44. Talamh Bàn
Nuair cheannaich Gilleasbaig fearann a’ Ghlinne Mhòir, bha e na bheachd biadh na bliadhna a thoirt às. Gun teagamh, b’ fhada bho chaidh fearann a’ Ghlinne Mhòir àiteach cheana, oir bha e fhèin agus an ablach taighe a bha ri taobh an t-sruthain air a bhith bàn bho chaochail Seonaidh Dòmhnallach. Agus bha deagh ùine bhon uair sin.
B’ e a’ chiad rud a rinn Gilleasbaig dìon a chur air an taigh, agus ged bu mhòr a bha a dhìth air an taigh de ghoireasan, bha àite aig Gilleasbaig san cuireadh e a cheann fodha. B’ ann à Sasainn a thàinig Gilleasbaig gu Bòlanais, agus nuair chualas gun robh e air an Gleann Mòr a cheannach, bha daoine den bheachd gun robh tuilleadh is beagan de dhìth-cèille a’ suathadh ris. Cha robh guth air bean no air teaghlach, ’s bha sin a’ gleusadh shrònan gu leòr ann am Bòlanais. Co-dhiù, fhuaireadh a-mach air dhòigh air choreigin gur ann a bha Gilleasbaig a’ teiche bho ghleadhraich a’ bhaile mhòir, gur e dealbhadair a bha ann, agus bhiodh e fhèin ag ràdh gur ann an dèidh am bàis a dhèanadh a leithid na chumadh beò iad, seadh nan dèanadh iad idir e. Agus bha làn dhùil aige gun cumadh an Gleann Mòr an t-aran ris, leis an talamh oibreachadh eadar a bhith a’ peantadh dhealbhan nach cumadh gath den anail ris.
Thàinig an t-earrach agus thòisich an treabhadh. Rinn an tractair deagh dhubhadh air an talamh bhàn, chun na h-ìre nach robh bile feòir ri a faicinn. Chaidh an sìol a chur ’s bha Gilleasbaig a’ feitheamh ri lusan is ri glasraich de gach gnè. Ach aon bhuntàta no aon shnèip
Ach bha a bheachdan fhèin aig Gilleasbaig. Agus cha bu leisg leis an liubhairt ri neach sam bith aig an robh cluas a dh’èisteadh.
“Cha do chuir mi nì gallta sam bith air an t-sìol airson fàs fuadain a thoirt air,” ars esan ri Murchadh Fìdhleir. “Chan e sin mo ghnè. Tha mi a’ creidsinn gu mòr ann an nithean nàdarrach. Sin a chuir an taobh seo mi.”
Bha fios aig uile shluagh Bhòlanais air sin, agus, ged a bha truas aca ri Gilleasbaig, bha amharas orra bho thàinig e nam measg nach biodh beachd is coileanadh a’ tighinn a rèir a chèile. Bha am facal mòr, bha iad a’ smaoineachadh, ro mhòr aig amannan. Gidheadh, bha iad ag iarraidh Gilleasbaig a chuideachadh.
“Agus carson nach tàinig am bàrr mar a bha thu an dùil?” arsa Murchadh Fìdhleir.
“Cha tàinig,” fhreagair Gilleasbaig, “seach gu bheil an àrainneachd air a gànrachadh. Tha ’n t-òson air a tholladh le treallaich ar ginealaich, ’s chan eil uisge gun truailleadh a’ dòrtadh às na speuran tuilleadh. Sin is coireach nach do dh’fhàs mo bhàrr. Agus tachraidh seo air feadh an t-saoghail. Cha bhi biadh ann a dh’itheas an t-ainmhidh ’s cha bhi ainmhidh ann a dh’itheas an duine. An t-uisge, cha ghabh e òl, agus crìonaidh uile lusan an domhainn.”
Leig Murchadh tro chluasan mòran de na thuirt Gilleasbaig. Ach cha robh sin a’ ciallachadh nach robh an gnothach na chùis-iongnaidh dha. Agus thug Murchadh an aire, ged nach tug Gilleasbaig, nach robh Bòlanais gu tur neo-thorach idir, agus gun robh buntàta is glasraich a’ fàs do chàch a bha air a leithid a chur.
Agus chuir Gilleasbaig iongnadh mòr air Murchadh là eile ’s e air tachairt ris. Mar a b’ àbhaist, bha Gilleasbaig a’ caoidh bun-obair a shaothrach, ach b’ e rud eile a chuir iongnadh air Murchadh.
“An aithne dhut,” dh’fhaighnich Gilleasbaig, “mu rud neònach no ana-cneasta sam bith a ghabh àite san taigh mus do cheannaich mis’ e?”
“Chan aithne,” fhreagair Murchadh. “ ’S fhada bho bha neach sam bith a’ fuireach san taigh sin. Gu dearbha, tha feadhainn ann am Bòlanais aig nach eil cuimhne air duine beò oidhche a chur seachad fo na cabair. Carson a tha thu a’ faighneachd?”
Cha tuirt Gilleasbaig càil airson mionaid. Bha eagal air gum biodhte a’ fanaid air, ’s gun ann ach coigreach a thàinig don àite. Ach bha gnothaichean a’ dèanamh dragh dha. An toiseach am fearann nach gèilleadh do shaothair dhìcheallach a làimhe, agus an uair sin an taigh. Dh’innseadh e do Mhurchadh, oir bha earbsa aige ann am Murchadh.
“Uill,” arsa Gilleasbaig, “tha mise a’ smaoineachadh gu bheil rudeigin co-cheangailte ris an taigh a tha a’ buadhachadh air àrainneachd an fhearainn.”
“An e gu bheil rudeigin san taigh a tha a’ sgaoileadh a-mach don talamh agus a tha a’ marbhadh nan lusan?”
“Rudeigin mar sin,” fhreagair Gilleasbaig.
“Am faca tu taibhs san taigh?” dh’fhaighnich Murchadh le beagan de chrostachd. Ghabh e an uair sin aithreachas gun dh’fhaighnich e a’ cheist. Agus bha e taingeil gun leis Gilleasbaig seachad a’ cheist gun a freagairt.
“An cù,” arsa Gilleasbaig.
“An cù?” arsa Murchadh, le mì-chinnt mhòr na ghuth.
Bha cù mòr, dubh aig Gilleasbaig. B’ e Labrador a bha ann. Cù mòr, làidir a bha daonnan a’ riagail a-muigh air a’ bhlàr nuair cheadaicheadh an aimsir sin dha.
“Seadh, an cù,” arsa Gilleasbaig. “A bheil thu a’ faicinn na cloiche sin air taobh thall an t-sruthain?”
“Tha,” fhreagair Murchadh.
“Uill, ge air bith cuin no càite a bhios Ualas a’ riagail ’s ga chluiche fhèin, tha e daonnan a’ seachnadh na cuibhrinn sin den talamh a tha mu astar dà shlait timcheall air a’ chloich.”
“Chan eil sin a’ ciallachadh càil,” arsa Murchadh, “ ’S ann a tha eagal air gum buail e sa chloich. Rudeigin den t-seòrsa sin.”
“Ach, fuirich ort,” arsa Gilleasbaig. “An-dè chuir mi an t-iall mun
Cha b’ urrainn do Mhurchadh facal a ràdh an aghaidh na bha Gilleasbaig a’ cur an cèill dha, oir cha robh fios aige ciod a theireadh e. Cha b’ e gun robh e a’ creidsinn gun robh càil fon chloich. Cha tàinig a-steach air ach ceist.
“ ’S a bheil beachd agad dè ghabhas dèanamh?” dh’fhaighnich Murchadh.
“Tha eagal orm nach eil,” fhreagair Gilleasbaig. “A bheil beachd agad fhèin?”
“Uill,” arsa Murchadh, “tha rudeigin fada ceàrr air àrainneachd an fhearainn seo. Ach bha dùil agam gur ann air an taigh a bha d’ amharas, seadh gus na bhruidhinn thu mu Ualas agus mun chloich.”
“Tha mise den bheachd,” arsa Gilleasbaig, “gu bheil ceangal aig an dà rud ri chèile. Tha eagal orm a’ chlach a ghluasad gun fhios ciod a lorgas mi foidhpe. Agus co-dhiù, dh’fheumainn sianar dhaoine calma mus tugaist an gluasad bu lugha oirre.”
“ ’S iongantach mur feum thu a togail a dh’aindeoin d’ eagail,” arsa Murchadh.
“Ach dè ma thig droch spioradan às mo dhèidh, airson dragh a chur air rud air nach còir dhomh dragh a chur?”
Thug Murchadh sùil air.
“Cha robh dùil agamsa,” ars esan “gun robh saobh-chràbhachd air do shiubhal.”
“O,” arsa Gilleasbaig, “is mòr na tha falaichte air breithneachadh an duine.”
“Nach fheuch thu ma-tà an t-uisge-airgid a fhrasadh mun chloich.”
“An t-uisge-airgid?” dh’fhaighnich Gilleasbaig.
Bha e follaiseach nach robh fios aige cò air a bha Murchadh a’ bruidhinn. Agus cha robh sin na iongnadh, shaoil Murchadh, oir bha esan a’ meas nach robh sluagh a’ bhaile mhòir idir cho dlùth do innleachdan-creideimh ’s a bha sluagh na dùthcha. Chuir e roimhe an gnothach a mhìneachadh do Ghilleasbaig.
“Uisge-airgid,” ars esan. “Sin uisge a bheirear bho shruthan a tha fo dhrochaid air na shiubhail daoine marbha agus daoine a tha beò, agus don deach bonn airgid a shadail uair no uaireigin. Cuiridh a leithid de uisge bacadh air droch spioradan ge air bith càit’ am bi iad.”
Sheall Gilleasbaig ris le uabhas, agus sgaoil gàire beag air a bhilean.
“A’ bruidhinn air saobh-chràbhachd!” ars esan. “Agus ciamar a shiùbhladh daoine marbha tarsainn air drochaid sam bith?”
“Nach eil thu a’ faicinn,” arsa Murchadh, “gu bheil mi a’ bruidhinn air drochaid a tha air an t-slighe gu cladh. Bha ar sinnsearan uaireigin a’ creidsinn san uisge-airgid, agus cha dèanainn-sa tàir air creideamhan mo shinnsearan.”
Bha Gilleasbaig a’ coiseachd air a shocair, ceum air ais agus ceum air adhart, agus a’ sgrìobadh a chinn leis an teagamh. An robh Murchadh a’ feuchainn ri amadan a dhèanamh dheth ann an sùilean sluagh Bhòlanais, no an robh brìgh anns na bha e ag ràdh? Cha robh Gilleasbaig idir cinnteach. Ach mu dheireadh dh’aontaich e moladh Mhurchaidh fheuchainn, ach air chùmhnant gum biodh Murchadh fhèin còmhla ris nuair bhiodh an t-uisge ga fhrasadh mun chloich. Rinn iad suas an inntinnean an gnothach fheuchainn madainn a-màireach.
Sa mhadainn chaidh iad le chèile gu Allt a’ Chluarain agus lìon iad peile le uisge fon drochaid a bha air an rathad gu Cladh a’ Ghlinne. Chunnaic iad gun robh grunn bhuinn airgid san uisge fon drochaid, ’s mar sin bha an t-uisge a’ coileanadh nan cùmhnantan. Suas leotha chun na cloiche a bha faisg air an t-sruthan, agus le liagh fhiodha fhras Murchadh an t-uisge timcheall air a’ chloich gus nach robh boinne air fhàgail sa pheile.
“Siuthad a-nise,” arsa Murchadh. “Cuir an t-iall air Ualas, agus
Rinn Gilleasbaig mar a dh’iarr am fear eile, agus, iongnadh nan iongnadh, bha Ualas toilichte gu leòr coiseachd air a’ chuibhreann ud den talamh agus a dhol suas chun na cloiche. Cha robh fios aig Gilleasbaig ciod a theireadh e. Rinn e seòrsa de chasad, agus chuir e a làmh air gualainn Mhurchaidh.
“Taing dhut,” ars esan.
“ ’S dòcha a-nis gu fàs bàrr an seo dhut an ath-bhliadhna,” arsa Murchadh.
“Tha mi a’ dol a thogail na cloiche,” arsa Gilleasbaig. “Dìreach gun fhios,” ars esan, “am bi do leaghas maireannach an ath-bhliadhna.”
Nuair chuala muinntir Bhòlanais mar a thachair aig clach an t-sruthain agus mu na bha fa-near do Ghilleasbaig, cha robh gainne cuideachaidh air gus an deigheadh a’ chlach a ghluasad. Mar a bha e an dùil thug i an dùbhlan do shianar dhiubh. Ach cha robh càil ri fhaicinn fon chloich.
Bha cuid a’ cumail a-mach nach robh ann an Gilleasbaig ach amadan, agus gun robh Murchadh Fìdhleir a cheart cho gòrach ris, airson a bhith ga phiobrachadh gus a’ chlach a rannsachadh. Ach bha Gilleasbaig fada na cheann, agus chuir e roimhe gun robh esan a’ dol a dh’fhaighinn gun bun na cùise. Chuir e roimhe gun tòisicheadh e a’ cladhach na talmhainn far an robh a’ chlach air a bhith.
Chaidh a mholadh dha gur e an dòigh a b’ fhasa air sin a dhèanamh fear de innealan mòra, buidhe na Comhairle fhastadh, ach chan èisteadh Gilleasbaig ri sin.
“Bidh inneal den t-seòrsa sin ro an-iochdmhor,” ars esan. “Nì mise a’ chladhach, ach ’s ann le spaid, agus le pic ma dh’fheumas mi.”
Thairg feadhainn a chuideachadh leis an obair a bha roimhe, agus cha do dhiùlt Gilleasbaig an tairgse. A thaobh cuid dhiubh, bha an srònan a’ cur dragh orra, cuid an dùil gur dòcha gur e ionmhas air an tigeadh Gilleasbaig còir, agus cuid a bha ag iarraidh a bhith an làthair, nuair, mar a bha iadsan a’ creidsinn, nach biodh ann air a’ cheann thall ach toll gun toradh. Bu bheag a bha de fhios aca ciod a
Thòisich a’ chladhach. Agus an ceann ùine, thàinig spaid Sheonaidh Ruaidh air rudeigin.
“Clach eile, tha mi cinnteach,” arsa Murchadh Fìdhleir.
Ach cha b’ e clach a bha ann idir. Ghluais iad an ùir gu cùramach, agus gach fear le iomagain ach ciod air an tàinig iad. An dèidh tuilleadh oibreach agus fallais, chunnaic iad gun robh an rud a bha ann coltach ri tanca iarainn. Ach bha rudeigin annasach mun tanca, oir bha e follaiseach gum fosgladh i uaireigin mar bhogsa ged a bha na banntaichean a-nise air an tachdadh le ùir agus le meirg. Agus b’ ann le spàirn mhòir a chaidh aca air mullach na tanca fhosgladh ’s an tanca fhathast san talamh, ged a bha an t-iarann a’ tuiteam às a chèile leis an aois. Sheall iad uile na broinn agus cha mhòr nach do thuit iad dìreach far an robh iad. Bu ghann a chreideadh iad e.
Corp!
Rinn Seonaidh Ruadh ùrnaigh bheag leis fhèin, dh’fhairich Murchadh Fìdhleir coltach ri dìobhart agus sheas Gilleasbaig, mar a sheas feadhainn eile sa chuideachd, dìreach far an robh e, gun chomas gluasad no dìobhairt no ùrnaigh. Chunnaic iad Ualas ga chluiche fhèin pìos air falbh.
Bha fios gun robh an corp air a bhith an siud fad ùine mhòir, ach, ged a bha, cha robh e, ma bha an còrr dheth coltach ris an aodann a bha am follais, air crìonadh fhulang bho chaidh a chàradh san tanca no sa bhogsa iarainn. B’ e corp mnatha a bha ann, mu chòig bliadhna fichead, theireadh iad, le falt dualach, bàn. Bha an gnothach air a dhol seachad air a’ bheagan sgoilearachd a bha aig na fir, ach dh’aontaich iad air fad gum feumte a-nise a’ chùis a chur ann an cùram feadhainn eile. Agus sin a rinn iad.
Dh’fhoillsich an rannsachadh gur e puinnsean a thug bàs don bhoireannach, puinnsean air an robh an t-ainmtrinipolchromatic, puinnsean a bha cho làidir ’s gu marbhadh e air ball an neach a ghabhadh e, agus a bha cho làidir ’s nach gabhadh cnuidh no daolag gnothach ris a’ chorp a bha tuilichte leis. Sin bu choireach, a rèir coltais, nach tàinig aois no crìonadh air a’ chorp. Agus bhatar a’ meas
Cò a mharbh i? Carson a chaidh a marbhadh? B’ iad ceistean eile a bha sin, ceistean nach b’ urrainn fir Bhòlanais a fhreagairt.
Ach cha robh Gilleasbaig fhathast riaraichte. Dh’fheumadh esan faighinn a-mach dè an ceangal a bha aig seo ris an àiteach a rinn e agus às nach tàinig toradh. Chaidh an gnothach a mhìneachadh dha.
Tha e coltach gun robh am puinnsean, trinipolchromatic, a’ sìoladh bhon chorp a bha san tanca agus a’ dol air feadh na h-ùrach, a’ marbhadh nì sam bith a dheigheadh a chur san talamh mun cuairt air. Agus chaidh a ràdh ri Gilleasbaig gun deigheadh bliadhnaichean mòra seachad mus biodh an talamh saor bhon phuinnsean.
Bha Gilleasbaig ann an staing. Nan cluinneadh an saoghal mòr mun chùis, agus cha robh teagamh nach cluinneadh, chan fhaigheadh e reic air a’ Ghleann Mhòr gu bràth.
Ach b’ e thuirt Murchadh Fìdhleir ris, “Bidh tu a’ gearain mu thruailleadh na h-àrainneachd, mun toll san òson agus bidh tu a’ càineadh dhaoine ’s a’ cur gu leòr às an leth. Ach is dòcha gu bheil na thachair sa Ghleann Mhòr a’ sealltainn gur iad na mairbh uaireannan as duilghe dhuinn na iadsan a tha beò.”
“ ’S ann a tha sin a’ dearbhadh dhuinn,” arsa Gilleasbaig, “nach còir dhuinne an dìleab ceudna fhàgail aig ar sliochd ’s a dh’fhàg an neach a thiodhlaic Criosaidh Dhòmhnallach san tanca. Cuimhnich gum bi an talamh seo bàn ’s gun sgeul oirnn.”
Bha e doirbh do Mhurchadh Fìdhleir gun aontachadh ri Gilleasbaig.
title | 44. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |