35. Am Bogsa
Cha do shaoil mi dad dheth nuair chunnaic mi an toiseach e. Bha e snasail gu leòr, mar theisteanas air grinneas làmh an fhir-dealbhaidh. ’S bha e na shuidhe an siud, bliadhna às dèidh bliadhna, gun ghluasad shaoileadh tu, ann an taigh Mrs Williamson. B’ ann air a’ bhòrd bheag ri taobh an teine a rinn e an t-suidhe gun chrìoch seo. Chunnaic mi iomadh uair e gun mhothachadh nuair bhiodh sinn a’ tadhal san taigh. Bha sin nuair bha Williamson fhèin beò. Ceannaiche a bh’ ann, ’s bheireadh e dhut làn do dhùirn de shuiteis airson an rud bu shuaraiche, mar pàipear-naidheachd a chur a-steach an ath dhoras. ’S am fear a dheigheadh air turas na bu chudromaiche, gheibheadh e sin meas no deoch no rudeigin am broinn an taighe. Mar sin, gabhaidh e a thuigsinn nach robh dìth luchd-cuideachaidh air Williamson am measg òigridh a’ bhaile. ’S air a’ bhòrd bheag ri taobh an teine, bha bogsa beag airgid, fillte ann an neo-chiontas. Air uachdar a’ bhogsa bha dealbh iolaire air a shnaidheadh mar chuibhreann de a chruthachadh.
“Dè do bheachd air a’ bhogsa airgid?” ars ise.
“Tha e brèagha,” fhreagair mi.
Cha do leig mi orm nach do mhothaich mi dha gu siud. ’S ged a bha ise mòr às, cha robh mòran aige ri ràdh seach iomadh nì eile san t-seòmar. Ach ’s fhada bhon uair sin. Nuair thàinig an t-àm, dh’fhalbh an aois le Williamson gu òige ùr. Dhùin a’ bhùth, agus sguir na suiteis, na measan ’s na deochan, oir cha robh tuarastal tuilleadh ri chosnadh. ’S co-dhiù, nach robh sinn a’ cur cleachdaidhean na fìor òige air chùl,
Mu dheireadh b’ ann tearc a bha ar tadhal, oir bha ar saoghal cho trang. ’S bha ar saoghal fhìn ’s an saoghal aicese a’ sìor ghluasad bho chèile gus an tàinig an là nuair bha iad nam fìor choigrich. A-nise, choisicheadh sinn seachad air an doras mar nach robh e idir ann.
Chaochail Mrs Williamson ma-tà goirid an dèidh dhuinne trusgan na h-òige a chur dhinn. Fhritheil sinn an t-amhlacadh, oir bha sinn a’ meas gum b’ e sin ar dleastanas, agus nuair bha sin seachad cha robh guth againn oirre.
B’ ann mar sin a bha gus an cuala mi an gnogadh aig an doras. Na seasamh air an lic bha boireannach le falt dubh agus speuclairean. Cho luath ’s a bhuail mo shùil air a gnùis, chuimhnich mi air Mrs Williamson. Bheannaich am boireannach a’ mhadainn dhomh, agus shàth i pasgan nam làimh. Ghabh mi bhuaipe e mar gun robh còir agam air, ’s a dh’aindeoin sin cha robh fios agam dè a bha a’ tachairt. Cha robh aon smid agam, agus sùilean na h-inntinn a’ siubhal gu linn a dh’fhalbh.
“Is leatsa sin,” ars ise. ’S an uair sin, mus d’ fhuair mi air mo ghearain a dhèanamh, “Dh’fhàg Mrs Williamson sin agad.” ’S gun feitheamh rim iongnadh no rim thaing, thug i a casan leatha. Sheas mi san doras, ’s an inntinn a’ faireachdainn rudeigin rùisgte, gus an deach i à fianais a-steach don mhadainn.
Thug mi an còmhdach bhon phasgan agus dh’fhoillsich mo shaothair an rud sin a b’ fhaide bhom smuain – bogsa beag airgid. An aon fhear, le dealbh na h-iolaire air uachdar. A-nise, mhionnaich mi rium fhìn nach do leig mise ris a-riamh gun robh sùil agam sa bhogsa; gu dearbha cha do chuir mi sùil a-riamh ann. Nam bheachd-sa cha robh e ach mar gach bogsa eile, le ceithir ballachan, mar
Thàinig stad annam nuair sheall mi a bhroinn a’ bhogsa. Bha àireamh ghrìogagan ann; bha iad a’ coimhead rudeigin sean, ach aon a-mhàin a bha na bu mhotha na càch. Thog mi a-mach iad gu cùramach, aon an dèidh aoin, agus chuir mi air a’ bhòrd iad ri taobh a’ bhogsa. Bha trì deug ann uile gu lèir. Cha robh mi a’ tuigsinn a’ ghnothaich, ’s chaidh e buileach thar mo sgoilearachd nuair chunnaic mi gun robh comharran loisgte air feadhainn de na grìogagan. ’S bha e follaiseach, ’s am bogsa a-nise falamh, gun robh teine air a bhith sa bhogsa fhèin. Bhon taobh a-muigh bha e cho deàlrach ’s gun robh mi cinnteach gun robhar ga lìomhadh gach là, ach a-staigh bha dreach dhubh na sùiche a’ mùchadh gach nì eile.
Thòisich an inntinn a’ dùsgadh. Thòisich an inntinn a’ ceasnachadh. Carson mise? Dè bha agamsa ri dhèanamh ris a’ bhogsa airgid? Chunnaic mi Mrs Williamson a’ cur teine sa bhogsa, ’s a’ cur nan grìogagan don teine. ’S an uair sin chaidh an teine às. Bu mhòr am beud nach robh a h-uile duine a’ cur teine ri grìogagan ann am bogsa. Nach e an saoghal a bhiodh furasta a mhìneachadh an uair sin. ’S bha mise nam sheasamh an siud a’ coimhead ri bogsa airgid ’s ri trì grìogagan deug mun cuairt air. Agus smaoinich mi air làithean m’ òige nuair bu mhotha a bha mo mhiann air mìlseanan ’s a thairginn cuideachadh do sheann Williamson. ’S an sin am broinn an taighe gam lìonadh fhìn còmhla ri càch ’s gun fhios, gun fhathann, againn mu na nithean a bha am bogsa beag airgid a’ falach oirnn. ’S a-nise cha robh dòigh ann air a’ cheist fhuasgladh. Bha iadsan aig an robh
Mu dheireadh, chuir mi an gnothach sìos gu iomrallachd na seann aoise. Seann bhoireannach aig dol-fodha na grèine is oidhcheannan a’ gheamhraidh a’ teannachadh oirre, ’s i na suidhe a’ cur seachad na h-uarach a’ cunntadh ghrìogagan ’s a’ cur teine riutha. Nàdar de dheas-ghnàth cràbhach, ’s dòcha, a bha a’ ciallachadh rudeigin sònraichte da taobh fhèin ach a bha air taobh a-muigh ar saoghal-ne. Agus smaoinich mi nach b’ airidh an gnothach a bhith air a dhìteadh mar iomrallachd neo-bhrìoghmhor, oir ma bha ciall aig a’ chùis do aon neach gun robh ciall air choreigin aice. Agus dh’fheumainn faighinn gu bun na ceiste. Ach ciamar?
Cha robh air ach cleas Mrs Williamson a dhèanamh. Chuir mi am bogsa a-null gu sàbhailteachd na cagailt, ach ciamar a thogainn teine air teallach cho beag ri bogsa airgid? Smaoinich mi gun cuirinn ola don bhogsa ’s an sin gun cuirinn lasair ris an ola, ach chuir mi bhuam am beachd nuair thog mi grìogag gu mo shròn ’s a thug mi fa-near nach robh aon chomharr de fhàileadh na h-ola dhith. ’S bha fios agam nach gabhadh na grìogagan fhèin, oir bha iad fhathast cho teann ’s cho cruaidh ris a’ chreig. ’S e a rinn mi ma-tà èibhleag bheag a thoirt às a’ ghealbhan a bha a’ mire gu sunndach sa chagailt, ’s chuir mi sin gu cùramach don bhogsa. An uair sin chàraich mi an dà ghrìogag dheug bu lugha gu faiceallach mu chuairt na h-èibhleig. Cha do ghabh an èibhleag tlachd annta. Ach dh’atharraich i port nuair chuir mi a’ ghrìogag mhòr a-steach don tiùrr. Dh’fhàs na grìogagan cho dearg ris an fhuil agus thòisich ceò gheal ag èirigh às a’ bhogsa ’s a’ lìonadh an t-seòmair. Theab mi steall uisge a thilgeil air a’ chraos uabhasach, ach chuireadh sin stad air mo rannsachadh.
Sin nuair chunnaic mi airson a’ chiad uair an gàrradh iongantach ud. Bha e suidhichte ann an cèis de chraobhan ’s e sgeadaichte le flùraichean. Na theis mheadhan bha lòn cuimseach mòr agus eala dhubh a’ dian shnàmh ann an cearcaill. ’S bha a’ ghrian a’ deàrrsadh sìos air an eala fhad ’s a bha i a’ dùsgadh uisge an lòin. Bha sàmhchair
Nuair chaidh e às an t-sealladh thug mi sùil mun cuairt orm, ’s an sin air a’ chagailt bha am bogsa beag airgid. ’S na bhroinn bha na trì grìogagan deug ’s iad a cheart cho fuar ’s ged nach robh teine air suathadh riutha a-riamh. Air mo shon-sa, bha mo cheann mar innean fo bhuillean an ùird mhòir, coltach ri neach a bha air a phathadh a chasg le tuilleadh ’s a chòir de fhìon a bha a’ cur thairis le neart. Ach bha mo chuimhne cho soilleir ’s a ghabhadh mun turas-meanmna air an robh mi. ’S aig a’ cheart àm chuir an gnothach dearg eagal mo bheatha orm. Bha an gàrradh ud bàidheil gu leòr, ach càite am bithinn air mo stiùireadh an ath thuras? Cha chuirinn-sa teine ri na grìogagan ud gu bràth tuilleadh. Bha sin cinnteach.
Agus shiubhail mo smuaintean air ais gu Mrs Williamson. Bha mi cinnteach gur e drogaichean de ghnè air choreigin a bha sa bhogsa, ach cha cheadaicheadh an t-aineolas dhomh ainm a chur orra. Thuig mi a-nise dè bhiodh Mrs Williamson a’ dèanamh nuair bhiodh e fhèin a-staigh sa bhùth, ach, a dh’aindeoin sin, cha tàinig neach a-riamh a-mach às an taigh leis an amharas bu lugha. No dh’fhaodadh e bhith gur ann bho chaochail Williamson ’s a sguir na daoine òga a thadhal oirre a chaidh i an sàs sa ghnothaich seo. ’S dòcha gun tug am bogsa beag airgid bliadhnaichean na shuidhe air a’ bhòrd ’s gun càil air falach ann. Ach bha ceistean eile a’ cur orm. Càite an d’ fhuair i na grìogagan? Dè an stuth a bha annta? Smaoinich
Chan fhaca mise an eala dhubh tuilleadh. Ach tha am bogsa beag airgid agam fhathast, mar chuimhneachan air seann bhoireannach aig an robh saoghal dhi fhèin. ’S dè mu na grìogagan? Chan eil sgeul orrasan ma-tà. Cha bu thairbhe foillseachadh càite a bheil iad, ach a-mhàin a ràdh gu bheil iad an àiteigin far nach buail sùil orra.
Is cinnteach gur iomadh sgeulachd a th’ aig a’ bhogsa airgid. Chan eil fios agam dè cho aost ’s a tha e, ach cha b’ ann an-diugh no ’n-dè a chunnaic e solas an là an toiseach. ’S ged a chaith mi na corragan a’ feuchainn ri ghlanadh, cha deach agam a-riamh air tuar an losgaidh a thoirt dheth. ’S iongantach gun tig e dheth gu bràth. Bogsa beag airgid. Bhiodh mo bhòrd beag a-nise a’ coimhead uabhasach lom às aonais.
title | 35. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |