3. Am Partaidh Purpaidh
B’ ann air an telebhisean a chuala Seumas Gilleasbaig MacSonachan an toiseach gun robh Taghadh Pàrlamaid air a ghairm. A-nise bha Seumas Gilleasbaig MacSonachan daonnan deònach a bheachdan a chur an cèill, ge air bith dè an cuspair a bhiodh cuideachd anns an robh e a’ deasbad, eadar gun robh mòran de eòlas aige air a’ chuspair no nach robh. Agus mar bu trice, cha robh! Agus bheireadh na seachdainean ro là na Taghaidh cothrom dha air a bheachdan fhoillseachadh mu gach cuspair fon ghrèin. Ach bha e a’ dèanamh beagan de dhragh dha nach fhaigheadh esan mòran èisteachd an taca ris an fheadhainn a bhiodh a’ seasamh airson na Pàrlamaid. A chum an suidheachadh sin a leasachadh, nach ann a chuir Seumas Gilleasbaig MacSonachan roimhe gun seasadh e fhèin airson na Pàrlamaid.
Bha fios aige nach gabhadh gin de na partaidhean àbhaisteach gnothach ris, agus co-dhiù b’ fhada bho thagh iad an fheadhainn a bha gu bhith gan riochdachadh san t-strì a bha air thoiseach orra. Dh’fheumadh e partaidh ùr a stèidheachadh. Agus sin an rud a rinn e. Agus thug e Am Partaidh Purpaidh mar ainm air a’ phartaidh ùr. Lìon e na pàipearan iomchaidh agus chuir e a-steach iad ron cheann-latha mar a bha na riaghailtean ag iarraidh. Agus ged nach robh duine beò sa Phartaidh Phurpaidh ach e fhèin fhuair e gu leòr de luchd-taice a chuireadh an ainmean ris a’ phàipear.
Cha robh daoine a’ tuigsinn carson a bha Seumas Gilleasbaig MacSonachan a’ seasamh fo bhratach Partaidh Purpaidh. Bhatar a’
B’ ann an uair a dh’fhoillsich e am pàipear a bha a’ cur a-mach poileasaidh a’ phartaidh a dh’fhiosraich daoine carson a thagh e an t-ainm. A rèir a’ phàipeir sin bha gach litir a bha san fhacal purpaidh a’ riochdachadh rudeigin: p airson plaideachan, u airson uisge, r airson rocaidean, p (eile) airson piseagan, a airson adan, i airson iasg, d airson drochaid agus h airson Hiort. Agus chuir e sìos poileasaidh fa chomhair fear dhiubh sin.
Chùm e a’ chiad choinneamh ann an Talla Bhaile na Circe. Chaidh a chur às leth Baile na Circe uaireigin gun d’ fhuair am baile an t-ainm mar chomharradh air meudachd eanchainnean nan daoine a bha a’ fuireach ann. Biodh sin mar a bhitheas e, ach bha an talla làn ’s a’ cur thairis am feasgar a bha Seumas Gilleasbaig MacSonachan a’ dol a dh’iompachadh sluagh a’ bhaile gu bhith a’ creidsinn anns na nithean a bha esan a’ cur fan comhair. Bha a bhean, Màiri Belinda NicSonachan, agus a dhithis mhac, Ferdinand agus Seonaidh Donaidh, a’ sgaoileadh bhileagan mun Phartaidh Phurpaidh aig doras na talla. Agus abair gun robh na bileagan grinn, snasail. Bha dealbh de Sheumas fhèin orra, agus bòst gur e an aon cheannard partaidh a chùm Coinneamh Taghaidh ann am Baile na Circe a-riamh. Chòrd sin ri muinntir Bhaile na Circe. Agus bha mòran sna bileagan mu phlaideachan, mu uisge, mu rocaidean, mu phiseagan, mu adan, mu iasg, mu dhrochaidean agus mu Hiort.
A-nise cha robh cuid de shluagh Bhaile na Circe uabhasach cinnteach dè an seòrsa coinneamh a bha Seumas a’ dol a chumail. Spleogag Murdag a’ Ghreusaich i fhèin ann an aodach dubh ’s ann am brògan mòra, agus thug i leatha Bìoball gun fhios nach robhar a’
Co-dhiù, thòisich a’ choinneamh, agus bha Am Plumadair anns a’ chathair. Dh’innis Am Plumadair don chruinneachadh gun robh Taghadh Pàrlamaid gu bhith ann a dh’aithghearr agus gur e am fear a bha ri thaobh air an àrd-ùrlar, Seumas Gilleasbaig MacSonachan, a bha a’ seasamh airson a’ Phartaidh Phurpaidh. Dh’fheuch e ri mòran eile innse dhaibh cuideachd gus an do sheas maighstir-sgoile Bhaile na Circe ann am meadhan na talla a chur an cuimhne a’ Phlumadair nach b’ ann ga èisteachd-san a thàinig am mòr-shluagh cruinn am feasgar ud.
Mu dheireadh sheas Seumas. Bhruidhinn e le guth a dhùisgeadh na mairbh, seadh ma bha duine marbh an làthair. Agus ars esan, “Is mis’ a-nis Seumas Gilleasbaig MacSonachan; ma bheir sibh dhomh bhòt cha bhi gnothaichean dona dhuibh; purpaidh mo phoileasaidh, purpaidh mo smuaintean; èistibh gu mionaideach riumsa ’s na gluaisibh.”
Agus an dèidh dha na partaidhean eile san Taghadh a chàineadh gu cùl nan cluasan, thòisich e ag innse do na bha an làthair dè a dhèanadh esan dhaibh nuair dheigheadh (cha b’ ann idir nan deigheadh) a chur don Phàrlamaid.
“P airson plaideachan,” ars esan, “u airson uisge, r airson rocaidean, p airson piseagan, a airson adan, i airson iasg, d airson drochaid agus h airson Hiort. Cuiribh ri chèil’ iad, fillibh gu grinn iad; sibhse bhios math dheth, fuiribh gun cluinn sibh.”
Agus an uair sin sheas am maighstir-sgoile a-rithist.
“P airson plaideachan,” ars esan. “Dè tha sin a’ ciallachadh?”
Fhreagair Seumas Gilleasbaig MacSonachan mar a leanas: “A-nise tha an t-ainm a’ tòiseachadh le p ’s tha sin a’ seasamh airson plaideachan. Nuair chuireas sibh mise don Phàrlamaid tha mise a’ dol a thoirt plaideachan do gach neach sa bhaile a tha os cionn
Chòrd seo ri muinntir Bhaile na Circe agus thòisich iad ag èigheachd ’s a’ bualadh am boisean. Ach sheas am maighstir-sgoile uair eile.
“Agus ciamar a tha thu a’ dol a phàigheadh airson nam plaideachan?” dh’fhaighnich e.
“Aidh, ciamar?” dh’èigh feadhainn eile, gu h-àraidh feadhainn nach robh eadhon a’ faicinn aois trì fichead ’s a còig air fàire.
“Socair, socair,” arsa Seumas Gilleasbaig MacSonachan. “Bruidhnidh sinn air airgead nuair thèid sinn tron lìosta.”
“Innis dhuinn mun dàrna litir. Innis dhuinn mun uisge,” arsa Murchadh Doileag.
“Uill,” arsa Seumas Gilleasbaig MacSonachan, “tha mise a’ dol a chruthachadh obraichean gu leòr an seo. Tha mi a’ dol a chur air chois obraichean a’ reic uisge ri na Sasannaich. Tha mòran a bharrachd uisge againne ga fhaighinn an seo na tha na Sasannaich bhochda a’ faighinn. Dà nota air botal mòr agus crùn air sileagan. Èisteadh sibhs’ ri Seumas còir ’s cha bhi an t-acras tuilleadh oirbh.”
An uair sin sheas nighean an Èireannaich.
“Dè mu na rocaidean?” ars ise. B’ e boireannach mòr a bha ann an nighean an Èireannaich. Cha b’ ann do dh’Èireannach a bhuineadh i idir, ach thug iad an t-Èireannach air a h-athair seach gun tug e trì bliadhna ag obair ann an Conamàra. Bha guth aice a bha cho àrd ris a’ ghuth aig MacSonachan fhèin.
“A-hà. Na rocaidean,” ars esan. “Tha mise a’ dol a-null a dh’Ameireaga agus tha mi a’ dol a bhruidhinn ris a’ Cheann-suidhe aca agus tha mi a’ dol a dh’iarraidh air sgur a bhith a’ cur nan rocaidean suas don iarmailt. ’S iad na dòlais rocaidean sin a tha a’ dèanamh nan toll anns an òson. Coma leibhse de na daoine gòrach a bhios a’ toirt a chreidsinn oirbh gur iad na canastairean anns a bheil stuth a chumas am fallas às na h-achlaisean a tha ag adhbhrachadh nan toll anns an òson. Rocaidean nan Ameireaganach a tha gan dèanamh ’s chan iad na canastairean.”
Lìon an talla a-rithist le fuaim bhoisean a’ bualadh. Bha an gnothach a’ còrdadh ri sluagh Bhaile na Circe.
“Agus càit a bheil na piseagan a’ tighinn a-steach?” dh’èigh Peigi Barabal, oir b’ iad na piseagan a bha an dara p a’ riochdachadh.
“Seo far a bheil na piseagan a’ tighinn a-steach,” arsa MacSonachan. “Tha mise a’ gealltainn do gach neach a tha a’ fuireach leis fhèin gum faigh iad piseag ro cheann na bliadhna an dèidh dhòmhsa a bhith air mo thaghadh. A-nise, bidh sibh a’ faighneachd carson a tha mi an dùil seo a dhèanamh. Tha ma-tà gus nach bi na daoine a tha a’ fuireach nan aonar a’ faireachdainn cho aonranach. Bidh piseag aca ris am bruidhinn iad, ach ’s e tha math mu dheidhinn sin nach freagair a’ phiseag air ais iad.”
“Miaow,” dh’èigh cuideigin a bha san èisteachd. Thàinig fiamh ghàire air bilean MhicSonachain. Ach lean e air.
“ ’S tha sin gam thoirt chun na h-ath litreach ann an ainm a’ phartaidh. Sin a airson adan. Tha mise air mothachadh gu bheil mòran bhoireannaich san là a th’ ann a’ dol dhan eaglais gun adan, agus tha mise ag iarraidh gu sguir an cleachdadh borb sin. Agus gheibh gach boireannach san àite leth-cheud nota gach bliadhna airson adan ùra a cheannach.”
Sheas Murdag a’ Ghreusaich, agus chunnaic gach neach a bha san talla gun robh ad mhòr dhubh oirre. Chuir i a meur gu a ceann, a chomharrachadh gun robh ad oirrese.
“Nach innis thu a-nise dhuinn mun iasg,” ars Am Plumadair.
“Tha mi a’ tighinn chun an èisg,” arsa MacSonachan. “Tha daoine ag ithe cus feòla. Feumaidh daoine iasg a bhith aca co-dhiù aon uair san t-seachdain. Bheir seo obair do na h-iasgairean. A’ treabhadh a’ chuain air oidhcheannan fuar’ air druim na mara a’ seòladh, cha bhi sinn gun bhiadh ma dh’itheas sinn iasg a tharraingeas maraich’ air bòrd dhuinn.”
Bha mòran iasgairean ann am Baile na Circe. “O, nach àghmhor,” arsa na h-iasgairean.
Agus dh’èirich an uair sin Uilleam Tobhtabhat. Dh’fhaighnich esan dè bha an litir d a’ dol a dhèanamh do Bhaile na Circe.
Arsa MacSonachan: “D airson drochaid. Bidh drochaid air gach sruthan. Bidh drochaid air gach allt. Gus nach tèid do chas a fhliuchadh nuair a shiubhlas tu a-nall. Chan eil mòran rudan san t-saoghal cho cudromach ri drochaidean. Bheir iad bho àite gu àite thu, eadhon bho bheachd gu beachd. Bho shuidheachadh gu suidheachadh. Cuimhnich gum faod thu do chasan a fhliuchadh ged nach biodh tu faisg air cuan no air uisge. Feumaidh sinn daonnan a bhith a’ togail dhrochaidean.”
Bha Seumas Gilleasbaig MacSonachan a’ tighinn gu deireadh an fhacail. Bha e a-nise a’ dol a dh’innse dhaibh mu Hiort.
“Agus Hiort,” ars esan. “Seo an dealbh a tha agamsa air Hiort. Bidh Hiort fhathast làn dhaoine. Bidh iad a’ dol ann air saor-làithean. Bidh Hiort na champa mòr do luchd-turais, làn de ghoireasan mar thaighean-òsta, mar amaran-snàmha, mar phàircean-cluiche. Agus gheibh gach neach a tha san talla seo a-nochd cothrom aon uair sa bhliadhna co-dhiù air làithean-saora a chur seachad ann an Hiort. Riviera a’ chinn a tuath. Riviera an taoibh siair. Sin an dealbh a tha agamsa air Hiort.”
Leum Uilleam Uilleam Uilleim gu a chasan.
“Agus dè mun arm?” ars esan.
Fhreagair MacSonachan: “Cha chuir an t-arm dragh sam bith air an luchd-turais. ’S ann a bhios an t-arm feumail airson daoine a dhìon. Agus bidh iad a’ cumail sùil air an àite nuair nach bi e cho trang fad mhìosan a’ gheamhraidh.”
A rèir coltais bha muinntir Bhaile na Circe riaraichte gu leòr le geallaidhean MhicSonachain. Ach dh’èirich am ministear, an t-Urramach Fearghas MacGille na Cutaig agus thuirt e ri MacSonachan gur e beachdan ionmholta dha-rìribh a bha aige sa phartaidh agus gun robh esan co-dhiù an dòchas gun soirbhicheadh leis a’ Phartaidh Phurpaidh agus le MacSonachan fhèin cuideachd. Ach bha ceist a’ tighinn a-steach air ach carson nach do bhruidhinn MacSonachan mu rudan a leithid foghlam agus seirbheis na slàinte agus mu rudan eile den t-seòrsa sin mu ’m biodh muinntir na Pàrlamaid a’ bruidhinn sa chumantas.
“O,” fhreagair Seumas Gilleasbaig MacSonachan, “fàgaidh mise rudan den t-seòrsa sin aig feadhainn eile. Nuair a dh’fhàsas am Partaidh Purpaidh nas motha, bidh daoine sa phartaidh a bhios a’ gabhail uallach airson nan nithean sin. Ach cuimhnichibh na rudan a thuirt mi ribh. Plaideachan. Uisge. Rocaidean. Piseagan. Adan. Iasg. Drochaidean. Agus Hiort.
Shuidh MacSonachan sìos. Ma shuidh, dh’èirich càch. Bha iad uile ag èigheachd agus a’ bualadh am boisean. Bha an sluagh riaraichte. Bha MacSonachan riaraichte. Agus nuair a bhàsaich an othail sìos, sheas MacSonachan air a chasan a-rithist.
Ars esan: “Dh’èist sibh ri mo bheachd ’s rim phrògram, ’s feuch a-nis nuair bhios sibh bhòtadh, gun cuir sibh crois aig m’ ainm-sa; ’s ma bha sibh ’n dùil gun robh mi gòrach, mo bheachd gun dh’fhàg mi agaibh dòchas, ’s na thuirt mi ribh nam sheanchas.”
Uill, thàinig latha an Taghaidh. Chaidh na croisean a sgrìobhadh ’s chaidh na croisean a chunntadh. Agus sin an latha a bhàsaich am Partaidh Purpaidh. Thug Seumas Gilleasbaig MacSonachan an car à dhà no thrì cheudan den t-sluagh. Ach cha robh sin gu leòr. Cha robh mòran aige ri ràdh nuair bhruidhinn luchd nan naidheachdan ris. ’S e bha cudromach dhasan gun robh àrd-ùrlar aige bhon cluinneadh e a ghuth fhèin.
title | 3. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |