sinn còmhla gu bràth, agus nach tigeadh duine no càil gu bràth eatarainn ...

Iad nan sìneadh air an deasg len gàirdeanan mu chèile.

AN SGRÌOBHAICHE (aseasamh ... làmhan a-mach) Ach, ach. .. (astad) Innsidh mi dhuibh. Ma sguireas sibh. Bibby! Carson a tha thu leigeil leis? Fear eile shìos an staidhre. Afalbh le mo. .. (stad) Bibby? Tha mi duilich gum bithinn atrods agabhail cais. Nuair nach robh thu tuigsinn mo. .. Nuair a bhiodh tu mèaranaich, aleughadh mo ... Tha mi duilich. (BARBARA apògadh AILEIN) Can ris sguir, Bibby. ’S canaidh esan ris an fhear eile. Bheir mi rud sam bith dhaibh. Ma sguireas iad. Ma sguireas iads ma dhfhabhas iad. ’S cha bhin còrr mu dheidhinn, ’s tha mi toirt maitheanas dhut son ... son ...

BARBARA (ri AILEAN) Mmm. .. tha sin cho math ...

AILEAN (atoirt pòg dhis asuidhe an-àirde) Tha thìdagainn falbh.

BARBARA Tha.

AILEAN atighinn sìos bhon deasg. Acuideachadh BARBARA sìos.

AILEAN tha thu toirt leat?

BARBARA acrathadh a cinn, atoirt dhith na bràiste air cùl a dùirn, na fàinneachan, an t-sèine mu h-amhaich. Gan tilgeil air an deasg.

AN SGRÌOBHAICHE Bibby? (asuidhe. .. glaodh na ghuth) Chan eil thu falbh?

BARBARA Nis, na tòisich! Bidh thu nas fheàrr às maonais.

AN SGRÌOBHAICHE Ach, ach ... (stad) ... chan fhaod thu falbh, Bibby.

AILEAN thubhairt? (adèanamh dòrn. .. ri BARBARA) An tarraing mi air i?

AN SGRÌOBHAICHE Ach do leasanan dràibhigidh, Bibby? Do chlasaichean oidhche?

BARBARA Smaoinich an fhois a gheibh thu! Cho sàmhachs a bhios an taigh, gun mi ann.

AN SGRÌOBHAICHE Ach ...



[84]

BARBARA Cho glans a bhios e!

AILEAN Thuirt mi ris au pair fhaighinn. Cha leig e leas a pòsadh.

BARBARAS fhada chitheadh e! Chan iarradh e fhèin a shùgradh, ach a bhith falbh lehooverair feadh an taighe.

AILEAN (air a bhriogais a chur air ais air) Dustaigeadh le dustair.

BARBARA Sgùradh leac an teine leParazone .

AILEAN Spreidheadh Domestos sìos aphoit.

AN SGRÌOBHAICHE Ach phàigh mi airson do chùrsaLinguaphone ,Bibby!

AILEAN Duine beò acur dragh air.

BARBARA Alìonadh an t-sinc le soithichean salach.

AILEAN Dèanamh fuaim.

BARBARA Fàgail aodach salach air an làr.

AILEAN Faodaidh e tòiseachadh airautobiography .

BARBARAVolume One.Tùs mo Làithean.

AILEAN A dhealbh an cùl an leabhair. Ad shràbhach air a cheann.

BARBARA Bidh e air gluasad dha na Seychelles. Le beanNumber Five.

AILEAN Ghàidhlig a thairautobiography ?

BARBARA Bidh misann anVolume Three.

AILEAN (adol chun an dorais, ga fhosgladh ... guth àrd, acunntadh) Aon, dhà trì ... (stad ghoirid) il am poca nèibhidh, am fear canabhais, na lìon thu e? ... Ah! (stad ghoirid) An gleoca mòr le fuaimBig Bencuideachd, tha duine an Àrnol a thuirt rium mo shùil a chumail a-mach airson fear ... OK! Tòisich gan cur dhan abhana. (ri BARBARA) Transitgheal a ghoid sinn ann an Struighlea air an t-slighe sìos ... (adùnadh an dorais, adol tarsainn na stèids, atoirt aphioctor sìos bhon abhalla) Goill gu leòr anns an eilean a chrochas seo air abhalla.

BARBARA (acoimhead ris AN SGRÌOBHAICHE le sùilean mòra ... a gàirdeanan a-mach) Feumaidh mi giosag a thoirt dha mus fhalbh mi! (adol timcheall an deasg, acur a gàirdeanan mu amhaich AN SGRÌOBHAICHE, atoirt pòg dha) Mmm. Ugh gun salainn. (ga leigeil



[85]

às) Mar sin leat, a luaidh. (atilleadh gu beulaibh an deasg) Cuimhnich air na pilichean ùr, gu feum thu h-uile gin aca ghabhail, tha eg ràdh air abhotal. Tha do lèintean Van Heusen fhathast gun tilleadh às anlaundrette . (làmhan gu broilleach) An aghaidh aige acoimhead rium!

AN SGRÌOBHAICHE Bibee!

BARBARA (a làmhan gu cluasan ... aruith gu AILEAN) An guth aige! An guth aiges aodann! (ri AILEAN) n t-ainm a thort, co-dhiù?

AILEAN (gàirdean timcheall oirre, ga toirt chun an dorais, acur an deilbh ris abhalla, afosgladh an dorais, afàgail BARBARA an sin, atilleadh chun an deasg, acur na bràiste, nam fàinneachan, an t-sèine, an airgead pàipeir gu lèir na phòcaidean. Ris AN SGRÌOBHAICHE) Trash ! (cur a làimh a-null, abreith air làimh AN SGRÌOBHAICHE, ga crathadh) Garbh toilichte do choinneachadh, mu dheireadh thall. (leigeil às a làimh, dol chun dorais. Atogail an deilbh, ga thoirt dha BARBARA) Cùm siud. (acur aona ghàirdean timcheall air BARBARA. Atogail na tèile.) Mar sin leat. (stad) Eil thug iarraidh Donnchadh fhaicinn mus fhalbh sinn? ... Chan eil? Cinnteach? ... Ach chì thu fhathast e. Coinnichidh na daoine nuair nach coinnich na cnuic ...

Iad afalbh. An doras adùnadh.

AN SGRÌOBHAICHE na shuidhe, acoimhead a-mach dhan an èisteachd.

Ationndadh a chinn bho thaobh gu taobh.

Acoimhead ris abhalla, far an robh am pioctor.

Acoimhead ris an làr ... pàipearan, airgead etc sgapte air fheadh.

Acoimhead suas gu mullach an taighe.

Car na cheann, ag èisteachd.

Aseasamh. Grèim air cùl an t-sèitheir.

Atighinn timcheall an deasg, le ceumannan mall.

Na sheasamh, le aonlàimh air oir an deasg.

Atarraing anail mhòr. Asèideadh a-mach.

Acoimhead ris an làr.

Ri na ballachan.

Ri mullach an taighe.

Ationndadh a chinn bho thaobh gu taobh, ag èisteachd.



[86]

AN SGRÌOBHAICHE Duinann ...

Atòiseachadh atogail na bhair an deasg bhon làr. Atogail duilleag, alorg a ghlainneachan air an làr, aleughadh loidhne no dhà tronlensnach eil briste, a liopan agluasad. Gàire beag atighinn air aghaidh. Acur na duilleig air an deasg.

Atoirt trì ceumannan gu taobh deas na stèids, is sia ceumannan air ais, agluasad a ghàirdeanan mar saighdear.

Na sheasamh ag èisteachd.

Atoirt ceum chun an dorais. Ceum eile.

Astad.

Dhà no thrì anailean mòra. Gan sèideadh a-mach.

Acoimhead ri mullach an taighe.

Ris abhalla air an robh am pioctor.

Ris an làr.

Ag èisteachd.

Atoirt ceum chun an dorais.

Ag èisteachd.

Ceum eile.

Na sheasamh aig an doras, ag èisteachd.

AN SGRÌOBHAICHE Dhfhalbh iad ... (acur a làimh air làimh an dorais. A cheann ris an doras, ag èisteachd)

Chan eil duine ann ...

Gnogadh mòr air taobh eile an dorais, sia no seachd de bhuillean cruaidhe.

AN SGRÌOBHAICHE aleum air falbh bhon doras, le èigh a tha stad na amhaich. Aruith air ais chun an t-sèitheirs acrùbadh ann, a ghlùinean air an tarraing suas gu smiogaid, a cheann air falach na ghàirdeanan.

Gnogadh mòr eile.

AN SGRÌOBHAICHE atogail a chinns adèanamh fuaim beag crèicealach.

An doras afosgladh.



[87]

AILEAN atighinn a-steach. Aodach-sgoil air ... blèisear le suaicheantas air aphòcaid-broillich, stoc shrianach, taidh, flanails ghlas ...

AILEAN Maighstir MacLeòid? Maighstir Tormod Iain MacLeòid, an sgrìobhaiche? (adùnadh an dorais, atighinn a-null chun an deasg. Acrùbadh, afeuchainn ri faicinn aghaidh AN SGRÌOBHAICHE. Guth modhail, diùid)

Thàinig mi mun aghunna-gaoithe.

AN SGRÌOBHAICHE atoirt a làmhan air falbh bho aghaidh, atogail a chinns acoimhead ris.

AILEAN Chuir sibh fios orm. Gu mo phàrantan. Fòn. Gu robh sibh ag iarraidh mfhaicinn. (Stad. An uair sin, le tòrr stadan ... aseabhtadh a chasans agluasad a liopan ... ) Uh ... tha mathairs mo mhàthair ... thuirt iad rium innse dhuibh ... gu bheil an gunna-gaoith’ ... gun tug iad bhuam e. .. agus gu bheil econfiscated ... facal Beurla. .. duilich. .. à seo a-mach. Agus a thuilleadh air an sin ... leigeil fios dhuibh ... (luath, a shùilean dùinte) ... ged nach eil mi airidh air maitheanas airson an rud a rinn mi, tha iad ... (slaodach, a shùilean fosgailte) ... an ìmpidh nach peanasaich sibh ro chruaidh mi ... mi fhathast òg is aineolach, thuirt iad. .. agus ... (luath) cho duilichs a tha iad airson an àmhghair a dhadhbhraich mi anns achoimhearsnachd le mo dhol-a- mach Dihaoine a-chaidh ... agus cha thachair e gu bràth tuilleadh. (stad ghoirid) Agus tha mi-fhìn duilich cuideachd.

AN SGRÌOBHAICHE ageur-choimhead ris. Dèanamh fuaim beag na amhaich.

AILEAN Eil sibh afaireachdainn ceart gu leòr, Mhaighstir MhicLeòid? ... tha an aghaidh agaibh ...

Acur a chinn sìoss acoimhead a-steach a shùilean AN SGRÌOBHAICHE. Sùilean AN SGRÌOBHAICHE adol mòr, sgeunach. E crùbadh air ais anns an t-sèithear.

AILEAN (asgur a bhruidhinn mar balach-sgoile) Faireachdainn lobht, a bheil? ’N e do stamag a-rithist?



[88]

(atogail afòn. AN SGRÌOBHAICHE adèanamh an fhuaim na amhaich. AILEAN asàthadh putanan na fòn. Afeitheamh. Àrd, cinnteach) Hallo? Emergency ?robh thus nach robh thu freagairt? bha thu dèanamh, acoimhead riut fhèin anns an sgàthan a-rithist? Nis, èist riums’! Ambaileans le pharamedic, oxygen tent, mantra ’s an nurs mhòr, Murdag, uaireannan Murdinag, gu taigh an sgrìobhaiche ainmeil, Tormod Iain MacLeòid, neo TIM, cho luaths a rinn sibh càil a-riamh! (acur sìos na fòn) Tha iad air an t-slighe. (acur a làimh a-mach. .. guth abhalaich-sgoile) Uh ... am biodh diofar leibh ged a shuidhinn? Fhads a tha sinn afeitheamh. (e suidhe. AN SGRÌOBHAICHE ageur-choimhead ris. E sealltainn a-mach air an uinneig) Dhfhaodainn a bhith ceàrr, ach saoilidh mi gur eNorwegian pinea tha sin, air taobh-muigh na h-uinneig. (casd bheag, acromadh a chinn) Tha ùidh agam ann ambotany ... luibh-eòlas ...

Stad. AN SGRÌOBHAICHE, crùbtanns an t-sèithear, acoimhead ris.

AILEAN (casd bheag ... asuathadh a ghlùinean) Uabhasach toilichte ur coinneachadh mu dheireadh thall, Mhaighstir MhicLeòid. Sgrìobhaiche cho ainmeil. (stad) Mi-fhìns feadhainn dhe na balaich air achlas agam ... tha sinn asgrùdadh leabhar bàrdachd leibh an-dràst anns an Àrd-sgoil. Frith ròidean na Doimhne no rudeigin, an t-ainm a thair. Cuairtean na Cuimhne? Tha e còrdadh rinn. Ris ah-uile duine againn.

Stad.

Cha robh sinn ga thuigsinn an-toiseach. Nua-bhàrdachd. Theab sinn litir a sgrìobhadh thugaibh. Cèis le stamp na broinn, airson freagairt. Ach an uair sin, thàinig dhan sgoil airplacement ... facal Beurla eile ... duilich ... ach oileanach ... Mr Wankdorf ... toirt a-mach dreuchd tidsear Gàidhlig ... agus thug esan fuasgladh dhuinn air dìomhaireachd is doimhneachd na bàrdachd agaibh . na h-ìomhaighean ... na samhlaidhean ... an rannaigheachd ùr ... na ruitheaman ...

titleAn Sgrìobhaiche
internal date2011.0
display date2011
publication date2011
level
reference template

Caimbeul Sia Dealbhan-Cluiche %p

parent text Sia dealbhan-cluiche
<< please select a word
<< please select a page