[261]

43. Còignear Sheonaidh Sheòrais

Thàinig e orra mar shùlaire agathadh an èisgann am priobadh na sùla agus gun dùil ris. Cha bfhada gus an deach an ceòl air feadh na fìdhle nuair a nochd an naidheachd. Chaidh baile beag Mhargaboist a thaghadh mar an t-àite san deigheadh an fhactaraidh a thogail. A-nise cha be factaraidh chumanta a bha gu bhith seo idir. Cha be gu dearbha. Be bha gu bhith an seo factaraidh anns am biodh daoine ag obair air sgudal niùclach, ma bfhìor atoirt achunnairt às mus deigheadh a stòradh fon talamh. ’S cha robh brath aig duine beò ann am Margabost gun robh am baile acasan eadhon air aon den fheadhainn air an robhar asmaoineachadh fa chomhair a leithid de rud. Bhathar acluinntinn gum feumaist ionad den t-seòrsa a thogail an àiteigin, an àiteigin fada air falbhs dòcha, air iomall an t-saoghail. Ach Margabost! a-riamh a smaoinich gun tigeadh a lethid de rud ma chlaigeann.

Uill, bho nochd an naidheachd cha robh ach aon chuspair air bilean an t-sluaigh, agus thuigeadh neach air leth-chluais ciod a bha sin. Iadsan a bha na aghaidh, bha iad na aghaidh gu tur, agus ged thogadh corra dhuine ceist mu gu faodadh obair a bhith ann don t-sluagh cha robh an leithid afaighinn mòran èisteachd. Be am beachd coitcheann gun deigheadh am baile a ghànrachadhs nach bfhiach e tuilleadh a bhith beò ann. Ach bha sin furasta a ràdh. Cha robh e cho furasta idir na buinn a thogail agus imrich a dhèanamh, gu sònraichte do shluagh aig an robh freumhan domhainn agus toinnte, agus an saoghal asgur aig crìochan Mhargaboist. Cha robh


[262] air ach sabaid a dhèanamh.

no dhà às dèidh briseadh na naidheachd, nochd sanasan air gach togalach a bha freagarrach airson shanasan, agus eadhon air feadhainn nach robh. Bha na sanasan agairm coinneamh san Talla air feasgar Dimàirt, coinneamh phoblach far am biodh cothrom aig muinntir Mhargaboist deasbad a dhèanamh air achùis. A thuilleadh air na sanasan, chaidh fios mun choinneamh a chur tro gach doras gus nach biodh leisgeul an aineolais aig neach sam bith eadar cheann abhaile. Cha robh e comasach do neach a bhith afuireach am Margabost gun fios a bhith aca mun choinneamh.

Feasgar Dimàirt, ma-, thòisich iad ataomadh chun na Talla. Bha gach neach, sean is òg, gach slàn is ciorramach, adèanamh air an aon cheann-uidhe. Chan fhacas a leithid an am Margabost a-riamh. Cha thàlaidheadh na h-òrdaighean fhèin trian de na bha siud. ’S mus do thòisich achoinneamh, bha an Talla acur thairis le na bha innte de dhaoine. Bha iad nan seasamh anns na trannsaichean, nan suidhe aig bonn an àrd-ùrlairs anns na h-uinneagan. Cha robh cùil nach robh air a lìonadh.

Thòisich achoinneamh mu dheich mionaidean às dèidh ochd. Ghabh Seonaidh Sheòrais achathair. Be esan clàrc abhaile, ach a dhaindeoin sin cha robh cuid atuigsinn càite an dfhuair e an t-ùghdarras airson gnothaichean a chuairteachadh. Co-dhiù, dhfheumadh cuideigin rian a chumail, agus bha an cuspair a bha romhpa caran ro chudromach airson a bhith ag argamaid mu neach-cathrach.

Rinn Seonaidh òraid a mhair mu chairteal na h-uarach, ag innse mar a bha esan afaicinn bha an dàn do Mhargabost nan deigheadh an fhactaraidh air adhart. Aig crìoch na h-òraid, sheas fear an siud is sheas an seo airson am beachdan fhèin fhoillseachadh. An ceann ùine, is iad asireadh co-dhùnadh, dhaontaich na bha an làthair gum be an ath cheum comataidh a thaghadh a làimhsicheadh an gnothach às leth muinntir Mhargaboist. Shaoil iad gum biodh comataidh le còignear bhall freagarrach, agus thòisich Seonaidh ag iarraidh ainmean bho na bha an làthair. Chaidh ainm Sheonaidh


[263] fhèin a thogail, agus cha be ruith ach leum. Dhaontaich e sa bhad gum biodh e na bhall den chomataidh.

Às dèidh beagan de phiobrachadh agus de dheasbad, chaidh an ceathrar eile a thaghadh. Biad sin Iain MacRath, am ministear, Uilleam Aonghais Bhàin aig an robh bùth-dibhe ann am Margabost, Eilidh Nic an t-Saoir a bha ateagasg eachdraidh san àrd-sgoil agus Frang Witherington-Smythe, Sasannach a thug a chasan leis às abhaile mhòr bho chionn còig bliadhnas a cheannaich taigh Alasdair aChnuic mus do dhfhalbh Alasdair a Chanada. Bhòidich iad uile gun dèanadh iad sabaid nach bu bheag an aghaidh an uilc a bhathar adol a thoirt nam measg, agus nach fheumadh eagal sam bith a bhith air muinntir Mhargaboists iadsan air an cùl.

Le na geallaidhean sin nan cluasan sgaoil achuideachd, agus thog an còignear orra chun amhansa ach an cumadh iad achiad choinneamh den chomataidh. Cho luaths a chaidh iad a-steach don mhansa rinn bean MhicRath cupan cofaidh dhaibh, ach thàinig e a-steach air Uilleam Aonghais Bhàin nan robhar air achoinneamh a chumail sa bhùth aigesan gum biodh iad air rudeigin na bu làidire na cofaidh fhaighinn.

Co-dhiù, shuidh iad uile mu bhòrd ann an leabharlann amhansa. Thuirt Seonaidh Sheòrais gur e achiad rud a dhfheumadh iad a dhèanamh neach-cathrach a thaghadh. Bha càch den bheachd cheudna, agus mhol MacRath gum biodh an aon bhoireannach a bha air achomataidh freagarrach airson na dreuchd sin. Ach cha robh uallach a dhìth air Eilidh, agus mhol ise gun gabhadh Witherington-Smythe achathair. Thuirt Uilleam Aonghais Bhàin nach robh càil aigesan an aghaidh Witherington-Smythe, ach gur dòcha gu saoileadh muinntir Mhargaboist rudeigin àraid e nam be coigreach a bhiodh os cionn na comataidh. Agus gus nach biodh Witherington-Smythe asmaoineachadh gur ann a bha Uilleam Aonghais Bhàin asireadh na cathrach dha fhèin, thuirt e nach gabhadh esan i na bu mhò eadhon ged a dheigheadh a tairgse dha. Cha robhar asmaoineachadh gum biodh MacRath ro fhreagarrach mar fhear-cathrach seach gun robh uallach gu leòr air acoimhead às dèidh gnothaichean spioradail an


[264] t-sluaigh, agus gur e a chomasan air stiùireadh spioradail a thoirt seachad a dhfhàg e air achomataidh bho thùs. Bha sin afàgail Seonaidh Sheòrais mar an aon neach nach dfhuair tairgse no cothrom diùltadh. Bha Seonaidh Sheòrais mothachail air sin, agus thuirt e seach nach robh duine sam bith eile an dara cuid deònach no freagarrach gun deigheadh esan na fhear-cathrach air achomataidh. Agus cha bfhada gus an tug am baile Còignear Sheonaidh Sheòrais orra mar ainm.

Às dèidh dhaibh neach-cathrach a thaghadh, ma-, thuirt Seonaidh Sheòrais gum feumadh iad cur romhpa bha iad adol a dhèanamh mar bhuidheann airson na h-earbsa a chuir muinntir Mhargaboist annta a choileanadh. Ach an uair sin thuirt Witherington-Smythe nach burrainn dhaibh a dhol air adhart gus an deasaicheadh iad clàr-gnothaich, gun robh an rud a bha romhpa ro chudromachs gum feumadh a h-uile a bhith ann an dubhs an geal. Bha Eilidh Nic an t-Saoir den bheachd gum faodadh iad a bhith asgrìobhadh mar a bha iad adol air adhart, ’s thuirt i nach robh ise co-dhiù gu bhith afrithealadh choinneamhan a bha gu bhith ag argamaid mu rudan coltach ri clàr-gnothaich. Cha tuirt Uilleam Aonghais Bhàin facal. Thug MacRath man airidh gum bu chòir dhaibh gach coinneamh a thòiseachadh le ùrnaigh bhuaidhe fhèin às leth achòigneir, oir gur ann astrì an aghaidh an uilc a bha iad agus nach robh càil ann coltach ri ùrnaigh airson buaidh a thoirt air an olc. Agus sin mar a thachair. Ged a bha e air altachadh a dhèanamh ron chofaidh, rinn e a-nise ùrnaigh anns an robh smuaintean agus briathran a bha uabhasach coltach ri na thuirt e san altachadh.

Às dèidh na h-ùrnaigh thòisich iad acòmhradh a-nulls a-nall, abeachdachadh air na ceumannan a ghabhadh iads iad afeuchainn ri stad a chur air factaraidh an sgudail. Thuirt Uilleam Aonghais Bhàin gum bu chòir dhaibh coinneachadh ris aBhall Pàrlamaid, no co-dhiù sgrìobhadh thuige ach an togadh e acheist ann an Taigh nan Cumantan. Cha do chòrd seo ri Eilidh Nic an t-Saoir idir, seach gun deach am Ball Pàrlamaid agus an duine aice a-mach air a chèile aig coinneamh a bha ann ron taghadh mu dheireadh. Thuirt


[265] Witherington-Smythe gur esan an duine mu dheireadh a dhèanadh tàir air aBhall Pàrlamaid, ged nach robh e ag aontachadh ri aon fhacal a thigeadh às a bheul, ach gun robh e gu math eòlach air Ball Pàrlamaid eile shìos an ceann a deas Shasainn a bhiodh uabhasach deònach cluinntinn bhuaidhe, agus a choisinn cliù dha fhèin nuair a thuirt e gum bu chòir do dhràibhearan a bhiodh agabhail na deoch a bhith air an crochadh. Ach cha robh càch idir asmaoineachadh gum biodh am fear sin freagarrach a bhith nan lùib, ’s co-dhiù nach biodh dragh circe aige an deigheadh no nach deigheadh factaraidh-sgudail a thogail ann am Margabost. Bha teagamh aig Seonaidh Sheòrais an robh fios aig an duine sin eadhon càite an robh Margabost.

Ged a bha earbsa mhòr aig MacRath anns na h-ùrnaighean, dhaidich e nach robh e asmaoineachadh gun robh iad gu leòr airson an gnothach a leasachadh leotha fhèin, agus gun robh feum air taic bho chuideigin le inbhe ann an sùilean an t-sluaigh. Air sgàth sin, mhol MacRath gun tigeadh iad a-nuas aon cheum bho na h-ùrnaighean, ’s gum bu chòir dhaibh sgrìobhadh chun na banrigh. Bha Seonaidh Sheòrais an dùil gur e beachd air leth math a bha sin.

Ach againn a sgrìobhas an litir?” dhfhaighnich e.

Mus dfhuair duine de chàch air an anail bu lugha a tharraing, fhreagair Witherington-Smythe gum biodh esan air leth deònach an litir a sgrìobhadh. Chuir e an cuimhne na cuideachd gun robh e aig cuirm uaireigin aig an robh abhanrigh an làthair, ’s aig aon àm nach robh i barrachd air sia troighean air falbh bhon àite sa robh e na sheasamh, agus gun robh e cinnteach gur ann ris fhèin a rinn i gàire san dol-seachad. Mar sin, bha e asmaoineachadh gun robh barrantas air leth aigesan airson sgrìobhadh thuice ann an àm na h-èiginn. Thug càch sùil air gach neach eile, gun fhios nach robh cuideigin eile nam measg a bha air a bhith asuathadh ri daoine mòra a dhfhaodadh an cuideachadh. Ach cha robh!

“ ’S fheàrr dhuinn an litir a dheasachadh còmhla,” arsa Seonaidh Sheòrais. “Feumaidh sinn ar n-ainmean uile a chur ris an litir, oir bidh sinn asgrìobhadh às leth Mhargaboist.”

Dhaontaich càch gum biodh sin iomchaidh, ach, ged a dhaontaich,


[266] bha Witherington-Smythe den bheachd gum bu chòir ainm-san a bhith air thoiseach, no co-dhiù dìreach fo ainm an fhir-cathrach. Bha e cuideachd asmaoineachadh nach bu chòir don litir a bhith ro fhoirmeil, agus thuirt MacRath gum feumadh iad a bhith cinnteach a ràdh rithe gum be obair an t-Sàtain ris an robh iad asabaid.

Thuirt Uilleam Aonghais Bhàin gur dòcha gum biodh e iomchaidh rudeigin a chur thuice às abhùth aige fhèin an cois na litreach, lof no rudeigin den t-seòrsa sin a bhathar adèanamh ann am Margabost. Cha robh Eilidh Nic an t-Saoir asmaoineachadh gur e deagh bheachd a bha sin idir, seach gum faodadh clòimh-liath a thighinn air an lof eadar Margabost agus Lunnainn, ’s gur dòcha gur ann a shaoileadh abhanrigh an uair sin nach bfhiach muinntir Mhargaboist cobhair a dhèanamh orra. Smaoinich Seonaidh Sheòrais gur e deagh phuing a bhaig Eilidh anns na thuirt i, agus an àite lof gum biodh e iomchaidh botal de uisge-beatha Mhargaboist a chur thuice. Ach bha Uilleam Aonghais Bhàin den bheachd gun robh sin caran ro dhaor airson a chur thuice, ach bha e deònach gu leòr nan cuireadh an ceathrar eile nota no trì a-steach ri cosgais abhotail agus ri cosgais na postachd.

Thuirt MacRath nach do cheannaich esan uisge-beatha bhon oidhche a thàinig an cùram air aig coinneamh-ùrnaigh ann an taigh Mhurchadh Barrabail, ’s gu dearbha nach robh e adol a thòiseachadh ga cheannach a-nise, banrigh ann no banrigh às. Ach bann a thuirt Witherington-Smythe gur ann a chòrdadh e ris-san a dhol sìos a Lunnainn agus an litir a thoirt leis. An uair sin chuir Seonaidh Sheòrais nan cuimhne nach robh an litir eadhon air a sgrìobhadh fhathast, ’s gum bu chòir dhaibh an cuid smuaintean a ghleusadh agus peann a chur ri pàipear gun an tuilleadh dàlach.

Chaidh MacRath a-null gu drathairs thug e a-mach pàipear air an sgrìobhadh iad an litir. Cha do chòrd an gnothach idir ri Witherington-Smythe nuair chunnaic e gun robhas adol a sgrìobhadh na litreach air pàipear le seòladh amhansa. Ach bha MacRath acumail a-mach nach robh càil ceàrr air aphàipear aigesan, agus gur dòcha gum biodh abhanrigh asmaoineachadh gur e daoine diadhaidh a bha annta


[267] uile nuair chitheadh i an seòladh a bha air an litir. Ach dhfhairich e beagan teas ag èirigh bhon choilear chruinn a bha mu amhaich nuair thug e sùil timcheall abhùird.

Dhaontaich iad gur i Eilidh a bu chòir an sgrìobhadh fhèin a dhèanamh seach gun robh barrachd foghlaim aice na bha aig càch. ’S bha Eilidh deònach gu leòr, cho fadas a bhiodh facal aicese cuideachd a thaobh bhiodh san litir aig crìoch cùise. Thuirt Witherington-Smythe gur iongantach mur aithnicheadh abhanrigh an sgrìobhadh aigesan, ach gun tugadh e cead gum biodh an litir seo ann an làmh-sgrìobhaidh Eilidh. Smaoinich càch gum feumadh e bhith gun robh Witherington-Smythe tric asgrìobhadh chun na banrigh nan aithnicheadh i an sgrìobhadh aige.

Co-dhiù, bha cumadh atighinn air an litir mean air mhean. Thuirt Uilleam Aonghais Bhàin gum bu chòir dhaibh mapa a chur an cois na litreach an àite cus ùine a chur seachad amìneachadh don bhanrigh càite dìreach an robh Margabost.

Dhinnis iad dhi mun dragh a bha orra mun fhactaraidh-sgudail, ach aig acheart àm nach robh càil acasan an aghaidh nithean niùclach cho fadas a bhiodh iad fad saoghail air falbh bhuapa. Agus dhiarr iad oirre stad a chur air aghnothaich le bhith abruidhinn ris an ùghdarras niùclaich, agus innse dhaibh gur e daoine leis aChruthaighear a bha ann am muinntir Mhargaboists gum biodh iad ataomadh don eaglais a h-uile Sàbaid a dhèisteachd ri na searmonan aig an Urramach Iain MacRath. Dhinnis iad cuideachd dhi mun bhùth aig Uilleam Aonghais Bhàin, ’s mar a thòisich e nuair bha e sia bliadhna deug a dhaois afalbh abhaile areic rolaichean ann an seann chairt, agus nach robh fiù each aige a tharraingeadh achairt.

Thug iad fa comhair an obair mhòr a bha Seonaidh Sheòrais adèanamh mar chlàrc abhaile, ’s nach fhaodadh duine a bhith amilleadh an àite le feansaichean a thogail no le claisean a chladhach gun phàipear a bhith aca an toiseach le ainm air. Agus dhinnis iad mu Eilidh Nic an t-Saoirs mar a bha i ateagasg eachdraidh san àrd-sgoil, acumail dìleab luachmhor nan làithean a dhfhalbh ri sùilean na cloinne, ’s nan tigeadh an fhactaraidh gur dòcha nach biodh


[268] dìleab aca tuilleadh. Agus Witherington-Smythe. Bha esan air a chùl a chur ri baile mòr an ceann a deas Shasainn, air a thàladh le baile bòidheach Mhargaboist, ’s bha e uaireigin air a bith aig cuirm aig an robh abhanrigh fhèin. ’S cinnteach gun robh cuimhne aice air.

Nuair shaoil iad gun robh iad air gach a chur sìos gu pongail, thuirt Uilleam Aonghais Bhàin gum bu chòir dhaibh a ràdh ris abhanrigh gun robh iad uile an dòchas gun robh i fhèins an teaghlach gu math, agus gun robh iad an dòchas nach tàinig an cnatan uabhasach a bha siud orra. Bha iad uile asmaoineachadh gun robh sin glè fhreagarrach, agus dhiarr MacRath rudeigin a chur don litir a theireadh gun cualas gun robh teaghlach na banrigh air làithean-saora a chur seachad an àiteigin mu na cladaichean, ’s gun robh iad an dòchas gun chòrd an turas riutha.

Bha mu cheithir duilleagan san litir, agus chuir iad uile an ainmean rithe. Chaidh fios air feadh Mhargaboist gun robh Còignear Sheonaidh Sheòrais air sgrìobhadh chun na banrigh, atagradh airson a cuideachadh ach an deigheadh bacadh a chur air factaraidh an sgudail. Agus an ceann deich thàinig litir chun amhansa le comharradh-puist Lunnainn oirre. Bha i air a clò-sgrìobhadh gu grinn, agus abair gun robh an còignear air am moladh san litir. Agus bha ainm na banrigh aig bonn na litreach, ’s i ag ràdh nach fheumadh eagal sam bith a bhith orra mun fhactaraidh, seach gun bhruidhinn ise ris an ùghdarras niùclaichs gun gheall iad dhi nach cuireadh iad dragh air muinntir Mhargaboist. Cha mhòr nach deach ath-bhaisteadh a dhèanamh air achòignear, agus Gaisgich Sheonaidh Sheòrais a thoirt orra.

Ach, aon mhadainn dhùisg Margabost mar a bàbhaist. Bha an t-àite ag èaladh le innealan mòra, buidhes iad acagnadh na talmhainn. Bha rud ris nach robh dùil atachairt. Bhathar atòiseachadh air an fhactaraidh. Cha robh daoine atuigsinn aghnothaich, gus an dfhuair iad cairt bheag à Lunnainn ag ràdh gun dfhuair abhanrigh an litir ach nach burrainn dhi càil a dhèanamh dhaibh.

Cuideachd, cha robh fios aca gum faca Cailean Crosta( ’s bha fios carson a thugar sin air!) à Margabost, ’s e afuireach ann an Lunnainn


[269] a-nise bho chionn bliadhna, anns na pàipearan-naidheachd mun litir aig Còignear Sheonaidh Sheòrais.

Cha robh e na ghnè gun cothrom a ghabhail air an car a thoirt asta!

title43.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page