4. Ròsan
Bha bùth nam flùraichean dìreach air iomall baile Àrd nan Cnoc. Cha b’ urrainn do dhuine gun a faicinn san dol-seachad, oir bha an gàrradh san robh i sgeadaichte le bòidhchead dhathan de gach seòrsa. Bha bodaich is cailleachan bheaga de chrèadh an siud ’s an seo, air feadh an àite, iad fhèin iomadhathach, mar gum biodh iad a’ dìon nam flùraichean. Corra chraobh cuideachd. Agus poitean le lusan. Pocannan de ùir. Soithichean is eile. Gach nì a dh’iarradh tu nad ghàrradh. Agus cùbhraidheachd.
Stad càr mòr, brèagha, dubh aig a’ bhùth. Thàinig Mgr MacThòmais às a’ chàr, agus, an dèidh dha sùil a thoirt mun cuairt, chaidh e a-steach don bhùth. Chuimhnich e gum biodh a mhàthair ochdad bliadhna ann an dhà no thrì làithean. Bha e cho doirbh rudeigin fhaighinn do neach a ràinig an aois sin, agus co-dhiù bha ise a’ fuireach mu cheud gu leth mìle air falbh. Bha gu leòr aice. Chan fhac’ e i bho chionn naoi mìosan, ach bhiodh e a’ fònadh an-dràsta ’s a-rithist. ‘A’ dèanamh mo dhleastanais’, bhiodh e ag ràdh ris fhèin. Agus nach robh esan cho trang co-dhiù – ag obair agus a’ cosnadh. Cha robh mòran ùine aige airson a bhith a’ smaoineachadh air seann dhaoine (bha e cho trang!) a bha a’ dlùthachadh air an starsaich eadar beatha agus bàs. ‘Beatha a’ tighinn gu ceann’ theireadh e uaireannan ris fhèin. Ach, corra uair thigeadh e a-steach air gum faodadh an starsach a bhith na bu dlùithe air daoine na bha iad an dùil. Uaireannan, bhiodh eagal air.
Cha robh duine a-staigh sa bhùth ach nighean bheag, òg agus bean-na-bùtha. Bha e follaiseach gum b’ aithne do bhean-na bùtha
“Dè tha thu ag iarraidh am bliadhna, a Mhàiri?” ars ise ris an nighinn. Ach bha fios aice ciod a bha Màiri ag iarraidh.
“Am bliadhna?” smaoinich Mgr MacThòmais.
“Dìthean,” fhreagair Màiri.
Bha deòir na sùilean. Chunnaic bean-na-bùtha na deòir ud roimhe.
“Aon dìthean? Mar as àbhaist?” dh’fhaighnich bean-na-bùtha.
“Aon dìthean,” fhreagair Màiri.
“Ròs?” thuirt i.
“Ma tha airgead gu leòr agam,” arsa Màiri.
“Ròs dearg – no ròs buidhe?”
“Dearg.”
Thug Màiri dòrlach de sgillinnean ruadha a-mach às a pòcaid, agus chuir i air a’ chuntair iad. Ionmhas mòr!
“Ghoid mi an t-airgead,” arsa Màiri. “Ghoid mi na sgillinnean.” Cha robh i a’ faireachdainn ciontach, oir cha b’ aithne dhi ciod a bh’ ann an ciont.
Bha Mgr MacThòmais a’ sireadh dhìtheanan cuideachd, agus bha e san èisteachd. Bha an èisteachd a’ dèanamh dragh dha.
Bhruidhinn e ri Màiri.
“Aon dìthean?” ars esan.
“ ’S e,” thuirt Màiri. “Aon dìthean. Chan eil airgead gu leòr agam.”
“Carson a tha thu a’ ceannach dhìtheanan mur eil airgead gu leòr agad?” dh’fhaighnich Mgr MacThòmais.
Thug bean-na-bùtha sùil air Mgr MacThòmais, ged nach robh aithne sam bith aice air. Bha teachdaireachd air choreigin anns na sùilean aice. Cha do bhuail an teachdaireachd air Mgr MacThòmais.
Fhreagair Màiri: “Gach bliadhna tha mi a’ ceannach dìthean. Feumaidh mi dìthean a cheannach gach bliadhna.”
“Carson?” dh’fhaighnich Mgr MacThòmais.
“Dom mhàthair,” ars ise.
Bha Màiri mu dheich bliadhna a dh’aois. Cha robh tuar a gnùise ach bàn, ro bhàn airson caileag cho òg. Bha a trusgan rudeigin
“Tha m’ athair ag òl,” ars ise. “Ag òl gun sgur. A h-uile feasgar bidh e a’ dol sìos am baile. Agus tillidh e uaireigin, agus bidh e ag èigheachd. Bidh e a’ faighneachd dhomh carson nach eil biadh air a’ bhòrd. Chan eil cothrom aig mo mhàthair ionnsachadh dhòmhsa ciamar a nì mi biadh. Tha m’ athair cho cruaidh. Ach mo mhàthair – boireannach sèimh, socair. Feumaidh mi ròs – ròs dearg, dearg mar fhuil, mar mo chridhe – a cheannach dom mhàthair. Feumaidh mi ròs ... ”
“A bheil cabhag oirbh?” dh’fhaighnich bean-na-bùtha do Mhgr MacThòmais.
“Chan eil,” fhreagair e. “Cabhag, chan eil idir.”
Bha Mgr MacThòmais air a bheò-ghlacadh le Màiri bheag. Is dòcha gun robh i ag iarraidh dìthean a bheireadh i da màthair air a breith-là, dìreach mar a bha esan a’ dol a chur bagaid dhìtheanan gu a mhàthair fhèin, ’s i a’ sreap ris an ochdad bliadhna. Bha e a’ smaoineachadh gum biodh màthair Màiri gu math na b’ òige na sin, oir, na shùilean-san, cha robh ann am Màiri ach pàiste. Ach bha airgead gu leòr aigesan – cha b’ e dhà no thrì sgillinnean ruadha a ghoid e à àiteigin bho chuideigin.
“Carson a ghoid thu na sgillinnean?” dh’fhaighnich e do Mhàiri.
“Cha toir m’ athair airgead dhomh. Tha e ag òl. Chan eil diù aige dom mhàthair, agus feumaidh mise ròs fhaighinn dom mhàthair. Chan eil gàrradh againn anns am fàs dìtheanan. Càil ach cabhsair mòr, grànda, glas. Bidh sinn ag ithe biadh a bhios m’ athair a’ ceannach ann am bùth mhòr Superco. Bidh e ga chur don àmhainn agus bidh am biadh teth ann an còig mionaidean. Bidh mise ag òl glainne còc lem bhiadh, agus an uair sin bidh m’ athair a’ falbh sìos am baile. A’ falbh sìos a dh’òl. Chan ann a dh’òl còc. Ach tillidh e uaireigin. Tillidh e na dhòigh ’s na ùine fhèin. Agus bidh e ag èigheachd.”
Thòsich Màiri a’ gul a-rithist. Cha mhòr nach robh bean-na-bùtha a’ gul cuideachd, ged a bha i cruaidh, agus i a’ reic dìthean ri Màiri gach bliadhna. Dh’fheumadh i a h-aran làitheil a chosnadh. Agus cha
“Trobhad thusa,” arsa Mgr MacThòmais, “agus ceannaichidh mise bagaid dhìtheanan dhut a bheir thu gud mhàthair. Tha mi cinnteach gum bi i toilichte le na dìtheanan. Bagaid de ròsan buidhe (buidhe airson toileachas) is dearga.”
Bha na deòir a-nise a’ sruthadh gu bras bho shùilean Màiri.
“Taing mhòr dhuibh,” arsa Màiri.
“Dà bhagaid mhòr de dhìtheanan,” thuirt Mgr MacThòmais ri bean-na-bùtha. “Ròsan dearga agus ròsan buidhe anns gach bagaid – oir tha mise cuideachd a’ ceannach dhìtheanan dom mhàthair fhìn.”
Thog Màiri na sgillinnean bhon chuntair, agus chuir i na pòcaid iad. Rinn iad gliong mar nach do rinn iad a-riamh roimhe. Seòrsa de chiont do-ainmichte. Cha ghoideadh i gu bràth tuilleadh. Sin a thuirt i rithe fhèin.
“Tha mi a’ dol a thilleadh nan sgillinnean,” arsa Màiri. “Na sgillinnean a ghoid mi. Ach cha bhi fios aig mo mhàthair gu bràth gun ghoid mi iad. Cha chòrdadh sin rithe, ged a chòrdadh ròs rithe. Cha toir m’ athair ròs dhi!”
“Tha mi cinnteach gun tugadh i mathanas dhut,” thuirt Mgr MacThòmais. “Is cinnteach gur ann a bha na sgillinnean agad air iasad. Agus b’ e dùrachdan dod mhàthair a bha nad chridhe. Boireannach ionmholta, a rèir coltais. Bu toigh leam a coinneachadh uaireigin.”
“Nach tig sibh còmhla rium gus am faic sibh far a bheil i,” thuirt Màiri. “Agus bheir mi na ròsan dhi nuair thadhaileas sinn oirre. Tuigidh sibh an uair sin carson a tha mi a’ ceannach ròs gach bliadhna. Agus innsidh mi dhi cò thug dhomh na ròsan.”
Thug bean-na bùtha sùil air Mgr MacThòmais. Sùil a bha ag innse dha nach robh cùisean cho sìmplidh ’s a bha e an dùil. Thuirt i gun robh ise a-nise a’ dol a dhùnadh na bùtha, agus gun deigheadh iad nan triùir gu far an robh màthair Màiri.
“Thèid sinn ann sa chàr,” arsa Mgr MacThòmais.
Agus chaidh iad le chèile don chàr mhòr, bhrèagha, dhubh.
’S bha Màiri a’ smaoineachadh, mur a biodh a h-athair ag òl, ’s mur an robh Freasdal air a bhith cho cruaidh, gum biodh càr den t-seòrsa aca fhèin. Ach cha robh ùidh aig a màthair ann an càraichean, gu sònraichte ann an càraichean dubha. O, nach b’ ise a bha air chomas deagh bhiadh a bhith deiseil aice fa chomhair fear na misge.
“Càit’ a bheil sinn a’ dol?” dh’fhaighnich Mgr MacThòmais.
Bha fàileadh àlainn nan ròsan a’ lìonadh àile a’ chàir. Seòrsa de fhàileadh beatha. Fàileadh samhraidh. No eadhon fàileadh bàis. No fiù fàileadh eile.
Agus bha fios aca uile gun robh iad air turas cudromach. Threòraich bean-na-bùtha iad chun a’ gheata mhòir. Ach bha Màiri eòlach air an t-slighe. Bha i eòlach air a’ gheata mhòr. Ro eòlach.
“Dachaigh mo mhàthar,” arsa Màiri.
An ceann greis agus grunn cheumannan, ràinig iad an leac anns a’ chladh. Chuir Màiri na dìtheanan aig cas na lice. Cha robh sgeul air ròs na bliadhn’ an-uiridh. Shearg an ròs sin ann an gluasad tìme, ged nach do shearg ann an gluasad cuimhne.
“Seo far a bheil màthair Màiri a’ còmhnaidh,” arsa bean-na-bùtha. “Seo an dachaigh air a bheil i a’ tadhal gach bliadhna, le ròs na làimh.”
Bha deòir Màiri ag ùrachadh an fheòir a bha a’ còmhdach dachaigh a màthar.
Sheas iad an sin nan triùir – Màiri, Mgr MacThòmais agus bean-na-bùtha – gun fhacal a ràdh. Nach robh na bha fan comhair ag ràdh gu leòr riutha. Agus bha an latha, agus an t-àite, cho fuar. Dh’fhairich Mgr MacThòmais seòrsa de chrith a’ siubhal tro a chnàmhan. Cha b’ urrainn dha fuireach an siud na b’ fhaide. Leig e beannachd leis an dithis eile agus rinn e air a’ gheata.
Leum e don chàr, agus thòisich e a’ dràibheadh. Ceud mìle gu leth! Bha e gu math sgìth nuair a ràinig e. Dh’fhosgail e an doras gun ghnogadh. Bha i na suidhe an sin sa chathair. Thug e dhi a’ bhagaid mhòr de ròsan.
“Deagh bhreith-latha dhuibh, a mhàthair,” ars esan.
Rinn i gàire mòr leis an toileachas, agus thug i taing dha. Agus chunnaic e cuideachd deòir an toileachais na sùilean. Agus smaoinich
Air an t-slighe dhachaigh, bha e a’ smaoineachadh air a mhàthair fhèin ’s air màthair eile nach fhac’ e a-riamh, màthair eile nach fhaiceadh e gu sìorraidh. Agus smaoinich e gun dh’fhàg i dìleab luachmhor na dèidh – Màiri bheag.
Bliadhna an dèidh dhi tachairt ri Mgr MacThòmais, chaidh Màiri a-rithist gu bùth nam flùraichean. Cheannaich i aon ròs dearg bho bhean-na-bùtha. Agus nuair a ràinig i uaigh a màthar, bha ròs dearg an sin roimhpe.
Saoil cò às a thàinig an ròs? Bha fios aice, agus thug i taing shàmhach do choigreach nach robh an làthair
title | 4. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |