38. Bòrd do Dheichnear
Nuair chaidh Murchadh agus Iseabail air bòrd, chan aithnicheadh iad duine beò a bha air a’ bhàta. Bàta mòr, eireachdail agus i dusan deic a dh’àirde. B’ fhada bho chuir iad romhpa gun deigheadh iad air cùrsa-mara, ach bha na prìsean cho daor. Co-dhiù, chunnaic iad sanas mòr sanDaily Mailaon Dhisathairne, a bha a’ tairgsinn chùrsaichean-mara air prìs nach robh gu tur seach an rathad. Chunnt iad gach sgillinn a bha aca, agus chuimhnich iad gun robh Murchadh air airgead-urrais fhaighinn bho chionn bhliadhna no dhà, mar thoradh air poileasaidh a thug Iseabail a-mach air a bheatha trithead bliadhna roimhe sin. Cha robh am poileasaidh na mheadhan air airgead a bha uabhasach mòr, ach bha gu leòr ann airson cobhair a dhèanamh ann an àm na h-èiginn, nam b’ e agus gun tigeadh an èiginn orra.
Bha an teaghlach a-nise air fàs suas agus bha iad an ceann an cosnaidh. Thuirt Iseabail gun robh feum aca air cùrsa-mara, gun robh feum aca air ùrachadh. B’ atharrachadh ùrachadh. Thuirt Murchadh nach robh dol-às aige ach gèilleadh do a cuid miannan, oir b’ ise a thug a-mach am poileasaidh agus a phàigh air a shon rè nam bliadhnaichean.
Agus bha iad a-nise air bòrd, an dèidh siubhal gun chiall a dhèanamh mus do ràinig iad an cidhe far an robh am bàta air bhog. Ach chaidh iad air chall uair no dhà bho dhìrich iad an staidhre chun a’ bhàta. Bha seòmar air leth snasail aca air bòrd – leabaidh is cathraichean, preasan-aodaich is seòmar-ionnlaid a bha uabhasach spaideil, le siabann annasach, cùbhraidh air an robh dath uaine.
Ainm a’ bhàta? – b’ e anGlobal Princessa bha oirre. Bha fios aca mus deach iad air bòrd gum faigheadh iad biadh uair sam bith a thogradh iad, ach rùnaich iad gun deigheadh iad co-dhiù a’ chiad fheasgar don t-seòmar-bìdhe a bu spaideile a bha air bòrd. Lorg iad e mu dheireadh. Bha e sgeadaichte le solais agus le dealbhan. Agus chan fhaca iad uiread de sginean agus de fhorcaichean agus de spàinnean nam beatha. Glainneachan is eile. Nach bu mhath a rinn Iseabail bho chionn trithead bliadhna leis a’ phoileasaidh!
Bha aca ri suidhe aig Bòrd 224. B’ iad a’ chiad fheadhainn a ràinig am bòrd. Ann an ùine ghoirid, ràinig càch. Ochdnar eile. Bòrd do dheichnear.
Dh’innis Iseabail gum b’ ise Iseabail. Dh’innis Murchadh gum b’ esan Murchadh. Agus càch: Peregrine agus Elizabeth. Mairead agus Daibhidh. Bartholemew (Bart) agus Georgina. Bill agus Jill.
Bhiodh gille-frithealaidh a’ seirbheiseachadh a’ bhùird fad na seachdaine. Marcas. Àisianach, a bha air leth gasta agus cuideachail. Modhail, cuideachd. Bheireadh e am biadh thuca, agus fìon is uisge ma bha iad ga iarraidh. Ged a bha am biadh pàighte ro làimh, dh’fheumadh iad am fìon, agus eadhon an t-uisge, a cheannach.
Thòisich na bha aig a’ bhòrd a’ bruidhinn ri chèile, ag innse do chàch a chèile cò às a bha iad agus dè na dreuchdan san robh iad airson cosnadh. B’ e seo a’ chiad chùrsa-mara aig Murchadh agus aig Iseabail. Bha Murchadh air a dhreuchd a leigeil seachad, an dèidh faisg air ceathrad bliadhna a chur seachad ag obair le fònaichean. Bha Iseabail air a bhith na nurs ann an ospadal mòr, ach bha ise air sgur a dh’obair mar an ceudna. Bha iad a’ faireachdainn gun robh thìde aca an casan a gharadh ris an teine airson greiseig, ged bha iad fada bho bhith dìomhain, a’ sgioblachadh timcheall an taighe is eile, rudan air nach d’ fhuair iad cothrom bho chionn fhada.
Ach bha Bart agus Georgina fhathast ag obair, esan san t-Seirbheis Shìobhalta ann an Lunnainn, ceangailte ri Taigh nan Cumantan. B’ e cunntair ann am banca a bh’ ann an Georgina. Cha robh Elizabeth ag obair idir. B’ e fear-gnothaich a bh’ ann am Peregrine, aig an robh sreath de bhùthan, a bhiodh a’ reic aodach bhoireannach. Thug Bill
Nuair rinn iad iomlaid air an eachdraidh seo, thàinig Marcas chun a’ bhùird, agus dh’òrdaich iad uile biadh. Abair biadh! Còig cùrsaichean. Agus bha an còmhradh( ’s na ceistean!) agus an ithe ’s an òl a’ gabhail àite fad dà uair a thìde is còrr.
Thuirt Iseabail gun robh farmad aice ri Elizabeth seach gun robh bùthan le aodach bhoireannach aig Peregrine. Nuair bha ise na nurs, cha robh a tuarastal a’ ruighinn air dreasaichean no air brògan eireachdail. Dh’fheumadh e bhith gun robh cothrom gu leòr aig Elizabeth air a leithid. Ach, is dòcha le dibhearsain, no bha amharas aig Iseabail nach b’ ann, is math dh’fhaodte gun robh Peregrine a’ nochdadh mar dhuine spìocach. Chuir e an cuimhne Elizabeth nach robh càil a-riamh a dhìth oirre bho phòs iad, agus mhallaich e i le a shùilean.
Chaidh a ràdh ri Jill gur iongantach mur e obair inntinneach a bha aice mar neach a bha a’ teagasg eachdraidh. Dh’aontaich Jill ris a’ bheachd, mur a bitheadh na sgoilearan crosta a bha anns na clasaichean aice. Agus dh’fhoillsich i, nam b’ urrainn dhi a dhol air ais ann an tìm, gun lùigeadh i bhith beò rè Linn nan Ròmanach. Daoine innleachdach. Daoine foghainteach. Daoine sgairteil. Ach b’ iongantach gun robh soithichean a leithidGlobal Princessair bhog anns na làithean sin.
Dh’innis Bill mu dhaoine annasach a bhiodh a’ tighinn thuige le eucailean. Bhruidhinn e mu aon dhuine a thàinig thuige, a’ gearan gun robh pian na chois. Rinn Bill rannsachadh agus sgrùdadh, ach cha lorgadh e càil seach an rathad ann an cas an euslaintich. Thuirt e ris an duine nach robh ann ach an aois. Ach cheasnaich an duine e, a’ faighneachd carson nach robh pian sa chois eile, oir bha i aige a cheart cho fada ris an tè san robh am pian!
Duine crost a bh’ anns a’ phost. Bhiodh e a’ leughadh nan cairtean a bhiodh daoine a’ cur gu chèile nuair bha iad air falbh air saor-làithean. Dh’innis Daibhidh mu rudan a bhiodh daoine ag ràdh ri chèile. Bha Somhairle a’ dol a chur sradagan fo chasan Anna, oir mheall i e. Fhuair e airgead mòr bhon chrannchur, ach cha tug e sgillinn dhi. Thuirt Barrabal ri Seumas gun robh gaol aice air, agus i an dòchas nach fhaiceadh bean Sheumais a’ chairt. Duine crost!
Mairead, a-nise. Thug i bliadhnaichean ag obair ann am bùth leabhraichean. Bha leabhraichean-gaoilMills and Boonuabhasach mòr-chòrdte – cailleachan a’ sireadh òige. Agus chuimhnich i air aon chàraid a thàinig a-steach don bhùth, agus dh’fhaighnich iad an robh leabhar aca mu òraidean. Bha esan, Wolfgang Dòmhnallach, a’ dol a dhèanamh òraid aig banais a mhic. Stiùir Mairead iad gu na sgeilpean iomchaidh, agus thagh iad leabhar air an robh “Wedding Bloomers.” Cha do chuir Mairead crìoch air an sgeulachd!
Bart. Dh’innis e mar a bhiodh esan ’s a leithid a’ riaghladh ciod a bha an riaghaltas a’ cur an gnìomh. Bha cumhachd mhòr aig Bart. Sin a bha e ag ràdh co-dhiù. Air a’ bhàta bha e daonnan air èideadh ann an aodach foirmeil, seacaid, briogais fhada, lèine is taidh, mar gun robh e fhathast aig obair. Is dòcha gun robh a chasan ro chaol airson nochdadh ann am briogais goirid! Dh’innis e mun Phrìomh Mhinistear agus mun chabanat, agus mar a bhiodh iad ag argamaid. Bha farmad aig gach neach ris a’ Phrìomh Mhinistear, oir bhiodh esan a’ dol chun na Lùchairt gach seachdain. Seoba math, agus sin ann anJaguar XJcuideachd. Bha Bart ag iarraidh gum biodh luchd a’ bhùird ga mheas cudromach. Ach cha do dh’òrdaich e aon ghlainne fìon. Dh’fhaodadh nach robh an tuarastal buileach cho math! No is dòcha gun robh e a’ gabhail ris a’ mholadh gum feumte na criosan a theannachadh. Ma bha, ciod a bha ga fhàgail air an t-soithich seo, ann am meadhan cuan gun chrìoch?
Aon fheasgar, agus am biadh nam broinn, thòisich an ceòl. “O, thèid mi fhìn le mo ghaol air a’ chùrsa, ’s ge bith dè a thachras is sinne nach bi tùrsach, dannsaidh gu madainn sinn le sgailc a bhios lùthmhor, is fhathast anns a’ mhadainn bidh sinn uile air bòrd.”
Thuirt Iseabail ri Murchadh gun dh’ionnsaich an seinneadair ud Gàidhlig air an son-san a-mhàin. Agus thuirt Murchadh ri Iseabail nach robh innte ach òinseach, nach robh e a’ cluiche ach CD, agus gur ann a bha e a’ mìmeadh nam briathran. Ach thuirt Iseabail gun robh buidhnean-foghlaim a’ dèanamh feum, le bhith a’ foillseachadh CDan agus a leithid de stuth. Airson Bart is Peregrine is Georgina, cha chuala iad òran Gàidhlig a-riamh; bha cuid dhiubh aig nach robh fiù fios gun robh Gàidhlig idir ann.
Mhair an ceòl mu chairteal na h-uarach, agus bha e follaiseach gun robh Marcas agus an luchd-frithealaidh eile a’ fàs beagan an-fhoiseil. Dh’fheumadh iad na bùird a sgioblachadh fa chomhair bracaist làrna-mhàireach. Cha bhiodh e furasta àite ullachadh do chòrr air dà mhìle neach ro mhadainn.
Suas gu seo, cha robh Georgina air mòran a ràdh, ach gun dh’òrdaich i a biadh. Nuair bha i air ithe, thòisich i ag innse mun obair a bha aice. Bha rudan èibhinn a’ tachairt anns a’ bhanca. Aon là thàinig boireannach a-steach agus i ag iarraidh airgead a thoirt a-mach. Dh’fhaighnich Georgina don bhoireannach an robh rudeigin aice a dhearbhadh gur i a bh’ ann mus tugadh Georgina dhi an t-airgead. Thòisich am boireannach a’ rùrach na baga, agus mu dheireadh thug i sgàthan beag a-mach às a’ bhaga. Sheall i ri a h-aodann san sgàthan, agus thuirt i ri Georgina gu dearbha gum b’ i a bh’ ann. Thuirt i gun aithnicheadh i a h-aodann fhèin an àite sam bith! Cha do dh’innis Georgina an tug i dhi an t-airgead a bha i a’ sireadh, seadh gus an do dh’fhaighnich Daibhidh dhi. Tha e coltach gun tàinig iad gu aonta air choreigin agus nach do dh’fhalbh am boireannach às a’ bhanca le sporan falamh!
Bha e a-nise a’ fàs dorch agus bha a’ ghaoth ag èirigh. Cha b’ e gun robh i na gèile no eadhon coltach ri gèile, ged chluinnist sluaisreadh nan tonn a’ bualadh a’ bhàta. Cha robh Elizabeth toilichte leis a’ ghluasad seo, agus dh’fhoillsich i gun robh eagal oirre mu chur-na-mara. Dh’fheuch Iseabail ri a ciùineachadh le bhith ag ràdh gun robh e follaiseach nach robh i air a’ Chuan Sgìth a-riamh. Agus co-dhiù, smaoinich Mairead, ma bha uiread de eagal oirre, carson fon ghrèin a
A-nise, bhiodh an t-soitheach a’ tadhal air eileanan air an turas. A’ mhadainn mus robh an cùrsa-mara a’ crìochnachadh, chaidh Murchadh is Iseabail, Bart is Georgina, Peregrine is Elizabeth, Bill is Jill is Daibhidh is Mairead air tìr air Eilean Chòcaigh. Chaidh, agus iomadh neach eile a bha air a’ chùrsa-mara. Chunnaic iad eachdraidh, a bha beò fhathast nan saoghal fhèin. Clachan is clachan. Ach cha do thill neach den deichnear gu bhith air bòrd idir. Dh’fhuirich am bàta dà uair a thìde riutha, ach mu dheireadh b’ fheudar dhi falbh às an aonais, oir bha cùrsa-mara eile gu bhith a’ tòiseachadh ann am beagan làithean.
Chan fhacas iad agus cha chualas bhuapa bhon uair sin. Bha feadhainn a’ smaoineachadh gun deach iad air chall no gu bheil iad fhathast nan suidhe cruinn mu bhòrd ann am fàsach air choreigin, fada bho thìr an eòlais, fada bho thìr nam beò, ag innse chriomagan de eachdraidh am beatha do chàch a chèile, agus Elizabeth a’ seinn no a’ mìmeadh briathran an òrain:
Is truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr,
An fhìrinn a th’ agam nach maraiche mì,
Is truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr –
Rim mhaireann cha till mis’ a sheòladh.
title | 38. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |