2. An Saighdear
Nuair a chaidh Coinneach don arm le thoil fhèin, an dèidh dha an sgoil fhàgail, bha mothachadh aige mu na cunnartan a bha co-cheangailte ri a roghainn. Dh’fheuch athair is a mhàthair ri a stiùireadh gu dreuchd eile, oir bha cuimhne aig athair air mar a chaill athair fhèin a bheatha ann an cogadh, eadhon ged nach do roghnaich e a bith na shaighdear. Ach bha Coinneach rag agus chan èisteadh e ri a phàrantan.
Nuair a bha Coinneach na bhalach òg bha e rudeigin ceannairceach, agus bha e doirbh do a phàrantan smachd a chumail air. Bhiodh e a’ briseadh uinneagan gun adhbhar sam bith agus bhiodh e a’ milleadh rudan a bha am broinn an taighe. B’ ann a shaoileadh neach gun robh sgrios san nàdar aige agus gun robh e a’ faighinn toileachas bho dhroch-ghiùlan. Cha b’ ann aon turas a chaidh fhuadach às an sgoil airson a bhith a’ sabaid agus airson feadhainn eile a bhrosnachadh gu sabaid. Blaigeard balaich, mar a bhiodh na tidsearan (agus feadhainn eile) ag ràdh. Bha deagh fhios aig muinntir Chreagaboist cò ris a bha e coltach agus bha truas gu leòr aca ri athair ’s ri mhàthair.
Bha fios aig pàrantan Choinnich nach tigeadh dreuchd sgoilearachd air am mac, oir bha an sgoil cho dubh dha ri cnap guail. Air an làimh eile, smaoinich iad gur iomadh duine òg a fhuair air adhart san arm, agus mu dheireadh dh’fhalbh e lem beannachd gus beatha ùr a chruthachadh dha fhèin san rèiseamaid. Is dòcha gun deigheadh ceàird ionnsachadh dha, rudeigin a bhiodh feumail na b’ fhaide air adhart na bheatha.
Seachdain no dhà an dèidh dha an taigh-feachd a ruighinn, chuir e brath gu a phàrantan air fòn-làimhe, ach cha do leig e guth air mun chianalas a bha air tòiseachadh a’ suathadh ri inntinn. Dh’fheuch e ri dreach an toileachais a chur air a ghuth, a’ leigeil air nach robh teagamh sam bith aige mun dreuchd a roghnaich e agus ag ràdh gun robh càirdeas air èirigh eadar e fhèin agus saighdearan òga eile san rèiseamaid. Bha e a’ cumail a-mach riutha gun robh an trèanadh agus an obair inntinneach, agus gun deach gealltainn dhaibh uile gum faiceadh iad deagh chuibhreann den t-saoghal ann an ùine gun a bhith ro fhada.
B’ ann sa phàipear-naidheachd a chunnaic pàrantan Choinnich gun robh an rèiseamaid gu bhith air a cur gu Iorac fad shia mìosan. Iorac! Cha tàinig guth mun naidheachd sin bho Choinneach agus nuair dh’fheuchadh athair ’s a mhàthair ri fònadh thuige, cha robh e a’ freagairt. Bha làmh an uachdair aig iomagain air spiorad pàrantan Choinnich, agus mar a bha na seachdainean a’ dol seachad b’ ann bu mhotha a bha ciùrradh a’ bualadh air an inntinnean.
Cha mhòr gun robh latha nach robh na meadhanan a’ foillseachadh droch naidheachdan mun t-suidheachadh ann an Iorac – saighdearan òga gam marbhadh agus air an leòn. Agus cha bhiodh ainmean air an sgaoileadh gus an deigheadh innse don luchd-dàimhe. Bhiodh pàrantan Choinnich ag ràdh riutha fhèin gum bu mhath an naidheachd a bhith gun naidheachd idir, ach bha iad a’ tuigsinn nach robh saorsa inntinne air a gealltainn na bu mhotha, no ann an dìth naidheachdan.
Chaidh seachdainean seachad agus cha robh guth air Coinneach, no bho Choinneach. Agus ged nach robh fios aig a phàrantan, chaidh Coinneach a leòn gu dona nuair spreadh boma ri taobh an rathaid air an robh e fhèin agus saighdearan eile a’ siubhal ann an tanca. Rinn am boma toll mòr san rathad agus chaidh an tanca a dhroch mhilleadh. Thachair an spreadhadh tuath air prìomh bhaile Bhaghdaid. Chaidh na saighdearan a thoirt gu ospadal-raoin sa bhaile. Bha feadhainn de chompanaich Choinnich air an leòn gu math na bu mhiosa na bha esan. Ach fhathast cha d’ fhuair a phàrantan fiosrachadh sam bith.
Dh’fheuch na dotairean na b’ urrainn dhaibh airson cofhurtachd a bhuileachadh air na leòintich, agus ged a chaill dithis dhiubh am beatha an ceann latha no dhà, thòisich piseach a’ tighinn air càch. B’ e Coinneach fear den fheadhainn air an robh piseach a’ tighinn, agus cha b’ fhada gus an robh e comasach dha suidhe an-àirde san leabaidh.
Dhà no thrì thurais gach là, bha dotair Ioracach air an robh Hashima a’ tighinn a shealltainn air. An dèidh do Hashima lotan Choinnich a fhrithealadh, dh’fhuiricheadh i deagh ghreis a’ bruidhinn ris bho thaobh na leapa. Mhothaich e nach robh i idir a’ cur na h-ùine seachad còmhla ri na h-euslaintich eile a bha sìnte san t-seòmar. Mu dheireadh, leudaich co-chomann sònraichte eatarra. Bha Hashima na bu shine na Coinneach, ach bha i fhathast gu math òg airson a bhith na dotair. Bhiodh iad a’ bruidhinn mu chogadh agus mu bhomaichean, oir bha deagh Bheurla aca le chèile.
“Carson a thàinig thu an seo airson mo dhaoine a sgrios?” dh’fhaighnich i.
“Is e an t-arm a chuir ann mi agus cha b’ urrainn dhomh diùltadh,” fhreagair Coinneach. “An t-arm agus an riaghaltas.”
Cha robh freagairt eile aige. Gheall e dhi nach robh fuath air thalamh aige do shluagh cumanta Iorac, agus cuideachd, coltach ris a’ bhàrd Èireannach, nach robh gràdh sam bith aige orrasan a bha e a’ riochdachadh san dùthaich sin. Bha eagal air gun deigheadh an co-chomann a bha eatarra ma sgaoil, ach gach latha bha Hashima fhathast a’ tighinn a chòmhradh ris.
Bhiodh Coinneach ag innse dhi mun dùthaich a dh’fhàg e, mu làithean òige air an eilean agus mun dachaigh san deach àrach. Agus bhiodh ise ag innse dhàsan mu a h-òige fhèin, mun bhochdainn san deach a togail ann am baile beag faisg air Basra. Bha i a-riamh ag iarraidh a bhith na dotair agus rinn a h-athair gach nì a b’ urrainn dha airson a miann a choileanadh. Thug i an dotaireachd a-mach ann am Breatainn. Ach chaidh a h-athair agus a màthair a mharbhadh le bomaichean Breatannach nuair a bha an cogadh na àirde. Cha robh sgeul aice air a’ chòrr den teaghlach, air a peathraichean no air
Aon latha agus Hashima aig leabaidh Choinnich, thuirt i ris nach b’fhada tuilleadh gus am faodadh e a dhol dhachaigh, oir bha e a-nis air fàs gu math na b’ fheàrr. Ach fhreagair Coinneach nach robh e idir ag iarraidh a dhol dhachaigh, gun robh e ag iarraidh fuireach ann an Iorac, ged nach b’ ann airson tòiseachadh a’ sabaid a-rithist. Thuig Hashima dè bha e a’ ciallachadh, ach chuir i na chuimhne gum biodh e a’ cumail leabaidh bho chuideigin eile a dheigheadh a leòn, oir bha fios gur iomadh leòinteach eile a bhiodh a’ cur feum air frithealadh. Ach càite an deigheadh e nuair a bhiodh e deiseil airson an t-ospadal fhàgail? Chuir e a’ cheist air fhèin mìle turas. Mu dheireadh, chuir e a’ cheist air Hashima.
“Thig a dh’fhuireach còmhla riumsa,” ars ise. “Is fhada a tha mo dhachaigh bho bhith na lùchairt, ach tha àite innte dhutsa.” Cha do dhiùlt Coinneach an cuireadh.
Aig an taigh, san eilean, bha pàrantan Choinnich daonnan a’ feitheamh ri fios.
“An cuala sibh càil an-diugh?” dh’fhaighnicheadh Tormod an ath dhoras.
“Cha chuala smid,” fhreagradh athair Choinnich. “Ged nach do dh’innis esan dhuinn, tha fios againn gu bheil e ann an Iorac, oir sin far a bheil an rèiseamaid aige. Agus tha fìor eagal oirnn nach eil cùisean idir soirbheachail. Cha chuala sinn guth bhuaidhe bho chaidh e ann, agus tha eagal ar beatha oirnn mu dheidhinn.”
“Ach,” arsa Tormod, “nan robh a’ chuid bu mhiosa air èirigh dha, tha fios agus cinnt gun cuireadh an t-arm brath thugaibh.”
Bheireadh sin beagan de dh’fhaochadh do athair Choinnich, ach cha b’ fhada gus am biodh na smuaintean a b’ uabhasaiche a’ cur
Nuair a bha e comasach do Choinneach an t-ospadal fhàgail, chaidh e a dh’fhuireach gu dachaigh Hashima. Bu tric a dh’iarradh i air fios a leigeil gu athair ’s gu a mhàthair a dh’innse dhaibh càite an robh e, agus co-dhiù gun robh e fhathast beò. Ach bha Coinneach cho rag ’s a bha e a-riamh.
Nuair a bhiodh Hashima a-muigh a’ coileanadh a dleastanais a’ fritheal;adh nan euslainteach, bhiodh Coinneach a’ smaoineachadh mun dachaigh a dh’fhàg e. Na bheachd-san, bhiodh cùisean na b’fheàrr mura biodh fios aca càite an robh e. Ach bha fios aig comanndair na rèiseamaid càite an robh e. Bha e fhathast san arm, agus bhiodh greis mhath ann mus biodh e slàn gu leòr airson aghaidh a’ bhlàir a thoirt air a-rithist. A-rèir coltais, bha an comanndair riaraichte gu leòr gun robh Coinneach a’ fuireach còmhla ri Hashima gus am fàsadh e gu tur na b’ fheàrr, agus gheall e do Choinneach nach cuireadh e guth chun na dachaigh air an eilean.
Bha athair agus a mhàthair cinnteach gun robh Coinneach marbh no air chall. Agus aon latha cheangail iad rioban buidhe ri post geata an taighe, oir cha robh craobhan aca air an cuireadh iad rioban. Ma bha a’ choimhearsnachd a’ cur feum air dearbhadh gun robh iad a’ cuimhneachadh air am mac, bhiodh an rioban buidhe na dhearbhadh dhaibh. Ged a bha iomagain orra, bha fearg orra cuideachd. Carson nach robh e a’ cur fios thuca, ma bha e beò? Carson nach robh an t-arm a’ cur fios thuca, ma chaill e a bheatha? Bhiodh iad nan suidhe ùine mhòr aig an uinneig, a’ sealltainn ris an rioban bhuidhe a’ siabadh anns a’ ghaoith. Agus nam mac-meanmhainn chitheadh iad Coinneach a’ coiseachd suas an staran chun an dorais mhòir, a’ tilleadh à Iorac na ghaisgeach.
“Feumaidh mi deise an t-saighdeir a nighe nuair a thilleas e,” ars a mhàthair.
Cha tuirt athair facal, oir bha e cinnteach gur fhada mus tachradh sin, nan tachradh idir. Agus bhiodh e a’ smaoineachadh mu ghòraich a’ chogaidh, mu dhaoine òga a’ call am beatha le bhith a’ toirt ionnsaigh air coigrich ann an tìrean cèine. Carson nach do chuir na h-Ioracaich fhèin às do Saddam? Carson a dh’fheumadh Coinneach a dhol don dùthaich sin airson an cuideachadh? Smuaintean agus ceistean a’ dol an lùib a chèile agus air chall ann an dorchadas na h-inntinne.
Uill, dh’fhàs Coinneach gu math na b’fheàrr. Agus dh’iarr e air an arm a shaoradh le truacantas. Thuig an t-arm nach biodh Coinneach gu mòran feum tuilleadh sa bhlàr, a dh’aindeoin an adhartais a rinn e. Agus dh’aontaich iad gu faodadh e an t-arm fhàgail. Bha Hashima toilichte nuair a dh’innis e dhi, ach dh’iarr i uair eile air fios a leigeil gu a phàrantan. Dhiùlt e sin a dhèanamh.
Aon fheasgar, an dèidh do Hashima tilleadh bhon ospadal, agus a dh’innis i dha gun robh tuilleadh Bhreatannaich air an togail leòinte bhon bhlàr, dh’iarr Coinneach oirre a phòsadh. Cha robh e cinnteach ciamar a chaidh aige air briathran na ceiste a labhairt. Agus bha mòran cheistean rim fuasgladh fhathast. Dè chanadh pàrantan Choinnich? Dè chanadh luchd-eòlais Hashima ann an Iorac, nan cluinneadh iad gun robh i a’ dol a phòsadh fear a bha a’ frasadh a luchd-dùthcha le bomaichean? Càite am pòsadh iad? Càite an dèanadh iad an dachaigh? Dà chultar agus dà chreideamh a bha tur eadar-dhealaichte, ged nach robh creideamh a’ dèanamh mòran dragh do Choinneach. Ach thàinig an aon fhreagairt a bha e a’ sireadh.
Chuairtich ministear-airm na rèiseamaid seirbheis a’ phòsaidh an dèidh cùis-thagraidh bho Choinneach. Chuir e iongnadh air Coinneach gun dh’aontaich Hashima ri a leithid de sheirbheis, stèidhichte air creideamh a bha gu math eadar-dhealaichte bhon chreideamh aicese.
Mu thrì seachdainean an dèidh a’ phòsaidh, bhuail dà bhoma an t-ospadal anns an robh Coinneach air a bhith na leòinteach agus anns an do thachair e ri Hashima. Chaill Hashima a beatha san spreadhadh, maille ri mòran eile. Bha Coinneach a-nis na bhanntraich, fada bho
Nuair a ràinig e an t-eilean, bha neòil dhubha san adhar. Ach shaoil e nach robh iad cho dubh ri duslach na h-aimhreit a dh’fhàg e. Chuir e roimhe nach innseadh e do neach sam bith mar a thachair dha bho dh’fhalbh e don arm. Chan innseadh e mar a chaidh a leòn ann an Iorac, mu Hashima no mun phòsadh. Shaoil e gun robh gach nì a-nis cho fada bhuaidhe.
Mu dheireadh, ràinig e an staran. Chunnaic e an rioban buidhe air post a’ gheata, agus an rioban a’ placadaich anns a’ ghaoith. A thuilleadh air an rioban, bha cùisean dìreach mar a bha iad roimhe. Chaidh e suas chun an dorais mhòir air a shocair agus e ag ràdh ris fhèin, “Chan innis mi, chan innis mi.” Ghnog e an doras, ged nach robh e cinnteach carson. Cha tàinig duine a fhreagairt gnogadh Choinnich.
Chaidh e gu cùl an taighe agus bha athair ’s a mhàthair an sin, beagan na bu taine na bha iad, shaoil e. Cha do mhothaich iad gun robh e air an cùlaibh gus an do rinn e casad beag. Theab laigse a thighinn orra nuair chunnaic iad e.
“Càite an robh thu?” ars iadsan. “Càite an robh thu?” ars iadsan a-rithist.
“Thall thairis,” fhreagair Coinneach, “dìreach thall thairis.”
title | 2. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |