[100]

16. Darach Mhurchaidh

A-riamh bho bha Murchadh na bhalach, agus fada às dèidh sin, cha mhòr nach robh e fo gheasaibh aig achraoibh dharaich. Cha robh achraobh afàs sa ghàrradh a bha aig taigh Mhurchaidh, oir cha robh an gàrradh mòr gu leòr airson craobh eadhon na bu lugha na darach. Bha achraobh ann an achadh faisg air an taigh, ach air taobh a-muigh crìochan aghàrraidh, agus a h-uile turas a gheibheadh e cothrom, bha Murchadh adol chun na craoibhes asuidhe fòidhpe ma bha grian an t-samhraidh adeàrrsadh. Ach cuideachd cha chuireadh an geamhradh bacadh air Murchadh bho bhith atadhal air achraoibh. Bha achraobh glè aosta, mar bu dual do a leithidcha robh fios aig duine sa bhaile an aois a bha i.

Uair is uair, dhfhaighnicheadh athair do Mhurchadh, nuair nach robh ann ach balach òg, carson a bha a leithid de ùidh aige sa chraoibh. Bha i air a bhith an siud fad bhliadhnaichean, ach cha bann sa mhòrachd cheudna anns an robh i ri linn Mhurchaidh.

Is toigh leam craobhan,’ fhreagradh Murchadh. “Tha mi air a bhith aleughadh mu chraobhan, agus gu sònraichte mu chraobhan daraich.”

Bha fios aig athair gun robh Murchadh acur seachad mòran ùine aleughadh, ach bu bheag a bha de fhios aige mu na rudan anns an robh ùidh aig Murchadh. Bha Murchadh rudeigin dùinte na nàdar, agus bha athar uaireannan asmaoineachadh gun robh e beò ann an saoghal leis fhèin. Bha fios aige cuideachd nach robh mòran àite san t-saoghal sin do choigrich no eadhon do dhàimhean. Ach bha e


[101] cinnteach nach be nithean -chneasta a bha atàladh Mhurchaidh gu bhith aleughadh leabhraichean is eile ..

Nuair bha Murchadh atadhal air saoghal na craoibhe, bu tric a bha e asmaoineachadh mu nithean a bha co-cheangailte ri craobhan daraich. Leugh e mun deidhinn, agus bha a thuigses a thùr ag innse dha gun robh cuid de na nithean sin fìor, agus gun robh cuid nach robh, ag èirigh a-mach à miotas chraobhan.

Aon latha samhraidh agus e na shuidhe fon chraoibh, chunnaic e e fhèin air ais ann an tìm air bòrd luinge air uachdar achuain. Bha an long gu math mòr agus iomadh seòladair air bòrd. Bha aodach neònach orra, shaoil e, agus air fhèin cuideachd. Bann de fhiodh daraich a bha an long air a togail.

Long mhath a tha seo,” thuirt an sgiobair. “Fiodh daraich sa h-uile mìr dhith. Fiodh làidir, cruaidh a sheasas ri uile shiantan na mara.”

Shlìob Murchadh rùsg na craoibhe le a làimh.

Tha fios agam gu bheil thu sònraichte,” thuirt e ris achraoibh.

Thòisich e an uair sin asmaoineachadh air nithean eile a bha an eachdraidh a leugh e ag innse dha. Bha uiread dhiubh ann, agus bha e doirbh cuimhneachadh air a h-uile , oir cha ghleidheadh an inntinn òg ach an tomhais air an robh i comasach.

Smaoinich e air mar a bha an darach coisrigte ann an creideamh nan seann Ghreugach, nan seann Lochlannach agus nan seann Cheilteach. Leugh e gun robh i co-cheangailte ri seann diathan na tàirneanaich seach gun robh craobhan daraich tric air an sgoltadh le dealanaich. Chunnaic e gur e fiodh daraich a bhiodh na seann dhraoidhean alosgadh nuair bhiodh iad an sàs ann an ìobairt meadhan-samhraidh. Chuimhnich e air achleachdadh a bha ag ràdh gun deach an Rìgh Teàrlach II air falach ann an craoibh daraich nuair a bha a nàimhdean an tòir air.

Ach bha cuid de na rudan sin adèanamh dragh dha aig amannan, agus bha e cinnteach nach gèilleadh achraobh aigesan do eachdraidh no do fhaoinsgeul den t-seòrsa sin.

Air feasgar grianach eile, bha Murchadh na leth chadal fon chraoibh. Ach thàinig e gu bhith na làn dhùisg nuair dhfhairich e


[102] rudeigin agluasad faisg air. Bha fios aige nach be siabadh gaoithe a bha na mheadhan air aghluasad, oir cha robh ann ach an oiteag bu lugha an latha sin. Sheall e mun cuairt agus dhfhairich e an gluasad a-rithist. Mu dheireadh, thuig e a bhann. Feòrag bheag, ruadh ariagail timcheall air achraoibh. Bhruidhinn e ris an fheòraig. Fhreagair an fheòrag e.

Tha an t-acras orm,” thuirt an fheòrag, le a sùileans le gluasad earbaill.

Agus chaidh an fheòrag às an t-sealladh. A shireadh chriomagan ann an àite na bu toraiche, smaoinich Murchadh.

Dhùin e a shùilean a-rithist, agus inntinn afalbh leis, adùsgadh smuaintean dìomhair na h-òige.

Dhfhairich e rudeigin abualadh air mullach a chinn. Chlisg e. Rud cruaidh a rinn brag air mullach a chinn. Agus thuit an urchair air an talamh ri thaobh.

Dearcan-daraich!

Bha e air leughadh mun deidhinn-san cuideachd. Agus bha fios aige a-nise ciod fàth turas na feòraig a bhruidhinn ris cheana. Bha fios aige gun robh feòragan glè mheasail air dearcain-daraich, agus gum biodh iad gan cruinneachadhs gam falach airson an ithe nuair thilleadh acras uair eile. Toradh na daraich, smaoinich e. Rug e air an dearcan-daraich na làimh, ach an ceann greis chuir e sìos e air an talamh ri thaobh. Agus smaoinich e air na cumhachdan a bha eachdraidh abuileachadh air na dearcain-daraich nan linntean a dhfhalbh. Smaoinich e air an sgeulachd a bha ag innse mar a ghabh Thor fasgadh fo chraoibh daraich nuair a bha stoirm mhòr ann le tàirneanaichs le dealanaich. Ach, smaoinich e, ma bha craobhan daraich buailteach a bhith air an sgoltadh le dealanaich, gum bolc am fasgadh a ghabh Thor. Chuimhnich e cuideachd gun robh daoine, eadhon na latha fhèin, acur dhearcan-daraich air sòl na h-uinneige gus nach buaileadh an dealanaich air an taigh. Agus ann an Ameireaga a Tuath, bhiodh daoine ag ithe nan dearcan-daraich. Theab an smuain car a chur na stamaig.

Cha bfhada gus na thill an fheòrag. Bha e follaiseach gun robh


[103] sùilean geur aice, oir dhfhalbh i leis an dearcan-daraich, agus chuir i smùid às an talamh thioram sa chabhaig a bha oirre atàrrsainn às le a duais.

Tro thìde, ghèill òige Mhurchaidh do fhearachas, agus ged a bha ùidh mhòr aige fhathast sa chraoibh, bha saoghal farsaing a-muigh ris am feumadh e aghaidh a chur. Cha robh an còrr de a bheatha uabhasach annasachsgoil, oilthigh, caochladh dhreuchdan a thug air falbh e astar math bhon dachaighs bhon chraoibh. Nuair sgrìobhadh e dhachaigh, dhiarradh e air athairs air a mhàthair a chuid dhùrachdan a lìbhrigeadh don chraoibh. Agus gach uair a thigeadh e fhèin dhachaigh, air saor-làithean no eile, bhiodh e atadhal air achraoibh cho trics a bhiodh e a-riamh. Biomadh feòrag a chunnaic e faisg oirre, asreaps asireadh lòin. Ach cha robh na feòragan abruidhinn ris a-nise idir. Bha iad ro thrang, coltach ris fhèin, san t-saoghal thrang anns an robh e beò.

Chaidh na bliadhnaichean seachadsamhraidhean is geamhraidhean agèilleadh da chèileòige agèilleadh don aoisdearcain-daraich agèilleadh do thìm is do nàdar is do fheòragan.

Agus nuair a bha Murchadh adlùthachadh air geamhradh na beatha, thill e don bhaile agus don taigh anns an robh e fhèins a phàrantan acòmhnaidh nuair bha e òg. Bha deagh ùine a-nise bho chaochail a phàrantan. Ach bha achraobh daraich fhathast an siud, air fàs beagans cha bann air crìonadh, shaoil e.

bhliadhna no trì às dèidh do Mhurchadh tilleadh, bhrùchd stoirm uabhasach geamhraidh tro na speuran. Bha gaoth bho thuath is clachan-meallain abualadh na coimhearsnachd, agus tàirneanaich is dealanaich nan teisteanas air fearg na stoirme. Chuir an oidhche eagal air Murchadh agus air achoimhearsnachd uile. Cha robh cuimhne aig muinntir abhaile air oidhche cho garbh.

Anns amhadainn bha cùisean gu math na bu shìtheil, agus cha robh fa-near do dhaoine ach an cuid fhèin a rannsachadh, mus deach milleadh a dhèanamh air togalaichean no air beathaichean. Gu fortanach, cha robh an stoirm air a bhith cho cruaidh-chridheachs a bha a h-onghail. Bha deagh mhadainn ann a-nise, agus


[104] ghabh muinntir abhaile an cothrom air am beatha àbhaisteach a choileanadh.

Agus choisich Murchadh chun an achaidh san robh achraobh dharaich. Theab e fannachadh nuair chunnaic e an sealladh a bha fa chomhair.

Cha robh achraobh idir na seasamh mar a bha cuimhne aige oirrebha i air tuiteam, cha bann, ach air a leagail, gu talamh. Bha e follaiseach gun robh dealanaich na h-oidhche air a bualadh agus air a sgoltadh. Faisg air làimh chunnaic e feòrag ruadh no dhà, rag agus sàmhach, anns abhàs. Agus mun cuairt orra, ’s mun cuairt air achraoibh, bha grunn de dhearcain-daraich sgapte, gun mhàthair-craoibhe ann tuilleadh airson am beathachadh. Bha Murchadh fo bhròn mòr.

An ceann mìos no dhà, chaidh achraobh a thoirt air falbh, oir bha am fiodh daraich prìseil, agus bu mhòr am beud a leigeil a dhìth. Is dòcha gun deigheadh am fiodh a chleachdadh airson àirneis no airson adhbharan saorsainneachd air choreigin eile. Bha Murchadh cinnteach gum be siud crìoch a chàirdeis ris achraoibh. Ach cuideachd, bha fios aige gu bheil an saoghal meallta, agus nach eil cinnt mu sam bith fon ghrèin.

Co-dhiù, an ceann ùine, thàinig grèim-cridhe air Murchadh agus an aois a-nise air breith air. Chaochail Murchadh san ospadal, agus cearcall na beatha air làn char a chur. Rinneadh an t-ullachadh le càirdeans le coimhearsnaich, agus chaidh seirbheis an amhlacaidh a chuairteachadh gu h-ionadail san eaglais.

Anns amhòr-choiseachd chun achladh bha daoine abeachdachadh air achiste san robh Murchadh a-nise na shìneadh. Ciste de fhiodh lìomhte daraich. Bha fios aca uile gur ann bhoDharach Mhurchaidha thàinig fiodh na ciste.

Cha robh an càirdeas fhathast air tighinn gu crìch. Bha an darach a thug dha uiread de thoileachas na bheatha a-nise ga chuairteachadh anns abhàs, mar gum biodh i ga dhìon bho na stoirmean a bhuilich bàs oirre fhèin. Agus rud iongantach eile, thathar air a bhith afaicinn fheòragan beaga, ruadha ariagail air uachdar uaigh Mhurchaidh.


[105]

Tha bliadhnaichean a-nise bho chaochail Murchadh. Agus tha craobh daraich afàs às an uaigh aige. Chan eil fios ciamar a fhuair dearcan-daraich an siud gus am fàsadh e gu bhith na chraoibh. Ach is dòcha gun robh sliochd na feòraig a bhruidhinn ri Murchadh aig bun na craoibhe na bu mhothachaile air càirdeas agus air eachdraidh na bhuilicheas tuigse air mac an duine.

title16.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page