39. Tormod
Eadar Waverley Dhùn Èidinn agus Inbhir Chèitein bha boireannach rudeigin òg na suidhe rim thaobh san trèana. Bha an trèana làn agus a’ cur thairis. Bha falt fada, bàn air a’ bhoireannach. Cha do bhruidhinn sinn ri chèile idir. Bha fear a’ fuireach rithe nuair stad an trèana aig Inbhir Chèitein. An sin thàinig dithis no triùir air bòrd, agus shuidh fear san t-suidheachan a bhlàthaich an tè bhàn.
B’ e duine òg a bha ann, mu thrì air fhichead, theirinn. Bha fhalt air a bhearradh gu goirid, coltach ri asbhuain foghair, agus bha failmheachan na chluais, coltach ri fàinne a bhiodh ann an sròn tairbh. Bha e air èideadh bho mhullach gu a bhonn ledenim, agus cluicheadair-ciùil beag aige na làimh, le uèir agus dà phluca a chuireadh e na chluasan. Cha do chòrd a choltas rium. Bheir mi Tormod mar ainm air, ged nach b’ e sin an t-ainm a bha air idir.
Nuair chunnaic e gun robh mi a’ leughadh iris mu sheann chàraichean, mu chàraichean clasaigeach, bhruidhinn e rium.
“Tha ùidh agad ann an seann chàraichean,” ars esan.
“ ’S dòcha gu bheil iad a’ toirt cuibhreann bheag dem òige a-steach orm,” fhreagair mi.
“Baidhc as fheàrrr leam fhìn,” ars esan.
Agus chithinn e air dà chuibhle, a’ dol sìos an rathad aig ceud mìle san uair, a’ sgapadh chearcan agus chailleachan san fhuaim, san stùir agus anns an astar.
Agus thàinig fear mun cuairt le troilidh a’ reic deoch. Dh’iarr mise uisge-beatha, agus dh’iarr Tormod ceithir botail de leannBecks. Bha
“An ann air làithean-saora a tha thu?” dh’fhaighnich e.
“Chan ann,” fhreagair mi. “Bha mi ann an Dùn Èideann aig coinneamh.”
“Dè an seòrsa coinneimh?”
“Coinneamh mu fhoghlam,” arsa mise.
“Bha Norton mòr agam uaireigin,” arsa Tormod. “500cc agus dh’fhalbhadh e mar an donas.”
Bha briathran Thormoid (b’ann sa Bheurla a bha sinn a’ bruidhinn) air am breacadh le facail ris an canadh mòran droch chainnt. Ach bha e mar nach robh e mothachail air gun robh e gan labhairt. Agus bha botal bho bhotal a’ traoghadh. Dh’fhaighnich mi dha an robh obair aige.
“Tha mi san arm,” ars esan.
“Saighdear,” arsa mise.
“Saighdear,” ars esan. “Trì bliadhna eile agus gheibh mi a-mach às an arm.”
A rèir coltais, cha robh an t-arm a’ còrdadh ris.
“Cha toigh leam a bhith a’ marbhadh dhaoine,” ars esan. “Bha mi ann an Afghanastan,” ars esan. “Agus tha iad gam chur a dh’Afghanastan a dh’aithghearr a-rithist. Bha sinn stèidhichte sa Ghearmailt aig an àm. Agus chuir iad sinn a shabaid a dh’Afghanastan. Bha m’ athair na shaighdear cuideachd nuair bha e òg. Cha robh mise agus m’ athair a’ faighinn air adhart idir. Agus chaidh mise don arm gus an dearbhainn dom athair gum bithinn nam shaighdear na b’ fheàrr na esan.”
Dh’innis Tormod dhomh mar a mharbh e fhèin daoine sa bhlàr.
“Bha sinn a’ sabaid ri na naimhdean,” ars esan. “Mi fhìn agus mo charaid, Tam. Bha iad a’ losgadh oirnn. Cha robh dragh agam dhìom fhìn, ach cha robh mi ag iarraidh gun deigheadh Tam a leòn. Ach chaidh Tam a bhualadh. Bha iad ag amas air an tanc. Bhàsaich e ann
Mhothaich mi gun robh beagan de chrith na ghuth. Agus shluig e steall eile à botal.
Cha robh Tormod a’ creidsinn ann an Dia idir. Cha robh e a’ tuigsinn ciamar a b urrainn do Dhia cogaidhean a cheadachadh. Agus b’ e an co-dhùnadh gun tàinig e nach robh Dia ann.
“A bheil thusa a’ creidsinn ann an Dia?” dh’fhaighnich e.
B’ i siud ceist nach do chuir duine orm a-riamh. Stad mi greiseag.
Agus an uair sin: “Tha,” arsa mise.
“Ach chan fhaca tusa cogadh a-riamh,” ars esan.
“Chan fhaca,” arsa mise.
Bha an trèana a’ siubhal gu tuath mean air mhean. Thàinig gille na troilidh a-rithist. Ach cha robh Tormod ag iarraidh an còrr de leann. Ach dh’iarr e uisge-beatha. A-nise bha eagal orm nach seasadh e air a chasan nuair ruigeadh sinn Inbhir Nis. Ach cha b’ ann dha fhèin a dh’iarr e an t-uisge-beatha. Shìn e thugam e an dèidh dha a cheannach.
“Tha sin mar thaing airson a bhith a’ bruidhinn rium,” ars esan. “Mar as trice, nuair chì daoine mi tha iad ag iarraidh mo sheachnadh. Tha fios agam gu bheil mi a’ coimhead olc le m’ fhalt air a bhearradh mar seo. Ach ’s e an t-arm a thug orm a bhith mar seo.”
Thug mi taing do Thormod airson an uisge-bheatha. Cha do leig mi guth orm ris nach robh mòran de roghainn agam sa chùis a thaobh a bhith na chuideachd, oir bha mise ris an uinneig nuair dh’fhalbh an tè bhàn agus a shuidh esan na h-àite. Dh’fhaighnich e dhomh an ann an Inbhir Nis a bha mi a’ fuireach. Dh’innis mi dha gur ann a bha mi a’ fuireach ann an Steòrnabhagh. Cha chuala e mun àite a-riamh. Ach bha fios aige càite an robh Afghanastan agus Dusseldorf agus Bonn.
“Chan urrainn dhòmhsa uisge-beatha òl,” ars esan. “Bidh e gam losgadh. Chan eil fios agam ciamar is urrainn do dhuine sam bith uisge-beatha òl. Smaoinich. Saighdear, agus Albannach cuideachd,
Bha mi a’ faicinn buaidh an leanna a’ nochdadh rim thaobh.
“Agus dè mu Afghanastan?” arsa mise.
“Chan eil eagal orm idir,” fhreagair e. “Ach seall orm. Dè eile a bhiodh annam ach saighdear? Cuiridh mi orm mo dheise, agus thèid mi a-mach do na sràidean lem ghunna, lem pheilearan – ullaichte gu daoine a mharbhadh. Agus cha toigh leam a bhith a’ marbhadh dhaoine. Cha tug an t-arm an cridhe asam fhathast. Agus feumaidh mi mi fhìn a dhìon. Feumaidh mi mo chàirdean a dhìon. A h-uile là bidh mi a’ smaoineachadh air Tam. Feumaidh mi mo chàirdean a dhìon.”
Bha sinn mu uair a thìde à Inbhir Nis. Bha am botal leanna mu dheireadh an ìre mhath falamh.
“Tha mi sgìth,” arsa Tormod, “agus tha mi a’ dol a dh’fheuchainn ri cadal.”
Chuir e an cluicheadair-ciùil air dòigh agus chuir e an dà phluca na chluasan. Chluinninn briathran an òrain ris an robh e ag èisteachd, ged a bha am fuaim air a thionndadh gu math ìosal. Bha Tormod air chall am measg nam briathran agus anns a’ cheòl, agus iad ag èigheachd ris: I could do with a little help from my friends. Ann am mionaid no dhà bha e na shuain chadal. Ràinig an trèana Inbhir Nis agus phut mi Tormod airson a dhùsgadh. Cha robh buaidh an leanna buileach cho follaiseach. Rinn an cadal feum dha. Bha mi an dòchas gun rinn an còmhradh feum dha cuideachd.
Thuirt mi ris mus do dh’fhàg e an trèana gun robh mi an dòchas gun deigheadh gu math dha ann an Afghanastan. Cha do fhreagair e mi. B’ ann a bha cùisean mar gun robh mi air rudeigin uabhasach ceàrr a ràdh. Thog e a bhaga. Chaidh e a-mach às an trèana gun fhacal. Chaill mi sealladh air anns a’ chuan de dhaoine a thàinig bhon trèana.
Tha dà mhìos bho dhealaich mise agus Tormod. Ach bho chionn seachdain no dhà agus mi air an dearbh thrèana, nam aonar an turas seo, gun tè bhàn no saighdear air fàire, a’ siubhal eadar Dùn Èideann agus Inbhir Nis, bha mi a’ leughadh a’ phàipeir-naidheachd. Bha litrichean mòra, dubha ag èigheachd gun deach triùir shaighdearan
Bha fadachd air Tormod gus am faigheadh e a-mach às an arm. Ach, bròinean, fhuair e às na bu luaithe na bha e an dùil. ’S tha taibhs de thrèana a’ siubhal gun sgur eadar Dùn Èideann agus Inbhir Nis mar fhianais air neach a roghnaich cogadh an àite sìth.
Slàn leat, a Thormoid. An tuirt mi an rud ceàrr mus do dh’fhàg thu an trèana an Inbhir Nis air feasgar fuar foghair? Cha bhi fios agam air sin gu bràth, agus tha e cho math nach bi. Ach am bliadhna, cuiridh mi dìthean dearg nam bhroilleach dhut.
title | 39. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |