Ro-ràdh
Tha caogad dem sgeulachdan goirid sa chruinneachadh seo, mar a thuigear bho thiotal an leabhair. Is iomadh rud a dh’èireas ann am fàsach na h-inntinne. Nochdaidh corra innis bho àm gu àm, ach tha e freagarrach coiseachd seachad air cuid dhiubh, oir chan eil biadh no uisge annta uile a bheathaicheas am fear-allabain – agus is tric a tha sinn air allaban!
Nuair a chaidh iarraidh orm taghadh dem sgeulachan fhoillseachadh còmhla, chuir mi feadhainn air chùl – dh’fhaodadh e bhith gu àm eile. Mar sin ’s e mo thaghadh fhìn a tha a’ nochdadh an seo, an dèidh iomadh cuairt a ghabhail tron fhàsach às an tug mi iad bho thùs.
Nochd feadhainn de na sgeulachdan an àitean eile cheana – tha na h-àitean ro lìonmhor airson an ainmeachadh. Ach tha mi a’ toirt taing do na daoine agus do na foillsichearan a chuir de mheas orra gum faca iad solas an latha. Agus taing mhòr do Acair Earranta airson an taghadh seo fhoillseachadh.
Mus tig sinn gu na sgeulachdan fhèin, is dòcha gu foillsich na briathran a leanas beagan de na bha a’ dol tron inntinn aig caochladh amannan nuair bha mi a’ siubhal tron fhàsach – agus uaireannan a’ dol air chall! ...
DIMI
Smaoinich mionaid air toinnteachd an t-saoghail,
air Blàr nan Eun,
’s air cnapan-starra na tòrachd –
beanntan, coilltean agus aibhnichean –
seann chrìochan Hades,
rìgh nam marbh, dia a’ bheairteis, is Persephoné
is an cromadh gu ifrinn
a thug na h-Airianaich do na h-Innseanaich
’s a ràinig na Ceiltich
’s a dh’fhalbh le na manaich Èireannach
gu na deas-chuantan ’s gu Madasgar,
agus labhraidh do thuigse riut
a dh’innse dhut
gu bheil samhlaidhean mac an duine
nan comharraidhean air toinnteachd obair Dhè,
’s na sia làithean
a chaith E a’ cruthachadh ar dìleib,
’s air ar n-aineolas mun bhrontosàras
nach d’ fhuair fiù don Àirc.
Breacte tha ’r n-eachdraidh le aineolas
mu na riaghailtean sin
a nì ar treòrachadh,
’s ged dheasaich sinn
gnè bàrdachd is gnè feallsanachd,
gnè soisgeil is gnè sgeulachd cuideachd,
chan eil ar toinnteachd ach mar chosamhlachd
ann an lìonadh na doimhne,
’s chan eil ar briathran coileanta
ann a bhith ag iarraidh mathanas
airson an saoghal a ghànrachadh.
Cuileag air uinneig no flùr air achadh
gan sgoltadh le cutag mì-thuigse,
a’ leudachadh dìth tuigse air na nithean
as toinnte na ar feallsanachd,
’s cha tuig sinn a dh’aindeoin shubhailcean
gu bheil crìochan air ar breithneachadh–
coilltean, aibhnichean is beanntan
a chruthaicheadh mar chnapan-starra
nach lèir dhuinn le sùil chorporra,
oir fhathast cha d’ chuir sinn beatha sa mharbh,
no beairteas ann am pòcaid deòraidh,
no blàths ann am fuachd a’ gheamhraidh,
no lìomhadh airgid ri oir sgòtha.
Rinneadh goid is murt is siùrsachd,
oir b’ iad ar dealbh air feartan saoghail
nuair chuir sinn na spealgan
a’ chreag a bha snaidhte le àithntean,
is dh’fhuadaich sinn am brontosàras
ach am faigheadh sinn ceannas
air brìgh na talmhainn,
sheòl sinn ann am bàtaichean pàipeir,
’s mar an seann Cheilteach,
dh’òl sinn ar brochan à basgaidean cuilce,
ach cha do thuig sinn
gun shìolaidh am brochan tro na tuill,
tro mhogail lìon na beatha,
’s cha do thuig sinn
nach robh bàtaichean pàipeir seasmhach.
Ann an cogaidhean an t-saoghail
cha d’ fhuaireadh buaidh
bho ghèill Camarathas don dreathan-donn,
’s bho thuit an leòghann
nuair bhuail an luch e,
’s chithear nach eil sa chumhachd
ach dòigh, seadh innleachd, chaillte
air neart a lagachadh,
air neo-chiontas a thruailleadh,
air truaillidheachd a ghlanadh,
’s anns a’ chathair mhòir sin
air spiris riaghaltais
nach eil ach briathran dìomhain gun bhrìgh,
nach seas ri ladarnas no tìm.
Dùisgidh an ròs ann an gàrradh samhraidh
nuair nochdas boillsgeadh grèine,
is tuitidh an duslach
a chuireas ròs gu dhùbhshlan,
’s nach glan an driùchd
oir thig an driùchd
nuair tha an ròs na chadal,
mar chaidleas mac is nighean an duine
tro ùrachadh na h-oidhche faide,
’s tha mìle ròs ann am mìle gàrradh
gam fèin-dhìon le drisean geur’,
ach ’s maol na drisean nuair ’s moth’ tha ’m feum
air innleachd cothachaidh ron eug,
’s e duais an neo-chiontais do ròsan
nuair thig am fuachd gu searg am bòidhchead,
’s a-mach air bòidhchead nach eil sinne,
mar ròs, a’ coileanadh an dàin,
air sgàth gach nì a rinn sinn ceàrr?
Bidh blàr mòr eile aig na h-eòin,
’s bidh Hades air ath-bheothachadh,
ach cha bhi manaich Èireannach le soisgeul
a’ stiùireadh ghaisgeach ar beul-aithris,
a thug cofhurtachd do ar sinnsearan,
is iadsan a’ sireadh fhìrinnean
a thug am brontosàras leis,
nuair sheas Noah san doras
’s a thuirt e,
“Na tig nas fhaide”.
An t-òrdugh ceudna cha d’ fhuair an duine,
is leag e na craobhan,
is mhùn e anns na h-aibhnichean
is chluich e leis an ubhal òr,
leis a’ chlaidheamh,
leis a’ ghunna,
le na sleaghan,
’s chuir an duine an duine fo chìs
le armachd innleachdach a’ mhillidh,
a’ sguabadh roimhe obair Dhè,
ag ràdh nach robh Dia ach ri fealla-dhà
nuair labhair E mu theintean ifrinn.
Cha lìonar a’ bheàrn eadar breug is fìrinn,
eadar fuachd is blàths,
eadar là is bliadhna,
eadar beatha is bàs;
oir cha chumar smachd air briathran
is ar n-iarrtasan chan fhàg,
gus an cuirear freumh ar n-iarrtais
mar an sìol a thalamh bàn,
’s gun tuig sinn gur e talamh torach
bheir air gèig air craoibh bhith fàs,
’s cha chreid sinn g’ eil ar beatha uile
cheana sgrìobht’ an leabhar an dàin,
gu bheil mac-talla còir ’s na creagan
a’ fanaid oirnn a dh’oidhch’ ’s a là.
Bidh ’m bàrr a bhuainear
a rèir an t-sìl a chuireas sinn,
’s an t-iasg a ghlacar
a rèir meud ar dubhanan,
ach ’s leibideach gun dèan sinn truailleadh
air lìonmhorachd nam buadhan
oirnn rinn Dia a bhuileachadh.
Cluinnear searmon à iomadh cùbaid
nach buin do eaglais,
ach a bhuineas do shoisgeul eile
gar n-athchainge gu nithean glòrmhor,
gu briseadh nan geamhraidhean,
gu bun-os-cionn an nàdair,
’s tuigidh sinn nach robh na h-uirsgeulan
ach a-mhàin ag àrdachadh
nan gaisgeach treuna,
’s bho thùs
gun robh milleadh ann an gnè an duine,
agus cuideachd gun robh
coilltean, aibhnichean is beanntan
ann bho thoiseach tìme,
’s a dh’aindeoin truaillidh
nach d’ fhuair sinn innleachd
a-chum an gluasad,
no bheireadh buaidh orr’.
Bàtht’ le cianalas ar cuimhn’, ar n-ìomhaigh,
air saoghal nam manach ’s nan Ceilteach–
èirigh maidne is ionnlaid gnùise
ann an cùbhraidheachd na driùchda,
is an uair sin facal ùrnaigh,
agus cuairt gu oir na mara
a shireadh lorgan-cois’ Mhoraha
a bhuannach’ caisteil agus mnatha,
gun mhothachadh air briathran nathrach
ann am fìon-liosan Èdein,
’s nuair seachad leigeas sinn gach guaineas
’s gach sgleò bho shùilean air am fuadach
’s lèir dhuinn dìmeas air ar dualchas–
chan ann air cànan no air daoine
ach air dualchas mòr an t-saoghail,
’s iad coilltean, aibhnichean is beanntan
a chasg ar tòrachd air ar sanntachd.
Am bàrd bu lèir dha bòidhchead cruinne
às eugmhais ìomhaigh bhrist’ an duine,
a chruthaich Dia na ìomhaigh fhèin
’s thug dha mar dhìleab cruinne-cè.
Is truagh an truaghan
a bhios a’ ruagadh
bhriathran fuasgailte na cheann,
’s is truaigh’ an truaghan
nach fhaic cho luachmhor
’s tha làithean fuadaich
a’ ruith nan deann.
Amen don ùrnaigh–
am faigh i èisteachd?
Amen don ùrnaigh
’s do dhaoine gleusta.
title | Ro-ràdh |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |