25. Co-thachartas
Leum mi bhon bhus còmhla ri càch san Eadailt. Baile beag, grinn sa cheann a tuath. Chaidh mi a-steach don taigh-òsta far an robh sinn gu bhith a’ tàmh fad na seachdaine, seadh nuair nach biodh sinn a’ rannsachadh seann togalaichean. Chuir iad mi ann an Rùm 206 air an dàrna ùrlar. Deagh sheòmar a rèir coltais, air a sgeadachadh gu tlachdmhor agus anns an robh gach goireas a bha feumail.
Chaidh innse dhuinn gum biodh ar biadh againn feasgar aig seachd uairean, ach chuir mi romham, an dèidh mo mhàileid fhalamhachadh agus m’ aodach a phasgadh air falbh, gun deighinn sìos an staidhre a shuidhe ann an tè de na cathraichean cofhurtail a bha faisg air an deasg. Bha sin mu chòig uairean, theirinn.
Dh’èigh mi air gille, agus thug e thugam glainne de fhìon blasta dearg, dìreach mar a dh’iarr mi. Phàigh mi e le airgead. Thug an gille taing dhomh, agus chaidh e gu h-obann às an t-sealladh.
Cha robh mi ach air balgam no dhà den fhìon a ghabhail nuair thòisich mi a’ cuimhneachadh air turas nuair bha mi san Eadailt cheana. Cha b’ ann sa bhaile seo, ach an àiteigin na b’ fhaide deas. Cha chuimhnichinn air ainm a’ bhaile, ged a bha cuimhne agam air gu leòr de rudan eile, cuid dhiubh taitneach, agus cuid nach robh. Bha mu chòig bliadhna fichead bhon uair ud, ach bha mo chuimhne gu math soilleir. Agus bha an dà chuid, ciont agus amharas, fhathast gam bualadh.
B’ e dùil gun robh an saoghal co-dhiù beagan na bu mhotha na bhathar ag ràdh bu choireach gun thog mi orm don Eadailt an turas
Co-dhiù, an dèidh balgam no dhà den stuth dhearg òl, thòisich Dòmhnall Sàmhach a’ cur teachdaireachd na suain nam chluasan agus e ag iarraidh orm falbh còmhla ris gu tìr nan norrag-cadail. Gun teagamh bha mi sgìth, agus bha an t-slighe air a bhith fada, ’s shaoil mi nach bu dhroch rud e comhairle a ghabhail bho Dhòmhnall còir. Agus bha faisg air dà uair a thìde ri dhol mus biodh an t-àm ann airson biadh a ghabhail. Thòisich na fuaimean a bha mun cuairt orm, còmhradh agus gluasad dhaoine, a’ teiche na b’ fhaide ’s na b’ fhaide air falbh bhuam, gus mu dheireadh gun robh mi ann an saoghal leam fhìn.
Ach cha do mhair sin fada. Shaoil mi nach eil an inntinn, m’ inntinn-sa co-dhiù, a’ faighinn tàmh a’ chadail, agus bha sin fìor an turas seo cuideachd. Ged bha mi nam shuain( ’s chaidh a ràdh rium a-rithist gun robh!) b’ ann a chaidh mi air ais còig bliadhna fichead sa chadal chun an turais mu dheireadh a bha mi san Eadailt ...
Bha an aois air laighe oirre gu mòr. Am falt a bha cho dubh ris a’ ghual a-nise a’ tòiseachadh a’ liathadh, agus preasan mosach nam bliadhnaichean a’ lotadh a gnùise. Bha i beagan na bu duirche sa chraiceann na bha cuimhne agam, ach aig a’ cheart àm cho seang na bodhaig, ged bha a h-àirde air seacadh beagan. Ach càite an robh Maria? Sgrìobh i thugam a dh’innse dhomh gur e Maria an t-ainm a bha oirre. Saoil an robh Maria àrd agus seang agus dorch mar a bha ise? Cha robh fios no beachd agam, oir cha robh mi air Maria fhaicinn a-riamh.
Ach bha cuimhne agam air mo chuid mhearachdan, agus cha do sguab na bliadhnaichean air falbh iad. Bha i ag obair san taigh-òsta san robh mi a’ fuireach sa bhaile bheag ud bho chionn còig bliadhna fichead. Agus bha cuimhne agam gun robh eagal a beatha oirre gum faigheadh Luigi a-mach. Bha Luigi na mhanaidsear san taigh-òsta agus bhiodh e a’ cumail a shùil oirre.
“A bheil cuimhne agad?” dh’fhaighnich mi.
“Maria,” ars ise. “Cha tàinig thu a dh’iarraidh Maria?”
“Cha tàinig,” fhreagair mi.
Cha robh an teagamh bu lugha ann nach bu mhiann leam Maria fhaicinn, ach airson tighinn ga h-iarraidh! An dèidh còig bliadhna fichead. Mise nach do chuir sgillinn thuice a-riamh. Nach robh gu leòr air mo chogais, ged nach biodh de bhathais orm ’s gu smaoinichinn air a leithid de rud.
“Carson a thàinig thu, ma-tà?” dh’fhaighnich i.
Bha cuimhne agam air a guth. Cha tàinig mòran de dh’atharrachadh air; bha e socair agus cha b’ ann àrd mar ghuth coigrich. Ach shaoil mi gun robh tomhais de iomagain na cuid cheistean.
“Saor-làithean,” arsa mise.
Bha e follaiseach nach robh i gam chreidsinn.
“Phòs mise agus Luigi,” ars ise. “Tha còrr air fichead bliadhna bho phòs sinn. A bheil cuimhne agad air Luigi a bha ag obair san taigh-òsta?”
“Tha,” arsa mise.
Bha seòrsa de chuimhne agam air. Co-dhiù, bha cuimhne agam gun robh a leithid ann, agus ged bha e an làthair gu math tric cha robh mo shùilean ga fhaicinn-san cho tric ’s a bha iad ga faicinn-se. Agus sheòl Luigi a-mach às ar còmhradh.
“Tha Maria faisg air còig bliadhna fichead a dh’aois,” ars ise. “Nighean àrd, bhòidheach.”
“A bheil i coltach riut fhèin?” dh’fhaighnich mi, ’s mi a’ cuimhneachadh air seann làithean na h-òige. Bha a h-uile nì cho soilleir, ach aig a’ cheart àm cho dorch. Smaoinich mi air facail a’ bhàird, nuair thuirt e gun gèilleadh a’ ghrian bu deàlraich do dhorchadas na h-oidhche. Bha fìrinn ann am briathran a’ bhàird.
Thuirt i rium gu dearbha gun robh Maria coltach rithese.
“Agus ... agus ... a bheil i coltach riumsa?” dh’fhaighnich mi.
Chaidh innse dhomh nach robh. Agus gu neònach, fhuair mi seòrsa de fhaochadh nuair chuala mi sin. Thòisich teagamhan a’ freumhachadh nam chridhe, ach cha b’ fhada gus na shìolaidh iad
Dh’innis i dhomh gun robh Maria ag obair ann an taigh-òsta san Eadailt, dìreach mar a bha a màthair roimhpe. Chuir i an cèill dòchas nach tachradh do Mharia mar a thachair dhìse. Thòisich i a’ caoineadh gu socair, agus sguab i am falt fada, dubh is liath am measg a chèile, gu cùl a cinn a dh’fhoillseachadh a gnùis na làn mhaise. A dh’aindeoin nam bliadhnaichean ’s nam preasan, bha i cho bòidheach ’s a bha i a-riamh.
Sheol i air falbh mar aingeal air sgèith a-mach às mo shealladh, a-mach à m’ aisling. Agus bha cuideigin a’ gnogadh air dorsan m’ inntinn, ag innse dhomh gun robh an t-àm airson ithe air tighinn. Ach cha b’ e acras cuirp a bha orm. Bha mi cho fada bhom dhachaigh, agus gu tur nam aonar, ann an saoghal cho beag.
Cha do dh’ith mi mòran am feasgar ud. Bu toigh leam biadh Eadailteach a-riamh, ach bha fios agam nach biodh sàsachadh ann dhomh. Chuimhnich mi gun dh’fhàg mi glainne letheach làn de fhìon dearg air a’ bhòrd bheag a bha ri taobh na cathrach anns na bhruidhinn Dòmhnall Sàmhach rium. Bu bheag a bha de fhios aige, shaoil mi, mun turas air an robh e gam thoirt. A dh’aindeoin sin, thug mi taing dha fom anail. Cha b’ e gun robh ùrachadh cuimhne a dhìth orm. Bha sìth a dhìth orm, ach cha d’ fhuair mi sìth.
Dh’èirich mi bhon bhòrd agus luchd fhathast air mo thruinnsear. Ach gu cinnteach b’ eu-coltach e ris an luchd a bha a-nise nam chridhe.
Saoil an deighinn ga lorg? Dheigheadh. Cha deigheadh. Cha do dh’innis i dhomh càite an robh i. Cha do dh’fhaighnich mi dhi. Mo choire fhìn. A-rithist!
Thill mi chun na cathrach, agus bha mo ghlainne fhathast air a’ bhòrd. Dh’òl mi balgam no dhà, is faoin-chreideas gam bhualadh gum biodh an turas ceudna romham uair eile. Cha robh.
Shuidh mi sa chathair, a’ coimhead mun cuairt orm, agus corra fhacal agam san dol-seachad riuthasan a bha air siubhal maille rium air a’ bhus. Bha mi a’ smaoineachadh ach na mhothaich iad nach do dh’ith mi mo bhiadh. Bha iad ro mhodhail airson guth a ràdh, agus bha mi taingeil airson sin, oir dh’fheumainn am biadhadh le breugan nam bithinn a’ dol a fhreagairt nan ceistean nach robh ann.
Thug mi sùil a-null gu deasga-fàilteachaidh an taigh-òsta. Bha gille àrd, dorch an sin agus a cheann domhainn ann am pàipearan oifigeil air choreigin. Agus bha caileag còmhla ris air cùl na deasga, a’ togail fòn gach uair a dh’fheumadh i.
Rinn mi trusadh air gach criomag misneachd a bha nam chorp ’s nam inntinn, agus chaidh mi a-null a bhruidhinn ris a’ chaileig nam dhroch Eadailtis. Thuirt mi rithe gum b’ aithne dhòmhsa bana-Eadailteach bho chionn fhada, agus gun robh nighean aice air an robh Maria. Maria Banchelli. Dh’innis mi dhi gun robh màthair Maria ag obair ann an taigh-òsta, san dearbh sheòrsa dreuchd ris an tè ris an robh mi a’ bruidhinn.
“Phòs a màthair fear air an robh Luigi,” arsa mise.
“Mama mia, mama mia,” dh’èigh a’ chaileag aig àird’ a cinn.
Thug na bha mun cuairt oirre sùil iongantach a-null chun na deasga.
Mhìnch mi dhi gum bu mhiann leam Maria fhaicinn. Cha tuirt a’ chaileag facal rium airson mionaid no dhà. Ach chunnaic mi ìomhaigh, ìomhaigh a chunnaic mi bho chionn còig bliadhna fichead, ann am baile beag san Eadailt. Ìomhaigh mnatha, le falt dubh gun liathadh agus le aodann gun phreasan. Cha robh teagamh agam. Dh’innis Maria dhomh gur e Maria a h-ainm.
“Abair co-thachartas,” arsa mise.
Cha robh fios agam an innsinn dhi. Cha do dh’innis. Ach bha mi toilichte gum faca mi a’ chaileag seo, gum faca mi Maria.
Chaidh mi don leabaidh, ach cha b’ ann gu cadal. Smaoinich mi air iomadh nì, agus nam measg bha meud an t-saoghail agus co-thachartas. Bha an dàn air a bhith fìor thrang, ach cha robh mi fhathast cinnteach mu cho-thachartas!
title | 25. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |