[120]

19. Criosaidh

Cha robh Criosaidh ach naoi bliadhna a dhaois nuair chunnaic mi an toiseach i. Caileag bheag, ghrinn agus caileag mhodhail. Bha falt brèagha, bàn oirre, agus bhiodh i daonnan air a còmhdach gu grinn le aodach soilleir, dathte. ’S cha leigeadh i duine seachad air an rathad gun a h-aodann briseadh a-mach ann an gàire. Dealbh de neo-chiontas ris nach robh -thlachd asuathadh. Agus bha cuilean beag aice, cuilean a bha uaireannan gu math crosta, ach bha e follaiseach gun robh an cuilean agus Criosaidh gu math mòr aig a chèile. Bhiodh an cuilean aruith às a dèidh sìos an rathad mar gum biodh e atarraing aiste, ’s an ceann greis stadadh is bheireadh i pòg dha. Cha robh pàrantan Chriosaidh ach òg; le chèile bha iad fon trithead bliadhna, ’s bha ise mar àilleagan nan sùileans nan cridheachan. Cha robh aca ach i fhèin, ’s bann ainneamh a leigeadh iad a-mach à sealladh i, co-dhiù fad ùine mhòr sam bith.

Aon , ’s gun i fhathast air na deich bliadhna a dhùnadh, ruith i a-steach don taigh, ’s an cuilean aig a sàil. Rinn i gàire mòr ri a màthair.

A mhàthair,” ars ise, “tha mise adol a bhàsachadh.”

Cha do leig a màthair oirre gun cuala i i, ach rinn an rud dragh dhi, ’s nuair fhuair i cothrom air athair Chriosaidh dhinnis i dha mu bhriathran na pàiste.

Na can facal rithe,” ars esan. “Ach ma their i a leithid a-rithist, bruidhinn rithe ach am faigh thu a-mach tha i aciallachadh.”

An sin fhèin thàinig Criosaidh agus an cuilean a-steach a-rithist.


[121]

Agus labhair i na dearbh fhacail uair eile.

A mhàthair, tha mise adol a bhàsachadh.”

Ist a-nise,” ars a màthair. “Trobhads innis dhòmhsa tha adèanamh dragh dhut.”

Shuidh iad sìos le chèile. Shuidh an cuilean faisg orra, mar gum biodh esan cuideachd ag iarraidh cluinntinn bha adèanamh dragh do Chriosaidh.

Chan eil càil ann,” ars ise. “Tha mise ro òg airson bàsachadh. Tha mi adol a chluich port air aphiàno, ’s an uair sin thèid mi a-mach greiseag don ghrèin.”

Cha robh màthair Chriosaidh glè riaraichte, ach cha robh i ag iarraidh cus de rannsachadh a dhèanamh. Bha i an dòchas nach biodh guth aig Criosaidh air aghnothaich tuilleadh.

S dhfhalbh Criosaidh a-mach, i fhèin agus an cuilean. Lean sùilean a màthar i gus an deach i à sealladh mu cheann na bothaig far am biodh i fhèins an cuilean atarraing às a chèile. Bhiodh i sàbhailt gu leòr thall mun bhothaig.

Ro àm dìnneireach chaidh a màthair a-mach a dhèigheachd air Criosaidh. Ach cha robh a dubh no a dath ri fhaicinn. ’S cha bu mhò a bha lorg air achuilean. Eadar sireadh is èigheachd, le chèile cha robh sgeul orra. Chaidh fios air feadh abhaile gun robh Criosaidh air chall. ’S gach neach aig an robh comas gluasad, thionndaidh iad a-mach ga lorg. Bha briathran Chriosaidh abualadhs abualadh air eanchainn a màthar.

A mhàthair, tha mise adol a bhàsachadh.”

S ged a bha iarraidh bheò is mharbh aig abhaile oirre, cha robh i ri a faicinn ann an àite sam bith. ’S bha iomagain mhòr atuiteam air abhaile.

Mu dheireadh, shìos aig achladach air pìos a bha rèidh le gainmhich, chunnacas an cuilean aig Criosaidh. Ach cha robh Criosaidh fhèin ri a faicinn idir. A dhaindeoin sin, bha an cuilean acluich dìreach mar gum biodh i ann, uaireannan aleum, greiseag na shuidhes asguabadh na tràghad le earball, ’s uaireannan eile le bioran maide na bheuls e mar gum biodh e ga tharraing bho chuideigin


[122] afeuchainn ri thoirt bhuaidhe. ’S cha do dhèist an cuilean nuair chaidh èigheachd air. ’S nuair dhfheuch aon de fhir abhaile ri grèim fhaighinn air, bann a rinn an cuilean airson a làmh a bhìdeadh. ’S an uair sin, chùm e air acluiches asuidhe, ’s acluiches asuidhe.

Cha robh teagamh aig duine sam bith a bha mun cuairt nach bann còmhla ri Criosaidh a ràinig an cuilean an cladach, ach a dhaindeoin èigheachd cha robh aon fhreagairt ann, ’s a dhaindeoin sealltainn cha robh aon shealladh oirre.

Nach bochd nach eil briathran aig achuilean,” arsa fear. Thuig e an uair sin cho gòrachs a bha an smuain. Cha robh an cuilean ud adol a dhinnse càil dhaibh ged bhiodh làn a chlaiginn de bhriathran aige.

An ceann ùine, thòisich an cuilean mar gun robh e adèanamh air an taigh. Stadadh e greiseag, ’s shuidheadh e mar gun robh cuideigin ga shlìobadh, agus earball adols adol. ’S bha sluagh abhaile fhathast a-muigh asireadh, ach cha robh lorg air Criosaidh. Bha iad afàs gu math iomagaineach, gun fios eadhon nach deach i a-mach air amhuir. Airson a màthars a h-athar, bha iad gus a dhol dhiubh fhèin. Cha robh tom gun deigheadh tu, no cùil anns an sealladh tu, nach cluinneadh tu an aon ghlaodh, “Criosaidh! Criosaidh!”

Lean gach neach an cuilean, agus ceart gu leòr bann air an taigh a bha e adèanamh. Cho luaths a ràinig e starsach an dorais mhòir, ruith e tron taigh aig peilear a bheatha, chaidh e suas an staidhre agus shuidh e air taobh a-muigh doras seòmar Chriosaidh le dhruim ris an doras. Rud neònach dha-rìribh, bha gach neach asmaoineachadh, ach rud bu neònaiche buileach be gun robh a bhilean air an druideadhs fhiaclan faileasach geala acur à beachd duine sam bith feuchainn chun an dorais. Cha robh teagamh nach robh e adìon rudeigin no gun robh fios aige air rudeigin. An robh Criosaidh fad na h-ùine na seòmar? Ma bha, cha robh i afreagairt. An robh i fhèins an cuilean, ann an dòigh mhì-nàdarrach air choreigin, air dèanamh suas eatarra gun tugadh iad an car à muinntir abhaile uile? An robh cuideigin còmhla ris achuilean air an tràighs air an t-slighe dhachaigh, ged a rèir coltais gun robh e gu tur na aonar? Air taobh a-muigh an taighe,


[123] chuir cuideigin fàradh ri uinneag seòmar Chriosaidhs sheall e a-steach. Cha robh, cha robh i san t-seòmar idir. a bha atachairt?

Cha robh air ach a dhol a-mach a shireadh a-rithist. Bha iad taingeil gun robh àirde an t-samhraidh anns nach biodh iad air am bacadh leis an dorchadas. Ach cha robh iad taingeil airson mòran eile. Bha bacadh orra eadhon na bu mhiosa nan dorchadas, agus be sin nach robh crìochan an tuigse aruighinn raon abhreithneachaidh a bha dhìth orra. Dhfhuirich dithis no triùir a-staigh, màthair Chriosaidh nam measg, a bha a-nise afàs claoidhte co-dhiù, ach am faiceadh iad an gluaiseadh an cuilean.

Chaidh uair a thìde no dhà seachad. Cha robh naidheachd atighinn mu Chriosaidh, ged a bfheàrr sin na droch naidheachd air an robh cuid an amharas. Dòchas is amharas adol am measg a chèile ann am breislich.

Ach, ’s Criosaidh bheag a-nis air chall mu leth , nach ann a chuala an fheadhainn a bha a-staigh piàno ga chluich agus guth caileig aseinn. Bha am piàno san t-seòmar aice, ach ciamar a gheibhte seachad air achuilean? A-nise bann a bha an cuilean ro bhàidheil riutha. Cha robh leisg sam bith air an leigeil chun an dorais. Stad iad tacan ag èisteachd ris acheòl mus do dhfheuch iad an doras. Be am fonn aig Tuireadh MhicCruimein a bha air an òran a bha alìonadh an taighe, ach bha na briathran rudeigin eadar-dhealaichte:

Chan fhalbh, chan fhalbh, chan fhalbh i tuilleadh, Le cuilean no chan fhalbh ur Criosaidh ..

Dhfhosgail iad an doras gu cùramach, ’s bha Criosaidh an sin aseinn aig aphiàno.

Càite an robh thu?” dhfhaighnich a màthair, le faochadh agus le fearg. “Nach eil fios agad gu bheil muinntir abhaile a-muigh gad lorg? ’S tha fios againn nach robh thu a-staigh san t-seòmar seo. Ciamar a fhuair thu a-steach air ais gun duine dfhaicinn?”

Socair, socair oirbh, a mhàthair,” arsa Criosaidh. “Bha mise air turas ceart gu leòr, ach chan eil fios agam càite no cuin no ciamar no carson. Ach a bheil cuimhne agaibh air na sgeulachdan a bhiodh sibh ag innse dhomh? Sgeulachdan mu chaileig a chaidh aon sìos


[124] chun achladaichs a chunnaic bàta Lochlannach atighinn a-steach gu tìr. Thàinig prionnsa Lochlannach às abhàtas thug e achaileag leis gu dùthaich fad às, agus phòs e i an sin. Cha robh oidhche no anns an dùthaich seo, ged a bhiodh grian is gealach adeàrrsadh taobh ri taobh. Dhfhuirich i còmhla ris aphrionnsa gus na bhàsaich e, ’s thug na sìdhichean air ais i gu a dachaigh fhèin. Agus nuair thill i dhachaigh, bha gach mar a dhfhàg i iad còrr air caogad bliadhna roimhe sin. Fhads a bha i air falbh cha tàinig a dhaois oirre. Thug muinntir abhaile caogad bliadhna ga lorg, agus cha tàinig aois air abhaile na bu mhò ... Uill, sin agaibh a-nise ... ”

Bha a h-uile neach asealltainn rithe le uabhas. Cha do thuig a màthair no a h-athair inntinn Chriosaidh, ach cha robh diofar. Bha i slàn, sàbhailt.

“ ’S dòcha gun robh cuilean aig achaileig anns an sgeulachd,” arsa Criosaidh. “ ’S dòcha gun robh.”

An uair sin, chaidh Criosaidh a-null gu far an robh a màthairs chuir i cagair na cluais.

Chan eil mise,” arsa Criosaidh, “adol a bhàsachadh tuilleadh!”

title19.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page