40. Còmhradh is Agallamh
Bha mi fortanach cothrom fhaighinn air agallamh a chuairteachadh leis a’ bhàrd ainmeil, Seòras O’Reilly agus mi aig fèill leabhraichean sa bhaile mhòr. Mar a bhios fios aig mòran, rinn O’Reilly ainm dha fhèin mar bhàrd a bha a’ sgrìobhadh sa Bheurla san linn a dh’fhalbh agus san linn seo cuideachd, agus is dòcha gum bi cuid eòlach air feadhainn de na dàin aige, a leithidThoughts of Stone, Summer MoonshineagusCandlewick Express. Thuirt e fhèin, mar a chì sinn an ceartuair, gun chaill e cunntas bho chionn fhada air an àireamh de dhàin a sgrìobh e, seach gu bheil iad sgapte air feadh an àite, cuid ann an leabhraichean, cuid ann an irisean agus cuid ann am pàipearan-naidheachd. Mar sin, tuigear nach eil anns na trì a dh’ainmich mi ach criomag bheag de na sgrìobh e thuige seo.
Thòisich an t-agallamh le bhith a’ faighneachd dha mu ainm, oir bha mi cinnteach gun robh fuil Èireannach na chuislean. Dh’innis e dhomh nach e Èireannach a tha ann fhèin idir, ach gum b’ e Èireannach a bha na sheanair. Tha e coltach gun tàinig a sheanair a-nall a dh’Alba bho chionn bhliadhnaichean a shireadh obrach, agus bha e fortanach gun d’ fhuair e cosnadh anns na gàrraidhean-bhàtaichean air Abhainn Chluaidh. Phòs seanair O’Hara ann an Glaschu, agus bha e fhèin ’s a bhean, aig an robh buinteanas ri Eilean Mhuile, a’ fuireach ann an seann teanamant fad bhliadhnaichean. Chaochail a sheanair agus e fhathast na dhuine rudeigin òg, ’s bha a sheanmhair air a fàgail le ceathrar chloinne airson a’ chuid a b’ fheàrr a b’ urrainn dhi a dhèanamh anns a’ bhaile mhòr fhuar, agus sin air
Tha O’Reilly, am bard, a-nise ceathrad bliadhna ’s a trì a dh’aois, agus thòisich e ag innse dhomh mar a bhiodh e fhèin agus feadhainn eile a’ dol a choimhead Celtic a’ cluiche ball-coise a h-uile cothrom a gheibheadh iad. Dh’innis e beagan dhomh mu làithean na sgoile ann an Glaschu, ach cha robh e ag iarraidh mòran a ràdh mu dheidhinn sin. Agus thuig mi nach robh e fhèin agus an sgoil a’ tighinn air a chèile idir, agus nach biodh e ga frithealadh ach nuair a b’ fheudar dha. B’ iomadh turas a theasaich an cuip a bhoisean agus e air a lorg shìos am meadhan a’ bhaile nuair bu chòir dha a bhith san sgoil.
Co-dhiù, chaidh aige air an sgoil fhàgail mu dheireadh, agus fhuair e obair aig Comhairle Ghlaschu a’ sgioblachadh nam pàircean sa bhaile. Cha do mhair e fada san obair sin, agus bha leth dusan obair aige bhon uair sin agus gach tè dhiubh na bu duibhe na an obair san robh e roimhe.
Dh’fheuch mi ri beagan fhaighinn a-mach mu làithean òige aig an taigh, oir bha mi an dùil gu nochdadh beagan fiosrachadh ach an robh buaidh aig na làithean sin air a chuid bàrdachd. Tha e coltach gur e duine cruaidh a bha na athair, Mìcheal O’Reilly, duine nach do rinn mòran obrach na bheatha. Bhuineadh màthair Sheòrais do Ghlaschu, agus b’ ise a bha air ceann a’ bheagan cosnaidh a bha a’ cumail na beatha riutha – a’ glanadh thaighean is thallaichean is eile. Cha robh e a’ càineadh athar ann an dòigh sam bith airson cho leisg ’s a bha e, ach bha e furasta fhaicinn gun robh e a’ meas nach d’ fhuair esan cothromach mar a bha aig gillean eile a bha nan co-aoisean.
Dh’fhaighnich mi dha cuin a thòisich e a’ sgrìobhadh bàrdachd, agus carson a thòisich e a’ sgrìobhadh. Thuirt e rium gun thòisich e a’ sgrìobhadh bàrdachd goirid an dèidh dha an sgoil fhàgail. Bha e aon mhadainn Sàbaid aig naBarras, mar a thuirt e fhèin, agus bha e a’ ruamhar tron bhathar a bha ri fhaotainn an sin. Thurchair gun thog e seann leabhar, leabhar anns an robh bàrdachd le caochladh ùghdaran. Cha robh an leabhar a’ cosg ach dhà no thrì sgillinnean, agus cheannaich e an leabhar ged a bha an còmhdach rudeigin salach agus ged a bha cuid de na duilleagan rudeigin piullach, agus
“B’ urrainn dhòmhsa rudan mar seo a sgrìobhadh,” ars esan ris fhèin, “agus sin gun a bhith ag atharrais.” Ach saoilidh mi gun shiubhail bàrdachd O’Reilly astar math bho leabhar beag namBarras! Chuala e uaireigin cho beairteach ’s a dh’fhaodadh duine a bhiodh a’ sgrìobhadh leabhraichean a bhith, ach chuala e cuideachd mu fheadhainn nach dèanadh amas air an aran làitheil a chosnadh tro a leithid de shaothair. Ach cha b’ aithne dhasan beairteas a-riamh, agus dhuisg leabhar beag piullach namBarraslasair na eanchainn. Ach, mar a thuirt e fhèin, feumaidh gun robh an èibhleag falaichte an siud co-dhiù. Feumaidh gu robh gu dearbha.
A bharrachd air leabhar namBarras, cha robh O’Reilly idir cinnteach ciod na nithean eile a thug buaidh air mar bhàrd. Bha e, na bheachd-san, doirbh sin a mhìneachadh seach nach biodh e a’ smaoineachadh air a leithid nuair bhiodh e a’ sgrìobhadh. Dh’aontaich e gun robh e air cliù a chosnadh dha fhèin ged nach robh am beairteas da rèir, ach bha ceist air ach ciod cho airidh ’s a bha e air a’ chliù sin. Ann an dòigh bha an t-agallamh a’ gluasad gu bhith na chòmhradh, agus bha mi a-nis a’ miannachadh tòiseachadh a’ bruidhinn mu chuid de na dàin air leth a sgrìobh e.
Thòisich mi leCandlewick Express. Mhiotraig mi a ràdh gun robh e follaiseach, nam bheachd-sa co-dhiù, gur e bàrdachd a bha seo mu shuidheachadh dhaoine san t-saoghal. Thuirt e gun robh sin ceart ann an dòigh. Ach carson an tiotal seo? Dh’inns e dhomh mun tiotal, agus leudaich e air a’ bhàrdachd.
“Aon turas,” ars esan, “bha mi a’ siubhal tron oidhche air trèana eadar Lunnainn agus Glaschu. Agus mus do chuir mi mo cheann fodham airson na h-oidhche, chaidh mi a-steach do sheòmar san trèana airson drama fhaighinn. Cha robh duine beò san t-seòmar nuair chaidh mi a-steach, ach am fear-frithealaidh a-mhàin. Ach bu ghann a bha mi air mo bhilean a fhliuchadh nuair bhrùchd mu leth dusan Sasannach, eadar caogad is seasgad bliadhna a dh’aois a-steach. Dh’òrdaich iad branndaidh is bhodca is rudan mar sin,
“Bha facail mhòra marForeign Office, By JoveagusTreasurya’ dol. Bha iad a’ dèanamh air co-labhairt ann an Glaschu, a theagasg rud no dhà do na h-Albannaich. Shuidh mi fad dà uair a thìde gu mì-mhodhail gan èisteachd. Facail mhòra eile, marhypothetical, agus mar Botswana agus marfaux pas. B’ eòlach an seanairean orra. Agus is ann mu na daoine còire sin a tha a’ bhàrdachd seo.
“Agus dh’fhaighnich thu mun tiotal. Uill, nuair bha iad air tè na dhà no trì òl, chuir iad romhpa a dhol a laighe gun fhios nach tòisicheadh iad a’ seinn. Agus dh’èigh fear dhiubh ri càch gur iongantach gu maireadh esan ro fhada ann an tìr a’ chadail, oir gur ann a bha esan cleachdte ricandlewickagus nach b’ ann ri plàigh de dhùvet. Is ann bho sin a thàinig tiotal na bàrdachd.”
An sin thuig mi gu bheil sgeulachd air cùl gach sgeòil, agus cha robh mi ag iarraidh an còmhradh a leigeil seachad. Saoil dè na nithean inntinneach eile a bhrosnaich O’Reilly airson a làmh is eanchainn a stiùireadh gu bàrdachd? Dh’ainmich mi dàn no dhà a chòrd rium agus air an robh cuimhne agam. Leig e seachad cuid dhiubh, ach ghreimich e ri aon air an robh an tiotalB & B.
“Tha mi a’ creidsinn,” ars esan, “nuair chì daoine tiotal na bàrdachd seo gum bi iad a’ smaoineachadh gur ann mu leabaidh ’s mu bhracaist a tha i. Agus is dòcha gu feum thu siubhal tro bheagan de na briathran gus an tuig thu nach ann. Cha do dh’innis mi cheana, agus chan eil a’ bhàrdachd fhèin ga innse, ged thuigeas tu gur ann mu dhithis dhaoine a tha i, ciod a tha na litrichean B agus B a’ ciallachadh. Uill, tha iad a’ seasamh airson Bill agus Bertha. B’ e càraid phòsta a bha san dithis seo, agus bha iad a’ fuireach ann an teanamant ann an Glaschu.
“Bha iad daonnan a’ trod. Mura smaoinicheadh an dara neach air cuspair airson a bhith a’ trod, smaoinicheadh an neach eile. Agus chluinneadh tu iad a’ mionnan air taobh thall na h-aibhne ged a bha iad a’ fuireach deagh astar bhuaipe. Agus aon là thuit Bill marbh le grèim-cridhe. Bha rànail air Bertha nach cualas a leithid ann an
“Ged a bha Bertha mar a bha i, bha mise cinnteach gun robh i rudeigin coltach ri Syphonix san dealbh-chluich aig Olaidh Bartrusse nuair a chaill i a cèile. Agus nuair a chaochail Bill, chaidh mise a ghluasad gu bàrdachd.”
Cha robh mise a-riamh air cluinntinn mu Bhartrusse no mu Shyphonix, ach cha leigeadh m’ aineolas leam sin fhoillseachadh, gu sònraichte seach gun robh mi a’ dol fon ainm gun robh tomhais bheag air choreigin de sgoil agam. Ach bha fios aig O’Reilly, saoilidh mi, mun choimeas a dh’fhaodadh e a dhèanamh ann amB & B.
Ghluais mi car tiotain bho bhith a’ bruidhinn mu dhàin shònraichte, agus mi a’ feuchainn ri faighinn a-mach mu thuairmse air cia mheud dàn a sgrìobh O’Reilly bho thòisich e a’ bàrdachd. Gheall e dhomh gun robh e fìor nach robh cinnt sam bith aige, agus thuirt e gun thilg e gu leòr dhiubh às, seach nach do chòrd iad ris, agus gun robh feadhainn eile sgapte an siud ’s an seo a bha e air a leigeil seachad. An uair sin dh’fhaighnich mi an robh bàrdachd shònraichte ann, den fheadhainn a sgrìobh e fhèin, a bha e a’ meas a bha sònraichte thar chàch. Thuirt e gun robh.
Chan eil athair no a mhàthair beò, mar a bhiodh dùil, oir tha Seòras fhèin suas ann am bliadhnaichean. B’ e athair a chaochail an toiseach. Thàinig stròc air agus gun e air aois mhòr sam bith a ruighinn, ged nach do dh’innis e dhomh dè cho sean ’s a bha athair nuair a chaochail e. Agus a dh’aindeoin leisg athar, tha e coltach gun robh Seòras gu math dlùth dha, gu h-àraidh às dèidh a bhàis.
“Bha m’ inntinn cruaidh air nuair bha e beò,” ars esan, “ach bhogaich an cridhe às dèidh a bhàis.”
Chaochail màthair O’Reilly ochd bliadhna às dèidh bàs athar. B’ e bàs aithghearr a thàinig oirre, bàs ris nach robh dùil.
“Agus,” ars esan, “aon fheasgar agus mi aig uaigh mo phàrantan, fhathast gun leac ga comharrachadh, smaoinich mi mur a bitheadh
Dh’fhaighnich e dhòmhsa an robh dàn de na sgrìobh e a chòrd riumsa air leth. Smaoinich mi airson mionaid, oir bha iad uile a leugh mi air taitneadh rium. Agus thàinig aon a-steach orm a chòrd rium gun teagamh, ach nach do thuig mi. Bhiodh cothrom an seo airson tomhais de mhìneachadh. “Summer in December”, arsa mise.
“Saoilidh tu,” ars esan, “gu bheil na facail sin a’ dol an aghaidh a chèile. Ach chan eil idir. Nuair tha mi a’ bruidhinn mu fhlùraichean na Dùbhlachd, agus mu na h-uain bheaga a’ mire, ’s ann a tha mi a’ bruidhinn mu chridhe an duine. Ann an cridhe an duine gheibhear na nithean sin a thaitneas ris an duine. Nithean mar shamhradh ann am meadhan geamhraidh. ’S e tha sa bhàrdachd sin sgrùdadh air cridhe an duine.”
Cha tuirt e an còrr, agus cha do leig mise orm nach robh mi ga thuigsinn gu tur. Sgrìobh mi nota bheag air clàr na h-eanchainn gum feumainn tilleadh chun an dàin sin fhathast às dèidh dhomh a dhol air ais dhachaigh.
Bhruidhinn sinn mu chuid de na dàin eile aig O’Reilly, agus bha e gu math deònach innse mun deidhinn. Dàin ainmeil, a leithidWandering Mist, When I Killed A FlyagusBed in the Clouds. Feumaidh neach na dàin sin a leughadh dhà no thrì thurais airson an tuigsinn, agus gabhaidh caochladh bhrìghean a thoirt asta. Ach bha O’Reilly ag aontachadh gum faodadh a’ bhrìgh a bheireadh an leughadair asta a bhith gu math eadar-dhealaichte bhon bhrìgh a bha fa-near dhasan nuair sgrìobh e iad. Ach cha robh e a’ cur brìgh an leughadair ann an suarachas.
B’ e am beachd a ghabh mi air Seòras O’Reilly gur e duine iorasal a tha ann, ach duine aig a bheil inntinn thoinnte. Uaireannan tha e
Tha fios gum bi dùil ri mòran a bharrachd de bhàrdachd bho pheann O’Reilly a dh’aindeoin aois. Thuirt e fhèin gum biodh e a’ sgrìobhadh nuair dh’fhairicheadh e miann a chuid smuaintean a chur air pàipear. Tha e air a chumail a’ dol a’ siubhal agus a’ leughadh dhàn air feadh na dùthcha. Is ann air a thàinig an dà là bo thòisich e ag obair an dèidh dha an sgoil fhàgail, a’ sgioblachadh phàircean do Chomhairle Ghlaschu.
Mus do dhealaich sinn, dh’fhaighnich mi dha am faodainn cuid de na dàin eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Bha e deònach gu leòr gun dèanainn sin, ach chan eil mi idir cinnteach gum biodh e comasach dhomh toinnteachd inntinn O’Reilly a ghleidheadh san iomlanachd. Co-dhiù, cha bhi air ach feuchainn uaireigin, ’s dòcha. Seadh, uaireigin, ’s dòcha.
title | 40. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |