10. Alfaidh Foirbeis
Cha robh cùram air an t-saoghal air Deirdre ’s air Aonghas nuair dh’fhàg iad an taigh Dihaoine. Bha obair na seachdain seachad, agus bha an oifis mìle mìle air falbh. Gach feasgar Dihaoine rè an t-samhraidh, le cead bhon aimsir, bhiodh iad le chèile a’ coiseachd air an socair tron choille a bha mu dhà cheud slat bhon taigh, ag èisteachd ri ceilearadh nan eun agus ri fuaimean eile leis am biodh nàdar a’ dùsgadh sàmhchair an ama. Air taobh thall na coille, bha taigh-òsta beag, tlachdmhor air an robh an t-ainm An Sionnach Bàn, agus bu tric a stad iad an sin a dh’òl balgam de leann a bheireadh ùrachadh don chorp air crìoch seachdain na h-obrach. Cuideachd, bha iad a-nise eòlach air Mìcheal leis an robh an taigh-òsta, agus air feadhainn eile aig an robh e mar fhasan a bhith a’ tadhal ann.
Bha a’ choiseachd tron choille a’ dol gu tlachdmhor, mall oir cha robh adhbhar cabhaig aca. Bha iad a’ sealltainn ri craobhan agus ri lusan de gach seòrsa, ged a bha iad air am faicinn ceud uair roimhe. Mu letheach-slighe tron choille leig Deirdre sgriach uabhasach aiste, agus thuigeadh neach sam bith a bha faisg oirre gun chuir rudeigin fìor eagal oirre.
“Mo chreach, dè fon ghrèin a tha ceàrr ort?” dh’fhaighnich Aonghas.
“Seall,” ars ise. “Anns a’ chraoibh,” ars ise. “Shuas am bàrr na craoibhe.”
Bha an t-àite loma làn de chraobhan de gach seòrsa, agus cha robh Aonghas a’ faicinn càil seach an àbhaist.
“A’ chraobh giuthais,” arsa Deirdre. “Dìreach os do chionn.”
Nuair sheall Aonghas suas gu bàrr na craoibhe, thuig e air ball dè a dhùisg an t-eagal ann an Deirdre. Bha corp fireannaich shuas am mullach na craoibhe, sìnte thairis air geugan, agus smaoinich Aonghas nam fuilingeadh a’ chraobh an crathadh bu lugha, eadhon bho osag bheag gaoithe, gun tuiteadh an corp ud na chlod gu làr.
“ ’S fheàrr dhuinn dèanamh air an t-Sionnach Bhàn gun dàil,” ars Aonghas, “agus fios a sgaoileadh gu bheil fireannach marbh sa choille. Feumaidh gun robh e a’ sreap na craoibhe, aig Sealbh a tha brath carson, agus gun tàinig cuairt air ’s gun chaochail e an sin.”
“Nach tu tha neochiontach,” arsa Deirdre. “Cha tàinig no bloigh cuairt. Nam biodh sin air tachairt, bha e air tuiteam às a’ chraoibh. Tha amharas agamsa gur ann ri murt a tha sinn a’ dèiligeadh an seo.”
Bha iad a-nise nan cabhaig a’ dèanamh air an taigh-òsta.
“Murt!” ars Aonghas. “A Dhè, beannaich mi. Mas i ’n fhìrinn a tha nad bhriathran, feumaidh e bhith gur ann am bàrr na craoibhe a chaidh a mharbhadh, agus gun deach fhàgail an sin.”
Nuair ràinig Deirdre agus Aonghas An Sionnach Bàn, bha e follaiseach do gach neach nach b’ i a’ choiseachd àbhaisteach a thug air an slighe iad. Bhrùchd iad a-steach mar dhithis air bhoil.
“Na poilis,” dh’èigh Deirdre. “Cuiribh a dh’iarraidh nam poileas.”
“Carson? Dè tha ceàrr?” dh’fhaighnich Mìcheal.
Reòth gach neach a bha a-staigh, cuid dhiubh le glainne eadar bòrd is bilean.
“Murt,” arsa Deirdre. “Tha duine marbh sa choille. Shuas ann am bàrr craobh giuthais. Na poilis! Na poilis!”
Rinn Mìcheal mar a dh’iarr Deirdre air, agus cha b’ fhada gus an cualas dùdag a’ cur fios romhpa gun robh na poilis gu bhith aig an taigh-òsta. Bha dithis dhiubh ann, fear rudeigin òg agus fear eile le trì srianagan air a mhuinichillean.
Cha robh dòigh air faighinn gu cridhe na coille ach nan cois, agus threòraich Aonghas agus Deirdre iad chun na craoibhe sam faca iad corp an duine. Chaidh dithis no triùir eile a bha san taigh-òsta còmhla riutha. Agus bha an corp an siud fhathast. Mhol am poileas
Thug an seàirdseant, Seòras O’Toole, fòn-làimhe à pòcaid a sheacaid, agus dhìog e putan no dhà. Bhruidhinn e ri cuideigin san stèisean.
“Tha mi a’ dearbhadh gu bheil corp fireannaich ann an craoibh sa choille. Fuirichidh mise an seo, agus thèid MacLùcais chun a’ chàir aig an t-Sionnach Bhàn. Trèoraichidh esan sibh chun na craoibhe. Tha mi den bheachd gur fheàrr do Alfaidh Foirbeis a thighinn. Ma dh’fhosglas duine sam bith a’ cheist, fosglaidh esan i.”
Dh’fhalbh am polieas òg, MacLùcais, mar a mhol O’Toole.
“Alfaidh Foirbeis?” ars Aonghas. “Dè na sgilean sònraichte a tha aigesan, ’s gu bheil thu ga iarraidh a bharrachd air neach eile?”
“Tha eanchainn mhath aige,” ars O’Toole. “Agus chì e rudan nach fhaic neach sam bith eile. Co-dhiù, tha e cho math dhuinne fuireach an seo gus an ruig e ... mus tachair an còrr do Saccheus.”
“Saccheus?” arsa Deirdre.
“Seadh. Am fear a tha sa chraoibh,” ars O’Toole.
Nuair a nochd Alfaidh Foirbeis còmhla ri MacLùcais, smaoinich Deirdre nach tugadh i dà sgillinn air. Cha b’ e aodach poileis a bha air idir, ach seann sheacaid de chlò Hearach agus bonaid dà-bhileach.
“Ah-hà,” ars esan. “Pinus sylvestris. Laideann,” ars esan, a’ tionndadh ri O’Toole. Ghabh O’Toole air fhacal e. Chuir e iongnadh orra uile nach do sheall e suas don chraoibh, ach am faiceadh e far an robh an corp air a chàradh.
Thug e glainne bheag a-mach às a phòcaid, agus thòisich e a’ sgrùdadh bun na craoibhe. Bha càch ga choimhead, gun fhacal aca mus cuireadh iad dragh air.
“Tha e follaiseach,” ars Alfaidh Foirbeis, “nach eil fada bho shreap cuideigin a’ chraobh seo. Agus tha sin a’ dearbhadh dhòmhsa gun gabh i a sreap. A-nise, tha mise a’ dol suas ach am faic mi ar caraid.”
“ ’S e Saccheus a tha aig Seàirdseant O’Toole air,” arsa Deirdre.
“Tha sibh a’ tuigsinn ... seach gu bheil e sa chraoibh.”
Cha do leig e air gun cuala e i. Ach suas leis gu bàrr na craoibhe, an dìreadh cho furasta dha ’s ged bhiodh e ag imeachd air talamh còmhnard. Cha b’ fhada gus na thill e gu talamh agus rudeigin aige na làimh. B’ ann de iarann a bha an rud seo air a dhèanamh, agus dh’fhaighnich e do chàch an robh fios aca dè a bha ann. Cha robh fios aig neach. Ach thug iad an aire gun robh gob biorach air aon cheann dheth.
‘ ”S e Murchadh Friseal a th’ air an duine marbh. Chan aithne dhomh an duine idir, ach bha litir na phòcaid le ainm ’s le sheòladh oirre. Litir bhon taigh-tasgaidh a’ cur às leth gun dh’fhalbh e le seann chuman agus ag iarraidh air an cuman a thilleadh air eagal an lagha. A bheil duine sam bith an seo aig a bheil ùidh ann an eachdraidh?”
Thuirt iad uile nach robh ùidh sam bith acasan ann an eachdraidh, seach ùidh chumanta a bhiodh aig neach ann an eachdraidh co-dhiù. Dh’fhaighnich O’Toole dha carson a bha e a’ faighneachd na ceiste.
“Chan e sibhse a tha mi a’ ciallachadh. A bheil duine sa choimhearsnachd aig a bheil ùidh shònraichte ann an eachdraidh?”
“Am proifeasair,” ars Aonghas. “Tha mi a’ tuigsinn gu bheil mòran de sheann nithean agus de sheann leabhraichean aige.”
“Am proifeasair?” ars Alfaidh Foirbeis. “Thugaibh mise chun a’ phroifeasair. Dè an t-ainm a th’ air a’ phroifeasair?”
“Tha Eòghann MacAilpein,” fhreagair O’Toole.
“Inntinneach!” ars am Foirbeiseach. “Inntinneach dha-rìribh.”
Thàinig am proifeasair chun an dorais a fhreagairt gnogadh cruaidh O’Toole.
“Eòghann MacAilpein?” ars Alfaidh Foirbeis, le ceist na ghuth.
“ ’S mi,” fhreagair am proifeasair.
“Tha mi gad chur an grèim airson murt,” ars am Foirbeiseach.
Sheall MacLùcais agus O’Toole ris le iongnadh. Ciamar a b’ urrainn dha an duine a chur an grèim gun eadhon ceist a chur air? Dè an fhianais air an robh e a’ stèidheachadh na gnìomha seo? ’S cinnteach gun robh caochladh sheòrsachan ceartais ann, ach bha teagamh mòr orra le chèile ach am b’ e seo aon dhiubh.
Nuair ràinig iad an stèisean, ghabh O’Toole air faighneachd do Alfaidh Foirbeis ciamar a bha e a’ fìreanachadh an rud a rinn e. Rinn Alfaidh Foirbeis casad bheag mus do fhreagair e.
“B’ i a’ chraobh agus ainm a’ phroifeasair a’ chiad dà rud a dhùisg m’ amharas. Craobh giuthais. Suaicheantas Chloinn Ailpein. A-nise, bhiodh fios aig a’ phroifeasair air sin. Agus tha cuimhne agaibh gun tug mi inneal iarainn a-nuas às a’ chraoibh. Agus cha robh fios aig neach a bha an làthair dè an t-inneal a bha ann no carson a bhathar ga chleachdadh.”
Ged a bha Alfaidh Foirbeis a’ mìneachadh a’ ghnothaich dhaibh, gu dearbha cha robh e ga shoilleireachadh. Lean e air.
“ ’S e cromag a bha ann airson coinnlean giuthais a chumail, ged uaireannan bhiodhte a’ cur nan coinnlean ann an dul no dhà san t-slabhraidh. Co-dhiù, chunnaic sibh gun robh gob biorach air an inneal iarainn, agus bhiodh iad a’ sàthadh gob biorach na cromaig do sgàineadh ann am balla an taighe. Chuireadh iad an uair sin na coinnlean giuthais sa chromaig, agus chuireadh iad teine ri na coinnlean gus am biodh solas aca am broinn an taighe. Agus abair solas bòidheach cuideachd ... agus tha fios aig a’ phroifeasair air sin.”
Bhris O’Toole a-steach don chunntas.
“Ach chan eil mi a’ tuigsinn, eadhon ged a bhiodh na tha thu ag ràdh ceart, agus chan eil adhbhar agam a chaochladh a chreidsinn, ciamar a tha gnothach aig sin ri ciont a’ phroifeasair a dhearbhadh. Agus ma mharbh e Murchadh Friseal le cromag nan coinnlean giuthais, carson a dh’fhàg e a’ chromag anns a’ chraoibh?”
“Dhìochuimhnich e a toirt dhachaigh leis,” fhreagair Alfaidh Foirbeis.
“Dhìochuimhnich e a toirt dhachaigh leis?” arsa MacLùcais.
“Seadh,” ars am Foirbeiseach. “Cha deach MacAlpein don choille a dh’aon ghnothaich a-chum am Frisealach a mhurt. Ach chunnaic mi rud eile cho luath ’s a dh’fhosgail e doras a thaighe dhuinn.”
“Dè bha sin?” dh’fhaighnich O’Toole.
“Bha iris bhon taigh-tasgaidh. Agus bha ainm air an iris mar urrasair an taigh-tasgaidh. Agus b’ esan a sgrìobh an litir a fhuair
“Agus carson a chaidh am proifeasair don choille ma-tà?” dh’fhaighnich MacLùcais, ’s gun e a’ leantainn chùisean ro mhath.
“Chaidh,” ars Alfaidh Foirbeis, “a thional choinnlean giuthair. Duine neònach, a tha beò ann an linn a dh’fhalbh. An tug sibh an aire nach robh eadhon dealan aige ann am broinn an taighe? ’S bhiodh e ag iarraidh nan coinnlean giuthais airson solas – thiormaicheadh e iad ris an teine gus am biodh iad deiseil airson an taigh a shoilleireachadh nuair thigeadh an geamhradh. A-nise, an tuirt cuideigin gur ann le cromag nan coinnlean a mharbh e am Frisealach? Uill, cha b’ ann. ’S ann a chaidh am Frsealach a thachdadh le ròpa a chur mu amhaich, an dearbh sheòrsa ròpa a bha a’ ceangal a’ gheata tron deach sinn gu doras a’ phroifeasair.”
Ach bha MacLùcais agus O’Toole fhathast a’ cur teagamh sa ghnothaich. Thuirt iad ri Alfaidh Foirbeis nach robh cùirt san rìoghachd a dhìteadh duine sam bith air a leithid de theisteanas. Agus ciamar a bha Alfaidh Foirbeis cho eòlach air coinnlean ’s air cromagan?
“Cha robh sibhse san aon sgoil riumsa,” ars esan.
“Agus innis rudeigin eile dhuinn,” ars O’Toole. “Ciamar a chaidh aig a’ phroifeasair air corp Mhurchaidh Friseil a thogal suas gu bàrr na craoibhe?”
“B’ ann am bàrr na craoibhe a mharbh e e. Nuair chunnaic am Frisealach MacAilpein a’ tighinn, bha e ag iarraidh a sheachnadh. Cuimhnichibh air an litir. Agus shreap e suas gu mullach na craoibhe. Agus chaidh am proifeasair suas às a dhèidh. A-nise cha robh dòigh aig Murchadh Friseal air tàrrsainn, ach a-mhàin le leum chun na talmhainn. Agus nan dèanadh e sin, bhriseadh e amhach. Mar sin, b’ fheudar dha fuireach sa chraoibh. Gun fhios don Fhrisealach, chuir am proifeasair an ròpa mu amhaich agus thachd e e.”
“Chan eil mi fhathast a’ creidsinn,” ars O’Toole, “gu seas na tha thu ag ràdh ann an cùirt lagha.”
Ach chan èisteadh Alfaidh Foirbeis ri a leithid. Mus tàinig an gnothach gu cùirt, dh’aidich am proifeasair gum b’ ann mar siud
Agus Deirdre agus Aonghas? ’S iomadh pinnt a ghabh iad san t-Sionnach Bhàn bho mhothaich Deirdre an toiseach do “Shaccheus” ann am bàrr na craoibhe giuthais.
title | 10. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |