21. MacGumaraid
“Siuthad a-nise. Innis dhuinn dìreach ciod a thachair. Faodaidh tu gabhail air do shocair, ach innis a h-uile càil dhuinn.”
B’ iad sin briathran a’ phoilis. Bha dithis dhiubh ann – aon fhear le leabhar-notaichean air a’ bhòrd air a bheulaibh, agus peann na làimh. B’ e am fear eile a bha a’ bruidhinn. Bha sinn nar suidhe ann an seòmar beag, le dath glas air na ballachan, le uinneag bheag nach ceadaicheadh sealladh air an t-saoghal. Cha robh iarann air an uinneig idir. Bha iadsan nan suidhe aig aon taobh den bhòrd agus mise aig an taobh eile.
Chuir mi romham gum feumainn an fhìrinn innse dhaibh, eadar gun creideadh iad mi no nach creideadh. Nuair a chuir mi fios orra, bu bheag a bha de dhùil agam gu falbhadh iad leam. Cha b’ urrainn dhomh gun fios a chur orra – mairidh an rud a chunnaic mi nam inntinn gu bràth.
“Uill,” arsa mise, an dèidh casad beag no dhà, “seo dìreach mar a thachair ...
“Chaidh mi don leabaidh ro mheadhan-oidhche, agus thòisich mi a’ leughadh leabhar mu eachdraidh beatha Stalin. An dearg bhlaigeard! Co-dhiù, cha b’ fhada gus na thòisich An Gille Sàmhach a’ cagarsaich nam chluasan, gam thàladh gu saoghal eile, agus chuir mi an solas às. Bha mo sheòmar dubh, dorch. Cha fhaicinn fiù mullach an taighe, càil ach dorchadas dubh na h-oidhche. Cha robh eadhon snàithlean solais ag èaladh a-steach tro sgàineadh anns na cùirtearan. Ach cha do ghèill mi don Ghille Shàmhach air ball idir. Chuir rudeigin stad
“Shuas os mo chionn, shuas san lobhta, chuala mi gleadhraich mar gum biodh cuideigin a’ coiseachd. ‘Aon de fhuaimean annasach na h-oidhche,’ arsa mise rium fhìn. Ach cha robh sin buileach a’ freagairt air na bha mi a’ cluinntinn. ‘Radan,’ their sibhse, ’s dòcha. Ach cha chuala mise a-riamh radan le brògan air a spògan!
“MacGumaraid! Smaoinich mi air MacGumaraid. An Comhairliche. Chaidh sinn a-mach air a chèile aig àm an taghaidh, oir bha sinn a’ sireadh dà shaoghal is dà choimhearsnachd eadar-dhealaichte. Thachair mi ris a-staigh am baile bho chionn dhà no thrì làithean, esan na dheise agus na ad chlò, duine spaideil, agus mise nam luideagan làitheil fhìn. Bhruidhinn sinn ri chèile, oir bha sinn eòlach air a chèile bhor n-òige san àrd-sgoil. Agus tha esan a-nise àrd anns a’ Chomhairle, shuas ann an nèamh air choreigin a tha a’ taitneadh ris fhèin.
“Dh’fhaighnich mi dha carson nach robh e a’ càradh nan toll anns na rathaidean. Thuirt e rium nach robh spaid aige! Thairg mise dà spaid dha, ach dhiùlt e mo thairgse.
“Tuigidh sibh nach toigh leam MacGumaraid. Agus bha mi cinnteach gur e a bh’ anns an lobht os mo chionn ...
“Bha e sa bhàta agus cuip aige na làimh. Bha am bàta làn de thràillean agus bha MacGumaraid a’ bualadh nan tràillean leis a’ chuip. Bha mi a’ cluinntinn nan tràillean ag èigheachd os cionn fuaim fiadhaich, iargalt na mara, air an t-slighe gu Ameireaga. Bha cuid dhiubh cho lag ’s gum bu ghann a bha an anail aca air iasad. Agus gach fear no gach tè a bha a’ bàsachadh air bòrd, bha MacGumaraid agus càch gan sadail do uaigh fhliuch a’ chuain. Bidh an cnàmhan gu sìorraidh aig grunnd na mara. Tha fois aca a-nise. Bha aon thràill air bòrd air an robh Bobo. B’ e duine tapaidh a bh’ ann am Bobo, co-dhiù na bu tapaidh na mòran eile, agus cha robh MacGumaraid ga chuipeadh-san cho cruaidh ’s a bha e a’ cuipeadh chàich. ‘Gheibh mi airgead mòr air Bobo nuair reiceas mi e,’ arsa MacGumaraid ris fhèin, ‘agus feumaidh e bhith slàn, fallain. Nach mi bhios beairteach.’
“Agus sin mar bha e le luchd-obrach na Comhairle. Bhiodh e gan
Stad mi airson mionaid, a dh’fhaicinn an robh iad gam chreidsinn. Ach cha robh an sùilean ag innse càil dhomh.
“Lean ort,” arsa fear dhiubh.
Cha robh e ag ràdh mòran. Agus bha am fear eile a’ sgrìobhadh.
Lean mi orm – leis an fhìrinn ...
“Bha an seòmar làn dhaoine – Iùdhaich agus truaghain eile nach robh a’ tighinn a rèir feallsanachd an ama. Cha robh stiall aodaich orra, agus bha uiread dhiubh ann agus an seòmar cho beag ’s gun robh iad a’ suathadh ri chèile. Fir agus mnathan agus clann. Fàileadh uabhasach. Shuas gu h-àrd aig mullach an t-seòmair bha toll beag. Smaoinich mi air na seann taighean dubha – le toll sa mhullach – bhiodh a’ cheò a’ dol a-mach tron toll. Agus an toll seo, ann am mullach an t-seòmair – b’ ann a bhiodh rudeigin a’ dol a-steach, a’ dol sìos an àite a bhith ag èirigh ...
“Chaidh MacGumaraid agus Nàsach suas gu mullach an t-seòmair air an taobh a-muigh, agus shocraich iad iad fhèin ri taobh an tuill. Bha poca làn de chriostailean gorma aig MacGumaraid na làimh. Chuir e na criostailean sìos tron toll. Thòisich gas a’ falbh bho na criostailean, agus cha b’ fhada gus an robh gach truaghan a bha san t-seòmar rag mharbh. Rinn MacGumaraid gàire. Dh’oibrich an gas. Dh’fhalbh na truaghain. Glanadh eagalach. Rinn MacGumaraid gàire eile ...
“Cha robh cùisean a’ dol gu math ann an seòmar na Comhairle. Bha na cìsean ag èirigh. Bha aimhreit am measg dhaoine san togalaich mhòir. Turas no dhà a-null-thairis, a rannsachadh croitearachd ann am Pacastan, a dh’fhaicinn ciamar a bha a’ dol don Dalai Làma ann an còmhraidhean le Sìona, a chunntadh cia mheud duine a bha a’
“Bha am bàta mòr a’ tulgadh gu cunnartach. Ged nach b’ e MacGumaraid an sgiobair, bha MacGumaraid aig an stiùir. Bha na cnuic-eighre air bhog agus a’ gluasad. Cha robh e furasta an seachnadh. Bha iad fuar agus bha iad cruaidh ... deamhnaidh cruaidh.
“Bha an Titanic air chrith. Uilebheist mhòr. Bha an sluagh a’ fulang, agus bha iad cinnteach gun deigheadh a’ Chomhairle seo, an Titanic seo, fodha. Cò bu choireach? Cò ach MacGumaraid? Dh’fheumadh rudeigin tachairt.”
“Tha fios agad gu bheil casaidean cruaidhe, casaidean cudromach, nad aghaidh?”
“Tha,” arsa mise.
Thachair an ceasnachadh feasgar an-dè.
“Carson a mharbh thu MacGumaraid?” ars am poileas.
Chuir a’ cheist iongnadh orm, oir cha do rinn mise ach fios a chur thuca air sgàth na chunnaic mi sa mhadainn. Dh’innis mi an fhìrinn dhaibh, mar a bha MacGumaraid a’ coiseachd le a bhrògan mòra shuas san lobht os mo chionn. Dh’aontaich na poilis nach robh càil seach an rathad ri fhaicinn air a’ chorp – bha e dìreach na laighe an siud – na shìneadh air lianag mo chadail – air beulaibh mo thaighe – nuair dh’èirich mi ’s a sheall mi a-mach sa mhadainn.
Smaoinich mi air an dealbh a bha agam fhìn agus aig an t-saoghal air MacGumaraid. Ma mharbh mise MacGumaraid, b’ ann leis an inntinn a mharbh mi e agus cha b’ ann leis a’ chlaidheamh no leis a’ ghunna. Cha robh claidheamh no gunna rim faicinn. Dh’fheumainn na daoine agus a’ Chomhairle a shaoradh bho làmhachas-làidir an fhir a bha a’ cuipeadh nan tràillean, a’ dòrtadh nan criostailean tron toll a bha ann am mullach togalach na Comhairle. Chunnaic mi na tràillean agus chunnaic mi na h-Iùdhaich. Chunnaic mi na taighean dubha agus ceò ag èirigh tron mhullach suas don adhar. Ceò nach robh a’ tachdadh nan daoine.
Agus bha mi a-nise an grèim aig na poilis, fo chasaid gun mharbh mi MacGumaraid. Bha iadsan a cheart cho gòrach riumsa, gus na
Ach cha robh mo choiseachd air mo thoirt glè fhada nuair a chunnaic mi MacGumaraid. Bha e a’ càradh nan toll san rathad le spaid air taobh a-muigh togalach na Comhairle.
“Tha thu beò fhathast,” dh’èigh e rium.
“Tha gu dearbha,” fhreagair mi. “Ach bha leabaidh glè fhuar agam a-raoir ... agus cluasag glè chruaidh cuideachd.”
“Ciamar a bha sin?” dh’fhaighnich MacGumaraid.
“Bha,” arsa mise “seach gun chuir na poilis às mo leth gun robh mi air do mharbhadh agus gun dh’fhàg mi do chorp air an lianaig air beulaibh mo thaighe.”
“Thusa cuideachd?” arsa MacGumaraid. “Tha iad daonnan a’ cur dhaoine an grèim, an dòchas gun tèid mo mharbhadh latha brèagha air choreigin. Ach is buan gach deamhainn!”
Rinn mi gàire, agus choisich mi air falbh ... bho MhacGumaraid ... agus bhon spaid ... chan eil fhios cuin a chluinneas mi an radan a-rithist. An radan le na brògan mòra air a spògan. No ’s dòcha gur e cuideigin eile a chluinneas e!
title | 21. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |