[217]

36. Na Maoir

Bha Iain a’ dol a thilleadh dhachaigh. Ann an dòigh, cha b’ ann a’ dol a thilleadh a bha e idir, oir cha robh e air an dachaigh fhaicinn a-riamh, ach na bheachd-san bi a dhachaigh a bha innte. Chan fhaca e a-riamh i, ach tro shùilean a sheanar a bhiodh ga lìonadh le sgeulachdan mu na làithean a dhfhalbh agus mu làithean a bha Iain an dòchas nach tilleadh tuilleadh.

Be duine sona a bha ann an seanair Iain, seadh gus an tàinig na maoir le eich agus le cuipean. Bu mhinig a bhiodh e ag innse do Iain mun chàirdeas agus mun charthannas a bha nam pàirt de dhòigh-beatha. Seadh, gus an tàinig na maoir.

Bha Canada fuar, agus ged nach fhaca e a-riamh iad bha rudeigin na chridhe a bha ag ionndrainn ceò na mònach agus cùbhraidheachd muir na Gàidhealtachd. Saoil an robh an seann taigh fhathast na sheasamh aig bràigh aghlinne? Saoil a bha afuireach ann? No an robh an talamh fo chaoraich, fo shliochd nan caorach a bha na maoir adol a chur air fearann a sheanar? Chuimhnich e air na sgeulachdan a bhiodh a sheanair ag innse dha mu na caoraich bhàna a dhòirt air a dhachaigh mar shneachd à ifrinn.

Ach bha ceud bliadhna is còrr bhon uair sin agus cha robh rian nach robh sneachd ifrinn a-nis air leaghadh agus nach robh na maoir air bàsachadh.

Bha Canada fuar. Thilleadh e. Thilleadh e gu tìr a dhùthchais ged nach fhaca e a-riamh i, chun achàirdeis, chun acharthannais.

Choimhead e a-mach air uinneag na plèana agus i asgiathalaich


[218] os cionn an fhearainn, mar nach robh i cinnteach an laigheadh i no nach laigheadh. Shìos fodha bha bogsaichean mòra geala ag èirigh às an talamh, agus cha robh tughadh idir orra. Chuimhnich e air a sheanair agus chuimhnich e air na maoir. Agus mu dheireadh laigh aphlèana.

Anns abhus bha iad acòmhradh a-nulls a-nall. Cha robh e adèanamh mòran èisteachd riutha, oir bann a bha esan acòmhradh ri na seallaidhean a bha adol seachad gu cabhagach air uinneag abhus. Agus bha na seallaidhean ga fhreagairt, afreagairt nan ceistean a bha e afaighneachd dhaibh. Cha bu lèir dha duine ann an deise maoir. Bha corra chaora ag ionaltradh gu neo-chiontach air gach taobh den rathad ..

Ràinig iad am baile agus leum iad uile às abhus mar sheann eòlaich. Leum esan às abhus cuideachd, agus thuig e, airson achiad uair, gum bu choigreach e. Bha an t-àite cho fuar agus cha robh fios aige càite an deigheadh e. Cha robh an t-àite idir mar a dhinnis a sheanair dha. Sheall e suas chun an adhair agus chunnaic e a sheanair atighinn a-mach gu starsach dorsan nèimh agus e asmèideadh ris mar gum biodh e ga stiùireadh gu àiteigin. Thog e a mhàileid agus choisich e air adhart.

Anns an taigh-òsta dhfhaighnich e mun t-seann taigh. Mu shinnsearachd. Dhfhaighnich e mu na maoir agus mu na caoraich. Dhfhaighnich e mu cheò na mònach agus mu chùbhraidheachd na mara. Agus dhfhàg e amhàileid anns an taigh-òsta agus choisich e a-mach don t-saoghal.

Ràinig e an taigh, ach cha robh an taigh idir ann. Ghnog e air an doras agus cha tàinig duine ga fhreagairt. Ach co-dhiù chaidh e a-steach. Bha a sheanair na shuidhe air beulaibh an teine agus e asgrùdadh an adhair. Cha robh a sheanmhair a-staigh idir. Airson athar no a mhàthar, cha do rugadh iad fhathast. Bha iadsan ann an Canada far an do dhfhàg e iad, agus iad atreabhadh chlaisean na beatha ann an saoghal ùr.

Seo,” ars a sheanair, “far a bheil an seann taigh. Chì thu cho seasgair agus cho blàths a tha e. Seo far an do rugadh mi agus seo


[219] far an deach màrach.” Cha robh fios carson a bha e ag innse seo dha. Nach robh e follaiseach gu leòr? E fhèin agus a sheanair abruidhinn mu nithean gun bhrìgh. Ach bha Iain ag iarraidh gum biodh fios aige. Agus dhinnis a sheanair dha. Ach thuit an taigh mu a chluasan le fuaim uabhasach, agus choisich e a-mach tro na clachan.

Cha robh an sin ach na làithean a dhfhalbh, làithean a sheanar, agus cha biad sin na làithean aigesan. Ged a thàinig na maoir, dhfhalbh iad ann an caochladh tìme. Agus cha robh an an- ach na chuimhneachan. Bha làithean a sheanar seachad. Bha làithean an tughaidh seachad agus ged a thuit an taigh cha deach na freumhan a spìonadh às an talamh. Bha iad an siud fhathast, làidir, daingeann.

Thill Iain chun an taigh-òsta agus thòisich e asmaoineachadh. Cha bann air duilleagan eachdraidh achlachain, ach air a bheatha fhèin, agus air mar a bha freumhan a dhùthchais ga tharraing gu beatha ùr. Bha làithean a sheanar seachad agus bha fios aige nach robh fearg air a sheanair.

Cha tilleadh e a Chanada idir. Bha Canada cho fuar agus dhinnis an taigh nach robh ann dha nach robh e fhèin na choigreach tuilleadh. Chuireadh e sìos freumhan ùra air am faodadh oghaichean fhèin, is dòcha, beatha ùr a stèidheachadh. Agus bhiodh spiorad a sheanar ga fhàilteachadh gu co-chomann a dhùthchais.

Cha bfhada gus an do chuir Iain eòlas air sluagh an àite, sluagh ùr nach robh ann ri linn a sheanar. Ach bha am facail-beòil coibhneil, càirdeil ris. Bha fios aige gun robh e aig an taigh.

Gheibh mi fearann,” ars esan ris fhèin, “agus togaidh mi aitreabh às na clachan seo. Tha mi air tilleadh gu màite fhìn mar mhac stròdhail nach do theich le a dheòin.”

Bha Iain agus Calum abruidhinn san taigh-òsta. Bha iad abruidhinn air na seann làithean nach fhaca iad a-riamh agus nach baithne dhaibh. Be duine gasta a bha ann an Calum, fìor charaid, theireadh Iain, duine a chuir fàilte chridheil air a-steach am measg an t-sluaigh.

Agus ... mu na maoir?” ars Iain.

Na maoir?” arsa Calum.


[220]

Na maoir agus na caoraich,” ars Iain.

O, cha robh anns na maoir,” arsa Calum, “ach smal a thàinig air ar sinnsearan. Tha mi cinnteach gun cuala tu mun deidhinn aig do sheanair. Chan eil maoir ann an-diugh. Bha iad ag iarraidh caoraich a chur air an fhearann, agus, airson sin a dhèanamh, dhfhuadaich iad na daoine. O chaidh, ... chaidh iomadh ceàrr a dhèanamh ann a bhith afuadach nan daoine air sgàth nan caorach. Ach an-diugh chan eil sinn cho borbs a bha sinn uaireigin ... tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh. Taighean mòra geala. Rathaidean fada farsaing. Chan fhaigheadh na maoir mòran leotha an-diugh. Bha mo sheanair fhìn ag innse dhòmhsa gum biodh na maoir alosgadh thaighean agus acur seann bhoireannaich a-mach a bhàsachadh don t-sneachd. An creideadh tu sin? O, ’s e rud uabhasach a bha ann ceart gu leòr. Ach cha tachradh sin an-diugh idir ... Gabh sin, gabhaidh sinn drama eile agus an uair sin thèid thu dhachaigh còmhla riumsa agus gheibh sinn suipear.”

Chaidh iad gu taigh Chaluim, taigh mòr brèagha, geal le uile ghoireasan na linne. O bha, bha linn nan seanair gu cinnteach seachad. Cha robh tughadh no maor air fàire.

Cuin a tha thu adol dhachaigh,” dhfhaighnich Calum, “dhachaigh a Chanada? Tha mi cinnteach gum bi thu ag iarraidh do chàirdean fhaicinn a-rithists gun innis thu dhaibh mun t-seann dùthaich, mu dhùthaich do shinnsearan. Tha fios nach e seo an dealbh a bha agad oirre nad inntinn.”

Cha be gu dearbha,” fhreagair Iain. “Ach stad ort, a Chaluim, chan eil mise adol a Chanada tuilleadh. Tha mise ag iarraidh fuireach an seo ... ach am fàs mi le spionnadh ùr à freumhan mo shinnsearachd. Tha mi ag iarraidh fearann air an tog mi taigh anns am fuirich mi. Is tusa tha os cionn na comhairle a bhios asealltainn ri na nithean sin. Nach fhaighinn pìos fearainn air an togainn taigh.”

O, uill,” arsa Calum, “chan eil sin furasta ... chan eil annad ach coigreach ... agus feumaidh sinn ... a bheil fios agad ... na tha againn de thalamh airson nan caorach ... feumaidh na caoraich feur agus ionaltradh ... chan aontaicheadh achomhairle idir ...


[221] feumaidh sinn smaoineachadh air na caoraich ... ”

Chan eil làithean amhaoir seachad idir,” ars Iain, agus e ag èirigh is adèanamh air an doras. “Tapadh leat airson na suipeir.”

Anns aphlèana air an t-slighe air ais a Chanada chunnaic Iain shuas anns an adhar taighean adol nan teine, agus armailt de chaoraich bhàna anochdadh thar nam beanntan.

Dhèigh e aig àirde a chlaiginn, “Chan eil làithean a’ mhaoir seachad fhathast.”

Dhùin e a shùilean agus chaidil e. Anns an t-suain, cha robh maor, no caora, rim faicinn.

title36.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page