15. Cuimhneachain
Chan fhaca Ailean cogadh a-riamh. Gun teagamh bhiodh e a’ cluinntinn mu chogaidhean, ’s a’ faicinn chunntasan air an telebhisean mu chogaidhean ann an dùthchannan fad às. Ach cha robh fios sam bith aige dè bha cogadh a’ ciallachadh do dhùthaich no do shluagh a bha na lùib.
Bha fios aige gum bithist a’ cuimhneachadh gach bliadhna air an fheadhainn a chaill am beatha anns na Cogaidhean Mòra. Ach do ghille nan ceithir bliadhna deug san aonamh linn thar fhichead, cha robh sin a’ ciallachadh mòran. B’ ann a bha na nithean a bha e a’ faicinn ’s a’ cluinntinn a’ dùsgadh barrachd cheistean na bha iad a’ freagairt. Cha b’ e nach robh Ailean ga mheas freagarrach gun deigheadh cuimhne a chumail orrasan a chaill am beatha.
Bha cuimhne aig athair Ailein air cogadh ’s air dè bha air cùl cogaidh. ’S bhiodh e ag innse do Ailean mu chogadh. ’S bhiodh Ailean a’ cur cheistean air athair.
“A bheil fios aig an fheadhainn a bhàsaich gum bi sinn a’ cuimhneachadh orra? A bheil feadhainn fhathast beò a tha sinn a’ smaoineachadh a tha marbh? Carson a bhios sinn ag ràdh nach fhàs iad aost mar a dh’fhàsas sinne aost? Carson nach bi sinn a’ cuimhneachadh air an fheadhainn a chaill am beatha aig Blàr Chuil-lodair? Ann an dà cheud bliadhna eile, am bi sinn fhathast a’ cuimhneachadh? Ciamar is urrainn dhuinn a bhith a’ cuimhneachadh air daoine nach b’ aithne dhuinn? Carson a bhios sinn gan cuimhneachadh air Là na Sàbaid?”
Ged a bhiodh athair a’ feuchainn ri ceistean Ailein a fhreagairt,
Aon Shàbaid Shamhna, chaidh Ailean agus athair a-mach chun na seirbheis a bhathar a’ cumail aig a’ charragh-cuimhne. Bha mòran dhaoine an làthair, cuid dhiubh aost gu leòr airson a bhith sa chogadh iad fhèin. ’S bha an t-àite làn de fhlùraichean dearga nan cearcaill mu bhun a’ charragh-cuimhne. Bha ministear ann cuideachd, agus sìthean mòr dearg na bhroilleach.
Leugh Ailean na h-ainmean a bha air a’ charragh-cuimhne. Nach b’ uabhasach na bhàsaich anns na cogaidhean. ’S bha iad uile cho òg. Agus, am beachd Ailein, cho neo-chiontach.
Leugh Ailean a h-uile ainm a chitheadh e air a’ charragh-cuimhne. Cha robh e ag èisteachd ris a’ mhinistear a’ bruidhinn mu chogadh ’s mu shìth, mu bheatha ’s mu bhàs, mu dhòrainn is mu dhòchas. B’ ann a bha Ailean a’ leughadh nan ainmean. Bha an carragh-cuimhne a’ coimhead cho fuar. Agus am measg nan ainmean bha ainm a sheanar. Cha do rinn sin dragh dha, oir b’ fhada bho bha athair ’s a mhàthair air innse dha gun chaill a sheanair a bheatha ann am bàta-cogaidh. Bha fios aige cuideachd nach do lorgadh corp a sheanar a-riamh. ’S ciamar a bha fios aca gun robh e marbh? ’S dòcha gun robh a sheanair beò fhathast. Ma bha, bhiodh e gu math aost. Bha gu leòr de dhaoine beò eadhon gu ceithir-fichead ’s a deich. Ach bha ainm a sheanar air a’ charragh-cuimhne. Nach robh sin fhèin a’ dearbhadh gun robh e marbh? No an robh? Cha robh Ailean cho cinnteach, ach smaoinich e gum bu bheag an tairbhe dha a bhith a’ beachdachadh air ceistean gun fhreagairtean. Ach, air an làimh eile, ’s dòcha gun robh na freagairtean ann, nan gabhadh iad an lorg.
Lean Ailean air a’ leughadh nan ainmean. Ach theab a chridhe
Bha am bàta-cogaidh a’ seòladh am measg nam mèinean ’s am measg nam bomaichean. Chunnaic na h-itealain Gearmailteach iad. Agus thòisich na bomaichean a’ tuiteam, ’s bha iad a’ goil na mara mar a thuiteadh iad. A’ mhuir a bha cho bòidheach, ciùin bho chionn mhionaidean a-nise na biona-stùir do na h-itealain marbhtach. ’S bha srann oillteil aca os cionn a’ bhàta. ’S bha na bomaichean a’ tuiteam.
Chaidh am bàta a bhualadh. Bha iad a’ losgadh air na h-itealain, ach bha iad cho fada shuas. Dh’fheumadh iad iad fhèin a dhìon. ’S bhuail boma bho bhoma am bàta, gus an deach am bàta na dà leth, ’s ann an tiotan bha am bàta briste agus sgìth air grunnd a’ chuain. ’S dh’fhalbh na h-itealain a shireadh cobhartach eile ann an cuan eile.
Cha tug duine dhiubh am beatha às. Bhiodh iad taisgte san tuaim ud fo thuinn gu crìoch tìme, ach aon chorp no dhà a shnàig air falbh ’s air dhòigh air choreigin a lorg solas an latha air uachdar nan tonn. Eadhon a-nis cha tigeadh dìomhaireachd a’ chogaidh am follais. Dhaibhsan a bha air bòrd sguir an cogadh tràth, cogadh a’ chogaidh agus cogadh na beatha. ’S cha bhiodh eadhon put no carragh-cuimhne far na sguir an cogadh.
Bha an t-seirbheis seachad. Cha robh neach air fhàgail ach Ailean agus athair. Dh’aithnich athair air Ailean gun robh e air chall na chuid smuaintean.
Thug Ailean sùil mun cuairt, agus chunnaic e gun robh na daoine a-nise a’ dol à sealladh air fàire. Dh’fhairich e crith fhuachd a’ dol troimhe. Agus sheall e ri na cearcaill de fhlùraichean dearga a bha aig bun a’ charragh-cuimhne. Smaoinich e gun robh an cogadh
“Tiugainn, ’ille,” ars athair.
Sheas Ailean far an robh e car tiotain. Thug e às a bhroilleach an dìthean plastaig dearg aige fhèin, an dìthean dearg a thug athair dha nuair phut e bonn nota ann an canastair coigrich. Chuir e an dìthean aig bonn a’ charragh-cuimhne còmhla ri càch, agus chrom e a cheann, mar chuimhneachan air a sheanair agus air Ailean air choreigin leis na dh’fhàlbh am bàs ann am mac-meanmhain cogaidh.
Thiormaich e a shùilean, agus choisich e fhèin agus athair a-mach, agus dhachaigh, don t-sìth.
title | 15. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |